BHA’N cunntas aithghear a leanas air ceist an aonaidh anns a British Weekly air a mhios a chaidh seachad—“Feudaidh e nis bhi air a radh le muinghinn gum bi’n t-iartus air son aonaidh eadar an Eaglais Shaor agus an Eaglais U.P. air a chuideachadh air aghaidh leis an uile dhichioll. Thuige so bha an Eaglais Shaor a seasamh air ais gle mhor air son aobharan so-thuigsinn. Chrath, an t-ath-ghluasad innleachdach a ghabh aite anns an duthaich, dillseachd cuid da buill; agus cuideachd bha eagal an comhnuidh orra gum feudadh e trioblaidean ùra thogail anns a Ghaeltachd. Ach a nis, anns a Ghaeltachd, rinn an Secession feum mòr an a bhi giulan as an rathad na h-eilimidean nach striochdadh, agus tha e air tighinn a dh’ionnsuidh na ceiste, a tha moran a fairichdinn mar dhleasdanas cudthromach, Co dhiu bu choir an dealachadh neo-fheumail agus chronail so bhi guidhlan leis nis faide air son beagan gam feud an t-aonadh a bhi neo-bhlasda? Tha mi creidsinn nach seas na Gael, mar bhuidhinn, nis faide an aghaidh aonaidh ma bhios riaghailt shuidhichte thaitneach air cordadh uimpe, agus tha cuid dhiubh gun agadh fior dheidheil air aonadh a chionn gum bheil iad dearbhte gum bheil an Eaglais U.P. a nis moran nas fallaine na teagasgan agus na riaghailtean na an Eaglais Shaor.”