Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1900 » June 1900 » Tuiteam na h-Eaglais ann an Alba

Tuiteam na h-Eaglais ann an Alba

THA e soilleir nis leoir gum bi an t-aonadh ann air a bhliadhna so. Bithidh coinneamh aig na h-ardchuirtean aig an da Eaglais ann am mios deireannach an fhoghair, air a cheud là bithidh iad air leith agus an dara là coinnichidh iad cuideachd. Tha an Eaglais ris an abair daoine an Eaglais Shaor a gabhail creud agus bunaitean na h-Eaglais U.P. Co chreideadh gu’n tuiteadh an Eaglais Shaor cho-ro-bhaileach? An la a dhealaich i ris an stait thubhairt Dr. Chalmers, Dhealaich sinn an dugh ri Eaglais steidhichte a tha air a truailleadh, ach rachadh mid’ air ais am maireach do dh’ Eaglais steidhichte air a glanadh, tha sinn a cumail a mach còraichean Eaglais shuidhichte na h-Alba, agus mar sin chan e Voluntaries a tha annain. Feumaidh a mhuiintir a tha dol a stigh leis an aonadh aideachadh gum bheil iad na’n Voluntaries a nis, agus nach eil iad a cumail còraichean Eaglais an Ath-leasachaidh ann an Alba, agus mar sin tha e ro shoilleir nach iad an Eaglais Shaor. Cait’ a nis am bheil an Eaglais Shaor? Tha cuid de mhinitirean innte fathasd ag radh, is sinne an Eaglais Shaor.

Nuair a dhealaich sinne ris an Eaglais a ghabh an t-Achd-minichaidh mar a creud anns a bhliadhna 1893 thug sinn leinn na h-uile ni a bhuineadh do’n Eaglais Shaor ach airgead agus tighean comhnuidh agus Eaglaisean. Cha robh e an comas duine air bith a dhearbhadh nach robh sin fior. Cia arson ma seadh nach do dhealaich a mhuiintir a bha a deanamh mòran fuaim an aghaidh an Achd sin ris a mhuiintir a rinn e na creud anns an Eaglais aig an am sin? Bha iad ag radh nach d’ thainig an t-am an sin, ach nuair a thigeadh an t-aonadh gu’n seasadh iadsan, agus gun d’thugadh iad leo airgead agus tighean na h-Eaglais leis an lagh shiobhulta. Tha an t-am sin air tighinn a nis. Feudaidh e bhi gum biodh e neo-ghlic a radh nach d’thoir iad oidhirp air an ni a thubhairt iad ris an t-slugh aig an am sin a dheanamh. Ma ni iad sin bithidh sinn ro thoilichte, ach tha eagl oirn nach dean iad mar a gheall iad. Tha sinn a faicinn tri nithean fa’n comhair. Feumaidh iad an seasamh a thubhairt iad a dheanamh, agus an cuis a thogail a dhionnsuidh cuirtean lagha na rioghachd ni a tha g le mhi-choltach na’r suilbhne; na feumaidh iad dol a stigh do’n Eaglais Shuidhichte—a tha cho truailidh na teagasg agus na cleachdadadh ris an Eaglais a dh’fhagas iad—ni nach fuiligeadh iad anns an am a chaidh do aon air bith do luchd-leaumhuiinn na h-Eaglais Shaoir a dheanamh a bha fo an riaghladhsan. An treas ni a tha fosgailte dhoibh is e fuireach mar a tha iad. Tha da dhoigh air am feud iad sin a dheanamh. An toiseach a dheanamh mar a rinn iad an nuair a dhealaich sinne riu, s’e sin a radh ris an t-slugh nach eil iad fo’n aonadh, agus aig a cheart am a bhi ceangailte anns an Eaglais sin agus na h-uile ni a bhuineas da a cuirtean mar a tha iad aig an am a tha lathair. Bithidh iad mar sin air an riaghladh leis na cuirtean aig an Eaglais aointe, a cur tional airgid an t-slugh a stigh gu bhi cumail suas mhearachdan sgriosail do anamaibh dhaoinne, agus a faghail an tuarasdail uaipe. Tha Focal Dhé ag radh air a phuine sin—”A mhic ma mheallas peacaich thu, na aontaich thusa leo. Ma their iad, Thig leinne deanamaid feall-fholach air fuil, laidheamaid am folach air son an neochiontaich gun aobhar; mar an uagh sluigeamaid suas beo iad, agus iomlan mar iadsan a theid sios do’n t-slochd. Gheibh sinn gach uile mhaoin luachmhor, lionaidh sinn ar tighean le creich; tilg a steach do chrannachur ‘nar measg-ne; bithidh aon sporan againn uile. A mhic na h-imich thusa san t-slighe maille riu; cum air a h-ais do chos o’n ceum.” Tha e tuilleadh as cruaidh leinn a chreidsinn gu’n dean iad an ni so. Ach ma ni thugadh an slugh an ro aire nach lean siad iad aon chuid a stigh do’n Eaglais Steidhichte no le fuireach mar a dh’ainmich sinn. Is e an dara ni a tha fa’n comhair na h-uile coimhthional a bhi air leth leis fein, agus a cumail suas an teachdaire fein. Cha bhuin sin do riaghladh Eaglais Ath-leasaichte na h-Alba idir, no do’n riaghladh a chuir na h-Abstoil, fo dheachdadadh an Spioraid Naoimh air chois agus a tha gu soilleir ann am focal Dhe. Bha na h-Abstol na’n seanairean (Presbyters) mar tha an l-Abstol Peadar ag radh—”Na seanairean a ta’nur measg tha mi ag earail, air bhi dhomh fein a’ m’ sheanair mar an ceudna.” Chi sinn nuair a dheirich cuis chonnspaid ann an Eaglais Antioch gun do “dh’orduich iad Pol agus Barnabas, agus dream araidh eile dhiubh fein, a dhol suas chum nan abstol agus nan seanairean gu Ierusalem mu thiomchioll na ceisde so.” Agus a ris—”An sin chunnacas iomchaidh do na h-abstolaibh, agus do na seanaireibh, maille ris an Eaglais uile,” an comhdhunadh a dhionnsuidh an d’ thainig iad a chur a dhionnsuidh Eaglaisean nán cinneach. Tha so a deanamh soilleir gun robh Eaglais Chriosd fo’n toiseach air a riaghladh le seanairean, no Presbyters—am focal mar a tha e anns a chuid chanain.

Car son nach gabh iad an seasamh a ghabh sinne? Tha moran aobharan air son nach gabh iad sin. Tha na daoine cho mor, agus tha an eaglais againne cho beag na’n suilbh. Chan eil moran do dhaoinibh saoibhir na tire ceangailte ruinne. Tha na duaisean tuilleadh as beag. Tha sinn fein nar daoine aig nach eil ainn mor anns an tir airson comasan mor intinn gu nadara, agus tha sinn tuilleadh ùs cumhann airson a chuid-mhor dhiubh. A ris chan eil ni aca an aghaidh an aonaidh so (mur eil e aig fior bheagan dhiubh) ach gum bheil e deich bliadhna tuilleadh as trath ; oir nam biodh e air fhagail deich bliadhna eile dh’fhalbhadh na seann daoine agus bhiadh an oige uile leis an aonadh. Ach cha ‘n e sin air beachd idir air cuid de oige a ghinealaich so. Tha moran de’n oige a tha nì’s treibhiche airson na firinn na tha mhuiintir a bu choir a bhi na’n eisampleir dhoibh. Tha sinn ag amharc air a so mar ni gealltanach a thaobh cuid. Tha a ris fear eile dhiubh a thubhairt nam biodh e anns an taobh deas, na ann am baile mòr nach biodh e an aghaidh an aonaidh so idir, agus far am bheil e nam biodh an sluagh air a shon nach biodh esan na aghaidh. An do chaill na daoine so sealladh gu h-iomlan air an Fhirinn, Dia na firinn, cathair a bhreitheanais, cor anamaibh neobhàsmhor an t-sluagh, an t-siorruidheachd ann an truaighe a bhios aig’ a mhuiintir a ghabhas naire do Chriosd agus da bhriathraibh anns a ghinealach adhaltranach agus chròda so, agus de’n chunntas a dh’fheumas iad fein a thabhairt as an stuibharchd do Chriosd aig là mor a bhreitheanais ?

N. C.

Upcoming Events (DV)

Oct 22
22 Oct - 26 Oct

Communions: Edinburgh, Gisborne, Mbuma

Oct 27
27 Oct - 28 Oct

Theological Conference

Oct 29
29 Oct - 2 Nov

Communion: Dornoch

Nov 5
5 Nov - 9 Nov

Communion: Glasgow

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Why God Excludes Sinners from His Rest 12 Jul 2026
  • The Pharisee and the Publican 1 23 Sep 2010
  • The Pharisee and the Publican 2 24 Sep 2010
  • Found in fashion of a man, He humbled Himself 26 Sep 2010
  • Destroy it not for a blessing is in it. 27 Sep 2010
  • Proclaiming the kingdom of God 12 Jul 2026
  • Christ speaking to the weary, seeking soul (2) 8 Jul 2026
  • The Triumphant King and his Armies 11 Oct 2026
  • The Raising of Lazarus 19 Jul 2026
  • God’s Remnant 11 Oct 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice