Ann an Uig, an Leodhas, air Di-luain Orduigh, ghabh e an earrainn so — “Rinn Solamh, an Righ, leaba-phòsaidh dho fhéin, de chrannaibh Lebanon. A puist dhealbh e de dh’airgiod, a h-iochdar de dh’òr, a còmhdach de chorcur; bha a meadhon air oibreachadh le samhlaidh ghàidh le nigheanan Ierusaleim.” Thuirt e, “Faodaidh sinn a’ cheud chuid de’n earrainn a chur mar so — ‘Rinn Criosd, an Righ, crà-leaba no carbad dha fhéin’ agus mar sin air adhart. Anns a’ chrà-leaba so that Criosd, ‘na imeachd leatha anns an t-saoghal so gu Gloir, ag gabhail a steach a h-uile creutair lag-chuiseach, agus uireasbhach; a tha aige fhéin air an talamh. Is e an Spiorad Naomh, gu labhairt ‘s urram, an carbadair no an driver a tha aig Criosd air a’ charbad. An uair a chi Criosd air an t-slighe,
“(1) Neach a tha ag imeachd le cridhe brònach, their e ris an Spiorad Naomh, ‘Stad, Fhir-iùil bheannaichte; tha neach an so a ch’fheumas a thogail a steach; tha e a’ bròn air son a chruas-cridhe.’”
“(2) Ag imeachd air adhart, tha e a’ faicinn neach eile ag caoidh air son a dhorchadais, agus tha Criosd ag radh, ‘Stad, agus gu’n togar a stigh e.’”
“(3) A’ dol air adhart tha e a’ faicinn neach eile air a thilgeadh sios le mi-mhisneachd nach ‘eil e de’n chloinn. Tha Criosd ag aithneadh gu’n togteadh a stigh e.’”
“(4) Ag imeachd air adhart tha e a’ faicinn neach ag gearan cho beag ‘s a tha de ghradh aige do Criosd, ma tha gradh idir ann. Tha Criosd ag aithneadh, ‘Togamaid a steach e.’”
“(5) A’ dol air adhart tha e a’ faicinn neach eile air a bhuaireadh nach d’fhuaire e riamh eolas slàinteil air Criosd. Tha Criosd ag iarraidh stad agus gu’n togar a stigh e.’”
“(6) Tha e a’ dol air adhart agus a’ faicinn neach eile ag caoidh olcas a chridhe. Tha Criosd ag aithneadh a thoirt a steach.”
“(7) Ag imeachd air adhart tha e a’ faicinn neach eile air a shàrachadh le as-creideamh. Tha e ag aithneadh stad agus a thoirt a stigh.”
“(8) Ag imeachd air adhart tha e a’ faicinn neach eile a tha ag caoidh gu goirt. ‘Thrég an Tighearna mi, is rinn e mo dhì-chuimhneachadh.’ Tha Criosd ag aithneadh stad agus gu’n togar a steach e.’”
“(9) Agus a’g imeachd air adhart tha e a’ faicinn neach eile ag gearan, ‘Mo chaoile, mo chaoile!’ Tha Criosd ag radh, ‘Stad, agus gu’n togar a stigh e.’”
“(10) A’ dol air adhart tha e a’ faicinn neach eile ag caoidh a chùl-sleamhnachaidh. Tha Criosd ag aithneadh, ‘Stad agus gabhamaid a steach e.’”
“(11) A’ dol air adhart tha e a’ faicinn neach eile a’ fàs sgith de ‘n t-saoghal agus an saoghal a’ fas sgìth dheth. Tha Criosd ag radh. ‘Stad agus gu ‘n tog sinn a steach e.'”
“(12) A’ dol air adhart tha e a’ faicinn neach eile ag caoidh cho mi-naomh ‘s a thà e. Tha Criosd ag radh, ‘Stad, tha e feumach air a thogail a steach.'”
“(13) A’ dol air adhart tha e a’ faicinn neach eile air chrith le eagal nach faigh e gu brath do nèamh. Tha Criosd ag aithneadh, ‘Stad agus gu ‘m faigh e togail a stigh.'”
(“MacRath Mor” le Neacal MacNeacail)