Leis an Urr. Eldeard Pearce
- Tha Dia neo-chaochlaidheach ‘n a ghràs agus ‘n ghràdh dha shluagh. Tha gràdh aig Dia dhà shluagh le gràdh sònraichte agus ro ghnàthaichte, gràdh de leithid de ghné ‘s a thà ghràdh do Chriosd. Iob xvii. 23. Thà iad dàrleadh na’n gràdh sònraichte anama, mar a thà e agaobh ann an Ier. xii. 7. Agus anns a ghràdh so Aige dha’n taobh tha E neochochlaidheach, a nì ceudna a ghnàth, nì a dh’fhosglas mì suas ann am beagan ùine, agus a dhearbhas mì dhuibh ann an trì ròidean.
1. Thà Dia neo-chaochlaidheach ann ‘n a ghràdh Fein dhà shluagh, air dhà sin a bhi ghnàth a’ nì ceudna;
“Seadh le gràdh siorruidh ghràdhaich mì thù; uime sin tharruig mì thù le coimhneas gràdhach. Ier. xxxi. 3. Le gràdh a thà bho bhith-bhuant achd gu bith-bhuantachd, gu’n atharrachadh gu’n chrìch; thà gràdh Dhé Dhà shluagh cho seasmhach agus cho daingean agus nach eil nì ann am bith comasach air a dhùbhadh a mach na atharrachadh; cha’n eil nì ai bith comasach air an tilgeadh a mach as a chridhe; na’n deanadh ní air bith e b’e am peacaidhean fein na aghaidh, agus am brisidhean bh’uaithé, ach cha’n urrain iad so a dheanamh, oir dh’innis E dhuinn ann an Salm lxxxix. 30, 31, 32, 33. Ma pheacaiceas cronaichidh mì iad air son am peacaidhean, ach chà tòir mì mo choimhneas ghràidh bh’uapa, na mar a thà cuid dhà eadar-theangachadh, cha dean mì urrad agus gu’m bac mì mo ghràdh bh’uapa; mar gu’n abradh E, ged a thà iad a peacachadh, gidheadh thà gràdh agam dhoibh fathasd: cha’n eil Dia a gràdhachadh peacaidhean a shluagh, cha’n eil, thà fuath Aige dhoibh, ach thà E’g gràdhachadh am pearsachan, a dh’aideoin am peacaidhean; ach ciod e ma thà àmhghairean agus buairidhean air an cur ri’m peacaidhean, agus ma thà iad le cheile ag eirigh gu h-àrd, am bris so a ghràdh bh’uaitha? Cha bhris, faic buaidh-chaithream an Abstoil air a chùis so. “Co sgaras sinn o ghràdh Chriosd? an dean trioblaid, no àmhghair, no geurleanmhuinn, no gorta, no lomnochduidh, no cunnart, no claidheamh? (a reir mar a tha e sgriobhta. Air do shon-sa mharbhadh sinn re an latha; mheasadh sinn mar chaoraich chùm marbhaidh) Cha’n eadh, ach anns na nithean sin uile thà sinn a toirt tuilleadh agus buaidh tríd-san a ghràdhaich sinn. Oir thà dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, na beatha, na aingeal, na uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a thà làthair, no nithean a thà ri teachd, no àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhé a thà ann an Iosa Criosd ar Tighearna. “rom. viii. 35-39. Ann an so tha sibh a faicinn àmhghairean agus buairidhean air an cur r’a m peacaidhean, seadh, ann an so thà àirde agus doimhneachdan na nithean so, ach cha’n urrain iad uile bhi dealachadh sluagh Dhé bho a ghràdh, na’n tilgeadh a mach as a chridhe. Thà aon is cuimhne leam a toirt suim na’n uile anns an fhoical ghoird so, “Ghràdhaich Dia bho shiorruidheachd, agus gràdhaichidh E tre’m t-siorruidheachd.” ‘S e’n fhirinn a th’ann, na’m b’ urrain aon chuid peacaidhean na fulungasan ar tilgeadh a mach a cridhe Dhé agus ar dealachadh bho a ghràdh, co a’ measg na naomh dha’m b’urrain dòchas a bhi aige buannachadh na ghràdh, agus air a chridhe? A bhàr air sin, anns an àite a dh’ainmicheadh bho chionn ghoird, Isiah liv. 9 thà Diaf ag ràdh gu sònraichte ged a bhiadh na beanntan air an atharrachadh, gidheadh nach bi a choibhneas Dhà shluagh air atharrachadh; ni-h-eadh, thà sin a mairsinn cinn teach agus daingean gu bràth. Is fior e, faodaidh Dia àmhghairean a chur air a shluagh, agus sin air iomadh dòigh, agus gu math goirt; faodaidh E labhairt na’n aghaidh, mar ann an aghaidh Ephraim, Ier. xxxi. 20; sgriobhadh na’n aghaidh nithean cruaidh mar ann an aghaidh Iob, Iob. xiii. 26. Faodaidh e sabaid na’n aghaidh mar ann an aghaidh muintir ann an Isiah lxiii. 10. Faodaidh E bhi folach a ghnùis, agus a leigeadh a stigh uamhasan, mar a rinn E air agus ann an Heman, Salm lxxxviii., ach gidheadh thà E fathasd dhà’n gràdhachadh, agus thà iad fathasd gràdhaichte Leis.
2. Tha Dia neo-chaochlaidheach ann an uile thoraidean agus buaidhean sònraichte agus slàinteil a ghràidh dà shluagh.
“Oir thà tiomhlacan agus gairm Dhé gu’n aithreachas.” Rom. xi. 29. ‘S e sin, tiomhlacan a ghairm eufacaich, na a thiomhlacan slàinteil, mar a thà ghairm eufacachd, agus a leithidean sin, chà bhì E gabhail aithreachais, nà dhà’n gairm air ais, na cur na’n aghaidh; mar nach eil a mhuinntir a thuair na tiomhlacan sin a faicinn aobhar air son aithreachais ach a bhì deanamh aoibhnis annta gu bràth; oir Dia a thà dha’n toirt seachad, cha’n fhaic E aobhar air son aithreachais gu’n tug E seachad dhoibh iad. Thà Dia a toirt Chriosd, thà E toirt gràs, thà E toirt sìth, thà E toirt maithneas, thà E toirt fireantachd, thà E toirt slàinte, thà E toirt beatha mhaireanach dhà shluagh, agus uile gu leir do-bhrìgh a ghràidh dhoibh; agus chà toir E air ais, nà chà tilg E bun os ceann, toraidhean agus buadhan sin a ghràidh. Thà agaibh earrann shlàn eile air a so, “Thà gach uile dheagh thabhartas, agus gach thiohlac iomlan o’n àirde, a teachd a nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, na sgàile tionndaidh.” Seumas i. 17. Gabh beachd an deigh labhairt air tiomhlacan iomlan Dhé, thà E anns a bhad a cur so ris, “Maille ris nach eil atharrachadh;” mar gu’n abradh E, mar a thà gach uile tiomhlac maith agus slàinteil a tighinn bho Dhia, mar sin thà E neo-chaochlaidheach anns na h-uile. Gu dearbh thà tiomhlacan coitchionn ann, agus tiomhlacan bho’n leth a muigh, anns am bheil Dia, a cur a mach a ghràdh cumanta agus fialaidheachd a toirt do dhaoin, agus iad so thà E iomadh uair a toirt air ais, air dhoibh a mì-bhuileachadh. Mar sin bha’n tàlant air a thoirt bho’n t-seirbhiseach leisg. Mata xxv. 28, agus thà fios agaibh ciod a thà Chriosd a labhairt air ball an deigh sin ann an rànn 29, “Oir ge b’e neach aig am bheil bheirear, agus bidh aige gu pailte: ach uaith-san aig nach eil, bheirear eadhon a nì sin a thà aige.” Gabhaibh beachd, thà mì guidhe oirbh, dhàsan aig am bheil bheirear dhà; ‘s e sin, ge b’edha’n tug Dia tiomhlacan agus tàlantan, agus a chuireas gu buile iad air son Dhé agus a shlàinte fein, bithidh an tuilleadh thiomhlacan agus thàlantan air a thoirt dhà; bithidh meudachadh saoibhir aige anns na nithean sin. “buinibh uaithe, uime sin, an tàlann, agus thugaibh dhàsan e, aig am bheil na deich tàlann.” Ann an so shaoladh neach gu’m bheil nithean an aghaidh a cheile; “Esan aig nach eil,” agus “gidheadh, a nì a th’aig;” gu h-aithghearr ‘s e so ciall a nì, ‘n uair a bheir Dia seachad a leithidean sin de thiomhlacan agus do tàlantann do neach gu bhì air a chur gu buil a chùm a ghloir, agus nach cuir e gu buil iad a chùm sin, chà chuir e gu feum ceart iad, a ni a bhuilich Dia air bithidh e air a thoirt bh’uaith. Ach thà e air e adar-dhealachadh dòigh a thaobh toraidhean agus tiodhlacan sláinteil grádh sonraichte Dhé. Chà toir Dia air ais iad so. Nì a thà na bheachd-smuainteachadh milis, Anam! Nà bhuilich Dia cuid de thiodhlacan sláinteil ortsa? An sin is leatsa iad gu bràth. An tug E dhuit a Chriosd? Cha ghabh E aithreachas dhe sin, chà toir E air ais E gu bràth. Ach is leatsa Iosa milis gu bràth. An tug E dhuit a Spiorad? Cha ghabh E aithreachas, mì moth bheir E air an tiodhlacan beannaichte so bh’uat. An spiorad naomh, maith, agus glòrmhor, is leatsa gu bràth. An tug E dhuit beatha nuadh agus spioradail? An tug E dhuit gràs, maitheanas, agus fireantachd, agus an leithidean sin? Chà ghabh E aithreachas dhà thaobh. Is leatsa iad uile agus gu bràth. O cia milis a thà so a bhi beachd-smuainteachadh air! Faodaidh tù suidh sios agus a ràdh, Is leam-sa Criosd, is leam an Comhfhurtair, is leamsa beatha, sìthm maitheanas, fireantachd, agus sláinte, agus sin gu bràth.
(R’a leantuinn)