(AIR A CHRIOCHNACHADH.)
THA bliadhnaichean bho’n chaidh na tha dol roimhe so mu dhéidhinn Dhàibhidh Ros a sgiobhadh agus cha b’ e nach robh déidh againn air crioch a chur air bu choireach nach robh e air a chriochnachadh gu ruige so. Ach tha seann-fhacal ag radh: “Ruididh each mall muillion,” agus tha sinn an dòchas gu’n toir an Cruithear dhuinn comas air an oidheirp so air cliù Dhàibhidh Rois a chur an céill mar a b’athne dhuinn e na làithean deireannach air an talamh. Dh’ainmich sinn roimhe gu’n d’ailnich fradharc a shuilean nàdurrach e bliadhnaichean roimhe ‘bhàs. Ach ged do dh’ailnich na lochran a bha ‘na cheann, cha do dh’ailnich an solus a chuir an Spiorad Naomha ‘na anam. Mar bu teinne a bha e dol air a chrìch, ‘s ann bu shoilleir a bha e fàs ann am beatha na diadhachd. Cha robh latha no oidche nach b’ann air Criosda agus air an dachaoidh shiorruidh a bhiodh e smuaineachadh agus a labhairt, agus bha e soilleir do neach ‘sam bith gun robh ‘churam ma aobhar Dhé a fàs gu laitheil. Bha ministeirean na h-eaglais a cuir cùram air, “air eagal” mar a threireadh e fhéin, “gu’n deanadh an t-aon eucorach an toirt a thaobh bho bhi leantuin agus a dion aobhair Dhé air an talamh.” Cha bhiodh e onorach do chuimhne Dhàibhidh a nis a chumail air ais an ni a thuirt e ruinn aig an àm ‘san d’fhàg cuid do ministeirean an stéidh airson an robh na diadhairean a cathachadh ann an làithean an ath-leasachaidh. Bha sinn a’ falbh còmhla gu coinneamh cheasnachaidh ann an Ach-a-Bhàthaich, agus air an rathad thionndaidh e agus thuirt e, “Gu de ur beachd air a mhuinntir a dh’fhàg sinn?” d’an d’thug sinn am freagrath so. “Cha toigh leinn mòran a radh mu’n déidhinn.” Fhreagair Dàibhidh, “Tha mi creidsinn sin. Ach cha’n urrainn sinn gun a bhi smuaineachadh mu’n ghniomh a rinn iad. Bha mis’ am shuidhe aig an teine anns an tigh againn fhéin bho chionn oidhche no dhà agus thainig earainn do dh’fhocail an Tighearn thugam. ‘S e so i, ‘An ti a bhriseas callaid, teumaidh nathair e’ (Eccles. x. 8). Do bhrigh mo dhoille cha b’urrainn domhs’ fhaicinn c’ait an robh e sgiobhta, ach fhuaradh dhomh e. ‘S ann ann an coimhcheangail ris a’ mhuinntir a dh’fhàg sinn a thainig na briathran sin thugamsa, agus thug iad mi gu bhi smuaineachadh gu de a’ challaid a bhris iad. Bhris iad aonachd na h-eaglais ‘s an robh iad gun aobhar; bhris iad na bòidean fo’n deachaidh iad; agus is e mo bheachdsa, ma tha cuid a’ Chruithear unnta-san, gu’n teum nathair coguis chiontach iad mu’n teid iad bharr an t-saoghail so, ‘s mar a th’eil, och is och, ‘s ann dhoibh féin is dorr’ e—bithidh iad air an teumadh ‘s an t-siorruidheadh! ‘S ged a rachainnsa a Dhuneidinn no do dh’ àite ‘sam bith eile ‘sam beil neach aca, bu docha leam a dhòl a dh’éisdeachd aoin dhe’n fheadhainn nach do ghabh an ceum a ghabh sinne, na dhòl a dh’éisdeachd neach
aca.” Cha b’urrainn duine d’am b’athne e a chuir as a leth gu robb e obann ’na chainnt; cha tigeadh e a mach ach le ni air an d’fhior-bheachd-smuainich e, agus dh’fhoillsich e gu là a bhàis gu robb a cheangal ri firinn Dhé na bu diongmhalta na ri créutair a bha fo’n ghréin aig fheabhas.
Cha d’thainig trioblaid thròm ’sam bith ’na chàidreamh roimhe ’bhàs, ach bha’n duine o’n leth a muigh a fàilneachadh, mar a theireadh e fhéin. “Tha an Cruithear bàigheil rium—tha e cumail nam port fosgaite. Ach mar a tha e toirt air falbh mo neart, tha e toirt air falbh mo chàil airson lòn do’n chorpa.” B’abhaist dhuinne a bhi dol d’a amharc dà uair ’san là nuair a chaill e a chomais air tighinn do thigh Dhé. ’S ann an còmhnuidh le inntinn a beachd-smuaineachadh air focail Dhé a gheibheamaid e. Bha caileag bheag a bhuneadh do’n teaghlaich ’san robb e air an toireadh e bhi seinn nuair a bhiodh càch air falbh ann am meadhon. An ceithir-latha-deug mu dheireadh a bha e air an talamh, bha e da rireadh na theagascg a bhi laimh ris, an còmhnuidh anns an ùrnuigh lefadach mòr gu bhi dhachaidh, ag eìgheachd daonnan, “A ghaol, nach tig thu!” An drasda ’sa rithisd theireadh e, “Bheil sibh a sin?” Nuair a fhireagraist “Tha,” theireadh e, “am faca sibh aonan ’riamh a chaidh a chumail cho fad’ a’ feitheamh a’ phuirt riumsa?” Chaidh a radh ris air uair, “Cha’n fhad,” a Dhàibhidh, gus am faigh sibhse dhachaidh,” d’an tug e ’freagrath so, “Och is och, ’s mòr m’ eagail. Ach bha ’n Ti uasal gu math dhomhsa ré mo là, agus tha mi ’n dòchas nach tréig e nise mi.” Nuair a thigeadh neach a steach ris a’ robb ’bheag a’ cheangail aige, ’s a rachadh innse dha gu robb ’neach sin a lathair, theireadh e, “Bha là ann anns an robb mòran ann ris an robb tuilleadh ceangail agam, ach a nise ’s math leam an fheadhainn ris an lugha a robb agam a’ cheangail ’s an là sin a choinneachadh.”
Dh’ainmicheadh e féin briathran anns a’ chaibdeil a bu mbath leis a léughadh dha, agus gu tric dh’ innseadh e an leabhar agus àireamh na caibdeil. Air là àraidh, air dhuinn dol a steach do’n t-seomar, ghlaodh e, “Bheil sibh an sin?” Agus nuair a thuirt sinn gu robb, thainig e ’mach leis na briathran so, “Tha teagascg mòr ri ’m aghaidh nam biodh solus agam. Gheibh sibh na briathran a tha ri ’m aghaidh anns an Taisbeanadh agus an ceathramh rann.” Thuig sinn gu ’m be ’chéud chaibdeil do leabhair an Taisbeanadh a bha e ’ciallachadh, agus do bhrigh mailead a chlaisneachd air a chluas bu teinne dhuinn, chuir sin dhinn ar brògan, agus air a chùlaobh anns an leabaoidh léugh sinn na briathran sin da. Nuair a thainig sinn a dh’ ionnsuidh nam briathran ann an deireadh a’ chuigheamh ruinn. “Dhàsan a ghràdhaich sin agus a dh’ ionnlaid sinn o ar peacaidhean ann a fhuil féin,” chuir e suas a dhà làmh is dheàlraich aghaidh, agus thòisich e ri teagascg, agus ’s e ar beachd-ne gu ’m bu mbath do’n luchd-teagaig is àirde gu ’m biodh an sealladh aca air glòir pearsa Chriosda agus air an obair a chriochnaich e a bha aig an
laoch diadhaidh a bh’ ann sin air dhruin a cuir cath ris a bhàs, ach dha’n robh am bàs gun ghath tre chreidimh air ceannard na slàinte a chaidh a dheanamh foirfe tre fhulangas. Bho’n àm sin a mach gus na dhealaich anam ri’chorp, bha e ann an eileamaid iongantach. Bha na naoimh a chaidh dhachaidh ‘na aire-san còmhla ris, agus ‘s ann a bha e féin mar gu’m biodh an t-anam air dealachadh ri’chorp, agus a réir a chleachdaidh a bho ann an Cataimh, agus a bha Dàibhidh fhein gu tric air a cheann, bha e ‘gairm muinntir a dh’ ùrnuigh gus am biodh an giùlan air a thogail air falbh. “Aonghais Ghré a bha’n Luirg,” thuirte, “theid thusa an ceann na h-ùrnuigh,” agus an nuair nach d’fhuair e freagradh, thuirte, “‘Bheil e sin?” Nuair a chaidh a radh nach robh, fheadair e fhèin. “Thainig a’ chrioch cho aithghearr’s nach d’fhuair muinntir fios air.”
Lean e anns an t-suideachaidh néamhaidh sin sin gus na dh’fhuasgail an Ti a tha riaghladh gu gràsmhor anam bho’n phàilliun chrè. ‘So mar a chriocheach Dàibhidh Ros, “an gill’ uasal” mar a theireadh Aonglas Moraidh, a charaidh, mu dhéidhinn, a thurs air an talamh. Ann a bhi toirt an iomradh so gu ‘chrioch cha n’eil e tuilleadh ‘s a chòir dhuiinn a radh: Bu mhàiseach ‘na ghùis e, bu ghlic, naomha ‘na chòmradh e, bu chùbraidh ‘na ghluasadh e, ag amharc suas ri Mac Dhé. Bu mhath do’n eaglais na cuirtibhsa gun togadh an Tighearna suas fathasd muinntir ris am b’urrainn sinn amharc airson stiùradh ar cèum air slighe na firinn gu crìch ar cuairt anns an t-saoghal gun oilbheim do dhoine, gun chiùradh do dh’fhocal Dhé, mar a bha Daibhidh ‘na là na smachd do na peacaich, ‘s na mhisneachd do chaoraich an tréud, na bhlàs do na h-uain, na fhear-iomain faicilleach do’n spreidh a bha tròm le h-àil. Gheibheadh an t-uain a dheoch bhainne, ‘s gheibheadh na caoraich an ciobhair air raointibh an fhocal a tighinn glan a mach as a bhéul—a chlann ghaoil siribh òg e mar a rinn Dàibhidh ‘na bhalach ‘s e ag iomain nan tréud. Thug am focal “co leis thu?” buaidh air anam a bha mairionn, ‘s gu déireadh a bheatha cha d’fhug e air scanal. ‘S nam biodh oigridh na dùthcha ‘measg a robh e car tamuil a cuir meas air an fhocal, do dheanadh e ‘n glanadh bho ghalairean bréun a’ pheacaich ‘s a’ ghrùideachd, ‘tha dlùth dhuiinn a leanadh, ‘s a bheir peanas mu dheireadh mur faigh sinn ar glanadh bho chiont’ is bho shalachaireachd anns an tobair ‘chaidh fhosgladh ann am pearsa Mhic Dhé.
‘S iomadh là a bha sinn sona maillle ri Dàibidh ‘s ri Aonghas agus a nis, bho’n dh’fhalbh iad, tha ar ‘n aignidh a’ triall ‘nan déigh. Ma chaomhnas an Cruithear beò sinn, ‘s e ar dùil clù Dhàibhidh agus Aonghas a chuir cuideachd ann an leabhar na’n tigeadh an saoghal gu nitheigin do chlos nach ‘eil air aig an àm so. Ged nach ‘eil mise ‘gam mheas fhéin comasach na airidh air cantanas agus deanadas nan daoine sin aithris, b’airidh iadsan gu’m biodh iomradh agus cuimhne mhath a chaoidh air a chumail orra.
E. M’Q.