Leis an Urr. Eideard Pearce.
CAIB. I.
“Is mise lehobhah, cha chaocail mi; air an aobhar sin cha’n eil sibhse, O chlann lacoib, air ‘ur sgrios,” Malachi III.6.
Anns am bheil slighe air a dheanamh anns a cheann-theagaig; na briathran air am fosgladh, bunait ar teagaig air a leagail sios, agus na nithean sonraichte a tha ri bhi air an toirt fa’n ear, agus an leantuinn air adhart, air beachdachadh oirre.
Is e ni mor, cho math ri ni fior, a leugh mi ann an duine ionnsaichte, ‘s e sin, gu’m bheil na h-iomadh buaidh a th’ann an Dia, a air an ainmeachadh anns na Sgriobturann, ann an suspainn Dhè, agus tha iad air an ainmeachadh air son gu sinne chuideachadh ann ar beachd agus ar tuigse ~~g~~ Air, nach eil comasach air gabhail a stigh na ghabhas a bhi air aithneachadh mu Dhia, fodh aon ainm na beachd, na gniomh air bith de’n inntinn. Tha sinn a leugha (tha fios agaibh) mu a chumhachd, mu a ghloir, mu a ghliocas, mu a naomhachd, mu a cheartas, mu a mhaitheas, mu a dhilseachd, mu uile-fhoghainteachd, agus an leithidean sin, mu na h-uile dhiubh sin nach eil air an comharachadh a mach aon chuid bh’uaith Fein, na bho aon a cheile, ach tha iad uile na’n aon Dia, agus air am foillseah-adh, agus air an deanamh aithnichte dhuine, fodh eadar-dhealachadh cruth, agus sin gu ar cuideachadh gu bhi ni’s fearr Dha bhreithneachadh agus dha thuigsinn, agus mar an ceudna a chum a bhi cur an gniomh ar n’umhalchd agus ar n’aoradh Dha; mar sin faodaidh sinn a radh, ‘s e naomhachd Dhe, Dia, is e gliocas Dhe, Dia, is e maitheas Dhe, Dia, agus gu bhi tighinn a dh’ionnsuidh mo chinn-theagaig, ‘s e neo-chaochlaidheachd Dhe, Dia air fhoillseachadh agus air a dheanamh aithnichte fodh bheachd milis agus beannaichte, cho maith ri beachd glormhor, fodh leithid de bheachd agus a tha’g oibreachadh gu beothachadh agus gu misneachadh ar creidimh agus ar gradh, ar comhfhurtachd agus ar n’umhlachd Ann-san, agus Dha-san, agus mar sin gu dearbh tha ar ceann-teagaig dha nocdadh a mach, “Is mise lehobhah, cha chaocail mi, mar sin cha’n eil sibhse O chlann lacoib air ‘ur sgrios, “Anns na briathran so tha da ni ri beachd a gabhail orra.
I. Ann an so tha foillseachadh
Ann an so tha foillseachadh, na beachd air a thoirt air Dia ann an aon ghath de ghloir dhiadhaidh, agus ‘s e sin a neo-chaochlaidheachd, “Is mise lehobhah, cha chaocail mi; “Na, Is mise lehobhah, cha’n eil caochladh orm; faodaidh e bhi air a leughadh air an da dhoigh agus ‘s e’ n aon bhrigh a th’ aig; cha’n eil mi ‘g atharrachadh, cha’n eil sgaile tionndaidh orm, a ni a bha mi, tha mi, a ni a tha mi, bithidh mi fathasd; tha Dia ann an so (mar a tha fear-mineachaidh breithneachail dha chur) dha chur fein an aghaidh daoine basmhor agus ag atharrachadh bh’uaithé Fein agus a cur an aghaidh gach seacharan. Cha chaochail mi, mar gu’n abradh E, Basaichidh daoine, ach tha mise beo; atharraichidh daoine, ach cha’n atharraich mise, tha mi fathasda an Ti ceudna.
II. Ann an so tha iomradh
Ann an so tha iomradh, na cur an ceill, air toradh beannaichte na nithean a tha leantuinn an iomlanachd ghormhor so aig Dia, ann co-cheangal ri eaglais agus ri shluagh, agus ‘s e sin an gleadheadh bho sgrios. “air an aobhar sin cha’n eil sibhse O chlann lacoib air ‘ur sgrios,” Ann an so tha da ni a dh’sheumar fheorach a stigh ann: an toiseach co tha sinn ri bhi tuigsinn le clann lacoib? agus anns an dara h-aite, coid a tha sinn ri bhi tuigsinn le nach eil iad air an sgrios?
1. Ciod a tha sinn ri bhi tuigsinn le clann lacoib?
Le clann lacoib ann an so tha sinn ri bhi tuigsinn, eaglais agus sluagh a tha’g aideachadh Dhé. Tha sinn a leughadh anns na Sgriobturan mu thigh lacoib, sliocht lacoib, agus mic lacoib, anns am bheil na h-uile a ciallachadh, eaglais agus sluagh Dhé, a tha ‘gabhail ann an cumhnanta Ris Fein, agus dha’n deanamh na’n cuspairean ghráidh, agus bithidh so soilleir le bhi coimeas mo cheann teagaisg ri Cait 1.2, far am bheil Dia gu sónraichte ag radh gu’n do ghrádhaich E iad; agus a ris, Ghrádhaich mi lacob.
Ciod a tha sin ri bhi tuiginn leis nach eil iad air an sgrios?
Tha e ciallachadh agus a giulain ann an dá ni so;
1. Saoradh bho sgrios aimsireil.
Uime sin cha’n eil sibhse air bhur sgrios: ‘s e sin, uime sin, cha’n eil sibhse air bhur gearradh as bho bhi na’r sluagh; uime sin, cha’n eil sibhse air ‘ur briseadh le mo bhreithenais: tha e fior, bha amhghairean agaibh, seadh amhghairean mor, ach tha sibh fathasda beo, tha sibh fathasda na’r sluagh, tha sibh air bhur saoradh bho bhur milleadh agus sgrios, Agus c’ar son so? Cha’n ann a chionn nach do thoill sibh a bhi air ‘ur tur ghearradh as, agus air bhur milleadh, ach a chionn gu’m bheil mise neo-chaodhlaidheach, “Is mise Iehobhah, cha chaochail mi, air an aobhar sin cha’n eil sibhse a chlann lacoib air “ur sgrios.”
2. Gleidheadh bho sgrios siorruidh.
Uime sin cha’n eil sibhse air ‘ur sgrios; ‘s e sin, uime sin, cha’n eil sibhse fodh fhoilseachaidhean siorruidh a chorruich, ni (mo thruaigh) a tha sibh a toilltean: mar gu’n abradh Dia ribh, is neo-ni ann an coimeas ri toillteanas bhur peacaidh, bhur peacaidhean a tha mór agus lionmhor ann am aghaidh-sa, a leithid agus a thoill tur mhilleadh, seadh sgrios siorruidh, tur chaitheamh as air corp agus anam gu brath; agus b’e so bhur cuibhrionn bho chionn fada, mar a bitheadh gu’r ann a bha bhur gnóthuch ri Dia neo-chaochlaidheach: cha’n e bhur toilltenas, ach mo neo-chaochlaidheachd-sa an aon aobhar air son nach eil sibh gu tur agus gu soirruidh air bhur sgrios.
Gu h-aithghearr, ‘s e crioch na h-uile a bhi dha’n cronachadh air son a peacaidhean, agus gu sònraichte a mi-thaingealachd; agus maille ri sin, gu fios a thoirt dhoibh, gu’r e’n t-aobhar, nach robh e ni bu mhiosa dhoibh na bha e, seadh, nach robh iad gu tur agus gu siorruidh air an sgrios, nach b’e nach do thoill iad gu’m bithheadh e mar sin, ach do bhrigh gu’n robh an Dia neo-chaochlaidheach: “Is mise lehobhadh, cha chaochail mi, uime sin, cha’n eil sibhse a chlann lacoib air ‘ur sgrios. “Ann an so, tha e coltach ri bhi labhairt riutha mar so: Tha sibh a gearain ormsa, agus tha smuaintean cruaidh agaibh dha mo thaobh, a chionn gu m bheil cùisean mar a tha iad, agus nach eil mi’g eirigh san am a chum bhur cuideachaidh; ach innseam dhuibh gu’r a math dhuibh nach eil e deich mile uair ni’s miosa dhuibh na tha e; is math gu’m bheil sibh na’r sluagh; tha e math nach eil sibh a’ measg na muinntr dhamanaichte. Is cinnteach mi gu’n do thoill sibh gu mor e bhi mar sin dhuibh. Tha sibh na’r sluagh peacach, a peacachadh, agus ceannaireach, sluagh a thoill a bhi air an sgrios deich mile uair thairis, rinn mi nithean mor air ‘an son, seach sluagh eile, nochd mi dhoibh mòran gràidh, ach cha d’imich sibh gu freagarach agus a reir na nithean mor a rinn mi air bhur son, na an gradh mor a nochd mi dhuibh: ni-h-eadh, chuir sibh gu mi-bhuil na h-uile ni agus pheacaich sibh a’m aghaidh fodh/gach ni, agus sin le laimh ard, leis an do thoill sibh a bhi gu tur air ‘ur sgrios agus air bhur milleadh; agus gu dearbh, mar a bhitheadh gu’r e Dia neo-chaochlaidheach a bha annam, is fhad a boh’n a bha sibh air ‘ur sgrios agus air ‘ur milleadh; tha mi faicinn annaibh agus ‘n ‘ur measg, na nithean air son am bithinn ceart ann a bhi dha’r sgrios, agus sin gu brath, agus cha dean ni ach mo neo-chaochlaidheachd bhur cumail beo, am buinneadh dhuibh, uime sin, gearain ormsa? Nach buinneadh dhuibh, ni bu mhota, a bhi gabhail iongantais dhe’m fhad-fhoghaidean agus m’fhad-fhulungais ribh, agus dha’r taobh? Gu cinnteach ‘s e miorbhaile grais, maithes, agus foghaidean annam-sa, nach robh sibh bho chionn fada air bhur sgrios aon uair agus gu brath.
So tha mi gabhail mar fhiar bhrigh an fhocail, ni is suim maille ri bunait nan searmoin a bha mi ciallachadh a thoirt dhuibh bho’n earrann ghoirid so; ‘s e sin, Gur e Dia neo-chaochlaidheach a th’anns an Tighearna lehobhadh; na ge b’e cho coachlaidheach is a tha na creutairean, gidheadh nach eil Dia an Tighearn coachlaidheach. Ge b’e dh’ atharraicheas cha’n atharraich mise, an Tighearn, tha mi ghnath agus gu siorruidh an Ti ceudna. Nis gu’m bheil Dia neo-chaochlaidheach, cia anns am bheil E neo-chaochlaidheach, car son, na co bhuaith tha E neo-chaochlaidheach, mar an ceudna dearbhadh a neo-chaochlaidheachd bho gach uile cur an aghaidh a shaol eas a bhi luidh na aghaidh, le bhi deanamh feum dhe na h-uile, is e so na nithean sonraichte a thuiteas dhuinn beachdachadh orra, ann a bhi leantuinn na h-argamaid so; agus tha dochas agam, le comhradh Dhe, gu’m faigh sinn ni-eiginn do sholus, agus moran de chomhfurtachd agus beothachadh ‘n ar dol trompa.
(x R’a Leantuinn)