LE A. MACCOLLA, MINISTEIR NA H-EAGLAIS SAOIRE, ANN AN CILLE-CHUIMEAN.
A NNS a’ mhlos Chéitein, air a bhliadhna so féin (1869), thug Buidheann Aonaidh na h-Eaglais Saoire air beulaobh an Ard-Sheanaidh an Cunntas deireannach, mu na co-dhùnaidh bhi gus an d’ thàinig iad, a thaobh nam puinge mu ‘n robh co-labhairt eadar iad féin agus na Buidhnibh-Aonaidh eile, a bha air an comharrachdadh leis na h-Eaglaisibh eile a tha ‘g iarraidh aonadh ris an Eaglais Shaoir. Tha ‘n Cunntas so air a sgaoileadh gu farsuinn a’ measg ar luchd-dùthcha; agus tha cuid a’ saoilsinn gu bheil an tuilleadh aontachd ‘n ar Eaglais, na tha, do rìeadh, innte. Uime sin, tha e iomchuidh gu ‘m biodh e air a dheanamh aithnichte gu bheil easaontach ‘n ar measg m’ an chuis so; agus gu bheil aobhairean maithe, air son sin, bu chòir a chur an lâthair ar luchd-dùthcha ‘n an cainnt féin; a chum gu ‘m biodh cothrom aca breth a thoirt air a’ chuis, air an son féin; agus a chum gu ‘m biodh lân-dearbhadh aca ‘n an inntinn féin. ‘Se so an t-aobhar air son am bheil na duilleagan so air an cur a mach.
Dh ‘éirich iarrrus a’ measg cuid do luchd-dreuchd ann an Eaglaisibh Cléireil na h-Alba, airson gu ‘m biodh iad air an aonadh ‘n an aon Eaglais. Agus bha so ion-mhiannichte agus ciatach, ‘n am b’ urrainn e bhi air a dheanamh air dheadh stéidh. Thàinig so gu a leithid a dh’ àirde ‘s gu ‘n d’ aontaich iad a thoirt fa chomhair Ard-Chùirtibh nan Eaglaisean aig an robh an t-iarrrus so. ‘S iad na h-Eaglaisean a tha ‘n ar beachd,—an Eaglais Shaor; an Eaglais Chléireil Aointe; agus an Eaglais Chléireil Ath-Leasaichte. Thaobh an aon a dh’ ainmicheadh mu dheireadh, cha ‘n eil a rùn oirnn ni sam bith a’ ràdh; no, thaobh Eaglaisean Cléireil ann an Sasunn, anns na duilleagaibh so.
O cheann còrr is sè bliadhna (1863) chomharrach Seanadh na h-Eaglais Chléireil Aointe Buidheann àraidh dhiubh féin, gu ghnothuch a dheanamh ri Eaglaisibh eile, mu aonadh. An sin, rinn Ard-Sheanadh na h-Eaglais Saoire, agus Eaglais Ath-Leasaichte na h-Alba, no, mar theirteadh gu coitchionn, na Camaronianach, Comunnaibh sònruichte ainmeachadh airson an ni cheudna. Bha na Comunna, no na Buidhne so, gu comhairle a ghabhail fa leth, agus mar an ceudna, maille r’ a chéile, ann an aon àit; agus theirr sinn riutha, anns an t-suidheachadh sin anns an robh iad uile gu comhairle a ghabhail, cuideachd, Co-Chomunn.
An sin, thòisich iad air a’ ghnothuch so, a dh’ earbadh riutha, a thoirt air aghaidh; agus a chum so a dheanamh ni bu choimh-lionta, chòrd iad mu Rian-sgrìobhaidh anns an robh Aon cheann deug, air an cur sios, mu ‘n robh co-labhairt gu bhi eatorra, chum gu faigheadh iad a mach, an tomhas do chòrdadh no do mhi-chòrdadh, a bha ‘n am beachdaibh orra, no a shaoilteadh bhi ‘n am beachdaibh. B’e ‘n cumha sònraichte air an do cho-chòrd Ard-Sheanadh na h-Eaglais Saoire dol air aghaidh leis a’ ghnothuch chudthromach, gu ‘n rachadh iad air aghaidh leis, le cùram cubh-aidh do bhunaitibh na h-Eaglais Saoire, eadhon, do bhonna-bheachdaibh Eaglais Ath-Leasaichte na h-Alba, ris an robh i a’ dlùth-leantuin, o cheann thri cheud bliadhna. Air dhoibh còrdadh m’ an bhonn air an robh iad gu dol air aghaidh leis a’ ghnothuch so, thòisich, agus bhunaich iad ann, rè cheithir bliadhna (gu 1867), gun mhi-chòrdadh follaiseach sam bith. Tha e soilleir, gidheadh, nach robh fior chòrdadh eatorra, ged nach do bhris e a mach follaiseach, gu sin. Cha b’ urrainn iad a bhi dh’ aon inntinn mu ‘n Cheud cheann do ‘n Rian-Sgrìobhta, a chur iad rompa mar riaghailt. An sin thubhairt Buidheann na h-Eaglais Chléireil Aointe, ma bha bacadh air aonadh, fo ‘n Cheud cheann, air nach b’ urrainn iad faotainn thairis, gu ‘n leigeadh iad seachad tuilleadh co-labhairt mu thiomchioll, agus gu ‘n cuirteadh stad air a’ ghnothuch. Thaobh so, cha robh Buidheann na h-Eaglais Saoire a dh’ aon inntinn. Cha b’ urrainn iad còrdadh mu ‘n phuing so; do bhrigh, mar a thubhairt cuid diubh, gu cothromach, nach robh ùighdarras aca air breth a thabhairt anns a’ chùis sin. Ach an sin fhuair, a mheud dhiubh ‘s a bha so-aomta gu géilleadh ‘s an ni so, dòigh-éigin air a thoirt air beulaobh an Ard-Sheanaidh. Ach cha robh so air a mheas le earrann mhòr dhiubh a réir seòl-riaghlaidh na h-Eaglais. Gidheadh, thug an àireamh bu mhò do ‘n Ard-Sheanadh am beachd, eadhon, nach robh bacadh air nach b’ urrainn iad faotainn thairis fo ‘n Cheud Cheann; agus chomharrach iad an Comunn-Aonaidh a rithis, gu leantuin air a’ cho-labhairt. Ach, an aghaidh so, bha Fianuis shòluiimte air a togail leis an àireamh nach d’ aontaich leis a’ bhrèth so. O ‘n àm sin, thug daoine urramach, a bha ‘n am buill do ‘n Chomunn-Aonaidh gus a sin, suas an àit innte, do bhrigh gu ‘n dò mheas iad o ‘n àm sin, gu ‘n do chlaon an Eaglais Shaor o ‘n a bunaitibh ris an robh i riabh a dlùth-leantuin; agus mar an ceudna, o ‘n chumha air ‘n do cho-chòrd iad aig tòiseachadh air co-ghnothuch a dheanamh ris an Eaglais Chléireil Aointe, mu aonadh. O ‘n làtha sin tha ‘n Eaglais Shaor gu mòr air a roinn—ni a tha ‘n a aobhar ioraslaichaidh agus bròin. Nis, ‘s e ar rùn ni-éigin do mhineachadh a dheanamh air na beachdaibh mu ‘m bheil eas-còrdadh eadar an dà bhuidhean anns an Eaglais Shaoir féin; ach, gu sònruichte, air na bunaitibh no na bonna-bheachdaibh, ‘m am bheil an dà Eaglais ag eadar-dhealachadh gu mòr ‘n am beachdaibh. Cha ‘n eil a rùn oirnn labhairt air na Cinn uile, ach a mhàin, orrasan mu ‘m bheil mi-chòrdadh r’ a fhaicinn gu soilleir. Bheir sinn fainear an toiseach, a’ phuing-teagaig a tha ‘s a’ Cheud Cheann, a dh’ eadar-theangaicheas sinn ‘s na briathraibh a leanas.
I. An Ceud Cheann.—“An tomhas anns a bheil na h-Eaglaisean a’ còrdadh mu ‘n àit a bhuineas do ‘n Ard-uachdaran aimsireil, a thaobh a’ chreidimh agus Eaglais Chriosd.”
Bha Eaglais Ath-leasaichte na h-Alba a ghnàth comharrachte airson a bhi gleidheadh gu daingean dà phuing-theagaig àraidh.—A’ cheud aon diubh, “Gur h-e Croisd a mhàin Ceann ‘Eaglais féin;” agus ‘s e an dara h-aon, “Gur h-Esan Uachdaran Righrean agus Rioghachdan na talmhainn.” Do bhrigh gur h-ann mu ‘n dara puing dhiubh so, a tha an Ceud Cheann, bheir sinn oidhirp air a nochdadh o Fhocal Dhe, gu bheil Ard-Uachdaranachd aig Croisd mar an t-Eadar-mheadhonair os ceann Righrean agus Rioghachdan na talmhainn; agus gu bheil dleasdanasan àraidh fachaichte orra dha-san agus d’ a Eaglais, a tha a’ sruthadh o sin.
1. Air tìs, bheir sinn fainear so, o ‘n ùmhlachd agus an t-seirbhis a tha E ‘g agradh uatha, o ‘m bheil e soilleir gu bheil Ard-uachdaranas aig Croisd thairis orra.
Chi sinn so ‘s an dara Salm:—“A nis, ma ta, a Righrean, bithibh glic; gabhaibh foghlum; a b’ reitheamhna na talmhainn. Deanaibh seirbhis do ‘n Tighearn le h-eagal, agus deanaibh gàirdeachas le ball-chrith. Pògaibh am Mac, air eagal gu ‘m bi fearg air, agus gu ‘n sgriosar sibh ‘s an t-slighe.” Tha e soilleir gur h-ann do ‘n Mhesiah, Aon Ungta Dhé, tha ‘n ùmhlachd so air a h-àithneadh o Righribh agus o bhreitheamhnaibh na talmhainn. Cha ‘n eil teagamh, nach ann mu ‘n Ti ‘s e Mac agus Tighearna Dhaibhidh, a tha ‘n t-Salm so a’ labhairt; oir tha caochlach earrannan o ‘n t-Salm so air an cochur ri Criosd ‘s an Tiomnadh Nuadh; mar tha Gniomh. iv. 25, 27—”A thubhairt le beul Dhaibhidh do sheirbhisich, C’ ar son a ghabh na Cinnich boil’, agus a smuainich an sluagh nithe dlothanach? Sheas Righrean na talmhainn suas, agus chruinnicheadh na h-uachdaraibh an ceann a chéile an aghaidh an Tighearn, agus an aghaidh an aghaidh an Chriosd. Oir fìrinneach chruinnicheadh an ceann a chéile, an aghaidh do Leinibh naoimh Iosa, a dh’ung thu, araon Herod agus Pontius Pilat, maillle ris na Cinnich, agus sluagh Israeil.” Faicibh mar an ceudna, Gniomh. xiii. 33; Eabh. i. 5; v. 5; Taisb. ii. 26, 27. O so cha ‘n urrainn sinn a bhi ‘n teagamh, nach ann mu Chriosd ‘n a dhreuchd mar Eadar-Mheadhonair, tha ‘n t-Salm so agus na h-earranna eile a’ labhairt; oir is ann an aghaidh Aon Ungta an Tighearn tha cheannairc air am bheil i a’ labhairt air a deanamh, mar an Ti a dh’ ung an t-Athair ‘n a Righ air Sion a Shliabh Naomh. ‘S ann ‘s an t-suidheachadh cheudna a thugadh dha na cinnich mar oighreachd, agus croicha na talmhainn mar sheilbh. Co ‘n Ti dh’ am bheil e ‘g àithneadh dhoibh striòchdadh agus a bhi ùmhal? Nach ann do ‘n Righ, Mesiah! Agus co iad dh’ am bheil E ‘g àithneadh sin? Gun amharus, do Righribh, do bhreitheamhnaibh, agus dhoibh-san a tha fodha—’s e sin luchd riaghlaidh aimsireil anns gach inbhe. Ach an ann ‘n an suidheachadh uaigneach no pearsanta, mar dhaoibh eile; no, ‘n ann ‘n an dreuchd fhollaiseach tha E ‘g iarraidh so uatha? ‘S ann ‘n an dreuchd mar luchd-riaghlaidh, gun amharus, tha e air iarraidh uatha. Bhiodh a chaochlach beachd an aghaidh an ni a bha ‘s an amharc aig an Spiorad ‘s an t-Salm, mar a tha i air a tuigsinn leis an luchd-mìneachaidh a ‘s soilleire air an Fhìrin. Tha e soilleir r’ a fhaicinn gur h-ann ‘n an dreuchd mar luchd-riaghlaidh a’ dh’ éirich Herod agus Pilat an aghaidh a Leinibh Naoimh, Iosa. Uime sin, ‘s ann ‘n an dreuchd, mar luchd-riaghlaidh an t-sluagh, tha e ‘g àithneadh dhoibh urram agus géill a thoirt do ‘n Fhear-Shaoraidh, agus seirbhis a dheanamh dha le h-eagal, agus am Mac a phògadh mu ‘n las ‘fhearg ‘n an aghaidh. O shean, ‘n uair bha neach air ungadh ‘n a Righ, bha e a ghnàth air a phògadh, mar thaisbeanadh air ùmhlachd dhligheach dha; mar chi sinn, a rinn Samuel ‘n uair dh’ ung e Saul gu bhi ‘n a Righ air Israel, 1 Sam. x. 1: “An sin ghabh Samuel còrn olaidh, agus dhòirt e air a cheann e, agus phòg se e, agus thubhairt e, Nach ann a chionn gu ‘n d’ ung an Tighearn thu gu bhi ‘d cheann-ard air ‘oighreachd féin?”
2. Tha iomadh fàidheadaireachd agus gealladh ann am Focal Dhé, anns am bheil Uachdaranachd Chriosd os ceann nan cinn-each air a cur gu minic an céill.
Ciod sam bith a tha air a roimh-aithris mu Chriosd, ‘s éigin gu ‘n robb sin áns na h-uile ‘thug an t-Athair dha, mar thiodhlac ann an coimhcheangal siorruidh. Agus is éigin doibh so uile coimhliionadh fhaotainn. Tha so r’ a fhaicinn ann an iomadh earrann do Fhocal Dhé; agus feudaidh sinn cuid dhiubh ainmeachadh, chum daighneachadh do ar beachd mu ‘n teagasg ghlörmhor so. Áns an t-Salm, lxxii. 10, 11, 17, tha so air a chur an céill am briathraibh cho soilleir ‘s nach urrainn sinn a bhi an teagamh mu a thimchioll. Tha i a’ labhairt air Righribh agus Rìoghachdaibh, ‘n an suidheachadh agus ‘n an òrdugh riaghlaidh; agus tha còir dhligheach Chriosd air árd-uachdaranachd os an ceann, air a h-aithneachadh agus air a h-aideachadh leo, áns na gnìomharaibh urraim agus seirbhis, agus còmhnaidh d’ a aobhar, air am bheil i a’ labhairt: “Bheir righrean Tharsis agus nan Eilean tiodhlacan uatha; bheir Righrean Sheba agus Shaba tabhartais dha; Agus sleuchdaidh na h-uile Righrean sìos dha; ni na cinnich uile seirbhis dha.” Ann an Isa. xlix. 22, 23, tha sùil aig an Fhàidh ri toirt a steach nan cinneach fo bhuaidh an t-soisgeil fo linnbh frithealaidh an Tiomnaidh Nuaidh, agus ris an t-seirbhis agus an fhrithealaidh a ni luchd-riaghlaidh aimsireil do Eaglais Chriosd: “Feuch togaidh mise mo làmh ris na slòigh; cuiridh mi suas mo bhratach; agus bheir iad do mhic ‘n an uchd, agus giùlaineair leo bhr nigheanan air an guaillibh. Agus bithidh Righrean ‘n an oideachan-altruim dhuit, agus am ban-righinnean ‘n am mathraichean-altruim dhuit; sleuchdaidh iad sios duit, le ‘n aghaidh ris an làr, agus imlichidh iad duslach do chos.” Tha ‘n samhlaidh, a ta air ghnàthachadh ‘s an earrann so, a’ taisbeanadh a’ chùram is cathranaiche, agus an iomagain is tlàithe,—Cha ‘n e mhàin, gu bheil e a’ giùlan ann, dion a chur air an Eaglais, ach tha e mar an ceudna, taisbeanadh an àraich, an altruim, agus an còmhnadh gnìomhail agus neo-sgìtheil, a thaobh Eaglais Chriosd, a tha cho gnèitheil, agus cho fùghail air an dàimh áns am bheil iad, mar luchd-riaghlaidh, rithe. Ach a réir beachd cuid do dnaoinibh, agus na Saor-thabbhartach, ‘s e ni ‘s fèarr is urrainn luchd-riaghlaidh a dheanamh a thaobh Eaglais Chriosd, a cead a leigeil leatha; no, gun ghnothuch a ghabhail rithe—gun dragh, gun chùram a ghabhail dhith, ‘n an dreuchd fhollaiseach. Ach, nach ‘eil am beachd so gu h-iomlan an aghaidh nàdur an t-samhlaidh, a tha ‘s an earrann do ‘n Fhìrinn, a dh’ ainmich sinn? Tha e ro shoilleir gu bheil; oir mur deanadh ban-altruim ach dion a mhàin a chur air cuspair a cùram, agus gun bhiadh, gun deoch, ‘s gun eudach a thoirt da, nach biodh i a’ teachd ro fhad gèarr air a fìor dhleasdanas dha? Tha an earrann a leanas, a’ daingneachadh ar beachd air so. Tha i a’ labhairt air Righribh an t-sluaigh, ann an cleachdadh an dreuchd ‘s an ùghdarrais, ann an ùmhlachd dha-san, mar an Ard-uachdaran, airson soirbheachaidh ‘Eaglais-san. Agus tha breitheanais air am bagradh air na Rìoghachdaibh agus air na Righribh, a dh’ àicheidheas dha an t-seirbhis a ta e ‘g agradh uatha. Isa. lx. 11: “Bithidh do gheatachan fosgailt’ an còmhnuidh; a là agus a dh’ oidhche cha druidear iad; a chum gu ‘n toirear a d’ ionnsuidh mòr shluagh nan cinneach, agus an Righrean le greadhnachas. Oir an cinneach agus an Rìoghachd nach dean seirbhis dhuit, bithidh iad caillte, seadh, sgriosar na cinnich sin gu tur.” Isai. lx. 16: “Agus deòthailidh tu bainne chinneach, agus cloch righrean deòthailidh tu.” Faicibh mar an ceudna ann an Leabhar Dhaniel vii. 13, 14; agus Taisbean. Eoin xi. 15; xxi. 24, 26, anns am bheil an t-ùghdarras agus an cumhachd a thugadh do Chriosd ann an nàdur a’ dhaonachd os ceann nan uile chinneach agus Righrean na talmhainn; agus an t-seirbhis, a tha dligheach dha uatha. Ma dh’ fheumas, mar gu ’m feum, so coimhlionadh fhaotainn, agus ma bheir, mar, do rireadh, gu’ n’ toir, Righrean agus Rìoghachdan, an gloir agus an urram d’a ionnsuidh; agus ma tha ’ùghdarras, an cumhachd, an ionmhais, agus an riaghladh, gu léir, gu bhi air an gnàthachadh agus air an cur gu buil, airson feum Rìoghachd Chriosd, is éigin duinn a cho-dhùnadh, gu bheil iad fo àrd-thighearnas agus rìoghachadh Chriosd: “Feuch, thàinig neach cosmhuil ri mac an duine le neulaibh nèimh, agus thàinig e chum Aosda nan làithean, agus thug iad e dlùth ’n a làthair. Agus thugadh dha uachdaranachd, agus gloir, agus Rìoghachd, a chum gu ’n tugadh na h-uile shluagh, chinneacha, agus theanganna, seirbhis dha; ’uachdaranachd-sa is uachdaranachd shiorruidh i, nach siubhail thairis, agus a Rìoghachd cha sgriosar i.” Agus a ris, “Rinneadh Rìoghachdan an t-saoghail ’n an Rìoghachdaibh do ar Tighearn, agus d ’a Chriosd-san.” “Agus bheir Righrean na talmhainn an gloir agus an urram d’a ionnsuidh.” “Agus coisrigidh tu an ionmhas do ’n Tighearn, agus am maoin do Thriath na talmhainn uile.”
3. Ach a ris, chi sinn gu bheil a’ phong-teagaig so air a daingneachadh o ’n chliù agus na tiotalaibh sin a tha air an toirt do Chriosd ann am Focal Dhé, mar anns an t-Salm lxxxix. 27, tha e ’g ràdh, “Ni mi mo cheud ghin dheth, àrd os ceann Righrean na talmhainn.”
A ris, faicibh Taisb. i. 5: “Uachdaran Righre na talmhainn.” Taisb. xvii. 14: “Ni iad sin cogadh an aghaidh an Uain; agus bheir an t-Uan buaidh orra, oir is esan Tighearn nan Tighearn, agus Righ nan Righ.” Fathast, faicibh xix. 13, 16: “Neach bha air a sgeudachadh le trusgan tumta am fuil, agus do ’n goirear mar ainn, Focal Dhé; agus aig am bheil an t-ainm sgriobhta air a thrusgan, Righ nan Righ agus Tighearna nan Tighearna.” “Co,” ars’ Ieremiah, “air nach biodh eagal romhad, O Righ nan Slògh.”
(To be Continued.)