II. Deanamaibh saothir gu bhi gu domhain mothachail air bhur truaighe ro-mhòr do-bhrigh an dealachadh so. Mar a tha sinn uile gu nàdurra as eugmhais Chriosd mar sin tha ar truaighe ann an so ro-mhòr. An uibhir sin tha’n t-Abstol a cumail a mach anns an earrann a dh’ ainmich sinn a cheana, Ephes. ii. 12, anns am bheil e labhairt air a bhi as eugmhais Chriosd mar ar truaighe, seadh, mar thobar agus bunait ar truaighe, agus uime sin tha e air ainmeachadh an toiseach. Bha ‘n a h-Ephesianaich, agus tha sinne, mar a tha e ann sin ag innse dhuinn, as eugmhais a chùmhnanta, as eugmhais dòchas, agus gun Dia anns an t-saoghal; nì a tha’n a thruaighe gu leoir do dh’anam air bith gu luidh fodha; agus ‘s e nì a tha leigeil a stigh na truaighe so uile agus a bhunait, iadsan agus sinne a bhi as eugmhais Chriosd. ‘S e Chriosd a bhi againn, tha fear-mineachaidh ionnsaichte ag ràdh air a phuing so, bunait nan uile mhaith, mar sin ‘e bhi as eugmhais Chriosd toiseach agus bunait na’n uile olc, agus leigeadh a stigh gach uile bhròn agus thruaighe, agus nì a dh’fhàgas sinn ann an staid bhrònach gu siorruidh. Gabhaibh blas, agus gun ach blas, dha bhur truaighe, agus an sin oibrichibh mothachadh dheth air bhur’an anamaibh.
I. A bhi as eugmhaís Chriosd, tha sibh falamh dhe’n a h-uile mhaith, tha sibh gun bheatha, gun ghràs, gun sith, gun mhaith-eanas, gu’n chomhfhurtachd, gun fhireantachd, gun neamh, gun slàinte, gun dòchas, gun Dia, mar a th’agaibh anns an àite a dh’ainnicheadh, Ephes. ii. 12, gun deadh-gean Dhé, gun bheatha Dhé, tha sibh as eugmhaís fior mhaithéas, agus fior shonas. A reir an t-sean fhocail fhirinnich, As eugmhaís a Mhaith is Airde cha’n eil nì air bith maith.
-
Air dhuibh a bhi as eugmhaís Chriosd, tha sibh ann an daorsa do’n a pheacadh, agus do Shàtan, nì is e’n daorsa is miosa anns an t-saoghal. Gu nàdurra tha’n a h-uile ‘n an tràilean, agus ‘n an seirbhisich do na tighearnan an-ìochdmhor so: bhuaithe so tha e air a ràdh gu’m bheil sinn a coimhionadh ana-miannaibh an diabhoil. Eoin viii. 44, agus mar a tha ana-miannaibh an diabhoil, mar sin tha toil agus ana-miannaibh na feola, Ephes. ii. 2, a chùm a bhi ‘n an seirbhisich do’n pheacadh, gu bhi ‘n ar seirbhisich do iomadh gné ana-miannaibh agus an-toil, agus an leithidean sin. Agus mar a tha gu nàdurra na h-uile anns an daorsa so do’n pheacadh agus do’n diobhol, mar sin cha’n eil saorsa bho’n a daorsa so ach tre Chriosd, agus sin ann an rathad aonaidh Ris. “Uime sin ma nì a Mac saor sibh, bidh sibh saor da rìreadh.” Eoin viii. 36, tha E Fein ag ràdh ris na h-Iudhaich. Bha iad a deanamh uaill ‘n an sochair, gu’m b’iad sliochd Abrahaim, agus nach robh iad an daorsa do neach air bith. Is fior, tha Chriosd ag ràdh, ach tha sibh ann an daorsa nì’s miosa na daorsa do dhuine, ann an daorsa do’n pheacadh, ann an daorsa do ‘ur n-ana-miannaibh: oir esan a nì peacadh is seirbhiseach do’n pheacadh e. Agus an daorsa so cha’n eil aon ach a’ Mac a nì saor sibh bhuaithe: agus, uime sin, gus an cuir Easan saor sibh fanaidh sibh foidhpe. Oh cia cho searbh an daorsa so a bhi fo riaghladh a pheacaidh, a bhi fo òrdan gach ana-miann iosal agus neo-ghlan, agus a bhi air bhur giulain ann am braighdeanas leis an diabhol agus a thoil! ‘S e so a leithid de bhraighdeanas agus a bha aig Israel fo ‘n a maighsteirean-oibreach anns an Eiphit. Mar a tha ann a bhi deanamh seirbhis do Chriosd an t-saorsa is moth, mar sin, ann a bhi deanamh seirbhis do’n pheacadh tha’n daorsa is ro-an-ìochdmhora.
-
Air dhuibh a bhi as eugmhaís Chriosd, agus as eugmhaís aonaidh ri Chriosd, tha sibh air bhur diúltadh le Dia. “Nach aithne dhuibh sibh fein, gu bheil Iosa Chriosd annaibh, mur daoine a chuireadh air cùl sibh?” II Cor. xiii. 5. “Nach aithne dhuibh sibh fein!” Mar gu’n abradh e, ‘S e firinn ro-shoillear, foillsichte, agus r’a tuigsinn a th’ann, mar eil aonadh agaibh ri Chriosd tha sibh ‘n ‘ur daoine a chuireadh air cùl, ‘s e sin, cha’n eil sibh air bhur gabhail ribh le Dia, agus tha sibh a mach as a dheadh-ghéan, tha araon ‘ur pearsachan agus ‘ur seirbhisean air an diúltadh Leis. A dh’ionnsuidh an aon nì tha sin againn ann an Gal. iv. 22, far am bheil sinn a leughadh a thaobh dà mhàthair agus dà mhac. Tha’n dà mhàthair ‘n a samhlachan air an dà cho-cheangal, cùmhnanta gniomh agus cùmhnanta gràis, mar a tha e air a nochdadh ann an rann 24. Tha’n dà mhac ‘n an samhlaidhean air dà sheorsa sluagh ‘n an còmhnuidh anns an eaglais, an dara h-aon air a bhreith a reir na feola, agus an aon eile air a bhreith a reir a gheallaidh; buinidh an dara aon do’n cheud choimh-chengal, an aon eile do’n dara. Seadh, agus ciod e suidheachadh an dithis? C’ar son, tha aon ann an suidheachadh anns am bheil e air a dhiùltadh, an aon eile ann an suidheachadh anns am bheil e air gabhail ris. Tha iadsan a bhuinneas do’n dara coimh-cheangal air an aideachadh agus gabhail riutha ann an gairdeanan gràidh; tha’n fheadhan eile air an tilgeadh a mach, mar a chì sibh anns ‘n a tha dol air adhart anns a chaibeideil: a thuilleadh air so tha sinn air gabhail ruinn le Dia ann an Crìosd agus tre Chrìosd, Ephes. i. 6. A mach a Crìosd, uime sin, tha sinn ann an staid diùltaidh. Oh cia cho duilich ‘s a tha so a nochdadh ar suidheachadh a bhi! oir daoine, eadhon daoine math a bhi dha’r diùltadh agus gu’n gnothuch a bhi aca ruinn, ‘s e th’ann ach ni a ghabhas fhulung, gu h-àraidh ‘n uair a dh’aideicheas Dia sinn agus a thogas E dealradh a ghnùis oirne: ach ‘n uair a tha Dia dha’r diùltadh agus dha’r tilgeadh a mach, tha so uamhasach da-rìreadh, ged a dh’aidicheadh an saoghal uile sinn, agus a mholadh e sinn. Cia cho uamhasach ‘s a tha’m focal sin, “Airgiod nach dìrear riu, a chionn gu’n do chuir an Tighearna cùl riu.” Ier. vi. 30. Ma dh’aideicheas Dia sinn agus a thogas E oirne dealradh a ghnùis, cha’n eil mòran ann cò a gheibh coire: ach ma dh’fholicheas Esan a ghnùis agus a dhiùltas Esan sinn, cò is urrainn misneach na saorsa a thoirt do’n anam?
(R’a leantuinn.)