Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
(Air a leantuinn bho t.d. 57)
3. An e meudachd agus an-tromaicheas do pheacadh agus do chionta?
O mo pheacaidhean, mo pheacaidhean, a deir an t-anam bochd, thà iad do-labhairt lionmhor, agus do-labhairt mòr; tha iad lionmhor agus mòr annta fein, agus tha iad air an còmhdaich le iomadh an-tromachadh mòr. ‘S ann ainneamh a tha iad anns an t-saoghal a pheacaich anns an tomhas anns an d’rinn mise; uime sin tha eagal orm nach aidich Criosd gu bràth mise, a chùm mo thabhairt a stigh do leithid do dhaimh ris Fein. Seadh, biodh e mar sin, gidheadh biodh agad fios nach seas so cadar Criosd agus thusa, ma thà thù toileach a bhi air do pòsadh ris. Gheall E bhi maithdeadh pheacaidhean mòr, agus a bhi gabhail, a dh’aindeoin pheacaidhean mòr, ma’s e’s gu’m bi an t-anam ach toileach. “Thigibh a nis, agus tagramaid r’a cheile, deir an Tighearna; ged robh ‘ur peacaidhean mar an scàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcur, bidh iad mar olainn.” Isaiah i, 18. Ged a thà do pheacaidhean mar scàrlaid agus mar chorcur, ‘s e sin, ged a tha iad mòr, salach, ‘n am peacaidhean do-labhairt mòr; peacaidhean a thà de nàdur an-tromaichte agus a glaothaich a mach, agus air an còmhdaich le iomadh uamharachd, gidheadh, bithidh iad geal mar shneachd agus mar olainn, ‘s e sin, bidh iad gu h-ionlan air an toirt air falbh agus air a’ maithdeadh, agus mar nach biodh iad riamh ann. A ris, ann an Isaiah xliii. 24, tha E labhairt air cuid a thug Air seirbhis a dheanamh maillle ri’m peacaidhean, agus a sgithich E le’n lochdan. Is cinnteach gu’r e peacaich mhòr a bh’annta so, agus bha’m peacaidhean de nàdur an-tromaichte; agus, gidheadh, aig rann 25, ciod e’n gealladh làn air maithanas a tha E deanamh dhoibh? “Is mise, mise fein, esan a dhubhas t’euceartan as, air mo sgàth fein; agus do lochan cha chùm mi air chuimhne.” Anam bhochd, ciod a their mi? An do pheacaich thu gu ro-mhòr? ‘N do chuir thu peacadh ri peacadh? Gheall E maithanas gu pailte, agus a bhi cur maithanas ri maithanas. Isaiah lv. 7. Am bheil thù ciontach de gach seorsa peacidh? Agus ri do pheacaidhean eile ‘n do chuir thu toibheum? Gheall E gu’m faigh gach seorsa peacidh agus toibheum maithanas ach toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, nì tha do ghearrain air meudachd do pheacaidhean a dearbhadh nach eil thu ciontach dheth. Mata xii. 31. O anam na bì air do mhi-mhisneachadh a thaobh meud do pheacaidhean: tha Criosd a pòsadh anamaibh, cha’n ann a chionn nach eil iad ‘n am peacaich, ‘n am peacaich mhòr, ach tha E dha’m pòsadh a chùm bhi toirt air falbh am peacaidhean, agus a bhi dha’n saoradh bh’utha gu bràth. Agus mar is moth a bhios do pheacaidhean, is ann is moth a bhios glòir gràs Criosd, a ni a tha shùil air, ann a bhi gabhail a leithid ‘s a thà thusa ann, a stigh ann an daimh cho dlùth agus cho glòrmhor ris Fein ‘s a tha so ann. A thuilleadh air so, ciod a nì thù ri do pheacaidhean mòr, mar a teid thù leo a dh’ ionnsuidh Criosd? Tha peacaidhean mòr a dearbhadh feum mòr air Criosd, agus a gairm air son cabhag mhòr gu Criosd.
4. An e dimeasan agus diùltaidhean air do thaobh-sa anns an àm a chaidh seachad?
Faodaidh e bhi nach e mhàin gu’m bheil do pheacaidhean lionmhor agus mòr, ach tha so air a chur ris a chuid eile, diùltaidhean fad agus lionmhor air Criosd agus air a ghràdh. Ghairm E bitheanta ach cha d’thug thusa freagradh Dhà; bha E fada dha do thàladh, ach cha do dh’aontaich thù Leis: O an iomadh gairm mhilis, taigseachan gràsmhor, impidhean gràdhach a rinn E riut, agus air an d’rinn thù dìmeas! Agus tha so a cur eagal ort, nach bì nis gnothuch air bith Aige riut. Agus gu cinnteach anam tha so duilich, ro-duilich; agus le so chaill Criosd mòran glòir, a dh’fhaodadh tò thòirt dhà ionnsuidh; le so chaill thusa mòran de cho-chomunn milis a dh’fhaodadh tò shealbhachadh; le so bha cridhe Chriosd gu mòr fodh dhoilgheas, a dh’fhaodadh a bhi air a sheachnad; agus le so tha’n obair air a deanamh nì’s duilich a deanamh na bhiadh i ‘s an toiseach, air bhi do d’ chridhe air fàs nì’s cruaidh, agus do thruaillidheachdan air fàs nì’s treise. Mar so tha e, anns gach dòigh gle dhuilich, gu’n d’rinn thù dìmeas mar so agus gu’n do dhiùlt thù Criosd. Ach gidheadh cha seas so eadar E agus thusa, ma’s e agus gu’m bheil thù toileach a bhi air do pòsadh Ris. Air son so, faic Gnàth. i. 20-23, “Tha gliocas ag eighneach a muigh, anns na sràidibh tha i a cur a mach a gutha; ann an àitibh sònruichte a chomh-chruinneachaidh thà i ag eighneach, ann am fosgladh nan geatachan; anns a’ bhaile tha i a’ cur a mach a briathran, ag ràdh, cia fhad a dhaoinne baoghalta, a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd? agus a ghabhas luchd-fochaid tlachd ‘n am fochaid, agus a bheir amadain fuath do eolas? Pillibh ri m’ achmhasan: feuch, dòirtidh mì mach mo spiorad dhuibh; ni mì aithnichte mo bhrithra dhuibh.” Tha mì guidhe oirbh, thaig Criosd E Fein, agus a ghràdh dhoibh ach dhiùlt iad Esan agus a ghràdh; seadh, dhiùlt iad E re ùine fhad, agus dhiùlt iad E le mòran tarcuis. “Cia fhad a dhaoinne baoghalta a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd.” Chuir iad an suarachas taigseachan Chriosd agus a gràdh; agus gidheadh ann an so tha E’g athnuadhachadh na taigseachan so dhoibh, anns am bheil E’g innse dhoibh nach bu chòr do na diùltaidhean sin seasamh anns an rathad air Esan a bhi gabhail riutha, ma’s e agus gu’m bheil iad toileach gabhail Ris: “Pillibh ri m’achmhasan, feuch dòirtidh mì mach mo spiorad dhuibh.” Agus anam, nach eil a chuid is moth a diùltadh re ùine fhad, agus a seasamh a mach gu fada an aghaidh taigseachan Chriosd agus a ghràs, ma’s duinn iad a stigh Ris, muinntir, gidheadh, a thà air gabhail riutha Leis? Na bì, uime sin, anam bhochd, air do mhi-mhisneachadh, do bhrigh do dhìmeas agus do dhiùltadh air Criosd, ach tilg thù fein ann an gairdeanan a ghràidh, a gheibh thù gu cinnteach fosgailte gu farsuinn a chùm do ghabhail agus gabhail riut.
5. An e ceannairc agus cùl-sleamhnachadh air do thaobh-sa bh’uaithé?
Theagamh gu’n robh thù aig amaibh, air do shlighe gu Criosd, cuid de dh’oibribh, cuid de rùinntinn math agus do dh’aignuidhean an taobh a stigh dhiot air a shon. Seadh, agus rinn the seorsa de aideachadh Air. Bha thù aig amaibh air tì pilleadh, seadh, cha mhòr air dúnadh a stigh ri Criosd; agus cha mhòr nach robh’n pòsadh air a dheanamh eadar Esan agus thusa. Agus, gidheadh, an deigh so uile, rinn thu ceannairc agus chùl-sleamhnachadh thù bh’uaithé, a deanamh striopchas ri iomadh leannan, nì a tha toirt ort a bhi fodh eagal gu’n diùlt Esan thù na’m b’e agus gu’n rachadh tù dha ionnsuidh. Agus is firinn e, gu’m bheil so uile gle dhuilich; oir le so bha Criosd gu mòr a faotainn eas-urram, agus bha t-anam gu mòr air a chur an cunnart. Ach fathasd na bì air do mhì-mhisneachadh, oir cha seas so eadar Criosd agus thusa, ma thà thù fathasd toileach a bhi air do phòsadh Ris. Tha Criosd dha thairgse Fein agus a ghràs dha leithidean sin; tha E gealltuinn a bhi leigheas an cùl-sleamhnachaidhean; “Ach rinn thusa striopchas le mòran leannan; gidheadh pill rùmsa a ris, deir an Tighearna.” Ier. iii. 1, agus rann 12. “Pill, O Israel chùl-sleamhnach, deir an Tighearna, agus cha leig mì mo chorruich ort; oir tha mise tròcaireach, dei an Tighearna, cha ghleidh mì m’fhearg gu bràth.” Mar sin ann aì Hosea ii. 19, “Agus pòsaidh mì rium fein thù gu bràth; seadh, pòsaidh mì rium fein thù ann am fireantachd, agus ann an ceartas, agus ann an caoibhneas, agus ann an caomh-ghràdh.” Thù! Cò? Sluagh cho ceannairceach agus cho cùl-sleamhnach ‘s a bha riamh anns an t-saoghal; mar sin gheibh sibh ann an toiseach na caibdeil. Tha dòchas, chì sibh uime sin, do cheannaircich agus do luchd cùl-sleamhnachaidh; uime sin na bì air do mhì-mhisneachadh, ach rach dha ionnsuidh agus cha tilg E mach thù.
(R’a leantuinn)