Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1897 » June 1897 » Eachdraidh Eaglais na h-Alba

Eachdraidh Eaglais na h-Alba

1556.] Bha a nis luchd-dreuchd na h-Eaglais Pàpanaich air an làn-dùsgadh o am bruar, anns do shaol leo, gu ‘n robh obair an Athleasachaidh air dol gu làr: agus chuir iad rompa gu dian, gu ‘n seasadh iad ri aghaidh na deuchainn, agus gu ‘n cuireadh iad fathast an obair fuidh ‘n casaibh féin. Chuir iad gairm-mòid gu Iain Nocs e g’ a thaisbeanadh féin ‘n an làthair, ann an Eaglais àraid an Dun-éidin, air a’ chùigeamh là deug do cheud mhios an t-samhraidh, ‘s a’ bhlìadhna 1556. Shònruich Iain Nocs dha féin, air ball, gu ‘m freagradh e a’ ghairm-mòid so, agus gu ‘n rachadh e air aghaidh gu an coinneachadh. Thàinig e ‘s an rùn so a stigh do Dhun-éidin là no dhà roimh àm na coinnimh, agus Mr. Erscin, triath Dhuin ‘n a chuideachd, agus àireamh maith do dh’ uaislibh eile. Ach ghlac an t-sagartachd Phàpanach eagal. Chunnaic iad a nis, nach freagradh e dhoibh deanamh ri Iain Nocs, mar rinn iad ri Pàruig Hamilton agus ri Deòrsa Uiseart. Chaill iad am misneach. Chuir duinealas Iain Nocs, agus a’ faicinn a nis dhoibh a’ chùl-taic bha aige, fuidh fhiamh iad. Cha robh na Pàpanaich làn-chinnteach am biodh màthair na Ban-righ (aig an robh an riaghladh,) air an taobh. Agus mar so b’ iadsan nach do chum a’ choinneamh, iad féin: ‘n uair thàinig Iain Nocs air aghaidh a réir na gairme a fhuair e, cha robh fear-dltdidh no breitheamh r’ a fhaicinn. Cha do leig e ‘n cothrom seachad. Shearmonaich e gu

follaiseach an Dun-éidin, a’ deanamh druidhidh air inntinnibh an t-sluaigh ni bu doimhne na chaidh riámh roimhe a dheanamh orra; agus a’ meudachadh eagail agus imcheist nan naimbdean. Bha cuid do dhaoinibh mòra na Rìoghachd, aig an àm cheudna bha air an lionadh le cùram agus le h-iongantas araon, fuidh chumhachd an ùrlabhrachais thréin sin leis an do shearmonaich Iain Nocs an soisgeul ‘n an éisdeachd; agus chuir cuid dhiubh sin impidh air gus an do sgrìobh e litir gu m’athair na Ban-righ, a’ cur an céill a dhòchais na ‘n tigeadh i g’ a éisdeachd gu ‘m feudadh e bhi gu ‘m faiceadh i aobhar dhi féin, i a thionndadh gu creidimh an Ath-leasachaidh. Ach an uair a fhuair i an litir, cha d’ rinn i ach amharc gu h-eutrom oirre, agus ‘g a toirt seachad do làimh ardeasbuig Ghlascbo, bha ‘n a làthair ‘s an àm—ars ise—”An toigh le bhuir mòrachd litirmhagaidh a leughadh?”

Ach ‘n uair bha Iain Nocs, mar so, gu gaisgeil a’ cur na h-oibre mòire air a h-aghaidh an Alba, thàinig litrichean d’ a ionnsuidh á Genebha, a’ guidheadh air gu d’urachdach gu ‘m pilleadh e dh’ ionnsuidh a’ choimhthionail a dh’fhàg e ‘s a’ bhaile sin. Agus an déigh dha gach céarna far an do shearmonaich e roimhe a ruigsinn a ris, agus gach coimhthional dhiubh earalachadh, agus beagan làithean a bhuileachadh ann an cuideachd Iarla Earraghàidheal, a bha an uair sin ‘n a chomhnuidh ann an Caisteal Caimebuel, dh’fhàg e an Rìoghachd air a thurus do Ghenebha, air mlos deireannach an t-Samhraidh ‘s a’ bhliadhna 1556. Cha bu luaithe dh’ fhalbh e, na thug luchd-dreuchd na h-Eaglais Pàpanaich an ath ghairm-mòid dhà, gu e a thighinn ‘n an làthair, agus fios aca gu maith gu ‘n robh e an déigh an Tir fhàgail. Shuidh iad a nis ann am mòd; agus ‘n uair nach do thaisbein se e féin, thug iad binn-dlitidh a mach ‘n a aghaidh mar ana-creidmheach; agus loisg iad a dhealbh aig àrd-chrois Dhun-éidin;—treubhantas anabarrach gun teagamh, so!—a nochd an naimhdeas a bha ‘n an cridhe, ged nach robh cumhachd aca a nochdadh an aghaidh an duine e féin.

Ged dh’fhàg Iain Nocs Alba ‘s an àm, bha teagasgan an Ath-leasachaidh fathast air an searmonachadh, air feadh iomadh càrna do ‘n Tir. Bha fear, Iain Douglas, bha ‘n a mhanach, a chuir cùl ri mearachdaibh na Pàpanachd, agus a ghabh Iarla Earra-ghàidheal a stigh d’ a theaghlach féin mar fhear-searmonachaidh. Agus ‘n uair dh’oidhirpich àrd-Easbuig Chill-Rimhinn a thoirt air an Iarla, an duine so a chur air falbh, dhiùlt an t-Iarla, agus thug e fasgadh dha gu là a beàis. Thàinig Iain Uilloc, dachaidh o mhòrthir na Roinn-Eòrpa mu ‘n àm so, cuideachd, agus thòisich Pòl Methwan ri teagasgaibh an Ath-leasachaidh a shearmonachadh, an Dundeadha, mar rinn dream eile mar an ceudna air feadh na dùthcha timchioll.

Chunnaic, luchd-dreuchd na h-Eaglais Pàpanaich an Alba, a nis, nach robh e an taobh stigh d’ an comas obair an Ath-leasachaidh a bhacadh; agus bhuadhaich iad le m’athair na Ban-righ, aig an robh uachdaranachd na Rìoghachd a nis ‘n a làimh féin, gu ‘n

gàirmeadh i luch-teagaig an Ath-leasachaidh air beulaobh àrd-chomhairle na Rìoghachd; agus gu ‘n tugtadh a’ chùis-dhìtidh ‘n aghaidh, iad bhi a’ togail ceannairec agus ar-a-mach, a measg an t-sluaigh—inneachd a ‘s tric le luchd-geur-leanmhuinn a ghabhail, gu bhi mar lethsgeul do ‘n geur-leanmhuinn, agus an dochas gu ‘n cuir iad mar so bacadh air firinn Dhé. Ach chaidh an gnothuch gu tur ‘n an aghaidh aig an àm so. Thàinig an luchd-searmonachaidh do Dhun-éidin, a réir na gairme a thugadh dhoibh. Ach thàinig àireamh co mòr d’ an càirdibh ‘n an cuideachd, ‘s gu ‘n do mheas luchd-comhairle na geur-leanmhuinn, nach biodh e ‘n a ni ro thèaruinnte dhoibh, dol ni b’ fhaide. Ach thàinig gairm fhollaiseach a mach—a’ mheud ‘s a thàinig a a stigh do Dhun-éidin gun fhios a chur orra tighinn, iad a dh’ imeachd gu iomall na duthcha fa choinneamh Shasuinn, agus iad a dh’ fhantuinn cuig là deug an sin, fuidh ùghdarras cheannaird an airm. Chunnaic na daoin’ uaisle bha air taobh an Ath-leasachaidh, gu furasda, ciod i an rùn leis an deachaidh a’ ghairm ud a thoirt a mach: chrùin-nich iad an ceann a chéile; agus an àit ùmhlachd a thoirt do ‘n ghairm, thog iad orra, agus thug iad lùchairt na Ban-righ orra;—dhòmhlaich iad a stigh gu dàna, duineil, air beulaobh m’àthar na Ban-righ, far an robh i ‘n a suidhe ann am meadhon a cuid comhairleach, agus nan Easbuig. Bhà duine foghainteach do na daoin’ uaisle so, Chalmers, triath Ghadgirth, agus labhair e air an ceann mar so—”A bhean uasal, tha fhios againn nach ‘eil ‘s a’ ghairm so tha air tighinn a mach, ach as-inneachd nan Easbuig, agus a’ mhic-dòlain sin (Ard-Easbuig Chill-Rimhinn) a tha ‘n a sheasamh ri d’ thaobh. Tha sinne a’ bòideachadh do Dhia, roimh dhuinn géill a thoirt do ‘n ghairm ud, gu ‘m bi aon obair-latha againn an toiseach. Tha na leisgeirean bradach sin (na h-Easbuigean) ‘g ar sàruchadh féin agus ar cuid tuatha; tha iad a’ cur dragh’ air ar luch-searmonachaidh, agus ‘s ann a b’ àill leo iadsan agus sinne a mhòrtadh. Am fuiling sinne so ni ‘s fhaide? Cha ‘n fhuiling!—cha bhi an gnothuch mar so ni ‘s fhaide!” Agus air dha labhairt mar so, ghlac gach duine dhiubh a cheannabheart cruadhach, am boineid cogaidh a bha fasanta ‘s an àm ud an Alba—agus sgrog iad orra an cuid boineid, an làthair na mnatha mòire ud. Thòisich a’ chailleach a nis ri ciùineachd, dh’ àicheadh i gur h-ann uaipe féin chaidh a’ ghairm a chur a mach; agus thug i an cead do ‘n luchd-searmonachaidh falbh dhachaidh. Mar sin chaidh an gàbhadh so seachad.

Beagan làithean an déigh sin bha gluasad àbhachdach a measg slugadh a’ bhaille mhòir. Is cleachdamh ‘s an Eaglais Phàpanaich, làithean nan naomh, mar their iad riutha bhi air an coimhead le mòr ghreadhnachas. Agus ann an duthchannaibh Pàpanach fathast, tha mòran ni ‘s mò urraim air a thoirt do là an Tighearn. Tha a naomh àraid féin aig na h-uile Eaglais, no tigh-aoraidh. Agus air là àraid, là breth an naoimh sin,—tha na sagairtean a’ togail agus a’ giùlan mu ‘n cuairt iomhaigh an naoimh ud an làthair an t-sluaigh, agus an sluagh bochd, mealalta, a’ cromadh sios

do ‘n iomhaigh, ‘s a’ toirt urrain agus aoraidh dhi. Is e an naomh Gileas, air an robh Eaglais àrd Dhun-éidin air a sloinneadh, ann an làithibh na Papanachd. Agus aig an àm mu ‘m bheil ar n-eachdraidh, air do latha an Naoimh sin tighinn, thug na sagair tean a mach iomhaigh an Naoimh so, ‘s bha iad ‘g a giùlan le mòr gheadhnachas air sràidibh a’ bhaile, ann an dòchas gu ‘n tugadh an aon spéis cheudna ‘s a b’ àbhaist, do ‘n iomhaigh, leis an t-sluagh. Ach bha atharrachadh air tighinn air inntinn an an t-sluagh—’s ann a dhòmhlaich iad a stigh, timchioll nan sagart agus na h-iomhaigh—thilg iad sios an iomhaigh ri làr, tharruing iad i tre chlàbar nan sràid, bhuail iad an ceann bharr na h-iomhaigh, thilg iad sin an iomhaigh anns an lochan bha an uair sin air taobh mu thuath baile Dhun-éidin; agus an déigh a luidrigeadh ‘s an lochan, tharruing iad a ris a mach i, agus loisg iad i! Chuir so uiread do eagal air m àthair na Ban-righ agus luchd-dreuchd na h-Eaglais Pàpanaich, gu ‘n do chuir iad rompa a nis roimh dhoibh tuilleadh: oidhirp a thoirt gu casg a chur air obair an Ath-leasachaidh, cuideachadh fhaotainn dhoibh féin, a thogadh fiamh ann an inntinnibh chàirdean an Ath leasachaidh. B’ i a’ chomhairle a ghabh iad, chum a’ chuideachaidh so a dheanamh cinnteach, gu ‘n deanadh Pàrlamaid na h-Alba reachd a dhaingneachd, a giùlan gu ‘m biodh mac bu shine Righ na Frainge air a phòsadh ri Ban-righ òg na h-Alba, agus le so gu ‘n deantadh ‘n a righ e air Alba; agus an sin, gu ‘m biodh a leithid do dhluth-chàirdeas eadar an Fhraing agus Alba, agus gu ‘n neartaicheadh so an Eaglais Phàpanach ann an Alba, air dhòigh co mòr, agus gu ‘n rachadh le a luchd-dreuchd cur as gu h-iomlan do obair an Ath-leasachaidh ‘s an Tir.

1557.] Ach fhad ‘s a bha m àthair na Ban-righ agus na h-Easbuigean a’ cur na h-innleachd so air a h-aghaidh, bha cinn-ituil an Ath-leasachaidh ann am mòr dhéigh gu ‘m pilleadh Iain Nocs dachaidh o Ghenebha. Sgriobh Iarla Ghlinne-càirn, Morair Erscin, Morair Lathurn, agus Morair Seumas Stiubbard, litir d’ a ionnsuidh, ‘g a chuireadh, ‘n an ainm féin, agus an ainm am bràithrean ‘s an aobhar, a’ guidheadh air pilleadh do Alba, far am faigheadh e na h-uile ullamh gu éirigh leis, agus eadhon am beatha a ghabhail ‘n an làimh, agus am maoin aimsireil, air taobh na fìrinn agus an fhlòr chreidimh. Air do Iain Nocs, ‘n uair fhuait e an litir so, a chomhairle a chur ri Calvin an Diadhair urramach bha an Genebha, agus r’ a chàirdibh eile, chomhairlich iad dha pilleadh; agus thog Iain Nocs air, gu a chead a ghabhail d’ a chàirdibh thall, agus ghabh e a thuras, tre ‘n Fhraing, gus am faigheadh e tighinn a nall do Bhreatann; ràinig e baile ‘s an Fhraing d’ an ainm Dieppe. Ach ‘n uair ràinig e am baile sin, ‘s ann a fhuair e litrichean á Alba, a’ feitheamh air, ‘g a mhi-mhisneachadh gu mòr, agus a’ comhairleachadh dha e a dh’ fhantuinn an sin ‘s a’ cheart àm, gus am faigheadh e tuilleadh sanais, mu shuidheachadh chùisean an Alba. Sgriobh e litir as a’ bhaile sin, do àrd-mhaithibh na h-Alba a thug an cuireadh dha tighinn

dachaidh, a’ toirt geur achmhasain doibh air son am mi-sheasmh-achd. Agus neo-thoileach mar bha e an gnothuch a thoirt thairis, dh’ fhan e ‘s a’ bhaile sin, car iomadh mios, an dòchas gu ‘m faigheadh e tuilleadh misnich o a chàirdibh ann an Alba, tighinn air aghaidh. Agus bhuilich e an ùine ann an sgrìobhadh litrichean treuna, cudthromach mu ghnothuichibh follaiseach na h-Eaglais. Agus air dha feitheamh fada, gun e a dh’ fhaotainn na misneich uatha bha feumail, phill e a ris do bhaile Ghenebha, mu thùs na bliadhna 1558.

Ach ‘s an àm cheudna, bha cuisean a’ tighinn air an aghaidh an Alba. A dh’ aindeoin nan litrichean mi-mhisneachail a fhuair Iain Nocs, bha cinn-uil mhaithean na h-Alba a thug an cuireadh dha, fathast ealamh gu seasamh air a thaobh, agus air taobh na firinn. Sgrìobh iad litir eile d’ a ionnsuidh, agus chuir iad le làimh teachdair sònruichte i fad no slighe gu Genebha. Agus ged chaidh dàil a chur ‘n a pilleadh do Alba, gidheadh rinn na litrichean a sgrìobh e o bhaile Dieppe, ach beag uiread do mhaith do ‘n aobhar agus ged bhiodh e air pilleadh ‘n uair a ghairm iad e air tìs. Mu dheireadh, ‘s ann a thàinig maithean na Tire, agus na h-uaislean bha air taobh an Ath-leasachaidh an ceann a chéile, agus chum iad coinneamh an Dun-éidin,—a’ cur an comhairle r’ a chéile ciod a b’ fhèarr dhoibh a dheanamh a nis. Agus rùnaich iad gu dileas, duineil, treibhdhireach, gu’ m buanaicheadh iad air taobh obair an Ath-leasachaidh; agus a chum gu ‘m biodh misneach agus neart aca ‘n co-chomunn maille r’ a chéile, chuir iad rompa, Bann, no Cumhnant a sgrìobhadh, agus an ainmean a chur ris, a’ gabhail os làimh gach aon a chéile a dhion, agus aobhar an t-soisgeil a sheasamh. Chaidh an sgrìobhadh ainmeil, sònruichte so, a tha air a shloinneadh le luchd-Eachdraidh—an ceud Chùmhant, a tharruing a mach, agus ainmean chàirdean an Ath-leasachaidh a chur ris, an Dun-éidin, air an treas là do mbios meadhonach a’ gheamhraidh, s’ a’ bliadhna 1557; agus mar bu ni ro-shònruichte, cudthromach e ‘n a latha féin; agus mar is eisimplir e air a leithidibh eile; cuiridh sinn sìos an so e, mu choimneamh ar luchd-leughaidh. Tha e a’ dol air aghaidh mar so :—

“Tha sinne, a’ faicinn, ‘n ar latha, cionnus a tha Satan, ‘n a bhallaibh, is iad ana-Criosdan an ama so, air gharg chorruich, ag oidhirpeachadh bhi a’ tilgeil sios agus bhi a’ claoichd soisgeil Chriosd agus a shluaigh; agus buinidh e dhùinn, mar ar dleasdanas anns am bheil sinn fuidh fhiachaibh, bhi ri strì ann an aobhar ar n-ard-Mhaighstir, eadhon a dh’ionnsuidh a’ bhàis, air dhùinn bhi lan-dearbhta, gu ‘m faigh sinn a’ bhuaidh ann-san. Agus air dhùinn ar dleasdanas so a thoirt cùramach faineair, tha sinn a’ gealtuinn ann an làthair Rìoghalachd Dhé, agus an làthair a shluaigh, gu ‘n cleachd sinn ar dichioill gus a’ chuid a ‘s iomall-aiche, tre a ghràs-sa, agus gu ‘m builich sinn ar n-uile chomas, ar n-uile mhaoin, agus eadhon ar beatha, a chum ‘fhocal ro-bheannaichtè-san, agus a shluagh, a dhionadh, agus a shuidheachadh, agus gu ‘n saothraich sinn, air gach aon dòigh so-dhéanta chum s’

gu ‘m bi ministeirean díleas, gu soisgeul agus sácramaintean Chriosd a fhrithealadh, gu glan, agus gu firinneach, aig an t-slugh. Cumaidh sinn suas iad sin, bheir sinn caidreamh dhoibh, dionaidh sinn iad, agus uile shluagh, Chriosd, agus gach aon bhall d’ a shluagh, le ar n-uile chomas; agus builichidh sinn ar beatha féin an aghaidh Shàtain, agus gach uile chumbachd aingidh, a tha a’ rùnachadh no ag oidhirpeachadh uile an t-sluaigh cheudna. Agus tha sinn ‘g ar nasgadh féin ris an fhocal naomh sin, agus ris an t-slugh sin. Agus tha sinn a’ tréigsinn, ag àicheadh, agus a’ cur cùl ri coimhthional Shàtain, ri gach saobh-dhòigh, ri gach gràinealachd, agus ri gach iodhol-aoradh a tha ‘s a’ choimhthional (no a measg an t-sluaigh) sin. Agus foillsichidh sinn sinn féin, n’ ar naimhdibh dhoibh sud uile, le so ar gealladh díleas an láthair Dhé, agus sin air fhanuiseachadh d’ a shluagh, le ar n ainmean a chur ri so. An Dun-éidin, air an treasamh là do mhios mead-honach a’ gheamhraidh, ‘s a’ bhliadhna 1557. Dia air a ghairm ‘n a Fhianuis.”

Chuir Iarla Earra-ghàidheal, Iarla Ghlinnecairn, agus Iarla Mhortoin, agus Gillesbuig Morair Lathurn, agus Iain Erscin, triath Dhuin, agus àireamh mòr de mhaithibh eile na Tire, an ainmean ris a’ chùmhnant so. Agus a thaobh gu ‘n robh am focal “Coimhthional” gu tric aca air ainmeachadh; is e “Morairean a’ choimhthionail,” an sloinneadh a’ fhuair a’ mheud ‘s a chuir an ainmean ris; agus is e “An Coimhthional,” an sloinneadh a chaidh a thoirt do mheud agus a lean riutha sud.

Agus ged chunnaic, ‘s a dhaignich ian an sud an tomhas neirt a bha aca féin ‘s an Tír, gidheadh bha morairean a’ choimhthionail an geall na h-uile ni bhi air a dhèanamh leo féin air gach dòigh bu chiùine, ‘s bu mheasarra; agus nach-brosnuicheadh iad an dream bha ‘n an aghaidh gu stri, gus nach gabhadh sin seachnad dhoibh ni b’ fhaide. Chuir iad rompa fein, a réir so, nach iarradh iad ni bu mhó aig an àm, na gu ‘n àithneadh màthair na Ban-righ do gach fear-teagaig ‘s an dùthaich, gu ‘m’ fritheileadh e seirbhisean a’ Chràbhaidh ‘s a’ chainnt Bheurla; agus ag aontachadh ‘s an àm, gu ‘m biodh a mhàin a’ chead aig luchd-teagaig a’ chreidimh Ath-leasaichte a bhi a’ teagasg ann an tighibh, agus ann an teaghlaichibh, gu h-uaigneach, gus am faighteadh saorsa dhoibh gu ‘n searmonaicheadh iad gu follaiseach. Chaidh an iarrtus sin uatha a chur air beulaobh màthar na Ban-righ leis an Ridir Seumas Sandilands. Thug i freagrath cuin miodalach do ‘n iarrtus, a’ geallt-uinn gu ‘n tugadh i a’ chead so dhoibh, co fhad ‘s a bhiodh e ‘n a comas; agus ‘s a’ cheart àm, thug i dion do luchd-teagaig theagasgan an Ath-leasachaidh, gus am faighteadh cuisean bhi air an socruchadh, ach ‘s a’ cheart àm, nach biodh coinneamh fhollaiseach ‘s am bith air a cumail leis “a’ choimhthional,” an Dun-éidin, no ann am baile Lide. Troimh an réite so nis, bha luchd-searmonachaidh theagasg an Ath-leasachidh air an gabhail a stigh do thighibh “mhorairean a’ Choimhthionail,” agus shearmonaich iad anns na tighibh sin.—An Fhianuis.

A New Iniquity.

Upcoming Events (DV)

Oct 27
27 Oct - 28 Oct

Theological Conference

Oct 29
29 Oct - 2 Nov

Communion: Dornoch

Nov 5
5 Nov - 9 Nov

Communion: Glasgow

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Paul’s desire to be found in Christ (2) 2 Aug 2026
  • Herod’s response to John the Baptist 2 Aug 2026
  • Paul’s desire to be found in Christ (1) 26 Jul 2026
  • The Judgement Day 26 Jul 2026
  • The blessing of the all-powerful God 19 Jul 2026
  • Justification and peace 19 Jul 2026
  • Why God Excludes Sinners from His Rest 12 Jul 2026
  • The Pharisee and the Publican 1 23 Sep 2010
  • The Pharisee and the Publican 2 24 Sep 2010
  • Found in fashion of a man, He humbled Himself 26 Sep 2010

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice