(Air a leantuinn bho t.d. 350)
Leis an Urr. Eideard Pearce.
Nis. anns a chomhairle, na t-òrdugh so, tha E neo-chaochlaidh-each, agus a’ nì ceudna gu bràth; a’ nì a tha a reir a thoile, tha e reir a thoile gu bràth, oir tha a thoile na aon ghniomh fior-ghlan gu’n atharrach-adh na sgàile tionndaidh; thà na Sgriobtur an làn dhe so. Faic Salm xxxiii. 11. “Seasaidh comhairle an Tighearna gu siorruidh, smuaintean a chrìdh o linn gu linn.” Mar sin tha Gnàth. xix. 21, “Is lionmhor na smuaintean ann cridhe duine: ach is t comhairle an Tighearna a sheasas.” Faodaidh daoine a bhì gu h-innleachdach a sabaid an aghaidh Dhé agus a chomhairle ach cha seas e, agus sin gu bràth; agus thà’n fhèirinn so agaibh air a chur an ceill le Dia Fein, thà e agaibh bho bheul Fein.” Seasaidh mo chomhairle, agus gach nì is àill leam nì mì.” Isaiah xlv. 10. Ni Dia tàire air comhairle dhaoinne sheasas na aghaidh agus an aghaidh a shluaigh, gu sònraichte ag ìnse dhoibh, Isaiah, viii. 10. Ach air son a chomhairle Fein, seasaidh sin; mar sin thà sinn a leughadh mu neo-chaochlaidheachd a chomhairle, “Uime sin air bhi do Dhia toileach air neo-chaochlaidheachd a chomhairle nochdadh na bu phailete do oighreachan a gheallaidh, dhaingnich e le mionnan e: chùm tre dha nì neo-chaochlaidheach, anns an robh e eu-comasach gu’n deanadh Dia breug, gu’m biodh againne comhfurtachd làidir, a theich chùm dìdein gu greim a dheanamh air an dòchas a chuireadh romhain. Nì a tha againn mar acair an anama, araon cìnteach agus daingean.” Eabh. vi. 17, 18. Gabh beachd, “neo-chaochlaidheachd a chomhairle, agus dà nì neo-chaochlaidh-eachd a chomhairle dà nì neo-chaochlaidh anns an robh e eucomasach gu’n deanadh Dia breug; ‘s e sin, a chomhairle agus a mhionnan, agus a chomhairle air a daingneachadh le a mhionnan; air a daingneachadh le a mhionnan; air a daingneachadh, ‘s e sin, dha ar creideamh; cha’n ann Ann Fein, oir tha chomhairle Ann Fein cho daingnichte as eugmhais, cho maith ri le a mhionnan, agus tha mhionnan air a chur ris. a mhàin a chùm gabhail rì ar n-anmhuineachdan, agus ann an isleachadh dha ar laigse; uime sin, thà e air a chur ris. “chùm gu’m biodh againn “comhfhurtachd làidir,” ‘s e sin, dha nochdadh do oighreachan a gheallaidh. Agus mar a thà chomhairlean anns a choit-chionas, mar sin thà chomhairlean sònraichte a thaobh cor siorruidh, neo-chaochlaidheach mar an ceudna: “Thà bunait Dhé” (a deir an t-Abstol) a “seasamh daingean, aig am bheil an seula so, Is aithne do an Tighearna an dream sin as leis.” II Tim. ii. 19. Fodh shamhla an dà chuid bunait agus seula, an so, (mar a tha duine foghlumaichte a gabhail beachd air an àite) tha e rì thuigsinn rùn Dhé ann an taghadh chùm na beatha mhaireanach, agus thà so a seasamh cìnteach, (tha’n t-Abstol ag ràdh) cha’n eil so ag atharrachadh na caochladh; agus a chùm na criche ceudna tha Calvin ag ràdh air an àite. Tha’n t-Abstol (tha e’g ràdh) dhà’r gairm gu amharc air ais air taghadh Dhé, a tha e’g ainmeachadh bunait, le so a nochdadh cho daingean agus cho neo-chaochlaidheach ‘s a thà e; mar sin mar an ceudna, ann an Rom. ix. 11 “Chùm gu’m biodh roghainn Dhé a reir an taghaidh seasmhach, cha n ann o oibre, ach o’n tì a gairmeas.” Bheir Dia air a run siorruidh a thaobh an taghaidh bhi seasamh, agus seasaidh e, gu bràth. Mar sin tha Dia neo-chaochlaidheach na chomhairl thà chomhairlean uile saor, glic, seasmhach, cumhachdach, agus uime s cha’n urrain iad atharrachadh. Agus so thà Calvin a gabhail mar chia sònraichte a chinn-theagaisg, ‘s e sin, neo-chaochlaidheachd Dhé ‘n a chomhairlean; oir tha e mar so a labhairt. “Tha Dia,” (tha e’g ràdh) a fantuinn daingean agus cìnteach ‘n a rùintean Fein, nì moth a tha E air a lùbadh na air atharrachadh, an rathad so na’n rathad ud eile, mar a tha daoine bitheanta a gabhail aithreachais, agus ag atharrachadh an comhairlean, do bhrigh gu’m bheil nithean a a tighinn na’n ìntinnean nach do smuaintich iad air roimhe; agus thà iad air son sin a bhi’g atharrachadh na nithean a rinn iad, agus iarruidh iad a mach ròidean gu bhi tarruig air ais an gniomharan fein. Agus ‘s e briathran a leugh mì ann an Austin, “Thà Dia,” (tha e’g ràdh) ag atharrachadh oibre, ach cha’n eil a chomhairlean. O thoireadh-mid urram agus deanadh-mid aoradh do Dhia air son a neo-chaochlaidheachd.”
4. Tha Dia neo-chaochlaidheach ‘n a rioghachd agus na riaghladh.
Thà aig Dia rioghachd agus uachdaranachd thairis air an t-saoghal uile, agus ‘s e’n rioghachd agus an uachdaranachd sin Aige a chòir agus an cumhachd iomlan leis am bheil E ann an seilbh air na uile mar a chuid Fein, agus mar an ceudna a dh’òrduicheas agus a riaghl as e iad mar is aill Leis, a riaghl as agus a rioghicheas E’n saoghal uile a reir comhairle a a thoile Fein, agus ann an iochdaranachd do chrioachaibh ro ghlic agus naomha Fein; uime sin thà e air a ràdh gu’m bheil E os ceann na’n uile, Rom. ix. 5. Agus os ceann na’n uile, Ephes. iv. 6, sin rà ràdh, ann an rioghachd, cumhachd, agus uacharanachd; thà còir Aige anns na h-uile, araon pearsachan agus nithean, stàidean agus rioghachdan. Is E’n Tì is Aird, a riaghladh ann an rioghachdan dhaoin, dha’n toirt dha’n a mhuinntir is àill Leis, Daniel iv. 32. Thà E’g oibreachadh, agus thà E’g òrduchadh na h-uile nì ann an rioghachd an Fhreasdail, cho math rì ann an rioghachd na’n gràs, agus a reir comhairle a thoile Fein, Ephes. I. 11. Thà E riaghladh agus na cheannard air na h-uile. “Agus thà a rioghachd a riaghladh os ceann na’n uile.” Salm ciii. 19. “Ge b’e nì bu toigh leis an Tighearna rinn e air neamh agus air talamh, anns na cuaintibh, agus anns na doimhneachdabh uile.” Salm Cxxxv. 6. Nis anns an rioghachd agus an uachdaranachd so Aige, thà E neo-chochlaidheach. Cha’n eil E gabhail a stigh, na stad, na fois. The E riaghladh le a chumhachd gu bràth. Rioghachd na’n àll. “Is rioghachd shiorruidh do rioghachd-sa; agus mairidh t-uachdaranachd air feadh nan uile ghinealach.” Salm cxlv. 13. “Agus bheannaich mì an Tì as àirde, agus chliuthaich mì, agus thug mì onair dhà-san a thà beo gu siorruidh aig am bheil uachdaranachd ‘n a h-uachdaranachd shiorruidh, agus a rioghachd o linn gu linn.” Daniel iv. 34. Ah fhearaibh, ge b’e air bith a smainticheas daoine, fathasdi tha’n Tighearn a riaghladh an t-saoghail agus thà uachdaranachd os ceann na’n uile. “Thà an Tighearna a rioghachadh” (a deir an Salmadair) Salm xciii. 1. Bhà E rioghachadh, thà E rioghachadh, agus rioghaichidh E gu bràth. Tha’n latha a teachd ‘n uair a bhitheas gach rioghachadh, ughdarras, agus cumhachd air a chur sios, agus sin gu bràth, eadhon uachdaranachd na’n aingeal fein, (mar a Calvin a toirt fa’n ear) gu’n a bhi’n taobh a mach dhe so. I. Cor. xv. 24. Ach thà Dia a rioghachadh gu saoghal na’n saoghal, agus cha’n eil croich air a rioghachd. Mar so thà E neo-chochlaidheach ‘n a rioghachd agus na riaghladh anns an t-saoghal, nì thà na mhisneachd mhòr do shluagh Dhé. Oh! luchd mo ghràidh, thà Dia a riaghladh an t-saoghail a nis mar anns an àm a chaidh seachad, seadh, thà E dhà riaghladh ann ar nàdur a nis mar anns an àm a chaidh seachad, Iob v. 27. Thà E riaghladh na’n uile leis an duine Criosd, aig am bheil cùram a thà gu nadurra tais, agus aig am bheil speis dà eaglais agus dà shluagh uile. Abradh-mid mar sin maille ris an t-Salm-adair, “Thà an Tighearn a righachadh: criothneachadh na slòigh.” Salm xcix. 1. Cha’n eil Dia, cha’n urrain Dia, bhi air a chur bhar a righ-chathair agus bho rioghachd.
(R’a leantuinn).
I urge upon you . . . a nearer communion with Christ and a growing communion. There are curtains to be drawn by in Christ that we never saw, and new foldings of love in Him. I despair that ever I shall win to the far end of that love, there are so many plies in it: therefore dig deep, and sweat, and labour, and take pains for Him, and set by so much time in the day for Him as you can: He will be won by labour.
Samuel Rutherford