Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
    • Glossary of Common Errors and Controversies
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
    • Overview of Australian Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1899 » June 1899 » Focal earail mun Aonadh

Focal earail mun Aonadh

THA sinn toilichte gu bheil gluasad am measg beagan anns a Ghaelteachd an aghaidh an aonaidh mhi-scriobturail a tha gu bhi air a dheanamh eadair an Eaglais Shaor agus an Eaglais Chleireil Thoileil. Ach tha e na aobhar bròin do chuid gum bheil na daoiné ‘tha air cèann a ghluaisead sin a cumail a mach ris an t-sluaigh nach eil ni air bith do dh’ eadar-dhealachadh eadar an seasamh a tha aca a nis, agus an seasamh a bha aig an Eaglais Shaoir aig àm an dealachaidh. Thubhairt aon dhiubh fein, air urlar an Ard-sheanaidh a bhlidhna an deigh dhùinne dealachadh riu,—“Cha n-eil sluaigh na Gaelteachd cho maol’s nach cur iad eadar-dhealachadh eadar an Eaglais Shaor ann an 1843 agus Eaglais an Achd-mhineachaidh aig 1893.” Thubhairt am fear ceudna aig an Ard-sheanadh a dhainmich sinn—“Cha n-eil feum air bith a bhi ‘g innseadh dhùinn nach eil an t-Achd-mìneachaidh a leagail uallach sam bith air an dream a tha na aghaidh, ach gur ann air son uallach a thabhairt bhar na muinntir nach urrainn Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh a ghabhail mar a ta e bha an t-achd so air a dheanamh. Bho na chuala sinn air a’ phuinc so tha e soilleir dhùinn gum bheil creud agus cleachdadh cuirtean na h-eaglais air an riaghladh leis an achd so.” Tha e air aithris anns na paipearan gun dubhairt am fear ceudna ann an Inbhir-nis an là roimhe, “gum bheil na h-uile nì achda-san mar a bha iad aig an Eaglais Shaoir aig àm an dealachaidh.” Feumaidh gun do dhì-chuimhnich e na briathan a chleachd e air urlar an Ard-sheanaidh agus a tha air an ainmeachadh cheana, cho dlùth air am brìgh agus a b-urrainn sin an tabhairt air ais a dh’ ionnsuidh ar cuimhne. Tha e na nì uamhasach cudthromach a bhi mealladh sluaigh le bhi tabhairt orra a chreidsinn gum bheil iad air bonn fallain—a thaobh an creud nuair a tha iad a reir fìrinn air bonn làn de mhearachdan agus de bhrèugan. Tha e fìor gun do chuir iadsan a bha seasamh dìleas anns an Eaglais Shaoir an aghaidh “Laoidhean” agus an aghaidh “Innealan-ciùil,” agus do bhrìgh nach robh iad, aig an àm sin, air an deanamh na ‘m pàirt de lagh na h-eaglais, le iad a bhi air an cuir troimh an “Achd-cur-dìon”

(Barrier Act) sìos a dh’ ionnsuidh nan clèirean, agus a rìs air an deanamh nan lagh leis a’ mhòr-phàirt de ‘n Ard-Sheanadh, cha robh aobhar aca-san air an còir a dheanamh na an làmhan a ghlanadh le cur an aghaidh sin agus diùltadh e bhi ceangailte orra fèin no orra-san a bha gun leantuinn, anns an Ard-Sheanadh. Faodaidh e bhith gum bu chòir do’n Dr. Kennedy, agus do na daoine urramach a bha seasamh còraichean Chriosd còmhla ris, diùltadh fhulang anns an Eaglais Shaoir gum biodh laoidhean no innealan-ciùil air an cleachdadh ann an coimhthional air bith anns an eaglais; oir bha na nithean sin an aghaidh Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh agus nam briseadh follaiseach air na bòidean a ghabh iad uile orra fèin. Cha ‘n ‘eil a’ chùis mar sin a nis; oir tha na h-uile nì ùr a thug iad a steach do’n eaglais air an daingneachadh air amhaich na h-uile neach anns an Eaglais Shaoir, cha n-e Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh a tha na chreud aca, ach na teagasgan a tha air an cumail a mach anns an achd mhalllaichte sin. Cha ‘n urrainn iad duine sam bith a chuir a mach as an Eaglais Shaoir a nise air son e bhi teagasg nach eil taghadh ann, no nach do thuit an cinne-daona ann an Adhamh, no nach eil feum aig duine bhi air ath-ghineamhuinn leis an Spiorad Naomh, no nach eil anns a Bhìobull ach leabhar làn do mhearachdan, agus do nithibh mi-bheusach. So an seasamh a tha aig an Eaglais Shaoir bho ‘n a chaidh an t-Achd-mìnachaidh a dheanamh ‘na lagh innte. An ann mar sin a bha an eaglais aig àm an dealachaidh? Am fuilgeadh i sinn aig a toiseachadh? Mur tilg iad a mach an t-Achd-mìnachaidh, agus na h-uile nì sgriosail eile thugadh a steach do’n eaglais, agus a tha an t-achd sin, mar shlabhruidh iarruinn, a ceangal air am muineal, cha ‘n urrainn iad an eaglais a ghlanadh; agus ma nì iad so, ciod an t-eadar-dhealachadh a bhios eadar an seasamh agus an seasamh a rinn sinne?—N. C.

An t=Honadh.

THA an gluasad airson aonaidh a’ dol air aghart agus is e glè bheag de na Clèirich a tha ‘cur ‘na aghaidh. Riamh o’n a rinn iad atharrachadh air stèidh na h-Eaglais Shaoir leis an Achd Mhìneachaidh 1892 cha robh fìor-bhacadh ann an rathad an aonaidh agus ‘se ar mòr-bheachd gur e sin aon de na h-aobharan àraidh a thug air mòr-chuid na h-Eaglais a leithid do dh’ atharrachadh a dheanamh. A chum agus nach biodh eadar-dhealachadh beachd eadar an dà Eaglais. Tha a nis mu fhichead bliadhna o na rinn seanadh nan Clèireach Aonaichte a leithid ceudna do lagh ach cha do dh’ fhosgail iad an dorus buileach cho farsuinn airson nan ceisdean Fosgailte. Mu’m biodh aonadh cordail ann dh’ fheumadh an dà bhuidhinn tighinn chun an aon seasamh agus a chum ‘s gu’m biodh so mar so rinneadh an t-Achd Mìneachaidh a dh’ aobharaich ar dealachadh-ne ‘na lagh anns an Eaglais Shaoir. Bha an rathad a nis rèidh airson aonaidh.

Tha dà nì àraidh a reir ar barail-ne a tha ‘dearbhadh gu soilleir gur e so aon do na nithibh gu h-àraidh a dh’ aobharaich an stèidh ùr a bhi air a gabhail aig an àm sin. ‘S e a cheud nì so. Air chùl an t-Achd sin a bhi air a dheanamh ‘na lagh dh’ ath-nuadh-aicheadh an gluasad air son aonaidh a laigh mu làr airson fichead bliadhna roimhe. ‘S an nì eile so. Ann am bonn stèidh an aonaidh a thatar a ‘deanamh tha an dà Achd Mìneachaidh air an ainmeachadh agus bithidh e nis soilleir gu bheil àite aig an Reachd Mhìneachaidh agus nach eil e ‘na litir mharbh. Gu ruige so bha ‘chothrom aig cinn-iùil an luchd-leanmhuinn a dhalladh o nach robh iomradh air a dheanamh anns na ceisdean a dh’ fheumas luchd-dreuchd freagairt air an Reachd sin idir. Air a shon sin ma ta cha’n e litir mharbh a bha anns an Reachd. Fada uath ‘se a bh’ ann litir mharbhtach. Ach an déigh so cha’n ann os ìosal a bhios an lagh so ag oibreachadh ach bithidh fios aig coimhthionalaibh aig suidheachadh luchd-dreuchd nach eil an cinn-iùil a nis ceangailte idir ri stèidh na h-Eaglais mar a bha iad gu ruige 1892.

Leis an inntinn a tha riaghladh am measg a’ chuid a’s mò do luchd-dreuchd nan Eaglaisean an diugh cha mhòr nach ‘eil srian fhuasgailte air a toirt do na h-uile seòrs’ teagaisg a tha dol mu’n cuairt. Dh’ fheudadh so a bhi mar so agus a’ mhuinntir a dheanadh e a bhi ‘nan luchd-brisidh lagha ach cha’n ann mar so a tha ‘chùis. An àite sin tha an fhìrinn a’ tuisleachadh air an t-sràid agus cha’n urrainn ionracas dol a stigh. Neo-rònaich mur ‘eil saorsa ann ach cha n-e saorsa air son na fìrinn ach air son na brèige. ‘Nuair is e so an inntinn leis am bheil muinntir ag aonadh cha ruig sinn a leas a bhi an dùil gur e aonadh buannachdail a bhios ann. ‘Se nì luachmhor a tha ann an aonadh am measg bhràithrean ach is olc an nì aonadh gun aonachd inntinn agus air cho luachmhor ‘s a bheil aonadh o’n taobh a muigh ‘se is ro luachmhoire an fhìrinn agus an fhianuis a bhi air an cumail fìor-ghlan.

Leis mar a thionndaidh cùisean o’n dh’ fhàg sinn an comunn anns an robh sinn tha sinn a’ creidsinn gu bheil ar seasamh fhèin air fìreanachadh mar nì a bha ‘toirt ceartais do’n fhìrinn do’n fhianuis agus do’n linn a thig ‘nar déigh.

GUS

AN FHEAR ULLAICHE,

GEARRLOCH, Mai 16, 1899.

Ged nach ‘eil mi glè chinnteach am beil e freagrach dhomhsa taing a thairgse do luchd-ullaimh agus treòraiche an leabhraín so, bu mhiann leum a dheanamh anns a’ chànain ghaid-healach. Agus tha mi glè chinnteach gu bheil mòran inntinnean leam airson a leithid so do leabhar urramach, sgeulach, nach ‘eil ach dà sgillin, agus gu h-àraidh air son a’ Ghàelig anns a cheud àireamh de’n cheathramh pàirt se sin searmoin shoilleir an Urr. Nial Cameron.

Agus a rìs shirinn an taing ceudna a nochdadh do fhear ceangail suas an leabhrain so, Free Presbyterian Magazine, air a’ phrìs riaghailteach tasdan agus ochd sgillin. Fhuair mi fhèin trì deasaich mar so iongantach maith air a’ phrìs. Thaobh an nì so tha e ro iomchuidh gu’m biodh na th’air a chuir sìos anns na h-uile h-earrainn de’n leabhran so air a chumail air chuimhne agus air a sgaoileadh.—FEAR-LEABHAIDH, Gearrloch.

Upcoming Events (DV)

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

Dec 17
17 Dec - 21 Dec

Communion: Bulawayo

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Near the kingdom of God – its advantages and dangers 13 Sep 2026
  • Who are in the kingdom of God? 13 Sep 2026
  • The Wise Men and the Star they Followed 8 Nov 2026
  • The Life and Death of a Wicked Man 8 Nov 2026
  • A powerful salvation 30 Aug 2026
  • A good foundation is neccessary 30 Aug 2026
  • Safety, in spite of a flood 23 Aug 2026
  • Hearing and doing Christ’s sayings 23 Aug 2026
  • God’s words show the safe way through life, and Job esteemed them greatly 16 Aug 2026
  • Job speaks of God’s words 16 Aug 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice