(LATE OF KINGUSSIE.)
RUGADH Mr. Iain Robison, ‘s a’ bhlidhna 1757, ann an Achanahalraig, dlùth air Caisteal Gòrdon, an Siormachd Bhainbh. Fhuair e cothrom sgoile ann an làithibh ‘oige; agus thog e a chuid ionnsuchaidh gu h-ealamh. Fhuair e bhi ‘n a mhaighstir-sgoile ‘s a’ bhlidhna 1778; agus chuir an Comunn urramach an Dun-éidin e, ‘s an dreuchd so, do Sgìreachd Far, ann an Siormachd Chataobh, gu àite d’an ainm Ach-a-nis, am braighe na sgìreachd sin. Cha robh e ach ùine ghoirid ‘s an dreuchd, agus ‘s an àite so, gus am faca minsteir tuigseach ‘s a’ choimhears-nachd, gu ‘m bu duin’ òg e air an do bhuillich an Tigearn tiodhlacan agus comasan inntinn a bha neo-àbhaiseach. Agus mhisnicheadh e leis a’ mhinsteir sin, agus le minsteiribh eile ann an Clèir Thunga gu dol air aghaidh am foghlum, agus amharc ri dreuchd na minstreileachd. Cha ruig sinn a nis air iomradh poncail a thabhairt mu ‘n àm, no mu ‘n dòigh àraid ‘s an do thoillich an Tigearn obair nan gràs a thòiseachadh ‘n a anam; ach a mhàin làn dearbchaidh bhi againn gu ‘n do thòisicheadh ann i, an làithibh ‘oige, agus gu ‘n do dhearbh a chaithe-beatha sin, anns gach ceum. Cha b’ i gairm dhaoine a mhàin a fhuair e; agus dhearbhadh sin gu pailt, leis an tomhas mhòr agus fharsuing ‘s an d’ aidich an Tigearn a sheirbhis an déigh sin. An déigh dha feitheamh air meadhonaibh an fhoghluim iomchuidh ann an Oil-thigh Dhun-éidin, fhuair e comas searmonachaidh ‘s a’ bhlidhna 1788, agus air an ath-bhlidhna ghaireachd e gu bhi ‘n a fhear-teagaig do choimhthional Acharainidh, ann an Gallaobh—cha b’ Eaglais Sgìreachd i san robh e ‘n a Mhissionary. An déigh dha bhi mu chùig bhlidhna ‘s an àite sin, fhuair e an ath ghairem gu dol do chèarna eile do ‘n fhion-lios,—Eirioball, ann an Dùthaich Mhic-aoidh, far an robh aige bhi a’ searmonachadh do thri’ coimh-thionalaibh, an Sgìreachd Thunga, an Sgìreachd Dhùirinis, agus an Sgìreachd Eadar-a-chaolais. Agus an ceann chùig bhlidhna a rìs, fhuair e an ath ghairem, o ‘n choimhthional Ghàidhealach ann am baile Bhòid. Shaothraich Mr. Robison ‘s a’ choimhthional sin ma aon bhlidhna deug; agus fhuair e an ath ghairem, an déigh sin, gu Sgìreachd Chinne-ghùibhsaich am Bàideanach, far an do bhuanach e ‘n a shaothairibh, mu ùine chùig bhlidhna deug, gus an d’ fhuair e gairm an Ard-mhaighstir dol dachaidh; air a’ cheathramh là domhios meadhonach an earraich, ‘sa’ bhlidhna 1825.
Tha aon ni sònruichte r’ a amharc air ann am beatha an duin’ urramaich so,—mar fhuair e co iomadh gairm, agus co iomadh atharrachadh a thaobh ionadan a shaothrach, ann an seirbhis an t-soisgeil. Agus ged tha so ri amharc air ‘s a’ choitchinn, mar ni nach tigeadh do ‘n Eaglais no do a luchd-teagaig bhi an geall air; gidheadh, feudar a ràdh le saorsa, nach b’ ionann Mr. Robison agus iomadh duin’ eile. Agus ann an amharc air a’ chùrsa ‘s an do ruith e, rè làithean a chuairt; bha, agus tha fathast, comharr-aidhean sònruichte air an tabhairt, gu ‘n robh obair àraid aig an
Tighearn r’ a dhèanamh leis, anns gach àite agus càrna far an do shaothraich e. Bu duine Mr.ison, a bha a’ tighinn beò do rireadh, am fagus do ‘n Tighearn. Bha a sheasamh aige ann an comhairle an Tighearn. Tha a rùn-san aig an dream d’ an eagal e gu fior: agus bha sin r’ a fhaicinn air an duin’ urramach so. Ged bha an Soisgeul air a shearmonachadh roimh dha dol ann, anns a’ cheud dà àite far an do shaothraich e, chunncas ath-bheothachadh iongantach air obair an Tighearn, an déigh dha dol ann. Agus fhad ‘s a thoilicheas an Tighearn a shoisgeul glòrmhor féin a chumail air chois, agus fianuisean dha féin a measg an t-sluaigh, cha di-chuimhnichear gu bràth, teagasg agus saothair agus cliù Mhr. Robison. Tha iad fathast r’ am faotainn anns na càrnaibh ud mu thuath, gu ‘n aithnicheadh tu air an gnùis, ri luaidh ainm an duine bheannaichte so, gu ‘n do chuir an Tighearn do rireadh buaidh dhoibhsan ‘n a theagasg. “Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, chum gu ‘m faigh iad fois o ‘n saothair; agus leanaidh an oibre iad.” Agus ged nach b’ i sin beachd an t-saoghail, cha ghearrain teaghlach a’ chreidimh gu ‘n abradh sinn e, —a thaobh an dà choimhthionail mu dheireadh, far an do shaothraich Mr. Robison,—nach robh an Soisgeul, gu fallain no gu soilleir air a shearmonachadh ‘n am measg, gus an do stiùir an t-Ard-bhuachaille Mr. Robison d’ an ionnsuidh, agus sin air slighe nach b’ aithne dha féin, gus an d’ ràinig gach gairm dhiubh sud fa leth e; agus an sin, gu ‘n d’ fhuair e breithneachadh gur h-ann o ‘n Tighearn a bha iad. Eadar e féin is an coimhthional ann am baile Bhòid bha ceànglaichean ro-dhlùth, fo bhannaibh an t-soisgeil. Bu “lòchran lasarach agus dealrach e,” cha b’ ann a mhàin ‘s a’ choimhthional sin féin, ach air feadh nan càrnain timchioll: agus ged b’ iomadh sàruchadh a fhuair e, eadhon o luchd-dreuchd Eaglais, a bha coimheach, bha an Tighearn ‘g a aideachadh;—bha an fhianuis aige-san ann féin; agus tha fianuis fathast a’ leantuin a shaothraich. Mu thimchioll a shaothraich agus mar dh’ aidich-eadh e ann an Sgìreachd Chinne ghiùbhsaich—cha tig dhuinn labhairt gu farsuing; ach ann am focal, a ràdh, gu ‘n robh an Tighearna maille ris. Tha iad fathast a làthair ‘s an Sgìreachd agus air feadh na dùthcha sin, a dh’ aidicheas, gu ‘m b’ e là an sonais dhoibh, an là, ‘s an d’ fhosgail an Tighearn dorus dha gu tighinn ‘n am measg:—tha; anama, agus tha dòchas nach ainneamh iad, d’ am bi a chuimhne blasda, fhad ‘s a chaomhnas an Tighearn iad ‘s an fhasach. Aidichear leo-san, gur h-e an Tighearn a chuir ann e.
Bu duine Mr. Robison, gu ‘m b’ ainneamh a leithid, air iomadh dòigh. Cha tuilleadh ‘s a’ chòir-dhuinn a ràdh, gu ‘m b’ urramach e eadhon a measg nan urramach! Bha a chomasan, eadhon mar thiodhlacaibh nàdurra, àrd, foghainteach, bunaiteach, farsuing. Agus ‘n uair dh’ analaich an anail bheò orra sin; ‘n uair dhealraich an solus a stigh orra, ‘n uair bhaisteadh le teine iad, mar a rinn-eadh do rireadh; an sin, b’ aillidh agus bu chumhachdach an t-inneal a dh’ ullaich gràs, air son na seirbhis a chum an do
ghairmeadh e. Gun a dhùthchas bhi Gaidhealach, b’ fhiannuis do na tiodhlacaibh a chaidh a bhuileachadh air, mar choisinn e a’ Ghaelig; gu ‘n d’ fhuair e a leithid do ghreim oirre, eadhon mar chànan, nach aithnicheadh duine ‘s am bith nach b’ i a chànan mhàthaireil, dhùthchasach i, b’ i eadhon bu roghnaiche leis féin: agus bha iomadh, d’ am bu choimh-dhèis am focal èisdeachd anns a’ chànan so no ‘s a’ Bheurla, leis am bu roghnaiche Mr. Robison èisdeachd ‘s a’ Gaelig. Agus b’ e féin aig an àm cheudna idir nach do chaill a chuid Beurla, ach a dh’ fheudadh a labhairt ri rìghribh. O thùs na réise a ruith e, ‘s ann a thàinig Mr. Robison a mach, ann an treunad neirt. Gheibhteadh ‘n a theagasc saoibhreas do bhlasdachd nan gràs. Bha bunaiteachd, soilleireachd, farsuingeachd agus ùghdarras r’ am faotainn ‘n a theagasc, a bha iongantach, ainneamh r’ am faotainn. Bha tomad, brigh, agus farsuingeachd tuigse ann an cuartachadh ‘s ann an cuimseachadh nithe spioradaill, ann an togail inntinn an Spioraid ‘s an fhocal; bha so uile ann a leithid do thomhas air a bhuileachadh air, agus nach robh, theireadh tu, focal a labhradh e, nach seasadh air a bhonn féin:—ach cha b’ ann! ach air bonn neo-ghluasadach na firinn a sheasadh, ‘s a dhealraicheadh iad, ann am maise ‘s an sgèimh na firinn, mar tha i sin ann an Iosa Criosd. Chiteadh gu soilleir, gu ‘n d’ rinneadh ‘inntinn do rìreadh ‘n a h-ionmhas a bha saoibhir. Ann an sgoltadh ‘s ann an mineachadh theagasgan bunaiteach an t-soisgeil far am bu shoilleir do a luchd-èisdeachd gu ‘n fhuair e féin fois agus sòlas, bha soilleireachd, teas ghràdh, mineachd, agus ùghdarras mar a’ co-choiseachd a chéile: agus e gu dian agus gu dìleas a’ treòrachadh a luchd-èisdeachd a chum na Carraige bithbhuain, mar bhrìgh agus mar shùim theagaisg. Ma ‘s ceadaichte dhuinn sloinneadh an duinealas a thoirt do ghiùlan agus do ghnuis fhir teagaisg ann an tigh ‘s ann an seirbhis Dhé cha b’ aithne dhuinn idir, ‘s cha ‘n fhaca sinn, e’ aig an robh e mar ann an gnùis Mhr. Robison; agus so cha b’ ann idir mar an-dànachd; ach fo fhiamh agus eagal diadhaidh, a chiteadh aig an àm cheudna eadhon ‘n a eudan ceanalt;—a thuisge agus a ghràdh araon mar ag iarruidh greim a dheanamh air anamaibh; agus gu ‘m faigheadh e an giùlan leis air falbh o dhìomhanas, ‘s o thru-aillidheachd, ‘s o dhìteadh; ‘s a’ foillseachadh a’ ghràidh sin, chiteadh a shùilean làn, agus cha b’ ainmig a shìl iad. Ach ‘s ann gu sònraichte, ann an co-fhaireachduinn ri cloinn na h-ath-bhreith, ‘n an amgharaibh agus ‘n an amhuinneachdaibh, a gheibhteadh araon a chaomhalachd, a dhìlseachd, agus a ghràdh, ann an spàirn cleachdaidh, ‘g an gairm, agus ‘g an tàladh a dh’ionnsuidh ionaid am fasgaidh agus an suaimhneis. Is ann an so, cuideachd, a chiteadh fior irioslachd agus fior chaoimhneas, a’ cur dreach air a ghnùis, a bheireadh fianuis do ‘n anam shàruichte, gu ‘n robh an duine ud, e féin, gun teagamh, air ionnlad ann an tobar a’ ghràidh shiorruidh, a shuidheachadh aige ann an dearbh rùn a’ ghràidh shiorruidh, agus e ‘g a’ mhineachadh ‘s ‘g a’ mholadh. B’ urramach, agus bu ghràdhach an sealladh, os ceann gach àite eile ‘s an
seasadh e, Mr. Robison, aig ceann bòrd an Tighearn; a chridhe làn, ‘anam mar air a dhòrtadh a mach, an am briathraibh spioradail, sèimhe, cudthromach, agus e mar ann an làthair a’ chroinn-cheusaidh, a’ moladh agus a’ cliùthachadh an Uain. Is tric a shaoil sinn gu ‘n d’ fhuair e an sud, air dhòigh àraid, èarlas an òrain nuaidh, ‘n a uchd agus ‘n a bhilibh; agus a spiorad a’ géilleadh fo chumhachd a sheallaidh air ionmhasaibh do-ranns-uichte gràidh Dhé ann an Criosd. A Mhr. Robison urramaich! chuir Saor-ghràs an t-urram ort ‘n ad latha, gu ‘n do thionaileadh a stigh leat na caoraich chaillte gu lìonmhor,—gu ‘n do bheathaich-eadh an treud leat! gu ‘n d’ altrium thu naoidheana an teaghlach, agus gu ‘n d’ fhàs iad suas fo ‘n ionaltradh, a thugadh dhuit as an leth gu a roinn orra. Agus gu cinnteach b’ e sin do shonas ‘s an fhàsach. T’ fhalluinn gu ‘n tuit air do chloinn ‘s air cloinn do chloinne! Gu ‘n togadh an Tighearna suas do leithide, ann an àm feuma aobhair an Rùin shìorruidh, ‘n ar n-Eaglais.