LE A. MACCOLL, MINISTEIR NA H-EAGLAIS SAOIRE,
ANN AN CILLE-CHUIMEAN.
(Continued from page 357.)
Le Riaghladh Rìoghachd a dhùnadh a mach, mar dhreuchd fhollaiseach, o dhiadhachd no o aoradh fhollaiseach Dhé a’ chumail suas, agus a chur air aghaidh, ‘s an Rìoghachd, tha iad a’ toirt àite do bheachdaibh a tha a’ filleadh annta gnè àicheidh air Dia, agus air diadhachd. Air do chuid dhiubh féin so fhaicinn, anns na laithibh anns an robh comhstrì chomharrachte eadar iad agus daoine ainmeil ‘s an Eaglais Stéidhichte—eadhon, o cheann sè no seachd bliadh’n’-deug thar fhichead, cha ghabhadh iad orr’ dol cho fad sin le ‘m beachdaibh. Cha ‘n ann air luchd-riaghlaidh, mar chriosduidhibh uaigneach eile, a tha sinn a’ labhairt; ach air ‘n an dreuchd fhollaiseach. Is ann leis an dà ni so a mheasgachadh le chéile, tha iad a’ cur folach air an fhìor stéidh air am bheil iad a’ seasamh. Anns na làithibh a dh’ ainmich sinn, bha a’ chuis-thagraidh air a cur anns na briathraibh so: “Gur e’n Riaghladh aimsireil òrdugh Dhé, co dhiubh dh’ amhairceas sinn air, ann an solus lagh’ ar cruthachaidh, no ann an solus foillseachaidh an t-soisgeil; gu ‘n robh e a’ cur mar fhiachaibh air luchd-riaghlaidh Rìoghachd, fìor aoradh glan Dhé a chumail suas, agus a’ chur air aghaidh, do bhrigh gu feum iad cunntas a thoirt Dha-san d’ am buin na h-uile cumhachd, agus o ‘m bheil an t-ùghdarras agus an cumhachd aca—gu ‘n d’ rinn Dia a thoil fhoillseachdadh, agus anns an toil fhoillsichte sin, nach ‘eil ni air bith, a tha ‘g atharr-achadh no a’ cur a thaobh, a phriomh lagh’ fo ‘n robh òrdugh an Riaghlaidh air a shuidheachadh. Fo fhrithealadh Mhaois gu robh e ‘n a dhleasdanas fachaicht’ orra, aoradh follaiceach Dhé a chumail suas, agus a chur air aghaidh.” Ach thòisich iadsan air a ràdh nach robh so ceangailt’ oirnne a choimhead fo ‘n Tiomnadh Nuadh. B’ e ‘m freagrath a bha air a thoirt doibh, “Nach b’ urrainn ùghdarras bu lugha na ùghdarras Dhé féin an ni a dh’ àithn E féin, a’ chur a thaobh, no thoirt air falbh; agus mar sin, na h-uil’ àitheantan a thug E fo fhrithealadh Mhaois, gu bheil e mar dhleasdanas air Righribh agus air Rioghachdaibh, an coim-head, ach a mheud ‘s a-bha ‘n an sgàilean a chuireadh air cùl, le iad a’ dh’ fhaotainn coimhlionaidh, no, dh’ aithn E, anns an Tiomnadh Nuadh, a thoirt air falbh. Agus a rithis, gu robh reachdan ‘s an ffrithealadh a thaobh dleasdanais luch-riaghlaidh nach b’ urrainn e choimhlionadh, ach le ùghdarras agus a chòmh-nadh a thoirt do chreidimh Chriosd, no do aobhar Chriosd.”
Thòisich iad air a’ ràdh, mar their cuid ‘n ar latha fèin, gur h-ann an lorg dàimh eaglais ris an Stàta a thainig mearachdan agus truailuidheachdan a steach do’n Eaglais. Ach bha e air dhearbh-adh gu buadhach, gu ‘n d’ thàinig iad a steach innte roimh sin; agus gu ‘m b’ e ‘n suidheachadh saor-thabbhartach féin a b’ aobhar do chuid diubh theachd a stigh innte. Ach cha téid duine tuigseach ‘s am bith, a reusonachadh an aghaidh feum ni sam bith, o ‘n mhi-fheum a dh’ fheudas a bhi air a dheanamh dheth.
Tha iad ag ràdh, gur h-e òrdugh Chriosd, gu ‘m bitheadh ‘aobhair air a chumail suas agus air a sgaoileadh le tabhartais saor-thoile o bhuill na h-Eaglais. Cuiridh na h-uile an aonta ris, gur e dleasdanais buill eaglais, saor-thabbhartais a thoirt seachad airson cumail suas aobhar Chriosd. Bha so ann an làithibh nan Abstol, agus an déigh sin; agus mar so, tha ‘n Eaglais Shaor air a cumail suas. Ach an e so an aon dòigh laghail, agus a dh’ òrduicheadh le Dia airson so? Tha e soilleir o ‘n Fhirinn nach e; mar a dhearbh sinn cheana. Tha sinn, a ris, ag ràdh, gur e dleasdanais Righrean agus Rìoghachdan a tha ‘g aideachadh creidimh Chriosd, ‘aobhar-san a chumail suas, agus a sgaoileadh; ach cha ‘n ‘eil creidimh Chriosd a’ toirt gnùis ‘s am bith do gheur-leanmhuinn. Nis, an dleasdanais a tha fiachaichte air gach iochdaran fa leth anns an Rìoghachd, tha e fiachaichte, mar an ceudna, air an iomlan diubh, mar Rìoghachd, agus ‘s ann tre ‘n riaghladh a tha iad air an taisbeanadh. Ach, ‘s ann a thaobh Fìrinn agus Eaglais Dhé a tha sinn a’ labhairt. Bu chòir éadar-dhealachadh a choimhead, a ghnàth, eadar a’ chòir a ta aig minsteir Chriosd air cumail suas, agus an dleasdanais a tha fiachaichte air an t-sluagh, cumail suas a thoirt dha, co dhiubh ‘s ann le saor-thabbartas, no tre ‘n riaghladh, mar chean, a tha ‘g an taisbeanadh. Tha saor-thabbartais dleasdanach a ghnàth; ach cha ‘n ‘eil e ni ‘s leoir airson cumail suas òrduighean Chriosd ann an dùthchaibh ro-bhochd, agus anns am bheil an sluagh caoin-shuarach mu ‘n aobhar, no cho aingidh ‘s nach toigh leo ni a thoirt seachd air a shon. Tha e soilleir nach robh e an comas na h-Eaglais Chléireil Aointe i féin a shuidheachadh agus a leud-achadh ann an àitibh ro bhochd, mar tha Ghàidhealtachd agus na h-Eileanean, a dh’ aindeoin am fialachd.
An so, bheir sinn fa ‘r comhair, gu bheil sinn gu h-iomlan an aghaidh an stéidh, air am bheil Eaglais Stéidhichte na h-Alba, o àm an Dealachaidh. Ann an nithibh spioradail, tha i gu h-iomlan ‘n a tràill d’n Riaghladh aimsireil, ‘n a riaghladh, ‘n a h-òrduighibh, agus ‘n a smachd-eaglais, ma’s àill leo chur an cleachdadh, ‘n uair dh’ fhalbh an Eaglais Stéidhichte o ‘n bhunait air ‘n do shuidhich-eadh an toiseach i. Is amhluidh a thréig an Eaglais Chléireil Aointe, an stéidh air ‘n do dhealbh an Aithrichean i, ‘n uair a dhealaich iad ri Eaglais na h-Alba. Tha sinne ann an cunnart, mar an ceudna, seadh, cheana, air ti-claonadh o na bunaitibh air ‘n do dhealaich sinn ris an Stàta, agus ris an Eaglais stéidhichte.
Bha ‘n Eaglais Shaor, o àm an Dealachaidh, ag iarraidh gu faicilleach dà mhearachd chronail a sheachnadh; gus an d’éirich iarratus ann am mòran diubh airson aonaidh ri Eaglaisibh eile. A’cheud mhearachd a sheachain i, Teagasg luchd-leanmhuinn Erastuis;—Léigh a bha ‘s a’ Ghearmait, o cheann thri cheud bliadhna. Thuilleadh air mearachdan eile, bha e a’ teagasg so, gu ‘m b’e ‘n riaghladh aimsireil ceann na h-eaglais; gu ‘m buin da riaghladh ann an nithibh spioradail co mhaith ri nithibh aimsireil; gu ‘m buin da riaghladh thairis oirre ‘n a h-òrduighibh, ‘n a riaghladh spioradail, agus ‘n a smachd-eaglais. Ghéill an Eaglais Stéidhichte ann an Alba dha so; ged nach furasda leo so aideachadh; agus ged dh’ aobharaich so an Dealachadh. Is i a’ mhearachd eile a sheachain i, Teagasg nan Saor-thabhartach (Voluntaryism). Tha iadsan a’ dùnadadh a mach gu h-iomlan an Riaghlaidh aimsireil o ghnothuch a bhi aice ri creidimh no ri Eaglais Chriosd, mar tha e air a chur an céill leo ‘nam bunaitibh eadardhealaichte, a dh’ ainmich sinn cheana.
An aghaidh nam mearachdan so, thog an Eaglais Shaor Fianuis fhollaiseach barrachd is aon uair, o ‘n dhealaich i ris an Stàta. Is ni deacair do rìreadh gu ‘n claonadh i o ‘n Fhianuis urramaich so, a thaobh na h-Eaglais féin, agus a thaobh na Rìoghachd mar an ceudna. Ach ciod an dòigh a tha iadsan a tha ‘g iarraidh aonaidh ris an Eaglais Chléireil Aointe, a’ comhairleachadh dhùinn, gu faotuinn thairis air na doirbheachdaibh sin, a tha a’ seasamh anns an rathad air aonadh? Tha iad ag iarraidh Ceist fhosgailt a a dheanamh do na teagasgaibh mu ‘m bheil eas-aonachd. Ciod is ciall da sin, Ceist fhosgailte? Is e so, a bheachd féin a bhi aig gach minsteir is neach eile, mar is miann leo; agus nach feudadh na puingean mu ‘m bheil an eas-aonachd a bhi ni s faide ‘n an earrann do Fhianuis fhollaiseach ar ‘n Eaglais; agus mar sin, gu leigteadh ri làr a’ Bhraich ghlòrmhor agus bhuadhach a bha Eaglais Ath-leasaichte na h-Alba a’ cumail suas o cheann thri cheud bliadhna. Ach, ma thachras sin, gu feud a’ bheachd féin a bhi aig gach neach, cha bhi feum air Leabhar Aidmheil Chreidimh idir. Cionnus a tha sud co-sheasmhach ri Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh? Tha minsteirean, agus luchd-dreuchd eile, a’ cur an ainm, gu sòluitne’ ris, aig àm an cur air leth airson an dreuchd; agus a’ bòideachadh na teagasgan a tha ann a’ choimhead agus an dion gu latha am bàis! Bha iad a’ faicinn gu ‘n robh an doirbheadas so anns an rathad, agus dh’ fheuch iad r’a dhearbhadh nach robh na puingean mu ‘m bheil eas-aonachd idir ann an Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh; oir bha iad a’ faicinn, ma bha iad ann, mar gu ‘m bheil, gu ‘m bitheadh iadsan a chuir an ainm ris ciontach do bhòidibh eithich. Bha so do-iomchair. Ach, an do dhearbh iad sin? Cha do dhearbh, agus leigeadh seachad e.
Ach, mar thubhàirt sinn, ma dh’ fheudas am beachd féin a bhi aig na h-uile fear, ciod am feum a bhios air Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh? oir cha ‘n urrainn smachd-eaglais a bhi air a chur an gnìomh air neach air bith, ciod ‘sam bith am beachd a bhios aige. Agus mar sin, cha bhi samhladh fìrinneach nam briathran fallain air a choimhead ni ‘s mò.
Tha aobhar againn a bhi co-dhùnadadh gu bheil cuid anns an dà eaglais iarrtunach air atharrahadh a dheanamh air Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh féin. Ach ‘s ann a ghna’ ‘n uair a bha beachdan mifhallain a’ faotainn àit anns na h-Eaglaisibh a bha a leithid so a dh’iarrtus ‘g a nochdadh féin ‘n am measg. Tha so r’a fhaicinn ann an Eachdraidh Eaglais na h-Alba. O cheann còrr is ceithir fichead bliadhna dh’ éirich buidheann innte, a bha do ‘n bheachd nach bu chòir iarraidh air ministeiribh, no air luchd-dreuchd eile, an ainm a chur ri Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh. Is ni mi-ghealltanach ‘n ar latha gu ‘m biodh daoiné deònach earrann sam bith do na teagasgaibh luachmhor a tha anns an Leabhar urramach agus iongantach sin, a dhubhadh a mach as, no a thréigsinn, no eadhon, a ‘mheasadh iad mi-fheumail no mi-iomchuidh e bhi ann.
Ach, fo ‘n Cheann so, tha sinn a’ faicinn iomchuidh beagan a ràdh air na Cumhachaibh Còrdaidh,—Is iad sin, na puingeann teagaig air am bheil na Buidhnean-Aonaidh ag aideachadh a bhi do aon inntinn. Ach is ann a dh’ fheumas sinn na Puingeann so a’ thuigsinn anns an t-solus anns am bheil na puingeann, ‘s am bheil iad a’ mi-chòrdadh, ‘g an cur. Mur dean sinn sin, cha bhi e furasda a thuigsinn am flor sheadh anns am bheil iad air an gnàthachadh, ann an co-cheangal ri beachdaibh nan Saor-thabhartach, no, ‘s an Eaglais Chléireil Aointe. Anns na briathraibh a leanas, tha iad a’ labhairt air an Riaghlaidh aimsireil: —“Mar Chriosduidhibh eile, ‘n an ionadaibh agus ‘n an dàimhibh, is còir da mar Fhear-riaghlaidh, ann an deanamh gnothuich ‘n a shuidheachadh follaiseach, leas aobhar no creidimh an Tighearna Iosa Chriosd am measg lochdaran, a chur air aghaidh, anns gach rathad co-sheasmhach ri a spiorad agus a reachdan.” Tha na briathra deireannach ‘s an earrann so air an eadar-theangachadh ‘s an “Iomradh” Gaelic, “A tha réir spiorad agus àitheantean fhìrinn Dhé.” Cha toigh leinn a’ bheag a ràdh mu ‘n eadar-theangachadh so; ach their sinn, gun robh saorsa air a gabbaile leis an Eadar-theangair, nach buineadh dha. ‘S iad na briathra mar tha iad anns a Bheurla, “Gach rathad co-sheasmhach ri spiorad agus reachdan creidimh Chriosd.” A nis, c’ arson chuir Buidheann na h-Eaglais Cléireil Aointe an gné ghàraidh is dhion so air am beachdaibh no ‘m bunaitibh? Tuigear so ni ‘s fèar le ‘m briathraibh féin a chur ‘n ‘ur cuimhne. Tha iad ag ràdh, “Cha ‘n ‘eil e laghail d’ an Uachdaran aimsireil suidheachadh dùthchail a thoirt do aobhar no do Eaglais Chriosd, le uachdaranachd na Rìoghachd; agus nach ‘eil còir aige, agus nach dleasdanas e tha fiachaicht’ air, sgillinn a thoirt á ionmhas na rìoghachd airson cumail suas no craobh-sgaoileadh an aobhair sin.” A nis, gabhaibh na briathribh so an coimhcheangal ris na briathraibh eile, mu ‘n do chòrd iad; eadhon, “Gu ‘m buin dha chur air aghaidh anns gach dòigh a tha co-sheasmhach ri a spiorad agus a reachdan;” agus ma ni sibh so, nach fheum sibh a cho-dhùnadh gur h-e seadh nam briathra so, Gu bheil spiorad agus reachdan creidimh Chriosd, a réir am beachd-san, a druideadh a mach an riaghlaidh aimsireil o ghnothuch sam bith a ghabhail ri Eaglais agus ri Fìrinn Dhé, ach an cead a leigeadh leo, no a bhi gun àit idir, mar a nochd sinn cheana; ach a mhàin a diòn o ainneart, mar ni e do chomunn choitchinn air bith eile de lochdaranaiabh. “Is còir dha,” ars’ iadsan, “leas aobhair Chriosd a chur air aghaidh mar Chriosd-uidhibh eile ‘n an ionadaibh agus ‘n dàimhibh.” Am bheil criosduidhean uaigneach eile ann an ordugh an Ard-riaghlaidh? Mur h-eil, is ann mar Chriosduidhibh uaigneach a tha iad a’ labhaint orra; agus ma’s ann, am bheil ni sam bith fiachaichte air luchd-riaghlaidh Crisdail ‘n an dreuchd a thaobh Eaglais agus Fhìrinn Dhé ach na tha fiachaichte air Crisduidhibh eile? Feudaidh Crisduidhean eile, ‘n an àitibh agus ‘n an dàimhibh, aobhar Chriosd a chur air aghaidh le ‘n eisimplir agus am maoin, le ‘n comhairle, agus an ùrnuighibh, agus mar sin; ach am bheil ni sam bith air agradh o ‘n Ard-uachdaranachd aimsireil, mar ghairm fhoillaiseach, ach na dleasdanais ud a tha fiachaichte air crisduidhibh uaigneach eile? Mur ‘eil, tha ‘n t-Ard-riaghlaidh aimsireil, òrdugh a chur Dia air chois a chum a ghloire féin, air a dhruideadh a mach o ghnothuch air bith a bhi aige ri Eaglais agus Fhìrinn Dhé; ach an cead a leigeadh leo, no ‘n comhead o ainneart a bhi air a dheanamh orra, mar ni e do mhuiintir air bith eile; agus nach buin da, gnothuch a ghabhail ri ‘n leas Spiordail, eadhon, ann a bhi ‘g a chur air aghaidh. So direach steidh-bheachd nan Saor-thabhartach. Tha iad ag ràdh gur còir do ‘n Fhear-riaghlaidh a ‘bhi, ‘n a ghiùlan, ‘s ‘na riaghlaidh, a réir Fhocail Dhé, ann an deanamh agus ‘am frithealadh lagha. Ach a réir am beachd-san, ‘s ann chum an Dreuchd-Riaghlaidh a’ dhruideadh a mach o ni sam bith a’ dheanamh airson aobhair no Eaglais Chriosd.
A thaobh òrduigh na Sàbaid, agus Láithibh airson ioraslachaidh agus buidhearchais, tha iad a’ cumail a mach còrdadh a bhi eatorra. Ach tha fios againn nach ‘eil a’ chùis mar sin. Tha iad ag ràdh mar so, “Feudaidh am Fear-riaghlaidh laghanna a dheanamh, a thaobh an comhead o ‘n leth mach; agus dion a chur air an t-sluagh, ann an seilbh air sochair na fois o oibríbh làithean na seachduin, agus an latha chaitheamh ann an cleachd-aidhean aoraidh dhiadhaidh uaigneich agus fhollaiseach.” Saoilidh daoiné, nach ‘eil eòlach air beachdaibh nan Saor-thabhartach, nach ‘eil an seadh anns am bheil iad a’ tuigsinn nam briathraibh so, cho eadar-dhealaichte, o ar beachd-ne ‘s a tha e: ‘se’m fior bheachd-san, nach ‘eil còir aig an Fhear-riaghlaidh ach a mhàin dion a chur orra-san, ‘n an sochairibh, leis am mainn an t-sàbaid a choimhead. Ma tha neach ‘n a dhragh d à choimhearsnach air an t-Sàbaid, gur còir dion a chur air, o ‘n dragh sin; ach ‘n an còrdadh iad féin, mu ghnàthachadh air dhòigh eile, nach buineadh dha gnothuch a ghabhail riutha. Dhìùlt iad a’ ràdh gu ‘m bu chòir àiteachean a ta air am fosgladh, no a tha cuid ag iarraidh fhosgladh, airson caitheamhaim sire, no sùgradh, a dhùnadh no an cumail duinte, le ùghdarras an riaghlaidh, air an t-Sàbaid, air steidh a b’ àirde na gu ‘m feudadh e bhi ‘n a dhragh do luchd-àiteachaidh sitheachail; agus nach bu chòir dha Bùthan a dhùnadh air ghrunnd a b’ àirde na ‘n t-ana-ceartas a bhiodh ann dhoibh-san nach leigeadh an coguis leo am Bùthan fhosgladh air an t-Sàbaid; na ‘n leigeadh e leo-san, a bha ullamh gu ‘m fosgladh air an latha naomha sin, am fosgladh, agus buannachd sheachd làithean na seachduin a bhi aca: agus nach biodh aig càch buannachd shèa làithean. An uair a bha e air fheòraich dhiubh, N’an aontaich-eadh uile luchd-àiteachaidh baile, no càrna air bith do ‘n dùthaich le chéile, an t-Sàbaid a dheanamh ‘n a latha airson gach seòrsa do riarachadh feòlmhor, no a mhi-naomhachadh gu follaiseach, “Am bu chòir do ‘n Fhear-riaghlaidh aimsireil sin a cheadachadh, o nach robh neach sam bith ‘s an àite do ‘n robh e ‘n a aobhar uamhuinn, agus gu robh iad a dh’ aon inntinn?” Dhìùlt iad freagrachd a thoirt, co dhiubh bu chòr, no nach biodh. Anns a’ Chomunn-Aonaidh chuir iad rompa, nach abradh iad gu ‘m bu chòir dha bacadh a chur air mi-naomhachadh na Sàbaid, mar Shàbaid. ‘S e mhàin an gnìomh-riaghlaidh a tha iadsan a’ meas dligheach dha, dìon a chur orra-san le ‘n àill a coimhead, agus guntuilleadh gnòthuch a ghabhail riu. Tha so co-sheasmhach ri ‘m beachdaibh eile.
A thobh làithean irrioslachaidh agus buidhheachais airson fùas-glaidean no saorsinnean comharrachte air an deònachadh le Dia ‘n a fhreasad do ‘n Rìoghachd; no, airson comharraidhean a dhìomh a bha a’ briseadh a mach na h-aghaidh; cha ‘n eil iad a’ dol ni ‘s faide na, gu’m feudadh an t-Ard riaghlaidh cuireadh a thoirt d’a iochdaranaiabh gu leithid sin do làithibh a choimhead mar is toigh le. Ach an gairm gu sin, le h-ghdarras an Ard-riaghlaidh, chum an coimhead, tha sin air a mheas leo, neo-sheasmhach r’ a dhreuchd. Tha iomadh ni anns am bheil iadsan agus sinne a mi-chòrdadh, nach comasach sinn a chur ann an rùm cho beag. Ach chi sinn, ciod a tha air a’ ràdh ann an (1) Leabhar Aidmheil ar Creidimh mu ‘n phuing theagaig a tha ‘s a’ Cheann so. (2) Agus anns an Tagradh-shòlumte ‘chuir ar n-Eaglais air beulaobh an Ard-Sheanaidh aig àm an Dealachaidh; agus, mar an ceudna. (3) Anns a’ Chàinnt ‘s an do labhair Doctair Chalmers, mar Cheann-suidhe, ris a’ cheud Ard-Sheanadh do ‘n Eaglais Shaoir.
(1) Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh, caib, xxiii, 7 :—”Aig an Fhear-riaghlaidh aimsireil tha ùghdarras, agus ‘s e a dhleasdanas òrdugh a ghabhail chum fìrinn Dhé bhi air a gleidheadh glan agus iomlan; chum gach uile thoibheum agus shaobh-chreidimh bhi air an cur fodha, gach uile thruailidheachd agus mhi-ghnàthadh an an aoradh agus smachd-eaglais a bhacadh no ath-leasachadh, agus gu biodh uile òrdughean Dhé gu h-iomchuidh, no réir riaghailt, air an suidheachadh, air am frithealadh, agus air an coimhead.”
(2) “An Fhianuis-shòlumte” (Protest).—”Fadheòdh, am feadh a tha sinn a’ tagradh gu seasmhach gur e còir agus dleasdanas an Ard-fhirriaghlaidh aimsireil, suidheachadh diadhachd (no eaglais Stéidhichte) a dhàingneachadh agus a chumail suas, a réir Focail Dhé; agus ag agradh còir dhuinn féin agus dhoibh-san a thig ‘n ar déigh air strì a dheanamh leis gach uile mheadhoin laghail, mar bhios cothrom air a thoirt ann am freasdal maith Dhé, gu coimhlionadh fhaotainn air an dleasdanas ud, a réir nan Sgriobtur, agus ann an co-gheall reachdan rioghachd na h-Alba, agus cumh-achean an Nasgadh-Aonaidh eadar an dà rioghachd, mar a bha iad air an tuigsinn le ar n-aithrichibh agus leinne.”