Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1971 » July 1971 » Posadh an Anama ri Croisd

Posadh an Anama ri Croisd

Leis an Urr.Eideard Pearce (A.D. 1672)

Air a leantuinn bho t.d.

(4) Gabh beached agus tuig e ann an dreuchd Eadar-mheadhonair-eachd.

Tha’n soigeul dhà fhoillseachadh agus a cur an ceill Chriosd do ar creidimh anns an dreuchd so;tha e foillseachadh agus a cur an ceill Chriosd mar am fior Mhessiah agus Slànuighear an t-saoghail; mar neach air a sheulachadn, air a chur, air ùngadh leis an Athair air son saorsa anama cailte: agus mar sin bu chòr do chreidimh amharc Air agus a thuigsinn. Mar sin, mar an ceudna, thuig creidimh Pheadair e: “Is tusa Criosd,” tha e’g ràdh, “Mac an Dé bheo. “Mata xvi.16.Mar sin tha sinn a leughadh mu chreidsinn gu’r losa an Criosd, I Eoin v.1. Uime sin,mar an ceudna, tha Criosd ag ìnnse dha na h-Iudhaich, “Mur a creid sìbh gur mise e, gheibh sìbh bàs ann ur peachaidhean, Eoin viii. 24. Mur a creid sìbh gur mise e,” ‘s e sin,gur mè a’ Messiah, an Criosd, an Slànuighear a bha air a ghealltuinn. Oh! tha creidimh a tighinn gearr air a bheachd a bu chòr a bhi aige air Criosd, mur eil e mar so ag amharc Air na dhreuchd.

(5) Gabh beachd Air agus tuig E na chumhachd neo-chriochnach agus na fhoghainteachd gu bhi cur an gniomh a dhreuchd.

Tha’n soisgeul a foillseachadh agus a cur an ceill Chriosd dha ar creidimh, mar neach a tha cumhachdach gu bhi tearnadh a dh’ionnsuidh a cheum is fhaide a mach: agus mar sin bu chòr dha ar creidimh sùil a thoirt Air agus a thuigsinn, Ebh.vii.25. Tha e dha fhoillseachadh da-rìreadh mar an aon Slànuighear, agus an Slànuighear uile-fhoghainteach:mar an aon Slànuighear, “Seallaibh riumsa, agus bithibh air ‘ur tearnadh, uile iomalla na talmhuinn: oir is mise Dia, agus cha’n eil atharrach ann.” Isaiah xlv.22.” Oir cha’n eil ainm air bith eile fodh neamh air a thoirt am measg dhaoinne tre am faod sinn a bhi air ar tearnadh.” Gniomh.iv.12. Oir is biadh gu firinneach m’fheoil agus, is deoch gu firinneach m’fhuil, tha E ‘g ràdh, esan a dh’itheas m’fheoil-sa, agus a dh’òlas m’fhuil-sa, tha e gabhail còmhnuidh annam-sa, agus mise ann-san.Mar a tha’n t-Athair a chuir uaithe mise, agus a tha mise beo troimh an Athair; is amhuil sin esan a dh’itheas mise, bithidh e mar an ceudna beo tromhamsa.” Eoin vi.55-57.Tha e dha fhoillseachadn ann an eufachd neo-chrioch-nach fhala, ann an ìanachd neo-thraoghaidh a glrais, iomlanachd ùmhlachd, oirdheirceas fhireantachd, iomlanachd a riarachaidh, agus a leithid sin, agus mar sin bu chòr dha ar creidimh amharc air agus a thuigsinn. O saoithrichibh air son a leithid de bheachd agus de thuigse air Criosd ‘s tha’n so;ma chreideadh sìbh gu bràth gu ceart agus am biodh sìbh da-rìreadh air bhur posadh ri Criosd, saoithrichibh eolas fallain, soilleir, sònraichte, Air,mar Chuspair mòr a chreidimh: bithibh gu mòr ag ùrnaigh air son spiorad gliocais agus foillseachaidh ann an eolas Air; b’e ùrnuigh an Abstoil air son nan Ephanach anns a chùis so, Ephes. 1.17,agus biodh e mar sin dhuibh-se, air ar son fein.

(3) An cuireadh sìbh ar creidimh gu ceart air Criosd, agusam biodh sìbh da-rìreadh air ar pòsadh Ris, an sin bithibh cìnteach gu’r e roghainn agus taghadh cheart a dheanamh Dheth, air dhuibh mar so, air dhuibh eolas agus tuigse bhi agaibh Air.

Tha beachd ceart agus tuigse bhi agaibh air Criosd ceart agus feumail, a chum aonadh a bhi agaibh Ris ann an creidsinn; ach cha’n e so na h-uile; air do Chriosd bhi air aithneachadh agus air a thuigsinn feumaidh E mar an ceudna bhi air a roghnachadh agus air a dhùth-ghabhail leinne, agus sin mar a tha E air fhoillseachadh agus air a thairgse anns an t-soisgeul. ‘S e th’ann an eolas agus tuigse air Críosd ach gniomh na h-inntinn agus na tuigse; ach a bhí roghnachadh agus a bhí gabhail ri Críosd, ach gniomh na toil agus na’n aignidhean; ach ged a tha creidimh a tòiseachadh agus ag eirigh anns an inntinn, gidheadh tha chriochnachadh agus iomlanachd anns an toil agus anns na h-aignidhean; tha bhi gabhail tlachd, a roghnachadh, agus a gabhail Ris, agus sin ann an rathad a tha freagarach do’n a chì an inntinn agus an tuigse ann; agus feumaidh sin a bhì air a chur ris na nithean a tha dol air thoiseach, ar neo, cha’n eil creidimh ceart ann, agus mar sin cha’n eil aonadh pòsaidh agus co-chommunn ri Críosd. Uime sin, tha’n t-Abstol ag ràdh, “Oir is ann leis a chridhe a chriedear chum fireantachd, agus lleis a’ bheul a dh’aidichear chum slàinte.” Rom.x.10. Is ann leis a chridhe tha fior chreidimh air a dheanamh. Nis, leis a chridhe ann an so, mar a tha gu coitcheann an àitean eile anns na Sgriobtur, tha e air a chiallachadh an toil agus na h-aignidhean; mar sin a bhí creidsinn leis a chridhe air a chiallachadh gu’m bheil an toil agus na h-aignidhean a roghnachadh agus a gabhail ri Críosd, mar a tha E air fhoillseachadh agus air a thairgse anns an t-soisgeul. Tha so air a ghairm “a bhí gabhail ri Críosd.” a stigh dha ar toil, ‘n uair a nì sinn roghainn Dheth, agus a leanas sinn Ris air son beatha agus slàinte; agus tha sinn dha ghabhail a stigh dha ar n-aignidhean, ‘n uair a ghràdhaicheas sinn E, a mhiannaicheas sinn E, agus a ghabhas sinn tlachd Ann; agus is e so creidimh. “A bhí creidsinn,” tha Calvin ag ràdh, “cha’n nì air bith elle e ach a bhí roghnachadh agus a bhí gabhail ri Críosd le togradh suilbhearr inntinn, mar a tha e air fhoillseachadh, agus air a thairgse anns an t-soisgeul. Agus do, da-rèadh, gniomh beo a chreidimh leis am bheir aonadh pòsaidh agus co-chommunn ri Críosd gu h-àraidh air a thoirt mu’n cuairt. ‘S e a nì Críosd na chuibhronn dhuiinn agus a chuireas sinn ann an seilbh Air. “Rinn Muire,” the Críosd ag ràdh, “Roghainn de’n chuid mhaith sin, nach toirear uaipe,” Luc.x.42. Rinn i roghainn de Chríosd, agus rinn i roghainn Dheth na chuid mhaith dhith, agus cho mòr a cuid Dheth, agus nach cailleadh i e gu bràth, agus nach bitheath E gu bràth air a thoirt bh’uaipe. Da-rèadh nì roghainn cheart do Chríosd thairis E dhuinne, aonaidh e sinn Ris, agus bheir e dhuinn a bhí gabhail tlachd Ann gu bràth. A chum ar cuideachadh air adhart anns a ghnothuch so biodh fios agaibh gu’m bheil roghainn cheart de Chríosd air a choimhlionadh anns na trì ceumannaibh so.

(R’a leantuin)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice