Aobharan air an toirt seachad leis an Urramach DOMHNULL MACPHARLAIN, Rathasaiddh, leis an Urramach DOMHNULL DOMHNULLACH, Shildeig, agus le feadhainn eile airson a bhi ‘g an cur fein suas mar Chleir air leth fo ainm, “Cleir Eaglais Shaoir na h-Alba.”
“Nochd thu do d’ shluagh nithe cruaidh; thug thu oirnn fion a’ bhuaireis ol. Thug thu bratach dhoibhsan d’ an eagal thu, gu bhi air a togail suas air sgath na firinn.”—SALM lx. 3, 4.
THA sinn a’ mothachadh gur coir dhuinn ann a bhi gabhail ceum cho soluimte agus cho cudthromach ri bhi diultadh uachdranachd cuirtean na h-eaglais sin aideachadh a tha ‘ga h-airneachadh fein mar Eaglais Shaoir na h-Alba agus ann a bhi ‘gar cur-ne fein suas mar Chleir air leth (tha sinn a mothachadh gur coir dhuinn) cunntas aithgearr a thoirt air na h-aobharan a ghluais sinn gu so a dheanamh.
Aig am an Dealachaidh anns a bhliadhna 1843 agus airson aireamh do bhliadhnaich an deigh sin rinn an Eaglais Shaoir fianuis air deadh aidmheil fa chomhair an t-saoghal. Rinn sinne gairdeachas an so air dhuinn a bhi meas gu’m b’i a h-aidmheil fianuis Chriosd. Ach anns an tomhas anns an robh sinn air ar deanamh aoibhneach leis an fhianuis agus leis an aidmheil so cha b’ urrainn sinn gun a bhi air ar cradh ann a bhi faicinn nithean a tachairt o chionn beagan bhliadhnaich a tha sinn a meas ‘nan cuisleamhnachadh ro mhor o na ceuman a rainig i ‘na ceud laithean. Tha i nis airson aireimh do bhliadhnaich air aon de na puingean bunaiteach aice fein a chumail, ach beag, am folach —tha sinn a ciallachadh coirichean crun an Fhir-shaoraiddh mar Righ nan Righ agus Tighearn nan Tighearn; tha i air sgr dhe bhi togail fianuis airson na simplidheachd agus airson na fiorghloine airson an robh aoradh follaiseach na h-Eaglais Chleirich ann an Albainn comharaichte riamh o am an Ath-leasachaidh, ach thar na h-uile nithibh tha i o chionn ghoird air mi-dhillseachd a nochdadh a thaobh an ni sin a chaidh earbsadh rithe mar mheur do dh’ Eaglais Chriosd—eadhon a bhi coimhead bhriathra Dhe.
Bha na claonaidhean so, mu’n abair sinn focal a rithist, ‘nan aobhar doilghios da rireadh dhuinn agus bheireadh iad oirnn annta fein agus dhiubh fein sgr de bhi comh-oibreachadh le luchd-dreuchd a bha mar so neodhileas do ‘n ni a dh’ earbadh riu mur b’e gu’n robh sinn a saoilisinn nach deachaidh beantuin ri steidh na h-eaglais gus an d’ rinneadh an t- Acdh-Mineachaidh ‘na lagh. ‘Se so, ma ta aobhar sonruichte ar dealachaidh gu’n do rinneadh an t-Acdh-Mineachaidh ‘na lagh anns a bhliadhna 1892 agus gu’n do dhaingnicheadh e leis an Ardsheanadh anns an ath-bhliadhna—1893.
(1) Leis an Acdh so tha sinn a meas gu’n deachaidh steidh na h-Eaglais atharrachadh agus a thruailleadh far am bu ghloine agus a bu neo-thruailidh a bu choir dhuinn a ghleidheadh.
Fo chleoc ruin a bhi cumail suas fallaineachd teagaig agus sith is aonachd na h-Eaglais tha an t-Achd so a toirt do’n Eaglais—’se sin ri radh anns a cheum mu dheireadh do’n Ard-sheanadh—cumbhachd a thaobh a riaghailtean fein nach robh aice air chor sam bith ‘na ceud shuidheachadh. Tha an t-Ard-sheanadh—a chuirt a’s airde anns an Eaglais—air a dheanamh suas do aireamh araiddh de luchd-dreuchd na h-Eaglais. Bhoidich a h-uile fear de’n luchd dreuchd so gu’n aidicheadh gu’n cumadh e suas agus gu’n dionadh e riaghailtean teagaig araiddh a bha air an comharrachadh a mach agus air an daingneachadh gu soilleir. Tha na boidean so ‘nan luidhe air uile luchd-dreuchd na h-Eaglais co dhiubh am bheil iad ‘nam buill de’n Ard-chuirt no nach eil. Bha e mar fhiachaibh air an Ard-sheanadh a rinneadh suas de earrainn de luchd-dreuchd na h-Eaglais a bhi deanamh a reir dleasdanais gach aoin d’ a chuid bhall agus cho fada ‘s a chum iad ris an doigh so agus gun ni sam bith ni b’ fhaide bha an Eaglais a seasamh ann an daimh ceart ri ‘riaghailtean fein agus bha saorsa an taoibh bhig aig am feudadh atharrachadh beachd a bhi ris a mhor-chuid air a dionadh. Ach a nis ‘nuair a tha an t-Achd-Mineachaidh (1892) a cumail a mach gu’m bheil puinean teagaig ann an Leabhar Aidmheil a Chreidimh—gun a bhi ‘g ainmeachadh ciod na puinean araiddh a tha ann—mu’m feud daoine eadarthealachadh beachd a bhi aca anns an Eaglais agus a thaobh a h-uile cuis a dh’ fheudas eiridh gu’m bheil comas aig an Eaglais—’se sin an t-Ard-sheanadh—eardarthealachadh a dheanamh eadar na nithean a bhuneas do bhrigh a Chreidimh Ath-leasaichte air a chur sios ann an Leabhar Aidmheil a Chreidimh agus na nithean nach buin da, tha cumhachd air a thoirt do’n Ard-sheanadh gu bhi sonruchadh a reir an toile fein ciod iad riaghailtean suidhichte na h-Eaglais. Airson aireimh do bhiadhnachan bha a chuid a’s mo anns an Eaglais Shaoir a cleachdadh an doigh oibreachaidh so; ach tha eadarthealachadh mor eadar daoine leo fein agus gun ughdarras ge b’e air bith cho lionmhor ‘s a bhios iad a bhi gabhail agus a cumail ri leithid so a dhoigh agus an ni ceudna a bhi air aideachadh le ughdarras ann an laghanna na h-Eaglais. Coimhcheangailte ris an ni so cha’n eil e deanamh na cuise idir ni’s fearr ach ni’s miosa gu’m bheil an cumhachd so air a thoirt do’n Ard-sheanadh ‘nuair a tha na ceistean agus am bann-sgriobhaidh (Formula) fhathast gun atharrachadh. Oir ‘nuair leis an dara ceist a tha a h-uile fear-dreuchd fathast a boideachadh gu’n aidich agus gu’n cum e suas agus gu’n dion e teagasg Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh gu h-iomlan mar a chaidh gabhail ris le Ard-chuirtean na h-Eaglais roimh so tha cumhachd air a thoirt do’n Ard-sheanadh leis an reachd so air daoine fhuasgladh o na boidean so anns an tomhas a’s math leo co air bith le’m math fuasgladh a ghabhail. Tha sinn a creidsinn gu’m bheil riaghladh na h-Eaglais tre Ard-chuirt air a deanamh suas de luchd-ionaid an t-sluagh a reir inntinn Chriosd agus mar sin bha sinn a meas gu’n robh barrantas againn a bhi sparradh air luchd-dreuchd umhlachd a ghealltuinn dhi mar ni a shuidhicheadh le Criosd ‘na thigh fein cho fad ‘s a sheas i ann an daimh ceart ri ‘riaghailtean sgiobtuireil fein. Ach ‘nuair a tha an Ard-chuirt a seasamh ann an daimh neofhireanta ri ‘riaghailtean fein tha sinn a meas nach eil ughdarras againn so a dheanamh ni’s faide agus chaneil sinn a dol ro fhada ann a bhi ‘g radh gu’n deachaidh steidh na h-Eaglais a thruailleadh far am bu neo-thruailte a bu choir dhi a bhi air a gleidheadh.
(2) Leis an Achd-Mhineachaidh (1892) tha ‘n Eaglais uile gu leir air comh-roinn a ghabhail do chionta a chul-sleamhnachaidh a chaidh seachd (ni a bha dhuinne mar a thubhairt sinn ‘na aobhar broin da rireadh) an ann rathad anns nach robh com-roinn aice mu’n do rinneadh an t-Achd so ‘na lagh.
Tha e mar gu’m biodh iarrtus an Ard-sheanaidh o am gu h-am gu’m biodh an Eaglais Steidhichte air a di-steidheachadh (ni a dh’ aobharaich gu’n do sguir an Eaglais, ach beag, a bhi toirt fianuis air dleas-danas na rioghachd a bhi ‘g aideachadh agus a cumail suas a Chreidimh Phrostaiaich agus Chleirich) air a cheadachadh gu h-ughdarrail fo’n Bbarrier Achd. Tha e mar gu’m biodh cead air a thoirt le lagh na h-Eaglais a bhi gnathachadh laoidhean neo-dheachduichte agus innealan ciuil ann an aoradh follaiseach an ionaid naoimh—nithean a tha le cheile gun ughdarras na firinn agus an aghaidh lagh na h-Eaglais. Tha e mar gu’m biodh co-dhunaidhean na h-Eaglais aig da am sonruichte a thaobh neo-thuiteamachd agus domhearachdas nan Sgiobtuirean Naomha co-dhunaidhean a tha ‘g gabhail beachd air an teagasg so mar ni nach eil a buntuinn ri brigh a Chreidimh Ath-leasaichte—air an daingneachadh gu tur le ughdarras lagh na h-Eaglais. ‘Se so teagasg air nach urrainn sinn tuilleadh agus cus cudthrom a leagadh eadhon gu’m bheil na Sgiobtuirean neofhaillineach agus neomhearachd ach agus tha Eaglais an De Bheo air a gairm air dhoigh araidd anns a ghinealach neo-chreidimheach so gu bhi ‘ga aideachadh fa chomhair dhaoine. ‘Se ‘th’ ann teagasg a tha gu tric air a chur fa’r comhair le ar Tighearn agus leis na h-Abstolaibh, tha e air a dhaingneachadh gu cothromach le Focal Dhe air fad agus ‘se aon tearmunn a Chreidimh Ath-leasaichte. Ach tha cuid de’n luchd-dreuchd agus de’n luchd-teagaig a’s mo ughdarras agus inbhe anns an Eaglais ag agairt mar an coir fein, ni a tha ise a’ ceadachadh dhoibh, cha’n e a mhain nach cumadh iad teagasg sam bith de’n t-seorsa so ach mar an ceudna gu’m feudadh iad ‘aicheadadh gu follaiseach. Mu’n do rinneadh an t-Achd so ‘na lagh bha na claonaidhean so ‘nan aobhar broin ro dhomhain duinn ach bha bunait na h-Eaglais gun atharrachadh agus ‘se so a mhain a dh’ fhireanaich ar fantuinn ann an coimh-cheangal ri Eaglais anns an robh a leithid de mhearachdan lionmhor. Ach a nis do bhrigh tre ‘n Achd so gu’m bheil cumhachd cho mor air a chur ann an lamhaibh an taoibh mhoir anns an Ard-sheanadh—leis am bheil iad ‘g am fireanachadh fein ‘nan uile chodhunaidhean a thaobh nan cuisean a dh’ ainmich sinn—cha b’ urradh dhuinn ni b’ fhaide cuirtean na h-Eaglais aideachadh gun a bhi ‘nar luchd-comhroinn d’a cionta.
(3) Leis an Achd-Mhineachaidh (1892) tha nithe air an cur ri ar fianuis agus ri ar n-aidmheil-creidimh a tha sinn a meas neochuimte ri Leabhar Aidmheil a Chreidimh (Iar-mhisteir) no ri Focal Dhe.
Oir ‘nuair anns a cheud earrainn de’n Achd ann an laimhseachadh gradh Dhe a tha ard-uachdranachd Dhe air a h-aideachadh a thaobh a ruin tearnaidh thatar ionnan agus ag aicheadadh gu’m bheil an ard-uachdranachd so air a taisbeanadh a thaobh a ghraidh—ni a tha an aghaidh teagasg nan Sgriobtuirean (Rom. ix. 13; Eoin xiii. 1; Eph. v. 25; Eabh. xii. 6; Taisb. iii. 19). Dh’ fheidhachadh briathran an Achd a thaobh foillseachadh gradh an Athar agus gradh a’ Mhic a bhi air an gabhail ann an seadh sgriobturail; ach feumar na briathran sin a thuisinn ann an solus nam briathran a tha ‘g innseadh foillseachadh gradh an Spioraid agus ‘nuair a thui geas sinn mar so iad feumaidh sinn co-dhunadh gu’m bheil a chainnt a tha air a gnathachadh mu ghradh an Athar agus mu ghradh a’ Mhic air a gnathachadh ann an seadh neosgriobturail agus neo-riaghailteach. Oir a reir Tituis iii. 4, 7, ‘s ann ann an ionnlaid na h-ath-ghineamhuinn agus ann an athnuadhachadh an anam a bha marbh ann an eucartan agus ann am peacaibh a tha gradh an Spioraid air ‘fhoillseachadh agus cha’n ann ‘na stri’ a mhain.
A ris ‘se ni ro-chudthromach a tha ann an so do bhrigh gu’m bheil e buntuinn ri teagasg na Reite. ‘Se teagasg Focal Dhe a thaobh na firinn so gu’n “do ghradhaich Criosd an Eaglais agus gu’n d’ thug se e fein air a son a chum gu’n naomhaicheadh agus gu’n glanadh e i le ionnlaid an uisge tre’n fhocal chum gu’n cuireadh e i ‘na lathair fein ‘na h-Eaglais ghloirmhoir gun smal gun phreasadh no ni sam bith d’ an leithidibh sin ach gu’m biodh i naomh agus neolochdach. “Tha Leabhar Aidmheil a Chreidimh gu h-iomlan a’ co-chordadh ris an teagasg so ‘nuair a tha e ‘g radh “na h-uile airson an do choisinn Criosd saorsa tha e gu cinnteach agus gu h-eifeachdach ‘ga comh-chur riu agus ‘ga tabhairt dhoibh.” Tha e mar fhiachaibh oirrn briathran an Achd-mhineachaidh mu ghradh Chriosd a leughadh ann an solus nam briathran a tha cur an ceill foillseachadh gradh an Spioraid agus ma ni sinn so ‘s fheidur dhuinn co-dhunadh gu’n do ghradhaich Criosd muinntir agus gu’n d-thug se e fein air an son gidheadh nach eil e a’ co-chur dhoibh sin uile na saorsa a choisinn e dhoibh. Agus mar so tha claonadh mor o theagasg Focal Dhe air an fhirinn bhunaitich so.
A ris tha sinn a meas nach eil an Eaglais air gleidheadh a’ chreidimh ‘nuair a tha i a’ cur an ceill anns a cheud Earrainn (b) de’n Achd, “nach eil an Eaglais so a’ teagasg agus nach mo a tha i saoisinn gu’m bheil an Leabhar Aidmheil a teagasg roimh-orduchadh dhaoine chum bais dealaichte ri am peacadh fein;” oir o ‘n a tha am focal “bais” air a ghnathachadh ann an so gun mhineachadh tha na briathran a dol an aghaidh Focal Dhe a tha ‘g radh “gu’n d’ thainig am peacadh a steach do’n t-saoghal tre aon duine agus am bas tre’n pheacadh agus mar sin gu’n do rioghaich am bas air na h-uile dhaoibh do bhrigh gu’n do pheacaich na h-uile” agus a ris, “tre easumhlachd aoin duine gu’n do rioghaich am bas tre aon. Anns na h-aitean sin tha an t-Abtol a gnathachadh an fhocail “bas”—tuarasdail a’ pheacaidh—gun a chorr a mhineachadh, agus tha e ‘g radh gu’n d’ thainig am bas air na h-uile do bhrigh an daimh ris a’ cheud Adhamh. Tha sinn ag aideachadh gur e so run-diomhair mor; gidheadh ‘se rundiomhair e a tha e mar fhiachaibh air an Eaglais a choimhead a ghnath. Ann an aite a bhi ‘ga choimhead ma ta tha an t-Achd Mineachaidh gu ladarna a’ briseadh a steach air agus cha mhor nach eil e ‘ga thoirt gu neoni.
Mar an ceudna ‘nuair a tha an Eaglais ag aicheadhadh gu’m bheil feum do-sheachuinte air an t-soisgeul airson tearnadh nam fineachan tha i ag aideachadh ni airson nach urrainn i dearbhadh sgriobturail sam bith a thoirt agus tha sinn a meas gu’m bheil an aidmheil so an aghaidh Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh agus earrainnean do’n Sgriobtuir mar a tha Gnath. xxix. 18; Rom. x. 14, 15; agus Eph. ii. 12.
A thuilleadh air na mearachdan sin a tha sinn air ainmeachadh tha sinn a’ meas gu’m bheil beachd eutrom agus neosgriobturail anns an Achd air fad air peacadh agus air obair an Spioraid Naoimh; ach cha’n eil sinn a’ saoilsinn gu’m bheil e mar fhiachaibh oirnn leudachadh air na cearban sinn agus cearban eile fa leth. Chunnaic sinn gu’m bheil aideachadh air a dheanamh, tre ‘n Achd Mhineachaidh, ann an ainm na h-Eaglais Shaoir air teagasgan bunaiteach agus nach eil an t-aideachadh so a reir Focail Dhe. ‘Se aon ni ro-chudthromach airson am bheil Leabhar Aidmheil-Creidimh feumail gum faigh Eaglais leis a bhi sgaoleadh a mach mar Eaglais brataich airson na firinn. Tha bratach air a sgaoleadh a mach anns an Achd-Mhineachaidh ach cha’n ann air son na firinn. Cha’n urrainn sinn comh-oibreachadh leis an Eaglais a tha sgaoleadh a mach na brataich so. Tha’n Eaglais mar Eaglais gu ro-dhurachdach a cur an ceill, mar nithean a tha seasamh ann an clar-eudain foillseachadh nan gras, teagasgan araidh a chunnaic sinne a bhi neo-chuimte ris an fhirinn agus muinntir sam bith a their an deigh so nach eil an t-Achd Mineachaidh a’ cur uallaich sam bith aq ur air muinntir anns an Eaglais tha iad ionnan agus ag radh a mbuinntir nach cord ri briathraibh an Achd nach buin iad do’n Eaglais idir air neo nach ‘eil gnothuch sam bith aca ris an fhianuis a tha an Eaglais gu h-iomlan a togail.
Tha sinn air ar gairm anns a’ chàs so gu aon de steidhbheachdan bunaiteach na h-Eaglais Chleirich aideachadh agus a chur an cleachdadh. Tha eadardhealachadh steidhbheachd eadar an Eaglais Chleireach agus na h-Eaglaisean Neo-eisimealach ann an so gu’m bheil na coimhthionalan againn ‘nan aon Eaglais agus ‘nam buill aon d’ a cheile air dhoibh aon Tighearn, aon chreidimh, an bhaisteadh a bhi aca. ‘Nuair a tha an Eaglais air dol a thaobh o’n chreidimh tha sinn a diultadh fasgadh a ghabhail ann an seorsa do Neo-eisimealachd mar gu’m feudadh na coimh-thionalan a bhi saor o chionta ‘nuair a bha cionta ‘na luidhe air an Eaglais mar Eaglais.
A mhain a chum gu’m buanaicheadh sinne mar Eaglais air fianuis a thogail air taobh neothuiteamachd agus do-mhearchadas nan sgriobtuirean naomha, air taobh gradh arduachdaranail Dhe, air taobh teagasg an sgriobtuir mu thuiteam an duine agus na’ nithe a shruth uath, air taobh Ceannas Chriosd air na cinnich, air taobh fiorghloine agus neothruailteachd Aoradh follaiseach an ionaid naoimh a bha comharrachte, cha’n ann gun ghnuis an Tighearna, ann an Eaglais Chleirich na h-Alba riamh o am an ath-leasachaidh—air son nan nithe sin a mhain tha sinn air ar comheigneachadh gu dealachadh a dheanamh. Nan robh sinn air fantuinn mar a bha sinn cha’n e a mhain nach b’ urrainn sinn fianuis a thogail airson nan teagasgan agus nan steidhbheachdan sin ach mar an ceudna bhiodh ar cuid ‘s ar cuibhrionn fein againn dhe cionta na muinntir a tha ‘g an tilgeadh agus ‘gan aicheadhadh.
Tha sinn ag aicheadhadh an ni a tha g’u tric air a radh m’ ar deighinn gu’n do sguir sinn a bhi de’n Eaglais Shaoir leis a cheum a ghabh sinn. Ann an aite sin a bhi mar sin tha sinn a cumail a mach gu’n do cho-eignicheadh sinn a chum gum biodh lan choir againn air a bhi de’n Eaglais Shaoir, gu ughdarras cuirtean na h-Eaglais sin a thilgeadh dhinn a sguir a bhi ‘na fior-Eaglais Shaoir na h-Alba ‘nuair a rinn i lagh 1892 de’n Achd-Mhineachaidh.
Bu mhath leinn sinn fein irioslachadh fa chomhair an Tighearna air son cho fuar agus a tha ar cridheachan ann an guothuichean a bhuneas cho mor d’a ghloir fein. Tha sinn ag aideachadh gu’m bheil sinn gu h-iomlan neo-airidh air a bhratach sin a sgaoileadh a mach air son na firinn a chuir e a dh’ urram air ‘Eaglais fein ann an Albainn ‘s gu’n d’ thug e dhi i ri’ giulan. Ach ged nach eil sinne annainne fein ach mar anabas nan uile nithean gidheadh cha’n feud sinn bhi ‘nar tosd air a leithid so do la achmbhasain agus maslaidh. Bu mhath leinn ar n-uile earbsa a bhi anns an Tighearn ar fireantachd-ne. Tha sinn a coimhead ri’ fhuisan airson ar fireanachadh agus ar glanadh o gach uile neo-fhireantachd, ri a neartsan airson taic a chumail ruinn ri a Spiorad airson beatha stiuradh agus comh-fhurtachd.
Tha sinn ag guidhe air Dia gu’n tugadh e dordadh dhe a Spiorad cha’n e a mhain oirrn fein ach air ar comh-luchd-duthcha gradach-ne cuideachd, a chum gu’n duisgeadh iad suas do’n aithne, “cum greim daingean air an ni sin a tha agad a chum nach glac neach air bith do chruin,” agus a chum gum foghlumadh iad gradh agus speis a thoirt do na sochairean do labhairt luachmhor a tha iad ann an cunnart a chall airson ghinealach ri teachd.