CHRIOSDAIDH AGUS GABHANNACH.
Mo bhràithrean tha sinn uile’ triall air ar turas; ‘s a chum droch nithe a chumail as ar caramh, ceadaichibh dhomh a’ cheist so a chur: Abraibh, ged a bhitheadh aig duine, ministear, no fear-ceairde, &c., cothrom air a chor a leasachadh, chum nithe matha na beatha so fhaotainn, ach nach comasach dha ruigheachd air, gun a bhi, ge nach bi e ach air sgàth sgeimh, anabharrach eudmhor agus cràbhaich, mu phongan creideimh nach do mhnicheadh roimhe; nach faod e na meadhonan sin a ghnàthachadh chum ruigheachd air na th’ aige san amharc, agus air a shon sin a bhi ‘na dhuine ceart agus ionraic?
Gaol-an-airgeid. Is léir dhomh ceann thall do cheiste; agus le cead nan daoin’ uaisle so bheir mi ionnsaidh air a freagairt. Agus air tìs, Chum labhairt mu’n chùis, direach mar fheagradh e do ministeair féin: Abair gu’m beil e ‘na dhuine còir, nach eil a bheathachadh ach beag, agus gu’m beil beathachadh gu mòr ni’s fear aige san amharc: tha cothrom aig a nis’ air fhaotainn, ach mu’m faigh se e, ‘s eigin da a bhi ni’s saoithreachail air féin’ searmonachadh ni’s tric’ agus ni’s dùrachdaiche; agus, chum a luchd-eisdeachd a thoileachadh, ‘s feumail dà rudaigin de dh-atharrachadh a’ dheanamh ‘na chreideamh: Air mo shon féin, cha léir dhomh nach faod duine so a dheanamh, ma bhios e ‘na thairgse, seadh agus tuilleadh ‘s so, agus gidheadh a bhi ‘na dhuine ceart cuideachd. C’ar son?
Anns a’ cheud àite. Gu’m beil a dhéigh air a bheathachadh sin laghail, o’n a chuir am freasdal ‘na thairgs’ e; uime sin faodaidh e fhaotainn mas urrainn da, gun e bhi ‘n aghaidh a chogais.
Anns an dara h-àite. Osbarr, tha ‘thoil do’n bheathachadh sin ga dheanamh na shearmonaiche saoithreachail, agus ni’s dùrachdaiche, &c., agus leis a sin tha e ga dheanamh ‘na dhuine ni’s fearr, a’ meudachadh eòlais, ni a tha taitneach le Dia.
Anns an treas àite. Tha e géilleadh do thoil a shluaigh ann an cuid de phonganach creideimh a thréigsinn, a’ nochdadh, 1. Gu’m beil e na ghnè comasach air féin-aicheadh. 2. Gu’m beil e na ghiulan gu h-aoidheil grinn: 3. Agus leis a sin ni’s iomchuidh air dreuchd fir-teagaig.
Anns a cheathramh àite. Tha mi uime sin a’ meas nach bu chòir pears-eaglais, a dhfhagadh beathachadh air son aon a b’fhear, a mheas sa-nntach, ach, le sin a dheanamh gu’n d’ fhàs e féin ni b’fhear agus ni bu dicheallaiche, s’ gur ann a tha e gabhail chothrom a fhuair e chum math a’ dheanamh.
Agus mu thimchioll an fhir-chéirde mu’n do labhair thu: Abair nach eil e faighinn ach beag r’a dheanamh, ach le e dh’fhàs diadhaidh, tha e ‘na chomas a chòr a leasachadh, theagamh le bean oneartach thaotainn, no muinntir is inbhiche nithe a thoirt dha ri dheanamh; cha’n fhaic mi nach eil so ceadaichte dha a dheanamh. C’arson?
Anns a’ cheud àite. Gur deagh-bheus duine dh’fhàs ni’s diadhaidh, ciod air bith dòigh air am fàs e ann.
Anns on dara h-àite. Cha mhò tha e mi-laghail dhomh bean shaoibhir fhaotainn, no idir mo roinn a mheudachadh.
Anns an treas àite. Os-barr, tha’m fear a gheibh iad sin le fàs diadhaidh, a’ faighinn an ni tha math uathasan a tha cràbhach, le e féin a dh’ fhas math: Leis a sin, tha ‘n so bean shaoibhir, roinn fharsainn, agus buannachd mhòr air am faotainn le fàs diadhaidh, a tha ‘na ghnothach math. Air an aobhar sin tha fàs diadhaidh, a dh’ fhaotainn gach ni dhiù sin, ‘na rùn math agus tarbhach.
Chliùthaich iad uile mar mhinich e a’ cheist; agus dh’ aidich iad gu’n robh e a réir teagaig fhallain agus buannachdail. Agus a chionn, air leo-san, nach b’urrainn aon neach cuir ‘na aghaidh, agus nach robh Criosdaidh agus Ciatach mar fhad glaoidh dhaibh, shònraich iad gu’n cuireadh iad a’ cheist orra, cho luath ‘s a thigeadh iad suas riu; gu h-araidh a chionn gu’n do chuir iad an aghaidh Ghabhannaich roimhe. Mar so ghairm iad orra, agus sheas iad gus an tainig iad. Agus mar bha iad a’ ruigheadh chuir iad rompa nach e Gabhannach a chuireadh a’ cheist, ach seana Chùram-an-t-Saoghail, a chionn ‘nam beachd-san gu’n robh iarmad do’n t-seann ghamhlas a bha eadar iad as gabhannach ‘nuair a dhealaich iad tacan beag roimhe sin fathast ‘nan chùimhne. Mar so thainig iad an caramh a chéile, agus an deigh fàilte ghearr, chuir Cùram-an-t-Saoghail a’ cheist air Criosdaidh agus air a chòmpanach, agus dh’ iarr e orra a freagrath na’m b’ urrainn iad.
Criosdaidh. An sin thuit Criosdaidh, dh’ fhaodadh leanabh ann an diadhachd mile ceiste mar i sin a fhreagrath. Oir mar eil e ceadaichte Criosd a leantainn air ghaol nam buileannan (mar a chì sibh ann an Eoin vi.), cia mòr is gràineile na sin meadhon a’ dheanamh dheth féin agus d’a dhiadhachd chum saoibhreas fhaighinn, agus a mhealltainn? agus chì sinn nach eil ach as-chreidich, cealgairean, deamhain, agus buitsichean sa’ bheachd so.
Anns a cheud àite. As-chreidich; oir ‘nuair a bha déigh aig Hamor agus aig Sechem air nighein agus air spreidh Iacoib, ‘s a chunnaic iad nach robh seòl ac’ air ruigheadh oirre, ach le bhi air an timchioll-ghearrachd, thuit iad r’an còmpanach, ma thimchioll-ghearrachd fireannach againne, nach leinn féin an sin gach sèilbh, maoin, agus beathach a th’ aca? B’ iad an nigheanan agus an spreidh a b’ail leo fhaotainn, agus b’e sgàile na diadhachd am meadhon a ghnàthaich iad chum am faotainn, mar chì sibh. Gen. xxxiv. 20-32.
San dara h-àite. B’e so an creideamh a bh’ aig na Phairisich chealgach cuideachd. B’ iad ùrnaighean fada an sgèimh; ach b’e taighean bhantrach a’ chreach a bha nam beachd; agus b’e ‘n dlteadh bu mhò bu duais daibh o Dhia. Luc. xx. 46, 47.
San treas àite. B’e so mar an ceudna an creideamh a bh’ aig Iudas an droch-spiorad: bha e diadhaidh chum an sporan a bhi aige, chum gum faigheadh e na bh’ ann: ach bha e air a chall, air a thilgeadh air falbh, agus ‘na oighre air léir-sgrios.
Sa’ cheathramh àite. B’e so creidamh a bh’ aig Simon an druidh cuideachd; oir b’ail leis an Spiorad Naomh fhaotainn chum gu’m faigheadh e airgead air a shon; agus bha’ bhinn o bheul Pheadair da réir sin. Gniomh. vii. 19-22.
Sa’ chuígeamh àite. Cha mhò a shaoileas mi, am fear a ghabhas creideamh an t-saoghail, nach cuir e cul ri creideamh air son an t-saoghail; oir ceart cho cinnteach ‘s a bha mhiann air Iudas an saoghal fhaotainn le fás diadhaidh, is ni cho cinnteach gu’n do reic e a mhaightsear agus diadhachd air son an ni ceudna. Agus tha a’ cheist a’ fhreagradh a réir bhur beachdsa, as-chreideach, cealgach, agus mallaichte, agus bithidh bhur duais a réir bhur n-oibreach. An sin sheas iad a dûr-amharc air a chéile, gun fhacal ri ràdh aig fear seach fear dhiù. Thaitinn e gu sàr-mhath ri Ciatach mar fhreagair Criosdaidh iad, agus bha tosd mòr ‘nam meag.