Leis an Urr. Eideard Pearce
(Air a leanntuinn bho t.d. 50)
Agus a pheacaich, ge b’e co thu, ge b’e cho aotrom ‘s a mheasas tù nis fearg Dhé, gidheadh, biodh fios agad gu’m bheil am a teachd ‘n uair a dh’fheumas thusa agus na peacaich is dalma anns an t-saoghail crithneacadh roimhpe. Faic an aon earrann sin ann an Isaiah xxxiii.14. ‘Tha na peacaich ann an Sion fo eagal; glac uamhann na cealgairean; co ‘n measg a ghabhas comhnuidh maille ri teine mìllteach? co ‘n ar measg a ghabhas còmhnuidh maille ri lasraichibh siortuidh?” C’ar son, ciod a tha cearr? Gu deimhinn, cha’n eil ach sealladh agus mothuchadh air fearg Dhé agus dioghaltas a tighinn orra. An uibhir sin tha na briathra a leanas a nochdadh, “Co ‘n ar measg a chomhnaiceas maille ri teine millteach etc. Chunnaic iad fearg Dhé a bhi mar theine mìllteach, chunnaic iad uamhas ann an sgàthan neo-chaochlaidheachd Dhé agus uime sin tha iad dha ghairm “lasraichean siorruidh,” agus lion so iad le uamhas agus crith. Gabh earrann eile. Tais. vi. 15, 16, 17, Ann an rann 16, 17, tha sinn a faotainn cuid a’ glaodhaich ris na beanntaibh “tuitibh oirne,” oir thà iad ag ràdh thainig latha mòr fheirg. Seadh ach co iad so a tha glaodhaich a mach? ‘S cinnteach cha’n eil annta ach badan de chreutairean aig am bheil spiorad iorasal, am bheil thù smuainteachadh, cha’n eil annta ach daoine gealtach aig nach robh riamh spiorad na misneach dhaoinne. Ni h-eadh anam, cha’n e leithid sin a chreutairean a thà ann, is iad “righrean na talmhuinn,” gach uile sheorsa dhaoinne, daoine a thà anns na h-h-àitean is àirde, na suidhichidhean is àirde, is àirde misneach agus treubhantas, cho maith ri muintir eile, thà iad so uile air a ràdh a bhi comhnuidh ann an sluichd agus ann an creagan na’m beanntan, agus iad ag ràdh, “Tuitibh oirne,” ach ca’r son? Ca’r son? Gu ar folach bho fhearg Dhé. C’ar son, ciod a tha cearr? Am bheil eagal oirbh roimh fhearg Dhé. Bha am ann ‘n uair a mheas sibh aotrom agus a chuir sibh an suarachas e, mar nì gu’n seadh, agus am bheil a leithid de dh’ eagal oirbh roimh fhearg Dhé a nis. agus de chrith roimh a nis, agus gu’m bheil sibh a glaodhaich ruine a nis, a chreagan agus a bheanntan tuitibh oirne, gu ar folach bh’ uaith? Oh seadh a chreagan maith, agus a bheanntan maith, tuitibh oirne, luidhidh sibh aotrom agus soirbh oirne, ann an coimeas ris ciod a nì fearg Dhé. Cia mar sin? C’ar son a smuainticheadh sìbh so? Bha smuaintean eile agaibh air fearg Dhé beagan tim air ais. C’ar son a bhitheadh a leithid de dh’ eagal agus de chrith oirbh roimpe a nis? Oh! a chionn gu’m bheil làtha mòr fheirg air teachd agus cha seas aon roimhe, a deir iad. Dh’amhairc sìnn air an fheirg so, bho cheann greis, mar nì a bha fada bho laimh, an sin bha e coltach ri nì aotrom, ach a nis tha’n làtha, seadh làtha mòr fheirg air teasd, agus cha’n eil seasamh dhuinn: am feadh a dh’amhairc sìnn air fada bho laimh, b’ urrain sìnn seasamh fodh chomhair, agus mheasadh-mid aotrom i; seadh, ann an laithibh nach romhchorruch ach gu beag, ghiullain sinn suas gu maith i; ach a nis tha chorruich air tighinn dlùth dhuinn, seadh, thà lânachd agus goirgead fheirg a briseadh a mach na’r’n aghaidh, agus thà sìnn a faicinn na feirge so a bhi nì’s uamhasaich agus nì’s cumhachdaich, agus nach urrain sìnn seasamh suas aon chuid foidhpe na na h-aghaidh. An abair sìbh mar so, freagraidh na creagan agus na beanntan; an sin cha’n eil ioghnadh ged a bhiadh sìbh a glaodhaich ruinne bhur folach bh’uaith, ach gu cinnteach ‘s e so barrachd ‘s as urrainn dhuinn a dheanamh air bhur son, feumaidh sibh a nis a bhí giulain agus a gleachd ris an fheirg so gu bràth, cho fad ‘s tha faochadh is urrain sinn a thoirt dhuibh anns a chùis air a ghabhail a stigh. Oh pheacaich! ‘n uair a làtha mòr fearg Dhé, an sin, mar a bi roimh sin, criothnaichidh tusa ris. Gu dearbh, na’m faiceadh tò e, agus gu’n criothnaech adh tò ris dh’fhaodadh tò glaodhaich rì Carruig a b’ urrain agus a dheanadh t-fholach bh’uaithne, na’m be agus gu’m faigheadh tò stigh innte. Tha mì ciallachadh Criosd, Carruig na’n Al, air Dhà bhi air a dhlùth-ghabhail tre chreidimh, agus t-anam a bhì air aonadh Ris, dh’fhalaicheadh agus dheanadh E tearuinte thò an aghaidh fearg Dhé gu bràth: ach ma theid thò air adhart a deanamh faonais dhe’n fheirg so agus dha bhrosnachadh gach latha na t-aghaidh le peacadh, theid thò fodha mu dheireadh fodh a cudthrom agus a h-ealach gu siorruidh.
- Ann an sgàthan neo-chaochlaidheachd Dhé chì sinn fior aobhar air son nach eil a chuid is fearr againn air ar caitheamh as, agus mar sin thugadh-mid a ghloir sin Dhà-san da’m bheil i dligheach. A luchd mo ghràidh, ca’r son nach eil sibhse agus mise agus cuid eile air an caitheamh as? Is fior, thà sinn a coinneachadh ri àmhghairean agus air ar cleachdadh le duilgheadasan an tràth so ‘s a rithisd, ach car son nach eil sinn gu tur air ar caitheamh as agus air ar milleadh? Gu deimhinn cha’n ann a chionn gu’m bheil sinn comasach air sinn fein a thearnadh, nì mothais ann a chionn gu’n do thoill sinn gu’n deanadh Dia ar tearnadh, ach is ann gu h-uile agus gu h-iomlan do-bhrìgh gu’m bheil Dia neo-chaochlaidheach. So ‘n cùntas a tha’n ceann-teagaig fein a toirt air; “Oir is mise Iehobhah, cha chaochail mì; air an aobhar sin cha’n eil sibhse O chlann Iacob air ‘ur sgrios.” Tha ar n-uile thearuinteachd a laidh air; “Is mise Iehobhah. Thà ar n-uile thearuinteachd a laidh ann an neo-chaochliadheachd Dhé. Cha’n eil sinn air ‘ur sgrios, a chionn nach eil Esan a caochladh. Feuch thugabh cead dhomh a bhi saor ribh agus rium fein. C’ar son nach eil sinn air ‘ur sgrios le sgrios do-labhairt? Thà mòran againn gu goirt air ar briseadh. Thà e fior, thà sinn air ar briseadh na’r seilbh, na ar slàinte, na ar comhfhurtachdan, na ar dàimhean, ach c’ar son nach eil sinn gu tur air ar caitheamh as? C’ar son a thà sinn beo? C’ar son a tha aon chomhfhurtachd timchioll oirne? Seadh tuilleadh, c’ar son nach eil sinn air sgrios le sgrios siorruidh? C’ar son nach eil a chuid is fearr againn uile ann an ifrinn? C’ar son nach eil sinn ann an siorruidheachd do dhoilidheas agus do thruaigh? C’ar son nach eil sinn a’ nis a glaodhaich agus a bùireach fodh fhearg Dhé? C’ar son nach eil ‘n ar compaonach do dhiabhuil agus do spioradan damanaichte ann an losgadh siorruidh? N’ ann a chionn gu’m bheil ar peacaidean aineamh agus beag agus nach do thoill iad e? Cha’n ann gu cinn teach. C’ar, uime sin, a tha e? Do bhriogh gu’m bheil ar Dia neo-chaochlaidheach, neo-chaochlaidheach ann ‘n a bhith, a chòmhairle, a cho-cheangal, agus ‘n a ghràdh. Oh! luchd mo ghràidh ma bheacaicheas sìnn gu sòlaimichte air ciod e sìnn, agus cia mar a ghiulain sìnn sìnn fein, c’ait an robh ar peacaidhean agus ar brosnuchaidhean agus cho àrd ‘s a bha iad ag eirigh an aghaidh an Dé bheannaichte, agus a leithidean sin, faodaidh sìnn dà-rìreadh ioghnadh a bhi oirne gu’m bheil s’inn a mach a ifrinn, gu’m bheil bith againn an àit air bith an taobh so do shlochd ifrinn; na gu’n urrain sìnn aobhar eile a thoirt ach neo-chaochlaidheachd Dhé. Leigibh dhomh, uime sin, ìmpidh a chur oirbh a bhi toirt fodh’n ear beagan a chùm agus gu’n toir sibh a ghhlòir far am bheil i dlìgheach.
(R’a leanntuinn)