BY THE LATE REV. JOHN SINCLAIR, BRUAN, CAITHNESS.
(PREACHED ON 24th MAY and 7th JUNE, 1840.)
(Continued from page 179.)
“Jesus answered and said unto her, If thou knewest the gift of God, and who it is that saith to thee, Give me to drink, thou wouldest have asked of him, and he would have given thee living water.”—JOHN iv. 10.
Rannsaich iad ciod a bu choir do’n duine chreidsinn a thaobh Dhe, agus an dleasdanas a tha Dia ‘g iarruidh air an duine. Thuair iad anns an fhirinn da cumhnant—cumhnant na’n gniomh, agus cumhnant na’n gràs—agus gun robb na h-uile de shliochd Adhamh na’m peachaich chailte air an t-slighe gu ifrinn a bhroin shiorruidh thaobh am brisidh air cumhnant na’n gniomh; ach gun robb tearnadh dhoibh so, do’n mheud dhiubh a chreideadh ann an Criosd, ceann, urras, agus eadar mheadhonair cumhnainte na’n gràs. Thuig iad gum b’ann tre irioslachadh, umhlachd, agus bàs Chriosd a bha maitheanas peacaidh, agus gum b’ann leis an Spiorad Naomh tre fhocal na firinn a bha creidimh, aithreachas, dóchas, gradh . . . air am planntachadh ann an anam an duine tre robb e air a philltinn gu Dia. Chuir iad na teagasgan a fhuair iad anns an fhirinn sos ann an ordugh ann an “Leabhar Aidmheil a Chreidimh.” Fhad sa ghleidh an eaglais na teagasgan so, agus a chuir a teachdairean an ceill iad do’n t-sluagh, bha an Tighearna a beannachadh a saothair ann a bhi ‘g iompachadh pheacach, agus ann a bhi cumail rian air muinntir neo-iompaichte. Ach ri uine thoisich bàs air tighinn a steach gu mor air an eaglais air chor’s gun do thoisich ministearan ri theagasg do’n t-sluagh gur ann tre an oibre fein a bhiodh iad air an tearnadh. Mu’n am so (170c) dheirich beagan do dhaoine urramach anns an eaglais mar bha Tomas Boston, Ralph agus Ebeneser Erskin, agus beagan eile a thoisich ris na teagasgan a tha ann an “Leabhar Aidmheil a Chreidimh” a chur an ceill gu dileas do’n t-sluagh. Thog so comh-strith anns an eaglais. Chaidh a thoirt air aghaidh anns an Ard-sheannad agus a dhiteadh, agus anns a bhlíadhna 1734 dhealaich na h-Erskines ris an eaglais. Chum iadsan na teagasgan, agus na bunaitean aig eaglais na h-Alba gus a bhlíadhua 1804. Anns a bhlíadhua sin rinn iad
Bha buidheann an deigh buidhne ag eiridh anns an eaglais shuidhichte gu bhi cur an aghaidh a bhais fo’n robh i na luidhe. Dh’fheuch iad le’n uile neart gu faotuinn air ais a dhiunnsuidh na’m bunaitean agus na’n teagasgan a bha ann an “Leabhar Aidmheil a Chreidimh” agus a bhoidich-iad a theagasg, a dhion, agus a chumail suas ach bha cuirtean lagha na rioghachd, agus ministirean gun gràs tuilleadh as cumhachdach a cur na’n aghaidh. Thainig iad a mach as an eaglais steidhichte anns a bliadhna 1843. B’ann gu bhi daingnachadh corichean Chriosd air a bhi riaghladh na eaglais fein le fhocal a bha an dealachadh. Cha robh fianuis air a togail ann an cuirtean na h-eaglais sin bho’n là sin air son na puince so. Chaidh an Eaglais Shaor air a h-aghaidh air son beagan bliadhnaichan a cumail fa chomhair an t-saoghail na bunaitean agus na teagasgan air son an do dhealaich i ris an stait, agus airson an d’fhuilg call na’n uile nithean Annas a bliadhna 1863 thoisicheadh ann an Ard-sheanadh na h-Eaglaise Saoire air gluasad a dheanamh chum aonadh ris an eaglais U.P. Mar a dheanmaich sinn bha creud na h-eaglaise so a thaobh an da bhuidhne gam bheil i air a deanamh suas, air a tionndadh gu bhi calg-dhireach an aghaidh creud Eaglais na h-Alba, ‘us mar sin calg-dhireach an aghaidh focal na firinn air an robh a creud air a bonntachadh. Ach am bheil an Eaglais Shaor, an ceann fichead bliadhna, a dol a thilgeadh air falbh a creud fein agus an fhirinn comhla? Chi sinn gur ann mar sin a bha a chuis. Thoisich a nis stri araon ann am meag an t-sluaigh, agus am meag an luchd-teagaig. Bha cuid do’n luchd-teagaig eodhain anns a Ghailteachd leis an aonadh so; ach bha na daoine bu mho aig an robh do ghabhail a stigh air cho fhad ‘s a bha na teagasgan agus na bunaitean aig an Eaglais U.P. bho’n fhirinn a cur rompa gum briseadh iad comh-chomunn ris na daoine bha air son aonaidh mu’n leigeadh iad le cuisean tuiteam cho iosal. Thug iad deich bliadhna anns an stri so. Annas a bliadhna 1873 chaidh stad dhe’n stri bha so gu follaiseach. Thoisich an Eaglais Shaor an ath-bliadhna air dith-steidheachadh na h-eaglais shuidhichte ni air an do chum i a h-aghaidh gus an là ‘n diugh. Annas a bliadhna 1879 rinn an eaglais U.P. Achd-minichidh air an doigh ‘s an robh i gabhail teagasgan agus bunaitean “Leabhar Aidmheil a Chreidimh.” Thoisich aig a cheart am moran de mhinitirean agus de phroffessoran na h-eaglaise saoire air glaothach airson athrachadh air na boidean leis an robh iad air an ceangeal gu teagasgan “Leabhar Aidmheil a Chreidimh” a theagasg, a dhion agus a chumail suas. Bha iad a fas na bu
daine bho bhliadhna gu bliadhna. Bha teagasgan calg-dhireach an aghaidh focal Dhe air an sgaoileadh anns na tighean-foghlum, agus ann an leabhraichean a bha na daoine sin a sgriobhadh. Lionadh an eaglais do dhaoine bha creidsinn, agus a teagasg nam beachdan ùra sin. Chuir iad, mu dheireadh, air leth buidheann, anns an robh cuid de’n a bha aig an am sin a seasamh na’n aghaidh, chum amharc a stigh anns a phuinc, agus a chum a dheanamh aithnichte cia mar a bha an eaglais a gabhail ri “Leabhar Aidmheil a Chreidimh.” Anns a bhliadhna 1891 thug iad an t-Achd-minichidh air beulaobh an Ard-Sheanaidh, agus chaidh a chuir sios a chum na’n cleirean gu e bhi air a dheanamh na lagh anns an eaglais. Thainig an t-Achd so suas bho na chleirean agus iad gle aon-ghuthach air a shon, agus rinn iad e na phairt de lagh na h-eaglaise anns a bhliadhna 1892. Chuir cuid protest a stigh na aghaidh; ach aig an ath Ard-sheanradh dhfheum iad na h-uile protest a sgriobadh bhar leabhraichean na’n seisinn, agus na’n cleirean. Nuair a chunnaic an t-urr. Maighstir Domhnnull Macfarlane sin chuir e stigh protest air a shon fein agus airson a mheud ‘s a leanadh e, Nach robh iad a dol a bhi fo na teagasgan mearachdach a bha air an cur sios anns an Achd ud, agus gu’n robh iad a cumail ri “Leabhar Aidmheil a Chreidimh” agus ri focal Dhe mar an riaghailt aoraidh, mar a bha sin aig an Eaglais Shaoir anns a bhliadhna 1843. Thug sinn leinn na h-uile pinne, cord, agus post a bhuiheadh do eaglais an Ath-leasachaidh ann an Alba. Aig an am cheudna dhuiu sinn a mach as an Eaglais Chleireil Shaor na h-uile ni ùr a thainig a stigh, mar tha laoidhean neo-dheachdaichte agus innealan ciuil as an aoradh fhollaiseach, no mar tha puincean cudthromach teagaig agus a tha buntainn ri bunnaitean na h-eaglais a bhi na’n ceistean fosgailte, agus gu h-araidh an t-Achd-minichaidh leis na h-uile plaigh teagaig a tha air an cur sios ann. Gabhaidh sinn beagan beachd air an ath-mhios air pairt de na teagasgan a tha anns an Achd thruagh sin, agus am feum a tha nis air a dheanamh dheth comh-cheangailte ris an aonadh. Aig an am so cha cheadaich nithean eile dhuinn an tuilleadh a radh. Gun robh an Tighearn a togail an tighe, agus a gleidheadh a bhaile ann nar meag mar eaglais, agus gum fosgladh e suilean an t-sluaigh gu bhi teicheadh bho na teagasgan a tha ‘n aghaidh focal Dhe.—N. C.
Bha Satan an toir ort
Bho’n chaill e coir ort bho t-oige
‘Se sealg air do chota gu reubadh
Mar a bha a bhean gorach air Joseph san Ephit.
‘Stric a rinn thu dhuinn innse
Mu an tim so bha gorach
‘S gu’m bu mhoir do thruas ris an linn bha geiridh
‘Sna h ‘eiginnean bha aca ri chomhlach.
Ciod a their mi, na ni mi
‘Sco dha dhinnseas mi ‘m eucail
Cha’neil air an taobhsa d’an fhirrinn
A ni mo chreuchdan’s a shlanach.
O! nach gibhtich thu ‘n creidimh
Dheanadh greim ort mar ‘m Fhearsaoraidh
‘S m’ eideadh le t’ fhireantachd
Mus am bi mo lomnochd na nairs.
Bha do smachduichean trom orm
‘S iad ag eigheachd rium fathasd
Mi bhi piltinn bho’m’ ghoraich,
A dhionsuidh trocair leam’ anam.
A gheibheadh a mach mo chuid leontan
Is mo bhroin a bhiodh folaicht
‘S bhiodh mo mhisneachd ag eiridh
Nuair bhiodh do bheulsa a labhairt.
B’ iongantach is bu diomhar
An rian a chuir Trianaid na gloir ort
Le irioslachd dhiadhaidh
Na fhianuis an comhnuidh.