(Air a leantuinn bht t.d. 285)
- Bithibh cinnteach gu’n roghnaich sibh Croisd, agus gu’n gabh sibh Ris mar bhur fois agus bhur sonus, agus cha’n amn a mhainn mar neach a tha dha’r toirt gu fois agus gu sonus. Cha’n e Croisd, a luchd mo ghraidh, a mhainn an aon slighe agus a meadhon gu bhi toirt dhaoine gu sonus ach ‘s e mar an ceudna an sonas; agus anns an doigh so tha E air a thairgse dhuinn, agus bu chor Dha bhi air a roghnachadh agus air gabhail Ris leinne: “Is mise an t-slighe, agus an fhirinn, agus a bheatha: cha tig aon neach chum an Athar ach tromham-sa,” tha E’g radh, Eoin 14: 6. ‘S e sin, mar a tha neach ag radh, Is mise toiseach, adhartas, agus iomlamachd sonas a Chriosduidh. Is cinnteach mi, mar a tha Croisd, air a thoirt fa’n ear mar an t-slighe, gur E a meadhon agus an Ti tha dha’r treorachadh gu sonus, mar sin tha Croisd, air a thoirt fa’n ear mar a bheatha, gu’r E ‘ur sonus, ‘ur n’ard shonus. Agus gu dearbh, tha sinn a tighinn a dh’ ionnsuidh Chriosd, mar a bheatha, tre Chriosd mar an t-slighe. Is milis na briathran sin a leubh mi amn an aon dhe na diadhairean bho shean, air an aite so. Tha sinne, do shluagh, tha e’g radh, a labhairt ri Croisd, a tighinn dha t’ ionnsuidh, a chionn gu’r tusa an t-slighe, an fhirinn, agus a bheatha: an t-slighe ann a t-eisimpleir, an fhirinn ann a’d’ ghealladh,” ‘s e sin, mar a tha neach eile dha mhineachadh, is mi a mhainn an t-slighe cheart, an ard fhirinn, a bheatha fhior, a bheatha bheannaichte, a bheatha neochruthaichte. Agus freagarach dha sin tha beachd Chalvin air na briathran so. ‘S e suim, tha e’g radh, na’m foclaibh sin, so-esan, ge b’e e, a gheibh, agus a shealbhaicheas Croisd, cha bhi uireasbhuidh na di air. Ge b’e, uime sin, nach bi toilichte Leis a mhainn, tha e’g iarruidh a dh’ionnsuidh ni a tha seachad air an ni a tha taobh an iomlanachd is airde. Agus an sin, tha e co-dhunadh le so, Ma thionndaidheas neach air bith bho Chriosd, cha’n urrainn e ni a dheanamh ach a dhol air seacharan: mar a gabh neach air bith fois Ann, cha’n urrainn e air dhoigh air bith ach a bhi beathachadh air gaoith agus diomhamas: ma dh’fheuchas neach air bith ri ni air bith taobh thall Dheth-san, cha’n fhaigh e ach bas an aite beatha. Oh! tha maisean, tlachdan, agus iomlanachdan neo-chriochnach ann an Criosd, leis am bheil E comasach air ar lionadh, agus ar sasachadh, agus ar deanamh toilichte. Agus, air mo shon fein dheth, mar nach eil iartas agam a bhi sona, mar eil Criosd comasach mu thoirt gu sonas, mar sin cha’n eil miann agam sonus is mothá na is fearr, na th’ann an Criosd, na’s urrainn E bhi dhomh. Oh! tha na h-uile Ann-san, na h-uile gu lionadh, na h-uile gu comhfhurtachadh, na h-uile gu tlachd agus eigneachadh, na h-uile gu solas agus sasuchadh agus gu sasuchadh na h-anamaibh is farsuinn agus is siorruidh. Na’m biodh agam Criosd deir Rutherford, smuaintichidh mi mi-fein cho neamhaidh ri neach air bith. Gu cinnteach is Esan, agus Esan a mhain samhchair agus ionad-fois an anama. Agus mar sin tha’n Salmadair ag innse dhuinn ann an Salm 116: 7. Gu cinnteach, tha Esan na laithearachd, agus ar sealbheachadh air, na neamh agus na shonas. ‘S e’n sonas is airde tha Croisd a gealltuin dha shluagh ann an so, Eoin 14: 21. Agus is e’n sonas is airde a tha shluagh a meas, na ris am bheil dochas aca an deigh so, Phil. 1: 23. Freagarach dha sin tha briathran neach air cainte Chriosd ris a ghadaich air a chrann. “An diugh bithidh tu maille riumsa ann am paras”, Luc. 23: 43. Riumsa! tha e’g radh, Oh! maithreas iongantach! Cha’n eil e’g radh a mhainn, Bithidh tu ann am paras, na, bithidh tu maille ri ainglean, ach, Bithidh tu maille rium-sa, bithidh tu air do shasuchadh Leis-san a tha thu miannachadh. Mar sin ‘s e Croisd fois agus ard-aoibhneas anamaibh; agus a reir sin bu chor do ar creidimh a roghnachadh agus gabhail Ris. Cha cha’n mi nach eil fior chreidimh far nach eil anam a tithinn suas ris an roghainn so de Chriosd; ach their mi, ged nach eil creidimh an toiseach a roghnachadh Chriosd, gidheadh an deigh sin, mar a dh’fhasas e dh’ionnsuidh iomlanachd, tha e tighinn gu bhi roghnachadh Chriosd anns am t-seadh so. Agus mar is soilleir tha e roghnachadh Chriosd mar fhois agus a shonas is mothá dha na anam, is ann is iomlaine agus is coimhlionta tha e. Is cainnt creidimh do’n anam ‘n uair a thig e ann an gne do lanachd, mar ann an so; Thighearn, mar a tha mo bheatha uile ann a d’ bhas, mo shlanuchadh uile ann a d’ lotan, m’fhireantachd uile ann a d’umhlachd, mar sin tha mo shonus uile ann a d’ lathaireachd, mo neamh uile ann am broilleach agus ann an glacaibh do ghraidh. Ni mothá tha neach agam air neamh ach thu, ni mothá tha neach agam air thalamh ach thusa.” Salm 73: 25. O mar so roghnaich Criosd! Roghnaichibh E mar an fhois, an solas, an sonas, dha bhur ‘n anamaibh, agus na smaintichibh ni air bith eile, a ni is lugha dhe ar sonas ach Chriosd.
(R’a leantuinn.)