[Gle thríc nuair a tha sgriobhadh Gaidhlig air a chlobhualadh tha mearachd an a thaobh litrichean nam focal gu math lionmhor. ‘Se is aobhar dha so gu bheil an luchd oibre anns an tigh-dheasachaidh mar is trice gu tur aineolach air a chainnt a tha iad a cur an clo agus mar sin ged a b’ ionnan’s gu’m biodh an lamh sgriobhaidh gle ghlán tha na daoinne a’ dol cli agus cha’n iongnadh e ‘Se tha na iongantas cho math ‘sa tha iad a deanamh. ‘Nam biodh cothrom aig an luchd sgriobhaidh air sealltuinn thairis an obair nan clo-bhualadairean mum biodh iad reidh dh’fheudadh iad iomadh litir agus focal mearachdach a cheartachadh: ach eadar aon ni agus ni eile chan eil so gu tric a tachairt agus feumaidh ar luchd-leughaidh ar leisgeulne a ghabhail ma chi iad mearachd litrichean anns na focail Ghaidhlig a tha sinn o mbios gu mios a cur a mach.]
THA e na chall ann am moran aiteachan far an i a Ghaidhlig canain an t-sluaigh fhathast cho beag ‘s is urrainn leughadh ceart a dheanamh innte. Oir fhad’s gur h-i a chanain is fhearr a thuigear bhiodh e da rireadh na bhuannachd gum b’ urrainn a chuid mhor a leughadh. ‘Se gle bheag do’n ghinealach a tha ‘g eiridh suas nach dean leughadh gu cothromach anns a Bheurla: ach am feadh ‘s a tha i ‘na cainnt choimhich dhoibh tha iad an cunnart an cuid Beurla a chall agus bitteanta cha’n fhaigh iad mor fheum dhi. Mu’n robh an-t-ionnsachadh cumanta cho pailt ‘sa tha e an diugh bha gun teagamh am barrachd feum air sgoilean Gaidhlig a bhi air an cur suas na tha ann an diugh ach ‘nuair a bha iad air chois anns a Ghaidhealtachd tha e ‘na aobhar duilich-inn nach deachaidhaidh an cumail suas. Oir is mor am feum gu ruig an la ‘n diugh ann an caochladh earrainean do’n duthaich air cothrom leughaidh ‘nan canain fein a bhi aig moran do ar coluchd-duthcha.
Cha’n eil fhathast ceud bliadhna ann o thainig an Sgriobtuir a bhi gu pailt agus gu saor air a chraobh-sgaoileadh ann an Gaidhlig Albannaich. Roimh ‘n am sin bha cuid de’n oigirdh air an teagasg anns a Bheurla agus le cleachdadh thainig iad gu bhi gle fhileanta ann an rathad a bhi ‘g eadar theangachadh nan Sgriobtuirean o Bheurla gu Gaidhlig ionnus gu’n leughadh iad ann an Gaidhlig o leabhar Beurla. Ach ged a bha so gu math far an robh e cha robh e pailt no cumanta agus thigeadh dhuiinn maitheas Dhe aideachadh agus a ghabhail a stigh anns an t-sochair a fhuair sinn mar shluagh ‘nuair a chuir na Comunnan air son a Bhiobull a chraobh sgaoileadh an leabhar naomh ann an lamhan a phobuill chumanta. Be sin an t-am freagarrach air son ionnsachadh Gaidhlig a thoirt seachad agus chuir aireamh do dhaoine beann-aichte leis an Tighearna an guailnean ris an obair so anns an taobh dheas. Chaidh comunn nan Sgoilean Gaidhlig a chur air bonn agus is mor am maith a rinn e air feadh an taobh tuath anns na h-eileanan agus ann an Earaghaidheal leis na sgoilean a chuir iad air chois agus na daoine urramach diadhaidh a chuir iad gle thric air an ceann.
Air fear do’n muinntir a dh’eadar-theangaicheadh a Ghaidhlig o’n Bheurla bha Fionnladh Mac-an-Rothaich an soisgeulaiche urramach a shaothraich air feadh na Gaidhealtachd o eilean Arain gu ruig Duthaich ‘ic Aoidh agus Leoghas. Ach ri linn da a bhi dol mu’n cuairt bha an t-eolas litireil a dol am mend agus thall’s a bhos anns an duthaich bha na Sgoilean Gaidhlig ‘nan lochrain soluis. Tha cuimbne againn ann an bliadhnaich a chaidh seachad agus nach till a chaoidh air tearc do na maighistearan Sgoile urramach so fhaicinn agus aig cuid dhiubh chuala sinn mu dheighin nam maighistearan a bha aca fein og agus na daoine urramach eile a bha aigh Comunn nan Sgoilean o chionn faisg air ceud bliadhna air ais. Dh’fheidamaid iomraidh beag a dheanamh air eachdraidh ghoirid a fhuair sinn air fear dhiubh a leigeadh fhaicinn an t-seorsa dhaoine a bha iad ann. ‘Se am fear a bh’ ann Ian Macleoid a muinntir Chil-ma-luthaig ann an Trotarnais anns an Eilean Sgiathanach. Fhad’s a chuala sinn ma dheighin ‘sann ann am Bhatarnais ann an Eilean a bhreith a chaidh a shuidheachadh an toiseach air ceann Sgoile. Shaothraich e gu dileas ann an sin agus cha robh a shaothair an diomhan. Bha dusgadh am measg an t-sluaigh mar thoradh air a dhillseachd air an do rinneadh beagan iomraidh an uraidh anns an leabhran so an co-cheangal ri Tormod an Dall a chaochail ann an Gleann-Dail. An deigh dha bhi am Bhatarnais chaidh e gu Gabhsunn ann an Leoghas-far an robh sluagh an trath sin. Dh’fhan e leis fein anns a bhaile so ann am bothan gun uiread is uinneag a bhi air. Ach ged a dh’fheidadh daoin mor-chuiseach tair a dheanamh air fein agus air aite comhnuidh thug an Tighearn a ris gnuis d’a shaothair agus bha moran ann Gabhsunn agus ann an Dail air an iompachadh. Air an dara turus a thug Fionnladh Mac-an-Rothaich do Leoghas bha an dusgadh so air toiseachadh agus rinn Fionnladh direach air tigh Iain. ‘Se is coltaiche gun robh eolas aig na fir air a cheile roimhe. Co dhiubh bha iad a nis gle bhlath a thaobh a cheile.
Bha fear Domhnnull Domhnnullach a muinntir a bhaile agus a bha cheana ‘na dhuine gle ghealltanach a stigh nuair a shuidh Fionnladh ri taobh an teine ann an tigh Iain. Chaneil fada idir o chaochail Domhnnull ‘na sheann duine ann an sgire Bharbhais. Areir mar a bhiodh e ‘g innseadh mar a dh’fhailtich na h-urramaich a cheile bha iad a suidhe taobh ri taobh agus thoisich Ian air glun Fhionnlaidh a shliobadh. Dh’fhairich e gu’n robh glun a bhiogais caithte no reubta agus seach nach robh aig Fionnladh ach an aon deise aodaich co dhiubh cha robh ni b’fhearr a ghabhadh deanamh na e fein a dhol a luidhe agus gun caradh am fear eile an reubadh Thoisich Ian air caradh agus ‘nuair a bha e ris an obair thubhairt e “Nach ann ormsa a chaidh an t-urram a chur gu’n d’fhuair mi briogais a Chriosduidh ri caradh?” Fhreagair Fionnladh as an leabaoidh, “Agus nach ann ormsa a chaidh an t-urram a chur gu’n d’fhuaire mi luidhe ann an leabaidd a Chriosduidh? ‘Sann mar so,” ars’ esan, “a tha na fior bhraithrean; nuair a gheibh iad reubadh ann an aite feuchainn ri a dheanamh nis miosa ‘sann a tha iad a’ deanamh na tha ‘nan comas air son a charadh.” Dh’fhan Fionnladh greis uine comhla ri Iain agus chum e na coinneamh e an dha is bha Ian fein a’ seinn. Cha b’fhad a a chaidh an obair so air aghaidh nuair a dh’eirich geurleanmhuinn an aghaidh Iain. Bha an t-aite an robh e mu naoi mile air falbh o Eaglais na Sgireachd agus mun deachaidh Ian do’n aite is gann duine a bhiodh a dol do’n Eaglais air an t-Sabaid. Thoisich Ian air seirbhais a chumail air an t-Sabaid nuair a bha i anns an Eaglais naoi mile air falbh. Bha am ministear gu math samhach fhad’s a bha daoinne an aite gun a bhi dol taobh sam bith a dh’eisdeachd ach a nis nuair a shin iad air dol a dh’eisdeachd shin esan air casaid air Ian ris a chomunn o’n robh e mach agus chaidh an duine diadhaidh a bhriseadh o a dhreuchd.
Ach a nis bha a leithid do theas am measg an t-sluaigh air son an t-soisgeil ‘s gu’n do chum iad suas e air an costus fein fad da bhliadhna. Agus lean iad air so ged a bha sochairean Eaglais air an diultadh dhoibh. Bha da bhaile a dol an laimh a cheile ris an obair so, am baile anns an robh e fuireach agus am baile a b’fhaig air Gabhsunn agus Dail o dheas. Chum iad suas Ian gus an tainig ministear soisgeulach do Leoghas—Mr. Alastair Macleoid a bha ann an Uig. Fhuair esan fios air suidheachadh Iain agus fhuair e air a ghabhail a stigh a ris mar mhaighstir sgoile ann an sgire aige fein. Shaothraich e ann am Breinis ann Uig far an d’fhuaire e bas mu’n bhleadhna 1838. Mar dhearbhaidh air an spiorad a thaisbein e feudaidh sinn innseadh mar a dh’fhag e uiread ‘s a dh’fhag e do chuid an t-saoghail. Bha beagan do phuinn Shasunach aige agus dh’fhag e iad aig a’ chomunn a bhris e o bhi ‘na mhaighstir seach gun robh iad a deanamh uiread fheum air feadh na dutchca. Is olc a thigeadh e dhuinn cuimhne a leithid so do fhiughalaich a leigeadh air di-chuimhne. An teagasg a bheireadh Ian so seachad bha e air son a chuid bu mho air a dheanamh suas do bhriathraibh nan Sgriobtuirean air an cur ann an altan a cheile. ‘Se a bh’ ann fein duine trom ionndruinneach ‘na spiorad. Thubhairt neach araidh a bha fior eolach air gum b’e Ian agus Gilleasbuig Cook an dithis bu mho a chunnaic esan ‘na la aig an robh cudthrom na diadhachd a luidhe air an spiorad. Air chuimhne bithidh na fireanan agus cho fad ‘s a tha ceangal aig na Gaidheil ris an t-seann soisgeul bithidh aite blath aig na h-urramaich a dh’fhalbh ann an cridhe nan linntean a tha tighinn ‘nan deigh.
Ma bha a Ghaidhealtachd fada ann an comain muinntir an Taobh Dheas airson cothrom fhaghail air leughadh ‘nan canain fein agus airson Biobuill a bhi aca cho pailt agus a nis cho saor is coir dhoibh gun iocadh iad ni maith do shliochd na muinntir o’n d’fhuaire iad a leithid do shochairean. Mar a tha cuisean air tionndadh anns na bailtean mor tha cothrom aig na Gaidheil a theid gu deas a bhratach a chumail suas a tha eadhon Eaglaisean a bha ainmeil air son an dillseachd a slaodadh anns an eabar. Dh’fheidhachd clann na muinntir a fhuair an fhirinn—mar a dh’fheidhamaid a radh—o mhuinntir an Taobh Dheas eisimpleir a thoirt do shliochd nan daoinne o’n tainig e d’an ionnsuidh ann an rathad a bhi diultadh dealachadh ri briathraibh an Ti is e e fein an fhirinn. Tha feum a tha dol seachad air comas cainnt a chur an ceill eir na bailtean mora mar a tha Glascha agus Dun-eidin a bhi air an taoisinn a ris a chum agus gun aithnich a chuid mhor dhiubh soisgeul Chriosd agus rian no Sabaid. Ach tha e ‘na aobhar eagail gu bheil moran do na Gaidheil a chuala soisgeul glan agus a chunnaic oilean na Sabaid ‘nan oige ‘nuair a thig iad gu deas a tilgeadh dhuibh cleachdaidhean an oige agus ‘gan comh-chumadh fein ris na nithibh a tha iad a faicinn mu’n tiomchioll. Bha ceisd air a cur o shean mu na cinnich aig nach robh eolas air Dia an do threig a h-aon diubh an diathan nach robh ‘nan diathan gidheadh threig Israël tobar nan uisgeachan beo agus tha so ri radh fhathast mu iomadh neach a tha treigsinn oide-foghlhuim an oige agus reachd an De. Is olc an diol so o chlann nan Gaidheal do chlann na muinntir o’n d’fhuair iad caoimhneas cho mor. Ach is maith gu bheil fuigheall ‘nam measg a tha a taisbeanadh tomhas a dh’eud am measg nam fineacha garbh far am bheil an comhnuidh.
Air cho pailt ‘s gum bi na Biobuill air cho mor ‘s gum bi an solus litireil tha nadur an duine ‘ga dhearbhadh fein a bhi ‘n aghaidh Dhe leis mar tha an ginealach so a tarruing air falbh an guailne o bhi fo chuing Chriosd. Ni a tha dearbadh ann an rathad neo chumanta soilleir cho feumail cho do-sheachuinte feumail ‘s a tha cumhachd an Spioraid a bhi leis an fhocal agus anns na meadhanan a chum gum faigh muinntir feum dhiubh. Tha iomadh neach ag aideachadh nach dean na meadhanan as fearr feum mur beannaich an Spiorad iad ach tha iad a dol air an aghaidh gu toilichte socrach gun na meadhanan a bhi air am beannachadh. Cha’n ionnan creud fhallam anns a’ cheann agus blathas na beatha a bhi anns a chridhe. Nuair a bha Melanchthon og bha a leithid do bhlàs ‘na inntinn ‘s gun robh e ‘n duil nach seasadh muinntir an aghaidh na firinn. Dh’ fheuch e riu agus cha’n fhada a bha e gun fhaghail a mach gun robh seann Adhamh tuilleach is laidir airson Mhelanchthon og. Far am bheil blathas anns an an am agus eud airson teachd rioghachd Chriosd ‘Se ni anabarraich feumail a bhiodh ann gum biodh dearbh bheachd nach dean nis lugha a chuis na obair an Spioraid Naoimh. Ann an la mar a tha an la an diugh-nuair a tha eolas cho farsuinn agus am Biobull cho saor agus dearbadh air a thoirt mar sin fein air na meadhanan a bhi gun fheum gun an cumhachd o shuas is math a thigeadh do’n dream len ionmhuinn Ierusalem a bhi an sas ri cuirt nam flaithenas mar a bha am faidh o shean. O gun reubadh tu o cheile na neamhan gun tigeadh tu nuas gun sruthadh na sleibhte an sios ‘nad lathair.