‘S MITHICH dhomhs’a bhi tuirsgeadh,*
‘San dus a’ triall m’ fhàgail,
Is m’ aghaidh chuir romhan,
Ann an gnothaich mo thearnadh ;
Ach dar sheallas mi stigh,
Air seana-chridh’ cheud Adhamh,
‘S mòr th’orm do leth-ghrabhadh,
Thug ur-chadal a bhàis orm.
- Preparing for a journey.
Le cridhe gun chreidimh,
Làn aidich gun ghràsan,
A ghabhadh le faileas,
Mar dhearbhachd air tearnadh ;
Cridhe a tha feòlmhor,
‘S leis nach deoin dhol dachaidh,
‘S tha sealltuinn ri saoghal,
Mar iodhal le tlachd ann.
Ach dar ‘bheireas am bàs orm,
‘S nach fhàr mi dhul as uaith,
Bu mhaith an uair sin na Chriosd e,
Gu m’ dhìon bho do cheartas.
Och is ochan mar tha mi !
‘S mi ‘san fhasaich an cunnart,
Agus Iordan a bhàis
Na chuan bàthaidh tha cumant.†
† Common.
Mur fhaigh mi ‘n caochladh glòrmhor,
Air an fheòil a tha malluicht’,
Agus cobhair Trionaid,
Do m’ dhìon bho gach cunnart ;
Cha ruig mi leas bhi ‘g innseadh
Ciod a dh’ iomrann gu tearnadh ;
Cha dean ni’s lugh’ no Criosd e,
Ann Iobart tha làidir :
A fhuair buaidh air an t-saoghal,
Air daoine ‘s air Sàtain,
‘Sa dh’ fhosgail geatacha’ Shioin
Do gach neach a chaidh thearnadh.
Bheiream comhairl’ oirbh ‘bhràithrean,
Na’m b’àill leibh ‘bhi beò,
Gun sibh d’ur milleadh le saoghal,
‘Tha ‘caochladh mar cheò.
Nach ‘eil sibh ‘faicinn na daoine
Th’ air leaghadh sios leis mar ròin,
A chur an cul’aobh ri Criosd leis,
‘Sa leig dhiubh a bhi beò :
‘S mòr mo thruas ris gach duine,
‘Tha ‘n taobh muigh do ‘n Fhear-thearnaiddh,
‘S tha fathast na strains’ear*†
Do mhac cinnteach Israeil.
- A sea animal. † Or, coigreach.
‘S mi chinnteach an oighreachd,
‘S cha ‘n fhoighnich mi a h-àireamh,
Cha ‘n ‘eil i ac’ ach air earball,
Dar dheargas am bàs orr’;
Dar dheargas am bàs orm,
‘S nach fhar mi dul as uaith ;
Dar dhiultas na glùinean,
‘Sam beul nach dean labhairt :
‘Sa chluais nach dean clàisdean,
‘San t-sùil nach dean faicinn ;
Tha so ‘gam agair ni’s tric’ gu ùrnuigh,
Mo thim a bhi caitheamh ;
‘Sam bàs a’ tighinn dlùth dhomh,
Nach gabh diùltadh dar thig e,
Le comhairl mo chàirdean,
Le ràthan no bileach.‡
‡ Bills.
Ach dar gheibh am bàs so comas,
A Sion bho ‘n Tighearna,
Thig e-san mar Earraid
Le cabhaig do m’ iarraidh :
Ach cionnus dh’ fheudainns’ bhi beò
Mar biodh Stòras an Athair,
A thug Criosd na Glòire,
Mar lòn dhomh ri chaitheamh.
Ach dar sheallas mi ‘siosa,
Orm fhein a chlùit§ shalach,
Cuiridh sud mi gu h-losal
A sios aig do chathair ;
Aig cathair do thròcair,
‘Tha sòlas ri fhaighinn,
Na ‘s mò na saoghal,
Ged dh’fhaod’ a ghleidheadh.
§ A clout
Tha ‘n Spiorad Naomh ann,
‘S e mar Shoar* a sior shnaidheadh ;
Dheanadh Creidmhach a cealgair,
As an earbainnse ma’anam :
Dh’earbainn ann m’anam,
Is dheanainn deth bràthair,
Le gaol ni bu doimhne
Na gheibheadh aon mhac mo mhàthair,
- Carpenter.
‘S ma’s e ‘s nach bitheadh e,
Ach na dhuine ‘thaobh nàduir,
‘S goirid a leanadh e mise,
Tre mheadhon mo nàimhdean ;
Far am bheil naomhachd,
Tha mìneachd is irisleachd ;
Tha saorsinn is càirdeas
Anns gach cearnaidh ri shireadh :
‘N tra dh’eir’eas a Ghrian orr’
A nios gu suilleach,
Gheibhear iadsan an tra sin
Mar aon àl ann do bhroilleach :
Is e so am bainne,
Tha fallain gu àrach,
‘S anns nach ‘eil a chrodaich,†
Ged a tha ‘ar ‘ga àicheadh.
† Something that adulterates the milk.
‘Se gliocas na nathrach,
Agus pusion‡ an t-Satain,
Dh’fhag mis’ cho an toileach
Air an talamh so fhagail :
Ach na ‘n tigeadh ‘n geur-leanmhuinn
Sin dar dh’aithnicht’ na bràithrean :
Oir theicheadh iad cuideachd
Mar chaoraich do ‘n fhàsaich.
‡ Poison.
‘S ged sgapaidthe bho chéile
Cha ‘n eugadh an càirdeas,
‘S cha sguireadh iad a dh’ ùrnuigh
Ged a bhùitichte bâs orr’ ;
Ged bhuitichte bâs orr’,
Bha lorg Dhaibhidh ‘gan cobhair,
Dheanadh an cumail a ‘n aird,
‘N uair b’ aird na tonnan.
A bheireadh a null iad air Iordan,
Gun am brògan a bhogadh,
A stigh air geata’ na gloire,
Sud an ceòl ac’ gun obadh ;
Tha ‘n ceòl ac’ gun obadh,
Is aobhar ogan gu brach e,
Do chlann na h-ath-bhreith,
Oir gheibh iad án sāth dheth.
Ach ma shiubhlas iad mi-cheart,
Cha chaomhainn e stracain;*
Cha toir e buill dhoibh diomhan,
Ach d’ an dion o ‘n t-Satan.
Nach truagh leatsa daoine,
Tha gun naomhachd gun ghrasan,
Gun dearbhachd o ‘n fhirinn,
Air cinnteachas tearnaiddh.
- Stripes.
Tha ‘n creach air an cul’aobh,
Tha ‘n suilean air iadhadh,
Tha ‘n cridhe na shuidhe,
Air nithe di-buan ri ‘n iarruidh,
Nach cruaidh leat cuid do luchd comuin,
Gun sùgh ach alladh† ghrasan,
A tha nan luidh’ ann am muineas ‡
Fo dhalladh aig Satan.
† Clìù. ‡ Sloth.
A thilg thairis an fhirinn,
A tha ‘g innseadh mar ‘tha iad,
‘S nach teid anam gun naomhachd
A chaoidhch’ steach do Phārras.
Ach na ‘n chleachda sibh dìcheall,
‘Sa chealgaireachd aicheadh,
A dheanamh fathasd ‘n ‘ur naoimh sibh,
‘S’n ur luchd-aon-tigh air fhrādaich.
Na smuainichibh a chairdean,
Nach bu chradh leam ‘ur dlobhall
Dar thig laithean an fhoghair,
Is tim taghaidh nan dian,
Dar thig laithean an fhoghair,
Is tim taghaidh nan dian,
Gach neach gheibhear gun ghrasan,
Gheibh a Satan a sos iad.
Ach cha ‘n urra’ mi innseadh
Gach ni tha na chradh dhomh,
Mheud ‘sa tha mi a’ faicinn
Do mhi-chleachdadh air t-fhabhar,
‘N deigh daoine bhi tainneadh,
‘San t-aran air aicheadh,
Tha iad a rithist air tionnda’
Gu cleamhnas ri ‘n abhaist.
Gu cleamhnas ri ‘n abhaist,
‘S cuis chraidd bhi ‘g am faicinn,
Le ith agus le òl,
Le an-steòrnadh ‘s mi-chleachdamh ;
Cuid eile cho chrion diubh
‘Deanamh dia agus taic dheth ;
‘S mur caochail sibh abhaist,
Bithidh ‘m bās na chùis ghrabbh dhuibh.