BU choir rian a bhi air daoine ann a bhi toiseachadh bliadhna eile air an talamh. Chan ann le dannsa, misg, cluichean, orain dhèamhain agus an leithide sin de nithean, a tha Dia a cronachadh anns an fhirinn. Air son aire ar luchd leubhaidh a thurruing a dhiuunsaidh beagan de na h-aobharan sin theagamh gum biodh e feumail cuid dhiu ainmachadh. An toiseach their sinn beagan fhocal ris an oige.
I. Tha an Spiorad Naomh anns an fhirinn a labhairt moran ris an oige.
C’ar són? Tha sinn de’n bharail gum bheil moran aobharan air son sin. (1) Tha an oige ann an staid naduir michiallach mar a tha an sgiobhir ag radh:—”Cuir impidh air na daoinibh oga mar an ceudna, iad a bhi ciallach.” Agus a ris—”Dean gairdeachas a dhuin’ aig a’ d’ oige, agus deanadh do chridhe subhach thu ann an laithibh d’oige, agus siubhail ann an slighibh do cridhe, agus ann an sealladh do shul: ach biodh fhios agad air son so uile, gun toir Dia chum breitheanais thu. Uime sin atharraich doilgheas o d’chridhe, agus cuir olc air falbh o d’fheoil, oir is diomhanas leanabachd agus oige.” Tha sinn a faicinn bho na firinnean so am feum a tha aig an oige air a bhi cumail na’n cuimhne gum feum iad cunntas a thabhairt do Dhia air la a bhreitheanais air son am mi-cheill, agus air son an uile a tha anns an duine thaobh naduir. (2) A ris tha chuid as mo air an gairm o thim gu bithbhuantachd ann an laithibh na h-oige. Ma sheallas duine og no nighean air an ais air a chloinn a bha anns an sgoil comhla ruithe, chi iad gum bheil moran dhiubh anns an t-soirruidheachd cheana. Ma chaidh iad sinn do’n t-soirruidheachd na’m mi-cheill, agus nan diomhanas, feumaidh tu a chreidsinn gam bheil iad cailte; oir a reir na firinn a dh’ainmich sinn, thug Dia gu breitheanas iad air son am peacaidhean. Co as urrainn a ghealltuinn dhuitse, ma bhuaimeachais tu anns a pheacadh, nach bi thu ann an teine ifrinn mun d’thig crioch air a bhliadhna so? Tha thu air do thogail agus air t-àrach ann an aite de’n talamh anns an d’rinn Dia aithnichte a thoil na fhocal sgiobhte, agus ma bhuaimeachais tu air a bhi diultadh eisdeachd ra ghuth anns an fhocal, tha thu ann cunnart mor gun ruith fhad-fhoighidinn a mach. Chi thu gum bheil so fior bhò chosamhlachd a chroinn fhige. Mur toir thu mach toradh air a bhliadhna so, gum bi thu air do ghearradh sios. Cha ruig mi leas ach an toradh ainmeachadh, oir tha araon focal Dhé agus do choguis fein ag innseadh dhuit, nuor dean thu aithreachas gun sgriosar thusa mar an ceudna. (3) A ris tha e na ni ro-shoilleir gum bheil a chuid as mo de na bheil air an tearnadh air am pilltein ri Dia ann an laithibh na h-oige. Tha guth Dhé anns an fhocal gu h-araidh ris an oige—”Cuimhnich a nis do Chruith-fhear ann an laithibh d’oige, mun tig na droch laithean, agus an druid na bliadhnachan ruit, anns an abair thu cha-n eil tlachd agam annta.” Tha air an laimh eile an Satan a deanamh na tha na chomas a chumail na h-oige bho Chriosd. Tha na cluichean, na h-orain dhiomhainn, dannsa, misg agus an leithide sin, comhla ri compaanaich dhiomhain, nan cuid de na doighean a tha e cleachdadh a chum an oige a sgrios. Tha e deanamh na tha na chomas gus an oige a chumail o bhi leubhadh na firinn; oir tha sar-fhios aige gur ann leis an fhocal a Dia a slanachadh pheacach, agus g’an saoradh o’n sgrios. Nis, nuair tha na nithean so fa chomhair do shul—gum bheil an Satan, an saoghal, agus am peacadh ann ad nadur fein an comh-bhoinn le cheile chum do sgrios gu siorruidh; agus air an laimh eile gum bheil Dia na fhocal gad ghairm gu sligean a pheacaidh a threig-sinn, agus pilltinn ris fein air son sonais, beatha shiorruidh, sith tre chreidimh ann am fireantachd Chriosd, agus saorsa troimh fhuil Chriosd ann am maitheanas do pheacaidhean—nach eil reusan ag agradh bh’uat comhairle Dhe a ghabhail. Nach michiolach dhuit buanachadh anns an diomhanas nuair tha thu cinnteach gun d’thoir e thu gu truaighe shiorruidh, agus nuair tha focal Dhé agus sluagh Dhé a guidhe ort pilltinn a nis; oir bithidh e a dol nas cruaidhe ort pilltinn na h-uile la a theid seachad ort, agus nas mi-choltaich gum pill thu idir. Tha beatha agus bàs fa d’ chomhair, agus feumaidh to pilltinn ri Dia agus a bhi beo; na gabhail air d’aghaidh anns a mhi-churam agus basachadh gu siorruidh. “Pillibh, pillibh, car son a bhasaicheas sibh.” (4) A ris, chan e mhain call d’anam fein, ma bhuanaicheas thu ann an slighe an diomhanais agus a mhi-churam, ach bithidh tu na’d inneal leis am bi moran de d’chomh-pheacichibh air an sgrios. Tha e soilleir bho fhocal Dhé gum bi na peacaich a bha comhla air an talamh, comhla mar an ceudna ann an ifrinn. Feudaidh nadur truailidh an duine tlachd a ghabhail ann an cur an gniomh a pheacaidh; ach cha ghabh peacadh agus peanas dealachadh ri cheile. Tha tim cho ro-ghoirid; siorrudheachd gun chrioch cho cinnteach roimh gach neach; tearnadh an anama cho mór agus cho ro-luachmhor; an uine ghoirid a tha aig neach air an talamh gu bhi deanamh uile dhichioll gu ghairm agus a thaghadh a dheanamh cinnteach; gum bheil Dia ann an truas agus gradh siorruidh a’ glaodhaich ris an oige,—”An diugh, an diugh ma chluineas sibh a ghuth na cruadhichibh bhur cridhe”—a gairm uile comhla air an oige teachd a mach, a nis, a cuideachdan diomhain an t-saoghal, agus teicheadh le’n anam caillte gu Criosd gu bhi air an tearnadh. Tha coguis gach neach ann an cleachdadh an diomhanais coltach ri coguis a mheirlich—tha eagal air gum bi e air a ghlacadh anns a chionta—mar sin tha e a thaobh a pheacaich anns na cuideachdan diomhain, tha eagal air annta nach eil air aig amanan eile. Tha an ni so air a dhearbhadh mile uair. Nuair tha cunnart teine, na ni mar sin, a tighinn air peacaich ann an tighean cluich, no aig an dannsa, tha a lithid de eagal a deanamh greim orra agus bheil iad na ‘n cabhaig a saltairt a cheile gu bàs. Car son? Do bhrigh gu bheil an coguis ag innseadh dhoibh gu bheil Dia ann am feig riuthe air son a bhi anns na h-aitean sin, agus ris na cleachdidhean peacach sin. Air an aobhar sin tha sinn a’ guidhe air an oige iad a bhi ciallach; agus an aite a bhliadhna thoiseachadh le diomhanas gur ann a thoisicheadh iad i le bhi ag iarruidh tearnaidh, da ‘n anam caillte.
II. Tha an dream a thainig chum aoise, ann an staid naduir, ann an cunnart ro-mhor gum bi iad caillte.
Cha’n eil ach ro-bheag air an tearnadh nan seann aois. Nach buineadh dhuibse smuainteachadh, cait am bheil companaich, agus bana-chompanaich laithean bhur n’ oige. Tha bhur braithrean, ‘ur peathraichean, ‘ur nabuidhean uile, gu inbhe gle bheag, anns an t-siorruidheachd, agus tha sibh fein am fagus do dhol as an t-sealladh. Nach mithich dhuibse sgrur de na cleachdaidhean aindiadhaidh, agus de na cuideachdan diomhain! Feudaidh cuid a bhi de’n bheachd, bho nach eile iad a faotinn urad de thoilintinn anns na diomhanasan sin a nis ‘us a bha aca annta ann an laithean na h-oige, gum bheil sin na chomharadh gu bheil iad a fas nis fearr. Cha d’fhas duine riamh maith dhe fein. Is ann tre ‘n ghairm eifeachd-aich a tha peacaich air am pilltinn bhon peacadh gu Dia. Am feadh a tha an aois a gabhail tlachd na’n intinn de bhi labhairt, agus a smuainteachadh air peacaidhean an oige, gu de tha’n sin ach iad ga’n cur an gnoimh a ris na’n intinn na’n seann aois. Fhad agus nach eil tlachd aig neach ann an cleachdaidhean na diahachd am follais agus an uaigneas, agus fhad ‘s nach eile fuath de’n peacadh anns na smuaintean agus anns na gniomharan anns an intinn, tha an duine ann an staid naduir.
Nach bu choir do’n aois eisimpleir mhath a chur fa chomhair na h-oige? Tha sinn cinnteach gum bi clann a mallachadh am parantan air la a bhreitheanais a chionn nach do thog iad suas iad ann an eagal Dhe. Tha e cheart cho cinnteach sin gum bi coimhthionail a mallachadh mhinistearain nach d’innis dhoibh an fhirinn, agus nach do chuir eisimpleir dhiadhaidh fa’n comhair anns an t-saoghal. Air an aobhar sin thugadh aois agus oige an ro-aire gur mithich Iehobbah iarruidh gus am fras e nuas fireantachd oirn. “Iarraibh an Tighearn” am feadh a tha e r’a fhaotinn; gairmibh air am feadh a tha e’m fagas. Treigeadh an t-aingidh a shlighe agus an duin’ eucorach a smuaintean; agus pilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e trocair dha, agus ri ar Diane oir bheir e maitheanas gu pailt.”
Tha e na ni ro-chumanta do chairdean a bhi dol a dh’amharc air a cheile air la na bliadhna uire; cha-n eil sinn a faotinn coire sam bith do’n chleachdadh sin. Ach car son a bhiodh iad air an la sin a coinneachadh gu bhi ‘gol doch laidir? Tha moran a saoilsinn bho’n a tha sin na shean chleachdadh nach eil coire sam bith ann. Cha-n ann le bhi’g ol agus ri cainnt dhiomhain a bu choir do dhaoine bhi toiseachadh bliadhna eile de’m beathe air an talamh; ach le bhi toirt buidheachais do Dhia air son gun do chaomhain e iad anns an uine chaidh seachad, agus le bhi ‘g iarruidh a laithaireach agus a bheannachd air a bhliadhna tha iad a toiseachadh. “Teagaig dhuinn mar so ar laithean aireamh, chum gun socraich sinn ar cridhe air gliocas.”
N. C.