Leis an Urr. Eideard Pearce (A.D. 1672)
Air a leantuinn bho t.d. 118)
Ach an abair anam teagmhach. Is fior, ann an so tha comhfhurtachd gu leoir agus sonas gu leoir air son céile Chriosd; agus na’n robh cinnne agam-sa a bhi pòsda Ris, smuaintichinn e gu leoir a chùm mo ghiulain tre bhàs agus beatha ann an comhfhurtachd; ach tha eagal orm nach eil aon chuid cuibhronn na crannchur agam anns a ghnothuch. Freagram, Ma’s a neach thù thà gràdhachadh do pheacaidhean, agus a thà beo annta; ma’s a neach thù thà ceadachadh, agus dha do chleacadadh féin ann a’ t-ana-miannan, seadh, ann an ana-miann aithnichte na peacadh, biodh e beag na mòr, an sin tha agad grùndd ro-mhaith air son a leithid sin de dh’eagalan; oir fa-maidh mi innse dhuit, gu’m bheil céile Chriosd de bheachd eile; is fuath leo peacadh agus tha gràdh aca do naomhachd, agus nì leid na thà na’n comas gu teicheadh bho’n aon agus a leantuinn ris an aon eile. Ach amhaircidh mi ort aig an àm so mar chéile theagmhach bhochd Chriosd a tha deanamh a ghearain so, agus uime sin, fàgaidh mi am focal dùbailte so de mhisneachd agad, agus le sin cuiridh mi crioch air a ghnothuch.
“(1) Labhraidh mi riut mar a labhair Samuel ri Saul aig uairbh ann an cùis eile, seadh, ‘n uair a dh’innis Saul dha gu’n do choimhlion e aithne an Tighearna; “Beannaichte gu’n robh thusa o’n Tighearna; choimhlion mise àithne an Tighearna. Agus thubhairt Samuel, ciod is ciall do mhéilich nan caorach so ann am chluasan, agus do ghéumnaich a’ chruidh a thà mi cluinninn.” I Sam. xv, 13, 14. Mar sin mar eil agad cuibhronn na crannchur ann an Criosd, agus nach robh thù riamh air do phòsadh Ris, an sin, An toiseach, ciod is ciall do na reubaidhean na cumhachan, na tuiridhean a tha aig t-anam, fodh mhothachadh air t-astar agus t-fhadachd as bho Chriosd agus do mhi-fhreagarachd Dhà an dà chuid ann an spiorad agus ann am beatha? Is beannaichte iadson a tha mar so ri bròn, oir gheibh iad sòlas, Mata v. 4. Anns an dara h-àite, ciod is ciall do’d bheachdan àrd Air agus an t-acras agus an tart dùrachdach a thà nà t-anam as a dhéigh? “Is beannaichte an dream air am bheil acras agus tart na còrach: oir sàsuichear iad.” Mata v. 6. ‘S an treas àite, ciod is ciall do na crithean naomh a thà nà t-anam ann a bhi smuainteachadh air peacachadh an aghaidh do chùram agus t-iarrtas gu bhì dhà toileachadh, t-eagal a bhì toirt oilbheum Dhà? I Cor. vii, 34. ‘S a cheathramh àite. Ciod is ciall do’d mhothuchadh air agus do chumhachan fodh na h-eas-urraman do Chriosd, maille ri fadachd t-anama as déigh àrdachadh-san? Thuil toibheum na muinntir a thug toimhbheum Dhà ortsa, Salm 1xix, 9. Is e fior spiorad bean dhileas cùram a bhi aice do na bhuineas dà companach. Tha iad sin agus mòran eile de nithean gràsmhor a thà thù faotainn annad, a labhairt gu comhfhurtail ri t-anam anns a chuis so; ach fathasd thà mì sparradh ort as déigh na’n dearbhaidhean is soilleir agus na beachdan is soilleir air do phòsadh ri Criosd.”
“2. Smaintich air a nì is miosa; gidheadh gu do mhisneachadh labhram riut mar a labhair na deisciobuil ris an duine dhall,” Biodh mhisneach agad, eirich: thà e dha’d ghairm.” Marc x, 49. Tha E dha’d e ghabhail do’n a phòsadh bheannaichte Ris Féin. Agus oh gu’n dean-féin an mar a rinn an duine dall an sin, a dh’éirich agus a thàinig gu fo-a: agus bì einateach dhuit fein a so, tha gairdeanan farsuing gu bheil gu do ghabhail. Gu firinneach, ge b’e air bith thù, na cia àite air bith am bheil thù, aig am bheil an gearain so, co dhiubh thà thù a’d’ chéile na nach eil, ‘s e do shàr obair a nis, dùnadh a stigh ri Criosd, ann an cùmhnant pòsaidh, ‘S e obair peacach air an d’r’ thàinig dearbhaidh, agus naomh teagmhach, an aon nì; an aon, cho math ris an aon eile, a bhi creidsinn agus a dùnadh a stigh ri Criosd, mar nach d’rinn e riamh roimhe. Smaintich mar sin air a’ nì is miosa, eadhon nach robh thù riamh air do phòsadh ri Criosd; gidheadh na bì fodh mhì-mhisneach, ach biodh so na latha pòsaidh eadar Esan agus thusa, a tilgeadh t-anam Air, gu’n a bhi cur an àmharas cho ullamh ‘s a thà E gus do ghabhail. Air son do mhisneachd, theirinn riut, mar a thà aon dhé na seann diadhairean ag ràdh ann a bhi labhairt mu’n nì so. C’ar son a thà thù stad agus a tuisleachadh annad féin? Tilg thù féin Air, na biodh eagal ort, cha tarruing E air ais E Féin chùm leigeadh leat tuiteam; tilg thù féin Air, muinghinneach agus dearbh-ta gu’n gabh E riut agus gu’n sàbhail E thù. ‘S e so a rinn mì nis; a naoimh, a chéile Chriosd, ciod thà fantainn, ach gu’n gràdhaich, gu’n toir thù urram, gu’n tòir thù ùmhlachd do’d Thighearna agus do’d Cheann, beo beatha taiceachadh, agus mar an ceudna fadachd agus sùil rì a teachd gu bhi daingneachadh a phòsaidh eadar Esan agus thusa! Ciod thà air fhàgail, ach gu’n togadh tù cainte an Abstoil, deanamh an dearbh cho-dhùnadh bho do phòsadh rì Criosd, a thà esan a deanamh bho chrioch na’n uile nithean, ag ràdh ann a’d ainm féin agus ann an ainm cuid eile. “Uime sin do bhrigh gu’m bì na nithean so uile air an sgaoileadh as a chéile, ciod a ghné dhaoinc bu choir a bhi annaibh, ann an caithe-beatha naomh agus diadhachd, le sùil a bhi agaibh ris, ann an luathachadh chùm teachd latha Dhé, anns am bì na neamhan, air dhoibh a bhi rì theine, air an sgaoileadh as a chéile, agus anns an leaghar na dùile le dian theas?” A pheacaich, ciod a thà air fhàgail agad r’a dheanamh, ach t-ainm agus t-anam a thoirt suas do Chriosd ann an cùmhnant pòsadh, agus a bhi sona gu siorruidh? Dùinidh mì leis na briathran sin, “Is beannaichte iadsan a thà air an cuireadh gu suipecr-bainne an Uain.” Tais. xix, 9. A Chrioch.”