A REIR a h-uile coltais tha cuisean ag abuchadh air son an Aonaidh air a’ bhliadhna so eadar an Eaglais Shaor agus na Cleirich Aointe. Tha na cinn-iuil anns gach Eaglais ri faidhead-aireachd agus ma tharlas a reir mar a tha iad a’ cumail a mach gu’n tachair bithedh an da bhuidhinn nan aon air chionn deireadh na bliadhna. ‘Nuair a bha Dr. Rainy a’ co-dhunadh obair a gheam-hraidh ann an oilthigh na h-Eaglais Shaor an Dun-Eidionn dh’nnis e do na foghlumaich nach tigeadh iad cuideachd gu brath tuilleadh anns an rathad a bha iad a’ tighinn gu ruige so o am an Dealachaidh. An sin sheall e air ais air a h-uile atharrachadh a thainig air an oil-thigh o chaidh a chur air chois. Is math a dh’fheidadh e sin a dheanamh oir ‘s iomadh atharrachadh a thainig air. Dh’ainmich e a cheud ard-luchd-teagaig a bha ann—Chalmers, Welsh, Cunningham, agus Duncan. Feudaidh sinn a radh nam biodh na daoine urramach sin beo an diugh nach deanadh iad a mach an Eaglais Shaor mar a tha i. Nuair a mholas na daoine a thainig a stigh ‘nan aite agus ‘nan dreuchd na fir a bh’ann agus iad fein a’ feuchainn mar is fhearr a’s urrainn iad ri an teagasgan a chur fo’n talamh cha’n fhearr an obair na obair na muinntir o shean a bha togail aitean adhlaic nam faidhean. Dh’aidich Dr. Rainy ma ta gu saor am muthadh mor a thainig air luchd-teagaig an la ‘n diugh seach fir an Dealachaidh anns an rathad am bheil iad a gabhail beachd air teagasgan an t-soisgeil. ‘Se a dh’fheidadh. Ach ann a bhi gu saor ag aideachadh sin bha e cumail a mach gu’m bheil a fein agus a luchd-cobhair a’ fuireach an taobh stigh do chriochan teagasgan an ath-leasachaidh. Cha’n urrainn so a bhi ma ta oir aon uair agus gu bheil daoine mi-dhileas do theagasg an Deachdaidh cha’n urrainn iad a bhi dileas do theagasgan a’ Bhiobuill. Chan aithnicheadh an linn a dh’fhalbh o cheann deich bliadhna fichead air ais Albainn mar an aon duthaich leis an aite a tha soisgeul ur air faodtainn air feadh na tire an diugh. Ach dh’innis e gu soilleir air chionn an ath-gheamhraidh gu’m bi an t-aonadh ann. Mar sin fein dh’innis Dr. Salmond an Abair-eadhain do na foghlumaich ann an sin am muthadh a bhios ann mu’n coinnich iad a ris. Agus mar sin fein Dr. Robson an Ceann-suidhe ann an Seanadh nan U.P. nuair a sgaoil e na foghlumaich aca fein dh’innis e dhoibh nach cruinnich-
each iad a ris mar oil-thigh. Leis a chuis a bhi mar so tha e mu shide air son feadhainn a tha an aghaidh an aonaidh a bhi greasad orra ma tha iad a’ dol a sheasamh-mar a tha sinn an dochas gun dean. A mhuinntir a tha bagradh seasamh a dheanamh rinn iad aon ni gu math co-dhiubh-chuir iad a mach a ris leabhran leis an Dr. Ceannaideach an aghaidh an aonaidh. Tha sinn an dochas gn’m bi e air a leughadh le moran. Tha e ag innseadh ann cunnartan an aonaidh agus gu dearbh ma bha cunnart ann an uair sin cha’n ann air dol an lughad o’n uair sin a tha e. “Union and Unionism”—se sin a’s ainm do’n leabhran agus tha e air a chur a mach an Inbhir pheotharain le A. M. Ross & Co., pris da sgillinn.