Leis an Urr. Eideard Pearce
(Air a leanntuinn bho t.d. 214)
- Am bheil Dia neo-chaochlaidheach? An sin cia mar a bu chòr dhuinn a bhi air ar n-ìoraslachadh gu’m bheil sinn beò cho mòr air a’ chreutair, a dh’atharraicheas agus cho beag air Dia; agus cho beag air Dia nach atharraich? Ma smuainicheas sinn gu sòlamaichte oirne Fèin, gheibh sinn (co dhiubh mòran againn) gu bheil sinn beò ni’s motha air sluic eu-dionach, na tha sinn air Dia; ni’s motha air a’ chreutair na tha sinn air tobar uisgeachan beò, air a’ chuid is lugha, a’ chuid is fearr agus is naoimh dhinn gu’m bheil sinn beò ni’s motha air a’ chreutair, agus ni’s lugha air Dia; gabh beachd air an dian-thogradh, a’neart, a’ phlosgartaich, a tha ‘n ar miannaibh an deigh a’ chreutair na an deigh Dhé agus co-chomunn Ris: Mo thruaigh! cho togarach iomadh uair ‘s a bhitheas sinn a’ dol an deigh, agus cia neartmhor a leanas sinn an deigh a’ chreutair, ‘n uair a bhitheas sinn toileach gu leoir deanamh as eugmhais Dhé agus co-chomunn Ris? Gabh beachd cho tric ‘s a tha ar smuaintean agus ar beachdachadh mu thimchioll a’ chreutair, ni’s motha na mu Dia, Mo thruaigh! tha sinn a smuainteachadh air nithean talamhaidh mar a rinn iadsan air am bheileas a labhairt ann am Phil. iii. 19, ach cia cho
aineamh ‘s a smuainticheas sinn air Dia agus a bheachd-smuainticheas sinn Air? Nis, tha an nì sin is motha a tha ‘n ar smuaintean, air am bheil sinn ni’s motha beò, a’ toirt fianuis air tlachd agus socrachadh anns a’ chreutair ni’s motha na ann an Dia. Oh! ‘s e ‘n t-urachadh beòthail, an tlachd a tha againn iomadh uair anns a’ chreutair? agus cuin na cia cho beag ‘s a tha sinn a gabhail tlachd ann an Dia? Nis an nì sin a tha sinn a gabhail tlachd ann ‘s e sin a tha sinn a gràdhachadh ‘s e sin an nì a tha sinn beò ni’s motha dha. Gabh beachd air ar bròin neo-chomhfhurtachaidh agus an searbhadas spioraid a tha sinn gu tric a nochdadh air son call na tarruing air ais a’ chreutair ni’s motha na tarruing air ais Dhé, agus a làthaireachd bhuainn. Biodh so mar leithid sin de chomhfhurtachd a’ chreutair air an tarruing bhuainn agus cia mar sin e anns an abhaist, agus ciod e ‘n searbhadas anam leis am bheil sinn air ar lionadh; an sin maille ri Hagar togaidh sinn suas ar guth agus guilidh sinn, Gen. xxi. 16. Cia mar a bha Iònach, an duine maith sin, ‘n uair a shearg an luidh-sgàile, Iònach iv, 7-8-9, ach cia cho ainneamh ‘s a nì sinn bròn, ‘s a ghuileas sinn, ‘s a bhitheas sinn duilich as eugmhais co-chomunn ri Dia? Seadh cia cho caoin-shuarach, air son a chuid is motha, tha sinn am bheil na nach eil co-chomunn againn ri Dia. Agus ciod a tha so a nochdadh ach gu’m bheil sinn tuilleadh ‘s a chòir a’ beachdachadh air an t-saoghal agus tuilleadh is beag air Dia? Mar sin, ma bheir sinn gu sòlaimte fodha ‘n ear sinn Fèin, gheibh sinn, leis a so, agus leis a leithidean sin, gu’m bheil sinn beò ni’s motha air na creutairean na tha sinn air Dia; agus Oh! cia an ìoraslachd a bu chòir so a thoirt oirnne! Na creutairean, tha iad diamhain, a seargadh, na’n nithean caochlaidheach annta Fèin, ach ‘s e th’ ann an Dia ach Bith a tha siorruidh neo-chaochlaidheach agus maith; tha E an nì ceudna neo-chaochlaidheach, ‘na Thobar nan uile mhaith de mhìlseachd, de bheannachd, de thlachd. Nis a bhi beò air na creutairean caochlaidheach so, agus cha’n ann air an Dia neo-chaochlaidheach so, is e olc mòr a tha ann, agus tha e gairm air son cràdh mòr agus ìoraslachd air ar taobh-ne. ‘S e briathran mòr a leugh mi ann an Austin anns am bheil e deanamh bròin thairis air an dearbh pheacadh so. ‘S e ‘n Ti a rinn mi, Dia (tha e’g ràdh) agus ‘s e ar maith E, ach ann an so pheacaich mi, cha’n ann ann-san ach na creutairean. Dh’iarr mi Fèin agus thog mi mi Fèin ri sòlasan a’ chreutair, agus cha’n ann an Dia, agus ciod e ‘n sin? agus mar sin (tha e’g ràdh) ruith mi mi Fèin do iomadh trioblaid, mearachd, agus eu-chomhairle ‘na m’ anam. Agus nach fhaod mòran againn an dearbh ghearain a dheanamh? Tha Esan a rinn sinn maith agus ‘s e ar maith E, ach ann an so pheacaich sinn, agus tha sinn a’ peacachadh, a chùm gu’m bu mhiann leinn a bhi beò air a’ chreutair, agus cha’n ann
Air-san agus mar sin dha’r ruith Fèin air iomadh trioblaid, mearachd, agus eu-chomhairle anama. Tha sinn beò air creutairean caochlaidheach ni’s motha na air an Dia neo-chaochlaidheach; agus leis a so tha Dia a’ faotainn eas-urram, tha a Spiorad air a mhùchadh, tha ar n-anamaibh air an cur bho bhi a’ sealbhachadh Maith, seadh am maith is fearr, maith gràis, agus foillseachaidhean diadhaidh a thoirt seachad; Leis a so tha sinn ag itheadh plùisg ‘n uair a dh’fhaodadh aran a bhi againn, agus tha sinn ag òl nì gun bhrìgh ‘na dh’fhaodadh-mid fion òl ann an tigh ar’n Athar. Leis a so tha sinn air fosgladh do bhròintean, do ribidhean, agus do bhàs, seadh, le so tha sinn ann an cunnart bho bhi air ar dùnadh a mach bho Dhia gu bràth. Oh! luchd mo ghràidh, biodh dearbh-shoillaireachd againn air an olc so, agus deanadh-mid bròn thairis air. Air mo shon Fèin dheth, ‘n uair a smuainticheas mi orm Fèin, gheibh mi aobhar eagail gu’n robh mi beò fad mo làithean uile, air creutairean caochlaidheach, agus gu’n robh mi ciontach gu mòr a bhi deanamh dìmeas air an Dia neo-chaochlaidheach; agus creideamh e, ‘s e nì doirbh a th’ann tighinn bho’n aon, agus a bhi beò cho làn air an aon eile, ‘s a bu chòir dhuinn. Gu’n deanadh an Tighearna ar n-ìoraslachadh air son na nithean so.
(Air a leanntuinn)