Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1979 » February 1979 » An Treas Rann

An Treas Rann

Ged a dh’ fheudas na chaidh a labhairt a bhi chum feum choitchinn pheacach de gach gnè, co ac a ghaireadh iad fathast le Dia no tha iad ‘nan coigrich dha, gidheadh cha bhuanaich sinn ann an deanamh comhchuir choitchinn sam bith dheth, do bhrigh gu bheil e air a rùnachadh a mhain air son aoin chrìch àraidh. Is e a tha ‘nar n-aire, a bhi ‘nochdadh ciod iad na ceud smuaintean a bhitheas ag éirigh ann an cridhe a’ pheacaich bhochd a tha fo iomaguin anama do bhrigh a chionta, ‘nuair a tha e an toiseach ag oidhirpeachadh saorsa ‘fhaotainn ann a bhi ‘pilleadh a dh’ ionnsuidh Dhé. Tha an lagh air ball a’ cur a stigh a thagraidh na aghaidh; — tha Dia air a thaisbeanadh dha mar ann am feirg, agus ‘an corruich, agus air a bhrosnachadh; agus tha uamhas an Tighearna, ann an tomhas mór no beag, ‘ga chuaireachadh air gach taobh. Tha so ‘ga lionadh le h-eagal, agus nàire, agus rughadh gruaidh; ionnus nach ‘e’ fhios aige ciod a ni e. Ciod, ma seadh, a tha am peacach a’ deanamh ciod iad a smuaintean anns an t-suidheachadh so? Am bheil e ‘saolisin. teicheadh o Dhia, agus gach uile oidhirp an deigh saorsa a thoirt thairis? Am bheil e ‘g ràdh, “Tha an Dia so na Dhia naomh agus uamhasach; cha-n ‘eil e ‘nam chomas seirbhis a dheanamh dha; is dlomhain dhomh-sa ‘bhi ‘sealltuinn air son ni sam bith uaith ach feirg agus léir-sgrios: agus uime sin is co maith dhomh suidh sios as a bhi ‘leantuinn air m’ aghaidh ‘an dòchas faotainn am fagus dha?” Cha-n fheudar ‘aicheadh nach bi an samhuiil so de smuaintibh a’ faotainn cleachdadh anns a’ chor so tre’n mhi-chreidimh, agus air uairibh nach bi an t-anam air a chur fo mhòr imcheist leò: ach cha-n ‘eil cleachdadh àraidh so an anama a’ crìochnachadh anns na smuaintibh so; tha toradh eile aige: tha e ‘gairm a’ pheacaich a dh’ ionnsuidh ceud oibreachaidh àraidh an anama ghràsmhoir ‘nuair a tha e ‘g éirigh nios as a dhoimhneachdaibh. Is e sin, mar a chuireadh an céill, mothachadh agus aideachadh treibhdhireach air a’ pheacadh, maille ri féin-diteadh ann a bhi ffreanachadh Dhé; is e so an ceud ni gus am bheil an t-anam sin air a thoirt a tha ‘g oidhirpeachadh éirigh nios as a dhoimhneachdaibh. Bha rùn coitchionn an anama, a bhi ‘deanamh gnòthuich choimhlionta de’n obair a tha measg a làmhan, air ‘fhosgladh suas a cheana. Is e an t-ath ni chum am bheil sinn air ar treòrachadh anns na briathraibh so, a’ bhuaidh a tha aige air an anam a bhi ‘beachdachadh air Dia a’ comharachadh aingidheachd, eadhon sin a rinn sinn a nis ‘ainmeachadh. Is e so am feum mòr agus àraidh a tha an creidimh a’ deanamh de’n lagh; air an leudaich sinn anns an teagasg a leanas.

Chuir sinn an céill a cheana suidheachadh coitchionn an anama sin a tha air a cur thuige tre ghràs, agus a tha ‘cur roimhe ann an neart gràis a bhi ‘g oidhirpeachadh éirigh nios as na doimhneachdaibh anns am bheil e air tuiteam tre’n pheacadh. Rinn sinn mar an ceudna a nochdadh, ann an rathad coitchionn, ciod ris am feud e coinneachadh, seadh, a bhitheas mar is trice cinnteach coinneamh a thoirt dha. Theagamh gu’n imich e mach an toiseach mar a rinn Samson le seachd duail a chinn air am bearradh, a’ saoilsinn gu’n dean e mar air uairibh eile; ach tha e gu h-aithgheart a’ fòghlum gu’n do chaill e a shìth, gu bheil a chreuchdan goirt, agus a choguis fo bhuaireas, agus Dia ann am feirg, ionnus gu bheil a shuidheachadh gu h-iomlan, ‘na mheasrachadh féin, ro chunnartach. Tha so ‘ga lionadh de na smaintibh a tha air an cur an céill anns an treas rann so, air chor as gu bheil e teachd a dh’ ionnsuidh a chomh-dhùnaidh sin ‘na inntinn féin a chuireadh an céill roimhe. Tha e nis a’ faotainn gu bheil gnothuch as ùr aige ri dheanamh ris an lagh. Agus uaith so tha am mothachadh agus an t-aideachadh peacaidh sin ag éirigh, maille ris an fhéin-diteadh sin ann am fireanachadh Dhé, air am bheil sinn a nis a’ labhairt. Cha-n ‘eil e fàs gruamach, reasgach, mi-thoilichte, agus a’ ruith air falbh o Dhia; cha-n ‘eil e a’ fannachadh gu buileach, no a’ tuiteam fo dhlobhail misnich, agus a’ sguir de na h-uile ni; ach tha e ‘bualadh gu h-iomlan air féin, agus fo mhohlachadh nan nithe so tha e ‘luidh sios aig cosaibh Dhé, a dh’ fhaicinn ciod e am focal no am binn a thig o a bheul.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice