Leis an Urr. Eideard Pearce
(Air a leanntuinn bho t.d. 117)
5. Thugaibh fodh’n ear, cia mòr a tha Dia a fuathachadh a pheacaidh;
tha’m peacadh gu neo-chriochnach salach agus gràineil Dhà, “Tha do shùilean na’s gloine na gu’n seall thù air olc, agus cha’n fhaod thù amharc air aingidheachd.” Hab.i.13, agus tha Erithisd agus a rithisd anns na Sgriobtur an air a chur fodh’r comhair mar Dia a tha fuathachadh a pheacaidh. Tha’m peacadh dà-rìreadh gu neo-chriochnach salach na shealladh. Nis, smuainticheah-mid air na nitheamh sin, agus cuireadh-mid ri cheil iad, agus an sin chì sinn nach urrain nì air bith eil ar cumail bho sgrios, ach neo-chaochlaidheachd Dhé, dha buin dhuinn, uime sin, a bhi toirt na glòir. ‘S e gràs agus gràdh Dhé a’ bheir sinn an toiseach a chùm suidheachadh beatha agus slàinte, agus ‘s e neo-chaochlaidhd Dhé a tha dha’r cumail ann an sin. Gu fhrinneach, ‘n uair a smuainticheas cuid againn oirne fein, agus a bheir sinn fodh’n ear ciod a thà sinn, agus a tha sinn ‘n ar spioradan agus ‘n ar giulain a thaobh Dhé, cia cho mòr, ‘s a bhrosnuich sinn, cia cho bitheanta ‘s a thoill sinn a bhi air ar caitheamh as, agus cho beag ‘s thà sinn a deanamh dhe ar ‘n anamaibh, ar beatha, agus ar ‘n uile, chì sinn aobhar neo-chriochnach ioghnadh a bhì oirne gu’m bheil sinn beo, agus nach eil lasraichean fearg Dhé bho chionn fada air am beothachadh oirne, agus dioghaltas ceartas Dhé a briseadh a mach ‘n ar ‘n aghaidh, agus beannaichte gu’n robh Dia nach eil sinn ann an ifrinn. Oh! gu’m biodh a leithid de chreutair uaibhreach, rag-mhuinealach, mar a thà sinn ann fathasd beo! gu’m biodh pearsachan aig am bheil brosnachaidhean cho lionmhor agus àrd an aghaidh Dhé ‘s tha agadsa a leughadair agus mise ciontach dhiubh, fathasd a mach a ifrinn. Tha so a mhàin bho neo-chaochlaidheachd Dhé. Agus m’aon ghràdhach, cha’n urrain sinn gu ceart a toirt na nithean sin fodh’n ear mar a faic sinn agus an aidich sinn e bhì mar sin. Oh! beannaichte gu robh Dia air son a neo-chaochlaidheachd! Mar a biodh Dia neo-chaochlaidheach, c’ait an robh mise a nis? Bhà mì air mo dhùnadh suas anns an t-slochd ifrinneil. Bhà mì nis ann am chompanach dhiabhuil agus spioradan dhamanaichte. Bha mi nis air mo dhealachadh bho Dhia gu bràth; agus cia cho truagh ‘s a bhithinn? Oh! m’anam, mol an Aon neo-chaochlaidheach agus beannaich E air son a chomhairle neo-chaochlaidheach, a chùmnanta neo-atharraichte, agus a ghràdh neo-chaochlaidheach.
Caib. vii.
Cuid a dh’aobharan air son ioraslachadh bho bhi toirt fodh’n ear neo-chaochlaidheachd Dhé, mar a thà ar mì-choltas Ris ann, bhur cur as a leith gu’m bheil E’g atharrachadh, ar cion a bhi beo cho beag air a neo-chaochlaidheach.
Mar a tha neo-chaochlaidheachd Dhé gu mòr a teagasg agus ag oideachadh, mar sin mar an ceudna thà e ‘g ioraslachadh, ma thà e air a thomhas agus air a chur gu buil cheart leinne; thà nithean àraidh a bhuineadh dhuin a thoirt fodh’n ear, a glaothaich gu labhar oirne a bhi air ar ‘n ioraslachadh air an son, agus oh, gu’n gabhadh-mid gu cridhe iad!
- Am bheil Dia neo-chaochlaidheach? An sin cia mar a bu chòr dhuinn a bhi air ar ‘n ioraslachadh air son ar caochlaidheachd mhòr, agus mar sin ar mi-choltas ri Dia, am priomh mhaith? Mar is caochlaidheach anns an nì thà maith, is ann is mi-choltaich thà sinn ri Dia, agus mar is mi-choltaich ri Dia a thà sinn is ann is mothá tha aobhar ar ‘n ioraslachaidh. Oh! cia mar a bhuinneadh dhuinn a bhi gabhail gràin dhìnn fein agus a bhi air ar ‘n ioraslachadh aig cosaibh Dhé le mothachadh air ar tinneas agus ar caochladh? Mo thruagh! cia cho caochlaidheach ‘s a thà sinn anns na h-uile nì tha maith? Cia cho caochlaidheach ‘s a tha mòran againn ‘n a ar breithneachadh agus ‘n a ar beachdan air dhuinn a bhi mar naoidheanan air an tonn-luasgadh, air ar giulain mu’n cuairt leis gach uile ghaoidh teagaig, mar a tha agaibh ann an Ephes. iv. 14, ullamh gu bhi gu h-aithghearr air ar tionndadh bho chreidimh an t-soisgeul, mar a bha na Galatianaich, a chuir ioghnadh air Pol, Gal.i.6. Cia cho caochlaidheach ‘s a thà sinn ‘n ar ‘n aignidhean a thaobh Dhé, agus nithean Dhé? An sin tha’n cridhe a lasadh le gràdh do Dhia agus do Chriosd, an sin thà e marbh agus fuar. Nis thà sinn lân de fhadachd naomh agus miannabh an deigh Dhé agus Chriosd, gràs agus glòir, faodaich sinn a ràdh leis an Eaglais bho shean, “Tha miann ar ‘n anama air t-ainm, agus air do chuimhne.” Isaiah xxvi. 8. seadh “Mar a thogras am fiadh a chùm nan sruth uisge, mar sin thà m’anan a’ togairt a t’ ionnsuidh-sa a Dhé.” Salm xlii, 1. A rithisd cha’n eil aon analachadh naomh ri bhi air fhaotainn maille ruinn. Ni-h-eadh thà sinn air deanamh suas de shaoghaltachd, peacach, mianan salach, thà sinn a plogart-aich as deigh duslach na talmhuinn mar a thà iadsan a thà air an ainmeachadh ann an Amos ii, 7, thà sinn tartmhor as deigh a chreutair agus cha dean ach sin ar sàsuachadh. Nis thà sinn a gabhail tlachd ann an Dia agus ‘n a shlighibh; thà sinn a deanabh oibhneas ann an Dia, agus thà ar ‘n anam oibhneach ann ar Dia, mar a bha e thaobh na h-Eaglais ann an Isaiah li. 10, agus shlighibh milis agus taitneach dhuinn, ‘s e a lagh ar tlachd; aon chuid anns an aon na anns an aon eile; ach thà sinn a tarruig cho trom, a h-uile dleasdanas na ealach dhuinn, agus ar dearbh smuaintean air Dia na thrioblaid.
(R’a leanntuinn)