IS aithne do’n Tighearn na truaighean a ta ann airson nan aindiadhach agus na combfhurtachdan a ta air an ulluchadh airson nan naomh anns an t-siorruidheachd. Ach ‘na fhocal dh’fhosgail e na’s mò de chomhfurtachd nan naomh na do thruaighean nan aindiadhach. Dh’fhosgail e na’s leor de’n da thaobh ach cha d’fhosgail e an t-iomlan de aon taobh. C’airson? Cha bu chomasach anaman air an t-sealladh a ghiulan agus mar sin tha sgaile eadar creutairean ann an staid naduir is na truaighean siorruidh tha air an ulluchadh air an son. Tha na muillionan anns na meadhanan fad an laithean agus a’ dol tre’n t-saoghal dall gus am fosgail na lasraichean siorruidh an suilean. Ma tha aithne aig duine air peacadh mur biodh cumhachd neochriochnach a’ cumail suas ‘anam dh’fhannaicheadh e.
Ann an so tha e a’ toirt dhuiinn comharra air cloinn Chriosd, “iadsan a ta glic”; ciod is comasach air a bhi ni’s soilleire na sin? “Dealraichidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur.” Ach c’aité am bheil an creutair a ta ‘sealltuinn am bheil coir aige fein anns na briathraibh sin? ‘S ann a tha moran gle cosmbuil ris gur e na lasraichean siorruidh a dh’fhosglas an suilean. Ach tha bochdan Chriosd air am bheil curam na siorruidheachd tric a’ rannsachadh ciod an dearbhachd a tha aca gu’n aidich Chriosd iad an la a ni e suas a sheudan. Bha an leithide sin anns a h-uile linn. Thubharrt an t-Abstol chum na naoimh a neartachadh, “ma’s anns a’ bheatha so a mhain tha dochas againn ann an Criosd is sinn a’s truaighe de na h-uile dhaoinibh”; ach “tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h-aimsir a ta lathair a bhi air an coimeas ris a’ ghloir a dh’ fhoillsichear annainn.” Bha soillseanna dhe sin a’ cumail suas nan naomh ann an nithibh a bha gle shearbh do fhuil agus do fheoil gidheadh nach ‘eil airidh a bhi air air an coimeas ris a’ ghloir a leanas. Ann an toiseach a’ chaibideil so tha e ‘labhairt air an la mhor: “agus anns an am sin saorar do shluaghsa gach aon a gheibhear sgriobhta ‘s an leabhar. Agus duisgidh moran dhiubhsan a tha ‘nan codal ann an duslach na talmhainn cuid gu beatha shiorruidh agus cuid gu naire agus masladh bith-bhuan. Agus dealraidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur; agus iadsan a thionndaidheas moran gu fireantachd mar na reultan fad saoghail nan saoghal.” Nis ciod an neart a bhiodh anns an drap a’s lugha do dhearbhachd air coir anns na briathraibhso, ar ceann-teagaig? ‘S ann gu h-araidh chum na naoimh a mhisneachadh a labhairt an Spiorad Naomh na briathran so. Ann an labhairt o na briathraibh so tha sinn a’ rúnachadh,
I.—A bhi ‘nochadh gu h-aithghearr mar a bhios iadsan a tha glic a’ dealradh, mar shoilleireachd nan speur;
II.—A bhi ‘toirt beagan chomharran orrasan a ta glic agus a dhealras mar sin;
III.—A bhi ‘nochdadh ciod e sin, a bhi ‘tionndadh moran gu fireantachd;
IV.—A bhi beachdachadh air a’ ghealladh, “Dealraidh iad.”
I.—Beagan de’n dealradh mar shoilleireachd nan speur.
Tha e gle dhuilich fadhaill a stigh ann an nadur nam briathar so agus dh’ fheumadh neach ann a bhi ‘labhairt uatha an teagasg a ta o shuas agus tuigse spioradail seadh teagasg an Spioraid Naoimh gu feum a dheanamh dhiubh. Bha an duine air a chruthachadh ann an iomhaigh a’ Chruitheir; ach ann am peacachadh thainig dorchadas spioradail stigh anns an anam. Cha-n’eil dorchadas an anama mar dhalladh a’ tuiteam air suilean neach; ‘se th’ann dorchadas ann an nadur an anama. “Thainig smal air an òr; chaochail an t-òr ro-fhinealta.” Tha an duine nadurra air a lan chuaireachadh le aineolas air Dia air a shamlachadh anns an sgriobtur ri bruidean na macharach. Feudaidh tuigse nadurra a bhi ann an duine air nithibh spioradail ach tha dorchadas anns an anam nach comasach ni air a chur a mach ach an Dia Siorruidh a chruthaich e. Mar sin mar a chaill e aithne air Dia chaill e ughdarras os ceann beathaichean na macharach agus tha e ‘na staid na’s isle na na creutairean sin. Nach iongantach gu’m biodh creutair cho ialsal sin air a thoirt gu bhi ‘dealradh mar shoilleireachd nan speur agus mar na reultan fad saoghail nan saoghal.
Cha-n e a mhain gu bheil an t-anam lan de dorchadas ach thainig miannan salach ann an corp an duine. Tha miannan ann nach ‘eil anns na bruidean fein; agus ‘n uair a tha an sgriobtur ‘ga shamlachadh ris na bruidean ‘s ann ris na beathaichean a’s salaiche a tha e air a shamlachadh mar a tha na gabhair agus na nathraichean. Mar a tha a’ mhuiintir a tha eolach orra ag radh ‘se beathaichean gle shalach a tha anns na gabhraibh ‘s ann mar sin a tha na h-aindiadhaich anns an t-saoghal. Cha-n ‘eil ni anns an t-saoghal cho salach ri corp creutair neo-iompaichte air chor ‘s nach iongantach ged a bhiodh e ‘fulang maille ris an anam anns an t-slochd gun ghrùnd a mach o shealladh Dhe. Tha sinn a’ leughadh mu’n tigh anns an robh plaigh na luibhre gu’m feumadh na clachan bhi air an toirt air falbh agus air an tilgeadh ann an aite neoghlan an taobh mach de’n bhaile. Chomharrach an Cruithear mar sin gu’m biodh an corp air a leaghadh anns an duslach agus gu’m biodh e air a thoirt as ‘na chruthachadh nuadh mar a tha e sgriobhta, “a chruth-atharraicheas ar corp diblidh chum gu’n deanar e comh-chosmhuil r’a chorpr glormhor fein.”
‘Se Satan a mhill an duine ‘na anam agus ‘na chorpr agus feudaidh sinn a radh gur ann o naimhdeas an aghaidh Dhe a rinn e sin. Cha robh doigh eile aig air call a dheanamh do Dhia ach le iomhaigh a mhilleadh anns an duine. ‘S ann le miann peacach a ghintinn anns an anam a mhill e an duine. Bha fhios aige gu’n cailleadh an duine fabhar gaol agus comunn Dhe le peacachadh. Tha sinn a’ leughadh ‘san sgriobtur gur “ann chum na criche so a dh’ fhoillsicheadh Mac Dhe gu’n sgriosadh e oibre an diabhuil.” Rùnaich an Cruithear gu’n deanadh e cruthachadh nuadh a bhiodh ni bu ro-oidheirce na an ceud chruthachadh. Bha stamp cuid de bhuaodhan na Morachd air an duine anns a’ cheud chruthachadh ach ‘sann anns an dara cruthachadh—an cruthachadh nuadh—a bhios uile bhuaodhan na Morachd a’ dealradh; cha-n e stamp a chumhachd a mhain ach stamp a throcair agus ‘ard-uachdaranachd seadh tha uile bhuaodhan a’ dealradh anns a’ chruthachadh nuadh air chor ‘s nach iongantach ged a tha e air a radh mu chuspairean a ghaol gu’n dealraich iad mar shoilleireachd nan speur agus mar na reultan gu saoghal.
Ach gu tighinn na’s fhaisge air a phuing so (agus tha e duilich faghaill a stigh innte do bhrigh gur ann anns an leth stigh anns an anam a tha i a’ toiseachadh; agus mur toisich i ‘nad’ anamsa cha-n fhaic thu Dia gu siorruidh) ‘s ann anns an anam a chaill an creutair iomhaigh a’ Chruithir. Chan’eil teagamh nach robh toradh iomhaigh a’ Chruithir anns an anam a’ dealradh a mach as a’ chorpr anns a’ cheud chruthachadh ann a leithid do dhealradh ‘s gu’n robh uachdaranachd aige os ceann nan uile chreutairean. Mar sin tha sinn a’ leughadh gu’n d’thainig na creutairean a dh’ ionnsuidh an duine gu bhi ‘faotainn an ainm; ni a bha ‘foillseachadh do’n duine gu’n robh so aige do bhrigh mar a bha iomhaigh a Chruithir a’ dealradh a mach ann. Ach ‘s ann anns an anam a bha an iomhaigh agus mur toir Dia air ais an iomhaigh ann ad anam-sa agus ann am anam-sa cha shealbhaich sinn gu siorruidh an ni sin a tha ann am briathraibh ar bonn-teagaig; ach tha an sgriobtur ag radh, “Nighean an Righ gu dearbh a stigh tha uile lan de ghloir.”
Is iongantach, drap a dh’ aithne air a mhorachd anns an anam drap de’n urram naomh agus de’n eagal dhiadhaidh agus de ghaol do’n mhorachd. ‘S ann ann an sin a tha an iomhaigh a’ co-sheas-amh agus bithidh sin a’ dealradh a mach tre bhuaodhan a’ chuirp anns an t-saoghal. Tha umhlachd do Dhia ag eiridh o aithne air Dia Chomharrach Dia do chuspairean a ghaol gu’m biodh ‘iomhaigh air a toirt a stigh ‘nan anam ach chomharrach e gu’m biodh sgaile air sin anns an t-saoghal air neo bhiomaid ag aoradh dhi. Mar sin is minic a bha anam naomh ann an corp lan de chreuchdan mar a bha Lasarus. Co a shaoileadh gu’n robh anam naomh an sud? Ach is tric a bha e mar sud, corp briste agus anam naomh cuideachd, cridhe briste agus corp tinn. Chunnaic e san rùn shorruidh ceart gu’m biodh an sgaile sin a’ folach na h-iomhaigh anns an t-saoghal: ach far am bheil an drap a’s lugha de naomhachd anns an anam feumaidh e bhi gu’m bi e a’ briseadh a mach; cha chomasach gu’m bi e gu h-iomlan am folach. ‘Nuair a bha Criosd anns an t-saoghal bha sgaile air ‘s cha d’aith-nich an saoghal e; ach cha bu chomasach e air a bhi gu h-iomlan am folach. Bha dearrsaidhean de a ghloir a’ briseadh a mach. Mar sin tha a phobull agus ‘sann mar sin a tha naimhdeas an t-saoghail an aghaidh pobull Dhe. Cha-n ann riu-san a bha an naimhdeas ach ris na bha do iomhaigh Dhe annta: agus mar bu mhò a bha an iomhaigh a’ dealradh anns an anam ‘s ann a bu mhò a bha an saoghal a’ teicheadh uatha agus a’ feuchainn mar a tha fuath diomhaigh ann do iomhaigh Dhe. Cia tric a dheilig an saoghal ri pobull Dhe mar gu’m b’ iad salchar na talmhainn. Tha an t-aon naimhdeas anns an t-saoghal a nis agus bithidh fhad ‘s is e an saoghal an saoghal.
Bi an saoghal iongantach dorch ‘nuair a bheir Dia a h-uile drap d’a iomhaigh a mach as. Tha an la a’ tighinn anns nach fhaig Criosd drap dhe ‘iomhaigh anns an t-saoghal. Bheir e suas an rioghachd do Dhia eadhon an t-Athair ‘nuair a chuireas e as do gach uile uachdaranachd agus gach uile ughdarras agus cumhachd. An sin cuirdh ceartas Dhe teine ris an t-saoghal ach bheir e suas ad rioghachd do Dhia an t-Athair ag radh, “Feuch mise agus a’ chlann a thug Dia dhomh.” Agus thusa a tha ‘teicheadh uatha an diugh tha an la a’ tighinn anns am bi thu cho fada uatha ris na diabhluibh.
Feudaidh gu’n tig an t-anam grasmhór gu so gu’m fairich e ‘fheum air gu’m biodh a chorpa air a leaghadh sios anns an uir agus air a thoirt aisde a ria ‘na chruthachadh nuadh mu’n urrainn e bhi sona. Cha-ne a mhàin gu bheil feum aige air glanadh o na miannan a tha anns a’ chorpa ach mar an ceudna o shalchar nam miannan sin. An do rinn e sin aithnichte dhuitse? Ma rinn, chi thu aig là a’ bhreitheanais oilltealachd chreutairean gun ghràs. Bi sin direach ‘na iongantas dhoibh fein cionnus a ghiulan an Cruithear leo cho fad air an talamh—miannan ‘nan corp ‘gan deanamh mar na bruidean agus miannan ‘nan anam ‘gan deanamh cosmhuil ris an diabhul, ‘na dhiabhul agus ‘na bhruid sud an duine gu nadurra, “salchar feola agus spioraid.”
Feudaidh creutair tighinn gu sin gu’m faic e nach fhoghain ni na’s lugha dha na gu’m biodh e air a leaghadh sios anns an duslach agus air a dheanamh as ùr saor o pheacadh agus ‘se sin a reiticheas e ris an dus. Bha aon de na naoimh ag radh gu’n robb e ‘moladh Dhe gu’n robb a leithid do ni is uaigh ann anns am biodh a chorp air a leaghadh agus air a ghlanadh o pheacadh. Ach thig an saoghal a mach as an uaigh mile uair na’s graineile na chaid iad innte.
‘Nuair a tha an t-anam grasmhór a’ tighinn a dh’ ionnsuidh a’ bhais ciod air bith truaillidheachd a dh’fheudas a bhi ann no anns a’ chorp thig taom a mach air as a’ Mhorachd a chaochlas e ann an tiota, am priobadh na sula a dh’ullaicheas an t-anam airson comunn ri Dia tre’n t-siorruidheachd. Bha cuid de bhochdan Chriosd anns an t-saoghal a fhuair blasadan de sin mu’n do dheal an t-anam agus an corp ri cheile—blasadan de’n naomhachd a bha anns a’ Mhorachd ged a dh’fheumas an corp a bhi air a leaghadh sios agus air a dheamh as ùr saor o pheacadh. Ach ann an so anns an t-saoghal cha ruig an t-anam grasmhór a leas bhi an dùil gu’m faigh e gu h-iomlan saor o thruaillidheachd. Cha-n ‘eil teagamh a’ cheud la a choinnich an Tighearn ris an anam nach do chuir e iarrtus ann an deigh naomhachd. Cha-n ‘eil drap a’ tighinn gu anam nach ann as an rùn shiorruidh a thaing e. ‘Se bith Dhe an tobar as am bheil a h-uile drap a tighinn dh’ionnsuidh an anama agus sin a reir an rùin. An la a choinnich an Tighearn ris an anam chuir e an t-iarrtus sin ann, a bhi a reir an rùin. Oh, tha iomadh urnuigh anns an t-saoghal ach beag de thorad na h-urnuigh. Cionnus nach ‘eil sinn a’ faicinn duine no cailin a nis a’ tighinn fo churam mu’n anam? So aon aobhar, tha muinntir a’ cumail aoraidh agus fhios aca gu bheil am briathran agus an iarrtus an aghaidh a cheile, an cleachadh a’ toirt na breige d’an urnuigh. Bha mi direach a’ smuaineachadh gu’n robb ceartas Dhe ‘gan reisigeadh ann an sin. Chi mi cuid de bheanagan a’ tighinn fo churam ach c’aité am faic sinn ceannard teaghlaich a’ tighinn fo churam? Tha ceartas Dhe ‘gan reisigeadh ‘nan cuid bhreug.
An la a choinnich Criosd ris an anam chuir e drap do iarrtus ann a tha ‘g iarraidh foirfeachd. ‘Se an Tighearn tobar na foirfeachd agus tuigidh an t-anam gur ann ri ‘ard-uachdaranachd a tha e ‘deilgeadh agus gu la a bhais bi faireachadh aig air aineolas air Dia. ‘Se aineolas air Dia pairt do chorp a’ pheacaideh agus bi sin a’ toirt osnaich as an anam ach cha do chomharrach Dia gu’m biodh an t-aineolas gu h-iomlan air a chaitheamh as gus am bi dealachadh eadar corp agus anam.
Thig faireachadh air truaillidheachd anns a’ chorp beo. Feudaidh an creutair a bhi ‘teicheadh o na h-uile mi o’n leth mach gidheadh faireachadh a bhi aige air so agus gu’m bi a chridhe air chrith le eagal gu’n toir e oilbheum do aobhar Dhe agus mar sin gu’m bi e faireachail air fheum air gu’m biodh a chorp air a leaghadh anns an uaigh. Ach ciod a ghlanas ann an sin e? Glaaidh aonachd ris an Fhear-shaoraiddh. Cuimhnich nach dean d’urnuigh e, cha dean d’ aonachd ris an t-seann chumhnant e Ach thusa a theid do’n uaigh ann an aonachd ri Criosd ‘se esan a “chruth-atharraicheas ar corp diblidh a chum gu’n deanar e comh-chosmhuil ri a chorp glormhor fein.” “Cuirear ann an truaillidheachd e togar ann an neo-thruaillidheachd e cuirear ann an eas-urram e togar ann an gloir e cuirear ann an anmhuinneachd e eiridh e ann an cumhachd cuirear e ‘na chorp nadurra eiridh e ‘na chorp spioradail.” Ged a bhiodh na tha do chumhachd anns na h-uile anam a tha anns an t-saoghal ann an aon cha ghiulaineadh e an cudthrom a tha ann an so a ghiulaineas aon anam grasmhor ann an sud, air chor ‘s nach iongantach ged a tha e ag radh, gu’n dealraich iad mar shoilleireachd nan speur agus mar na reultan fad saoghal nan saoghal: agus tha sin airidh air muinntir a bhi ‘g urnuigh air a shon air muinntir a bhi ‘treigsinn peacaiddh air a shon, airidh air gu’m biodh duine a’ gerradh dhet’h lamhdheas air a shon. Tha e airidh air suil dheas a chall air a shon.
Ann an so gheibh an t-anam aithne air gu’m bheil truaillidheachd ann fein. Am bheil anam grasmhor ann nach d’ fhuair aintoile ann fein agus feum air drap o Dhia a chaitheadh a mach an aintoile sin. Agus leanaidh faireachadh air sin e gu la a bhais. Feudaiddh sinn a radh gu’m bheil an corp fein ‘na sgaile eadar an t-anam is an Tighearn. “Gus am bris an la agus an teich na sgailean pill; bi cosmhuil ri earb, a ghraiddh, no ri laogh feidh air beanntaibh Bhteir.” Feudaiddh sinn a radh gur e an corp fein cuid de na sgailean. Tha a’ chuimhne air a truailleadh. Mar sin bi an t-anam ‘ga shamhlachadh fein ri talamh ùr ‘ga thoirt a stigh le mor-shaothair. ‘Sann a lion beagan is beagan a tha an t-anam air a thoirt gu iomhaigh an Tighearn ach ‘sann aig a’ bhàs a bhios an obair deanta agus an corp air a thoirt gu dus. Bi cuid a’ smuaineachadh air cho luath ‘sa dh’ fhàsas iad sgith ann an seirbhis spioradail cionnus a bhios iad anns an t-siorruidheachd. Ach aig a’ bhàs thig dordadh iongantach as na flaithanas a theid tre uile bhuadhan an anama. Oh, sibhse a tha gun ghràs, ciod an tuil do dhorchadas a thaomas oir ‘ur n-anam aig a’ bhàs. Ach aig a’ bhàs thig a mach as na flaithanas air anam grasmhor taomadh de sholus agus de naomhachd a ni e ann am priobadh na sùla ullamh airson gloir.
Is iongantach anam neo-bhasmhor a’ dol a stigh do ghloir. Dh’ fheumaid a radh gu’m bheil fadal ann airson a’ chuirp; ach ‘se fadal naomh a bhios ann, an reite ri toil na Morachd. Cha-n ‘eil teagamh nach ‘eil fadal ann an Criosd gus am bi cuspairean a ghaoil foirfe agus tha an cuirp agus an anam priseil aige; ‘siad le cheile toradh a bhais. A thaobh cuspairean a ghaoil a fhuair sealladh air sin cha-n iongantach ged a bhiodh an corp measail aca; cha-n iongantach ged nach toireadh iad mar sheirbhisich neoghloine agus do euceart chum euceirt. Ghradhaich Criosd an corp, tha corp aige fein agus ‘nuair a chi na naoimh ann an gloir ann an corp Chriosd an staid ris am bi an cuirp fhein air an cumadh cha-n iongantach ged a bhiodh fadal naomh orra air son an la sin. “Cuirear e ann an eas-urram togar ann an gloir e.” Is iongantach an t-anam a’ tighinn a gloir a choinneachadh a’ chuirp aig an uaigh, ag radh, “o chuirp bheannaichte am bheil sinn a ris a’ coinneachadh; a shuilean beannaichte, a bha tric a’ sileadh nan deur airson mo pheacaidh-sa; a ghluinean beannaichte, a bha cho tric a’ lubadh ag iarraidh trocair dhomhsa.” Ach na h-aindiadhach, thig iad a mach as an uaigh na’s truaillidh na chaidh iad innte agus an anam ‘g an coinneachadh aig an uaigh ag radh, “O chuirp mhallaichte an eigin domh a ris dol a stigh annad? O shuilean mallaichte, oh a chluasan mallaichte a dh’eisdeadh ris a h-uile diomhanas ach nach eisdeadh ri ni a bhuineadh do shiorruidheachd.”
Ach is iongantach an ni sin a bha air a chur ‘na chorpa truaillidh ag eiridh ann an gloir. ‘S ann an sin a bhios a’ bhuaidh aca air a’ bhàs. C’aite am bheil a’ bhuaidh aca? “Buidheachas do Dhia a tha ‘toirt dhuinne na buaidh tre ar Tighearna Iosa Criosd.” Agus dealraidh iad mar shoilleireachd nan speur agus iadsan a thionndas moran gu fireantachd mar na reultan fad saoghail nan saoghal. Chuir Dia air leth anns an rùn shiorruidh cuid airson na buaidh sin agus ‘nam buaidh cha-n ‘eil teagamh nach robh a ghloir fein ‘na amharc. Anna an taghadh shiorruidh tha Dia a’ foillseachadh oirdheirceas ceud staid an duine; agus ann am fagail cuid tha e ‘foillseachadh mar a mhill am peacadh obair lamh Dhe. Ann an soa nis chuir an Cruithear air leth iadsan anns am biodh gloir ‘arduachdaranachd a’ dealradh troimh ‘n t-siorruidheachd agus ‘sann o shaor ghras a bha sin.
Ann an so a nis (agus tha e dulich faotainn a stigh ann no ‘thuigsinn) cionnus a tha duine air a thoirt a stigh gu bhi ‘deabradh mar shoilleireachd nan speur agus mar na reultan fad saoghail nan saoghal? ‘Se Criosd am pàtran ris am bi iad air an cumadh. Tharruing Dia am patran ann an Criosd ris an do roimh-orduich e iad a bhi air an cumadh, “a chruthatharraicheas ar corp diblidh chum gu’n deanar e comh-chosmhuil ri a chorpa glormhor fein a reir an oibreachaidh leis am bheil e comasach air na h-uile nithe a chur fo cheannsal fein.” “Cha-n ‘eil e soilleir fathad ciod a bhios sinn ach a ta fhis againn ‘nuair a dh’ fhoillsichear esan gu’m bi sinn cosmhuil ris; oir chi sinn e mar a tha e.” Co is comasach air gabhail a stigh ciod e oirdhearcais corp daonnachd an Tighearn? Mar sin cha-n ‘eil teagamh ann am firinn nam briathar sin, “Cha-n fhaca suil is cha chuala cluas agus cha d’thainig ann an cridhe duine na nithe a dh’ulluich Dia dhoibhsan aig am bheil gradh dha.” O, sibhse a tha gun churam mu ‘ur n-anam ciod na h-uilebheisdean a bhios sibh aig an la ud; ‘nuair is e an diabhul ‘ur n-athair cha bhi aon ann an ifrinn nach fhaic ‘iomhaigh fein anns an diabhul.”
Thug am Fear-saoraidh d’a chloinn earlas air gu’m biodh iad air an cumadh ri’ iomhaigh fein; anns gu’n do ghlán Criosd nadur na daonnachd ann fein bha sin ‘na earlas d’a chloinn gu’m biodh iad cosmhuil ris. Nam faigadh Criosd aon bhuaidh de’n anam no ball de’n chorpa gun a ghlánadh cha bhiodh e air a ghlánadh tre’n t-siorrudheachd ach air dha an glanadh ann fein tha sin ‘na earlas do’n eaglais air saoradh siorruidh.
‘S ann air a phàtran a tha an t-Athair siorruidh ag amharc is ‘s ann mar sin a tha e nach d’ thug e fa’near eucoir ann an Iacob agus nach fhac e cealg ann an Israel. Reir nadur cumhnant nan gràs tha Criosd a stigh airson corp agus anam a dheanamh naomh mar a ta e fein naomh. Cha-n iongantach mar sin gu bheil an sgiobtur a labhairt orra mar chloich a shula-san. ‘Nuair a dh’ fhag Criosd an saoghal dh’ fhag e anmhuinneachd anns an t-saoghal; dh’ fhag e an sgàile a bha ‘folach nadur a dhiadhachd agus ‘nuair a dh’ fhagas clann Criosd an saoghal fagaidh iad an sgàile a bha air an ni oirdheirc a bha annta. Aig an la mhor cha-n’eil teagamh nach bi iongantas air muinntir an t-saoghail cionnus a bha iad cho fada ‘nan cuideachd agus nach d’ thug iad ri amh an aire do ni air bith de’n ghloir a bh’ annta. Dealraidh iad fathasd air a leithid do dhoigh ‘s gu’m bi iad ‘nan iongantas do na h-ainglibh. Ceile Chriosd—’sann mar sin a bhios iad air an ardachadh ‘nan iongantas do na h-ainglibh agus do’n t-saoghal. Oh, a pheacaich, math dh’ fheudta, ann an sin gu’m faic thu do leanabh a’ dealraidh mar shoilleireachd nan speur agus mar na reultan is thu fein a’d’ uamhas. Feudaidh gu’m faic thu do bhean a’ dealraidh mar shoilleireachd nan speur agus thu fein a’d’ uilebheisd uamhasaich. Ach is beag dhe so air an comasach sinne labhairt. Ach bha drapan deth a’ tighinn a nuas air an Eaglais a bha ‘toirt orra a bhi “meas nach airidh fulangais na h-aimsir a ta lathair bhi air an coimeas ris a’ ghloir a dh’ fhoillsichear annainn.”
O thusa aig nach ‘eil ach an saoghal chi thu fathasd ‘na theine e agus chi thu mar a chaill thu d’ anam leis.