(Air a leantuininn bho thaobh duilleig 319.)
THA firinn air a meagachadh le mòran de mhearchadan anns a chuid air am bheil sinn a dol a sgrìobhadh beagan air a mhios so. Chi sibh fuidh’ an litir (b) na briathran so:—”Gum bheil an Eaglais so mar an ceudna cumail gum bheil aig na h-uile a chluinneas an soisgeul barrantas, agus gum bheil e air agradh uatha, gun creideadh iad a chum tearnaiagh an anama.” Tha na h-uile a cur an lan aonta ris a phuine sin. Chan urrain briathran a dheanamh ni’s soilleirc na tha Leabhair Aidmheil a Chreideamh ’ga dheanamh. Ach tha e na ni cunnartach bhi dheanamh a mach, a chionn gum bheil na h-uile a chluinneas an soisgeul fo fhiachan gabhail ri Criosd a tha air a thairgseadh ann, agus gu bheil barrantas aca bho fhocal Dhé gu sin a dheanamh, gum bheil iad dhiu fein comasach gu so a dheanamh. Tha na h-uile cunn-tachail gu ùmhlachd iomlan a thoirt do’n lagh naomh mar an ceudna, ach chan eil an duine comasach air so a dheanamh. Nam biodh an dream a rinn an t-Achd so fallainn ann am beachd air a phuinc so—eucomas an duine ann an staid naduir—cha bhiodh eucordadh air bith eadair ’inn a thaobh barrantas focail Dhé, do na h-uile a chluinneas taigse an t-soisgeil, gu dunadh ri Criosd; oir tha taigse an t-soisgeil a fagail na h-uile gun leithsgeul a dhiunnsuidh an d’ thig i. Tha e chearta cho fior sin gu ’m bheil Dia ag agradh air na h-uile peacach creidsinn ann an Criosd, agus gur e peacadh a mhichreidimh am peacadh as ùamhsaiche de na h-uile peacadh. Bha taigse an t-soisgeil air a toirt do pheacaich anns an Eaglais shaoir le teachdairean Chriosd cho saor’s a fhuair iad i anns an fhirinn, “Ho! gach neach air am bheil tart, thigibhse chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgiod, thigibh, ceannaichibh gun airgiod agus gun luach, fion agus bainne.”
(2) Is i an ath phuinc:—“Agus a thaobh cor a mheud ’us nach creid ach a bhàsaicheas nam peacaidhean bidh na leanas do bhrigh an diultaich fein air gairm an t-soisgeil.”
Chan eil moran againn ri radh an aghaidh so. Ach tha iad a ceangal truaighe na muintir a bhios a fulang peanais shiorruidh a mhain ri peacadh diultaich gairm an t-soisgeil. Tha na h-uile nach de shliochd Adhamh air am breth a stigh do’n t-saoghal so fo bhinn bàis shiorruidh, agus mar sin bidh truaighe agus peanas aig a chuid dhiu a dhionnsuidh nach d’thainig gairm an t-soisgeil, thaobh am peacaidh gin agus gniomh, anns an t-saoghal ri teachd, ach tha e na ni cinnteach gur e diultadh teargse an t-soisgeil a ni peanas a luchd-eisdeachd na’s ann-tromaichte. Is e sin mar a tha sinn a tuigsinn briathran Chriosd ris na bailtean anns an robh oibre cumhachdach air an deanamh, agus nach do ghabh aithreachas, “Tha mi ag radh ribh gum bi staid Thioruis agus Shidoin na’s so-iomchaire ann an là a’ bhreitheanais na bhiteas bhur staid-se.” Tha an ni dorcha so a ruith troimh na h-uile pairt de’n Achd so. Chi sinn anns a phuinc a tha tighinn na’s soilleirc am beachd air staid an duine a thaobh naduir.
(3) “Chan eil an Eaglais so a teagasg, agus chan eil i meas gum bheil Leabhar Aidmheil a Chreidimh a teagasg gum bheil daoine air an roimh-orduchadh gu bàs eadar-dhealaichte bho’m peacadh fein.”
Tha iad ag aicheadh an so gu’m bheil Leabhar Aidmheil a Chreidimh a teagasg gum bheil daoine air an roimh-orduchadh a chum bàis eadar-dhealaichte bho’m peacadh fein. Nis tha iad a cur na h-eucorach as leth Leabhar Aidmheil a Chreidimh anns a phuinc so. Is iad so briathran an leabhair sin; “Trid ordugh Dhé, chum foillseachadh a ghloire, tha cuid eigin do dhaibinn, agus do ainglibh, air an roimh-orduchadh chum na beatha suthainn, agus cuid eile air an roimh-orduchadh chum a bhais shiorruidh.” —(Caib. iii. 3.) Bhiodh iad firinneach na’n do stad iad an uair a thubhairt iad, “Chan eil an Eaglais so a teagasg” (oir chan eil iadsan ris), ach chi duine air bith a leubhas Leabhar Aidmheil a Chreidimh gu ann le ceilg a tha iad a tabhairt a steach a bheachd úr so do’n eaglais. Ach chan e mhain gum bheil am beachd úr so an aghaidh creud na h-eaglaise, ach tha e calg-dhlreach an aghaidh focal Dhé. “Ciad ma’s e, air bhi do Dhia toileach ‘fhearg a nochdadh, agus a chumhachd a dheanamh aithnichte, gun d’fhuing e le mór fhad-fhulangas soithichean na feirge air an ullachadh chum sgríos.”—(Ro. ix. 22.) Buinidh nithean diomhair do’n Tighearna, ach nithean foillsichte dhuine. Tha a phuinc ro-chudthromach so air a foillseachadh, agus air an aobhar sin buinidh i do chreidimh, ach a tha tuilleadh ‘us domhain gu cnuidh an duslaich a dh’fhaotinn grund innte. Tha iad a nochdadh ann-danachd neo-chumanta ann a bhi cur cul ris an teagasg so.
(4) Ach tha ni eile aca anns an amharc.
Tha iad ag radh nach eil “daoine air an roimh-orduchadh gu bàs eadar-dhealaichte bho’m peacadh fein.” Ciod a tha iad a ciallachadh leis na briathran so? Tha iad gu soilleir a teagasg annta, nach eil peacadh gin a tabhairt a bhais air an duine. A reir am briathran is e peacadh gniomh a pheacaich a tha toirt a bhais air. Tha a phuinc olc so aig steidh an Aichd. Is ann a chionn gun robh Leabhar Aidmheil a Chreidimh cho ro-shoilleir air tuiteam a chinne-dhaoine ann an Adhamh a chaidh a chuid mhòr de’n Aichd so a dheanamh, agus gu h-araidh a chuid so. Cha mhòr a gheibh sinn an duigh a tha creidsinn gu’m bheil cionta ceud pheacaidh Adhamh air a mheas da shliochd. Ach an dean am mi-chreidimh-san firinn Dhe gun eifeachd? Cha tuit lideadh dhe’n fhirinn a dhiunnsaidh an lair air a phuinc so ni’s mò na air puincean eile. Tha iomadh earran sgrìobhte a tha teagasg tuiteam a chinne-dhaoine uile ann an Adhamh ach chan ainmich sinn ach a h-aon, “Oir mar is ann tre dhuine a thainig am bàs. . . . Oir mar ann an Adhamh, a ta na h-uile a’ faghaill a’ bhais.” Ach do bhrigh gu’n d’thig a phuinc so an aird ann an laimhseachadh earran eile de’n Aichd so, cha’n abair sinn an còr aig an am so oirre.
Fo’n litir (c) tha iad ag radh, “Gur e dleasdanas na muinntir a tha creidsinn, agus aon chrioch air son am bheil iad air an gairm le Dia, gun deanadh iad an soisgeul aithnichte do na h-uile dhaoine, anns na h-uile aite, chum ùmhlachd a chreidimh.” Ma tha iad a ciallachadh leis a so, gur e dleasdanas na muinntir a tha creidsinn ann an Criosd an soisgeul a chur a dhionnsuidh na’n Cinneach a dhionnsuidh nach d’thainig e fathast, chan eil mì-chordadh eadar iad fein agus sinne air a phuinc sin; oir tha sinn a cur ar làn aontà ris a sin. Ach tha sinn ag radh a reir na firinn nach eil na h-uile air an gairm gu bhi nan luchd-teagaig. Is e aon ni duine bhi air a ghairm gu h-eifeachdach, agus ni eile duine bhi air a ghairm gu bhi na theachdaire aig Criosd gu bhi teagasg muinntir eile. Tha na h-uile creideach fo fhiachan an toiseach a bhi ag urnaigh air son craobh-sgaoileadh an t-soisgeil am measg nan uile, agus a ris bhi tabhairt da chuid a reir a chomais air son sin a bhi air a dheanamh aig an tigh agus ann an tirean céin. Tha an fhirinn a bachdadh do mhnathan a bhi teagasg dhaoine anns an eaglais. “Ach chan eil mi a’ ceadachadh do mhnaoi teagasg a thòirt uaipe, no ceannas a ghlacadh air an fhear, ach i bhi na tosd.”—(1 Tim. ii. 12.) Feudaidh e bhith gu’n robh so aca anns an t-sealladh; oir tha iad a cur cul ris an fhirinn a dh’ainmich sinn; oir tha cuid de mhnathan nam measg a theid don chubaid a theagasg.
(2) Tha sinn a creidsinn mar an ceudna, agus a teagasg gur e dleasdanas nan creideach agus aon chrioch air son am bheil iad air an gairm le Dia gun guilaineadh iad moran de thoradh na naomhachd anns an t-saoghail.
Le so tha e sgriobhte gum bheil Dia air a ghlorachadh. “Ann an so tha m’ Athair-sa air ghlorachadh, gun toir sibhse mòr thoradh uaibh; agus bithibh sibh ‘nur deiscioibill dhomhsa.”—(Eoin xv. 8.) Tha e soilleir gur i so aon de na doighean, a rùnaich an Tighearna, leis am biodh an soisgeul air a dheanamh aithnichte. Ach feumaidh na h-uile a tha an rùn Dia a ghlorachadh air an doigh so glusad a reir na firinn—”Agus na biodh comh-chomunn agaibh ri oibrbh neo-tharbhach an dorchadais ach gu mar fearr leibh an cronachadh.”—(Eph. v. 11.) Nuair tha na daoine so a tabhairt chluichean, oran diomhain, agus aig-amaibh dannsa a stigh do thighibh aoraidh Dhe, Cia mar a tha iad air an dealachadh ri oibrbh neo-tharbhach an dorchadais? Cait’ am bheil diadhachd an duine a tha gabhail toil-inntinn ann an oibrbh an dorchadais comhla ris an t-saoghail gun ghràs? Tha sinn a tuigsinn leis na briathran—”chum ùmhlachd a chreidimh”—ùmhlachd do dh’ fhocal Dhe; oir is iad briathran Dhe, a tha air an cur sios ann an sgriobturaibh an t-Seann-Tiomnaidh agus an Tiomnaidh Nuaidh, a tha deanamh aithnichte dhuinne na h-uile ni as coir dhùinn a chreidsinn mi thiomchuill Dhe, agus an dleasdanas a tha Dia ag iarruidh air an duine. Chuir na daoine so cùl ris a chuid mhòir de’ na Sgriobturean, agus a nis feumaidh an luchd-leanmhuinn a chreud a bheir iad-san dhoibh a ghabhail, coltach ris na papanaich. Chan eil sinne a diteadh ann an neach air bith na h-uile ni a tha na chomas a dheanamh chum an soisgeul a chraobh sgaoileadh le uile neart—a reir mar tha an fhirinn a teagasg an t-soisgeil—ach tha sinn an aghaidh cealgaireachd annain fein no ann an daoine eil; agus tha sinn a faicinn moran dhi anns an Achd so. Ach feumaidh sinn dol air aghaidh.
(3) Tha iad a nis a tighinn a dhiunnsuidh am beachd air cia mar a tha Breitheamh na’n uile a deilgeadh ri leanabaibh agus ri muinntir a tha an taobh-thall do mheonaibh na’n gràs.
Ainmichidh sinn am briathan:—”Agus am feadh is e an soisgeul meodhainean suidhichte na slainte dhoibhsan da’m bheil e air a dheanamh aithnichte, gidheadh chan eil e leantuinn, ni mo tha Leabhar Aidmheil a Chreidimh gu bhi air a thuigsinn mar a teagasg, gum bheil aon air bith a bhàsaicheas na’n leanabachd caillte, no nach feud Dia air sgath Chriosd, agus le a Spiorad Naomha san, a throcair a shineadh a mach a dhionnsuidh na muinntir a tha ‘n taobh thall do na meodhainean so, mar a dh’heudas sin a bhi taitneach dha a reir saoibhreas a ghràis-san.” Tha iad ag radh anns na briathran so nach eil Leabhair Aidmheil a Chreidimh gu bhi air a thuigsinn mar an aghaidh am beachdsan. Ciod a tha an leabhar sin ag radh mu thearnadh leanabaibh? “Tha naoidheana taghta, a tha bàsachadh ann an aois na naoidheanachd, air an ath-ghineamhuinn agus air an tearnadh le Criosd trid an Spioraid.” Dh’fhag na h-atraichean diadhaidh a phuinc ro chudthromach so ann an doigh ro ghlic. Is ann aig Dia a mhain a tha fios air co a thagh E. Tha iadsan ga fhagail ann a lamhan beannaichte-san; oir tha e ro shoilleir gu’m bi an taghadh uile air an tearnadh. Chan eil iad a gabhail orra fein de dhalmachd mhi-naomha na tha dol a stigh ann an run diomhair Dhe, mar a rinn a mhuinntir a chuir ri cheile an t-Achd so.
(4) Tha iad nan seasamh air aite gle shleamhuinn nuair a tha iad ag radh nach eil sin gu “Leabhar Aidmheil a Chreidimh a thuigsinn mar a teagasg nach feud Dia, air sgath Chriosd, agus le a Spiorad Naomha-san, a throcair a shineadh a mach a dhiunnsuidh na muinntir a tha’n taobh thall do na meodhainean so.”
[1] Tha iad a cumail a mach leis a so gu’m bi na cinnich nach cuala riamh iomradh air Criosd, no air focal Dhe air an tearnadh.
Chaidh a phuinc so a thogail le cuid aig Ard-sheannad na h-eaglais nuair a bha an t-Achd truagh so air am beulabh, agus chathaich Dr. Henderson, agus a bhuidhean mhòr a bha air son an Achd, air taobh gum biodh iad air an tearnadh as eugmhais an t-soisgeil. Thug e air aghaidh firinn, a chlaon e, chum a dhearbhadh gun robh am beachd sgriobturail. Bi an fhirinn,—”Oir a mheud as a pheacaidh gun an lagh, sgriosar iad gun an lagh.”—(Ro. ii. 12.) Dh’atharaich e am focal “sgriosar” a chum an fhocail “ditear” agus dh’fheuch e ri dhearbhadh nach biodh iad air an sgrios. Bha e na ni gle narach do’n a bha de mhinstirean anns a chuir nach b’urrain dhoibh a shoillearachadh gun robh an fhirinn air a fiaradh leis. B’ann an ath-mhaduinn anns an Scotsman a sgriobh minsteir nach robh na bhall de’n chuir, agus mar sin aig nach robh comas labhairt aig an am, a thoirt solus air nach gabhadh am focal anns a cheud chanain a bhi air eadar-theangachadh “ditear” ach gun robh e ciallachadh “sgriosar.” Ach ciod iad briathan Leabhair Aidmheil a Chreidimh air a chuis? “Ged fheud daoinc eile nach eil taghta, bhi air an gairm le ministrealachd an fhocail, agus cuid a dh’oibreachadh coitchionn an Spioraid bhi aca, gidheadh cha’n eil iad a chaoidh a teachd gu fior a dh’ionnsuidh Chriosd, agus uime sin cha’n urrainn iad bhi air an tearnadh. Is lugha na sin a dh’fheudas daoine nach eil ag aideachd a’ chreidimh Chriosduidh bhi air an savaladh ann an slighe air bith eile, air meud an dichill am beatha a chaitheamh a reir soluis naduir, agus reachd a chreidimh sin a ta iad ag aidmheil. Agus a bhi ag radh agus a seasamh ris, gu feud iad bhi air an savaladh; is ni ro sgriosail agus gràineil e.”—(x. 4.) Tha na h-uile puinc de na briathran so air an dearbhadh le focal Dhe, agus tha iad calg-dhreach an aghaidh briathran an Achd, agus a dearbhadh mi-onair na muinntir a chuir ri cheile e a thaobh gun dubhairt iad gun robh Leabhar Aidmheil a Chreidimh ri bhi air a thuigsinn mar ag aontachadh le am beachd mearachdach-san.
[2] Tha cuid de na daoine sin dhe’n bheachd gum faigh daoine cothrom bhi air an tearnadh taobh thall dhe’n bhàs.
Chi sibh gum bheil na briathran a cheart cho freagarach air son a bheachd so, agus a tha iad airson a bheachd a bha sinn a mineachadh. Nuair a tha iad ag radh gum feud Dia “a throcair a shineadh a mach a dhiunnsuidh na muinntir a tha’n taobh thall do na meodhainean so.” Choinnich sinn ri cuid aig am bheil am beachd eagalach so, a thubhairt gum faigh daoine fuasgladh fo pheanas taobh thall tim. Dh’fheoraich sinn dhuibh, c’ainm a theireadh iad ris an aite anns am biodh iad mu’m faigheadh iad saorsa, an abradh iad purgadair ris? Thubhairt iad nach robh iad ullamh gu sin a radh. Feudaidh e bhi gu’m bheil moran fo’n Achd, eodhain de luchd-teagaig aig nach eil am beachd so, ach chan eil neach air bith ni’s fearr na tha a chreud. Duine s’am bith as urrainn cur suas le leithid sin de chreud feudaidh e dol do eaglais na Roimh là air bith. Ach feumaidh sinn tighinn gu comhdhunadh aig an am so. “Ge be neach a bhriseas an lagh, agus nach fan ann an teagasg Chriosd, cha’n eil Dia aige; an ti a dh’fhanas ann an teagasg Chriosd, tha araon an t-Athair agus am Mac aige.”—(2 Eoin 9.) N. C.