Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1897 » July 1897 » Tha h-Eaglaisean

Tha h-Eaglaisean

BLIADHNA an deigh bliadhna tha na h-Ard-sheanaidhean a cruinneachadh ann an Duneidin. Tha moran air feadh na duthcha a coimhead riu nuair a thig mios a Mhaigh timchioll dh’ fheuch’ am faic iad comharaidhean sam bith air aithreachas anns na h-Eaglaisean mora. Cha-n e nach eil aobharan aithreachais gu leor ann is coireach nach eil na comharaidhean ri ‘n coimhead ach tha na h-Eaglaisean o cheann aireimh do bhliadhnachan air dol air falbh o’n fhiorghloine ann an teagasg aoradh agus riaghladh a bha aca uair-eigin agus a reir coltais cha n’ eil iad a tilleadh ach a dol nis faide air seacharan.

Mu thoiseach a Mhaigh tha seanadh nan Cleireach Aonaichte ‘ga chumail’s e sin a bhuidheann ris an abrar gu h-aitghhearr anns a Bheurla na h-U.P.’s. Is gann a tha aobhar araiddh air son am bheil an fheadhainn so air leth o chàch a nis ach cho eudmhor ‘s a tha iad air son Eaglais na h-Alba a dhi-steidheachadh. Air a bhliadhna so chaidh iad ni b’ fhaide na b’ abhaist dhoibh ann an aghaidh teagasg a Bhiobuill anns na sgoiltean; tha iad cho fad anns a bharail nach coir do’n Stàid gnothuch a ghabhail ri creud seach creud ann a bhi ‘gan cobhar. Ghabh iad ceum air aghart cuideachd an coimhcheangal ri aonadh ris an Eaglais shaòir. ‘Nuair a bha gluasad ann air son Aonaidd roimh eadar an da eaglais cha robh a mhuintir anns an Eaglais Shaor a bha seasamh steidh na h-Eaglais toilichte aonadh a dheanamh riu air son am beachdan saor-thoileach agus cho fuasgailte ‘s a bha iad mu theagasgan mor na Reite. Thainig uair eile air Albainn o’n am sin agus a nis ‘si an Eaglais Shaor fein is neofhallaine do’n da bhuidhinn; ach nuair a tha no Cleirich Aonaichte a gluasad air son aonadh riu tha iad a dearbhadh nach mor suim a tha iad a cur ann am fallaineachd creidimh. Ma theid leacan deighe a chur air muin a cheile fasaiddh iad ‘nan aon mheall ach ‘se aon mheall deighe a bhios ann. Mar sin ged a dh’ fhaodadh da Eaglais a tha ann an tomhas mor meagh-bhlath agus fuirmealach aonadh ri cheile is beag a b’ fheairrd iad sin. Nuair a philleas Eaglaisean na h-Alba air ais chuige-san o’m bheil iad a claonadh no air claonadh s-ann an sin a bhios an t-Aonadh beo blath agus buannachdail. Aonadh sam bith nach eil ‘na aonadh ann an dillseachd do ghloir Chriosd tha e ‘na aonadh air son a chuid a’s miosa agus cha’n ann air son a chuid a’s fhearr. Chan’eil iad ach a misneachadh agus a neartachadh a cheile ann an dearmad an dleasdanasan soluimte.

Nuair a bha e a teannadh ri deireadh a mhios chruiinnich an da Ard-sheanadh eile. A reir an t-seann chleachdaidh chuir a Bhan-righ teachdaire sonruichte gu Ard-Sheanadh na h-Eaglais Steidhichte gu seasamh a h-aite fein cho fad agus a bhiodh an t-Ard-sheanadh ann. ‘Se Dr. Scott a bha ‘n cheannsuidhe air an Ardsheanadh an uraigh agus a reir a’ ghnath dh’ ainmich e am fear a thigeadh a stigh ‘na aite Dr. Mair. A chionn gu bheil a Bhan-righ air rioghachadh tri fichead bliadhna bha gnothuch mor aig an t-Seanadh a cur failte da h-ionnsuidh agus chùm iad la tainealachd.

Bha cuisean fa chomhair na h-Ard-chuirt anns am feumadh smachd eaglais a bha air a nochdadh agus chaidh an da mhinistear a bhriseadh agus a chur as an dreuchd. Ann an aon eile do na h-Eaglaisean mora cha-n’eil iad a leigeil le cuisean dhe’ leithid sin a thighinn am follais ach cho ainmic agus is urradh dhoibh. Tha na daoine an aghaidh am faodadh cuis-dhitidh a bhi air a a togail a faghail cead an coimhthionalan fhágail ach tha iad a gleidheadh an inbhe mar mhuinntir a fhuair cead searmonachaidh. Nam biodh na gnothuichean so air an stiuradh le treibh-dhireas cha bhiodh a chuis mar sin. Ann an dillseachd do na daoinibh fein agus don t-sluagh cuideachd bu choir do na cuisean a bhi air an rannsachadh a mach nam biodh sin deanta cha’n fhaigheadh dithis a fhuair as mar so o chionn ghoirid-fear anns an taobh deas agus fear anns an taobh tuath-saorsa dol gu duthchaibh no eaglaisean eile mar mhinistearan-gun smal air an cliu.

Bha cuis chud-thromach eile fa chomhair na h-Eaglais Steidhichte-Thainig ministear Chille-mhuinn ri’n aghaidh aon chuid a dh’ fhaotainn a bhinn no a dh’ aideachadh gun deach ‘e cearr. Chan aidicheadh e sin agus dh’ orduich an t-Ardsheanadh do chleir Dhunothainn Mr. Robinson a chur as a ministreileachd. Tha an leabhar air son an deachaidh a dhiteadh mar so a dol cho fad agus is urradh dha gu bunaitean a chreidimh a thilgeadh. Tha e bochd gum biodh aobhar ann airson a leithid do ni agus a thainig air an Eaglais a dheanamh; ach o’n a bha an t-aobhar ann is math gun do rinn i mar a rinn i.

Tha comunn mor dhe ministearan na h-Eaglais a rinn na bha ‘nan comas air son ministear Chille-mhuinn a dhionadh. ‘S e is ainin air a chomunn so aonadh no comunn na h-Eaglaise Duth-chasaich. Muinntir a tha ‘g iarraidh a bhi cho farsuinn fuasgaithe ‘nam beachdan’s a dh’ fhaodas iad. Agus tha comunn mor eile anns an Eaglais Steidhichte-Comunn na h-Eaglais Albannaich a tha ‘g aomadh gu beachdan na h-Eaglais Shasganaich ann an teagasg mu na sacramaidean agus ann an doighean aoraiddh. Tha mor bhuaiddh aig a chomunn so agus tha mor chunnart ann cuideachd air eagal gun tarruing e dorchadas na Roimhe air an duthaichsa a ris. An daimh ri cleachdaidhean na buidhne so faodaiddh sinn ainmeachadh gum bheil na Missionaries leis an Eaglais Steidhichte ann am meadhon Africa a leantuin an doighean. Ged a chaidh so a rannsachadh agus a dhearbhadh fhuair iad as cha mhor gun chronachadh. Nach e a bhiodh gu math nan togadh an Tighearn soisgeulaichean treuna ann an Eaglais na Staide? Tha mor fheum aice air sguabadh. Mun do sgaoil an t-Ardsheanadh thug an Ceannsuidhe oraid mhor dhoibh air Ard-cheannas Chriosd. Uiread’s a leugh sinn dhen oraid so bha i ciallach agus urramach. Nan striochdadh muintir do cheannas Chriosd is mor an t-atharrachadh a thigeadh air an t-saoghail.

Ann an Ard-sheanadh na h-Eaglais saoire, mar a dh’ innis a bha gu bhi, bha Dr. Mac-mhaolain a Grianaig ‘na cheann-suidhe. Air a bhiadhna a chaidh seachad chaochail dithis de na Professors agus thug aon eile thairis obair le sean-aois. Cha robh ach dithis gu bhi air an taghadh ann an aite an triuir oir tha an t-aite aig Drummond gu bhi air fhàgail falamh. Ann an aite Dr. Blaikie ann an Dun-eidin chaidh Mr. Martin Dhun-eidin a thaghadh. Cha do thog aon neach a ghuth ann an aghaidh so. ‘Se duine sgiobalta a tha ann am Mr. Martin—mac do Dhr. Uistean Martainn—ach ma’s maith ar cuimhne o chionn timchioll air deich bliadhna air ais bha cuis ‘na aghaidh ann an cleir Dhuneidin airson beachdan fuasgailte a bha e teagasg. Chan ‘eil e ‘na sgiobhdair mor agus mar sin chan urrainnear deanamh a mach ro mhatb co dhiubh am bi e fada o’n t-seann bhunait no nach bi chan ‘eil e ‘na chomharadh ro mhatb air ‘fhallaineachd gun deach’ a thaghadh gun neach a bhi cur ‘na aghaidh.

‘Se Dr. Denney a chaidh a thaghadh leis a mhor-chuid airson aite Professor Candlish a ghabhail ann an Glascho. Ged is e duine comasach a tha ann an Denney’s e duine cunnartach a tha ann cuideachd. Ged nach biodh e fada cli ann an rathaidean eile gidheadh dh’ fhoghnadh a bheachdan mu dheachdadh agus ughdarras nan sgiobhturrean airson ‘fhagail cunnartach.

Nuair a thainig gnothuch an Aonaiddh air beulaobh na Cuirte bha la comhstri aca. Ghluis Dr. Rainy air son aonadh ris na Cleirich Aonaichte agus cha mhor nach robh a Chuirt uile gu leir a dh’ aon inntinn mu ‘n chuis. Nuir a bha an fheadhainn a tha seasamh ann an aghaidh Disteidheachadh na h-Eaglais Steidhichte a cur an comhairle ri cheile m’an t-seasamh a ghabhadh iad mu ‘n aonadh dh’ aontaich iad dol ann an tomhas mor le Dr. Rainy ach dh’ iarr iad gum biodh teagasg Leabhar Aidmheil a chreidimh mu dhleasdanas na Staide do’n Eaglais air a ghleidheadh.

Bha cordadh air chor eigin ann an doigh uaigneach air a dheanamh eadar Dr. Rainy agus Mr. Mac-ascaill. Tha litrichean a tighinn a mach anns na paiperean agus tha cuid d’a chairdean ag radh gu’n do rinn. Mr. Mac-ascaill am brathadh. Co dhiubh ghluais Mr. Robertson o Rayne ann an aghaidh an Aonaidh agus cha d’ fhuair e ach sea pearsa fichead a dhol comhlaadh ris. Nuair nach d’ fhuair e ach so do chuideachadh thainig a chuis gu eadar Rainy agus Macascaill. Rinn iad cordadh agus tha Mr. Mac-ascaill toilichte a nis ma smuainicheas an Comunn a chaidh a chur air leth gus a chuis a reiteachadh air na beachdan a chuir e f’an comhair. Cha’n eil e ‘g iarraidh ach saorsa airson na beachdan aige fein a ghleidheadh dha fein ma thig aonadh. ‘Sann mar so a bha a sheasamh o chionn cuig bliadhna air ais oir riamh o chaidh an t-Achd Mineachaidh a dheanamh ‘na lagh, 1892, cha robh an Eaglais Shaor mar Eaglais a cumail ris an t-seann bhunait. Mar sin ‘nuair a tha e dol leis an Aonadh chan eil atharrachadh sam bith air thinn air as úr. ‘S ann o cheann cuig bliadhna air ais a thainig an t-atharrachadh. O na dh’ fhuiling an taobh beag anns an Eaglais shaoir, aill ar n-aill gum biodh ceisdean fosgailte anns an eaglais agus cead aca a bhi innte cha’n urrainn iad seasamh gu coguiseach an aghaidh an Aonaidh a nis oir chan’eil na Cleirich Aonaichte n’i’s farsuim na iad fein. Nan robh iad air seasanigh gu coguiseach aig an am a bu choir dhoibh seasamh bhiodh cuisean moran ni b’ fhearr a nis d’an taobh agus cha bu mhisde sinn e ni bu mho. Ann an gnothuichean eile bha an Eaglais a dol air aghaidh anns an doigh abhaisteach gun chomharadh sam bith a bhi ann air athleasachadh no aithreachas air son mar a threig iad an ceud ghradh agus an dillseachd do dh’ aobhar gloire Dhe. Bhiodh e ‘na ni bean-naichte nam biodh comharaidhean ann mar sin agus bhuiheadh dhuinn a bhi ‘g iarraidh air an Righ aig am bheil cridheachan chloinn nan daoine ‘na laimh fein gun pilleadh e Eaglaisean na h-Alba ann an treibhdhreasa agus ann an aon fhillteachd ris fein. Agus an sin bhiodh iad ‘nan aon da rireadh o dheas gu tuath. Gun luathaicheadh, E fein an la sin.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Enter in at the straight gate 17 May 2026
  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice