A Searmon.
LEIS AN URR. ARCH. COOK, A BHA ‘N DEIMHIDH.
Inverness, 7th July, 1862.
“Oir is fearr la a’ do chuitibh ‘na mile; b’fhearr leam bhi ri dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi a’ m’ chomhnuidh ann am pailliunaibh aingidheachd.”—Salm, lxxxiv. 10.
I. An t-aingidh, ‘s e sin direach anam gun ghras; agus gu cinnteach ‘s e sin direach an t-ainm a thug an Spiorad Naomh do Shatan fein; agus tha sin a’ foillseachadh gu bheil an aon inntinn a’ riaghladh anns an anam gun ghras a tha anns an droch spiorad. “Tha sibhse o bhur n-athair an diabhul agus is iad ‘anamianna a’s toil leibh a dheanamh.” Tha cuid aig am bheil ainn an athar sgriobhta air clar an eudain; feudaidh a’ chlann bheag an radh gu bheil iad gun ghras. Ach ann an so feudaidh an t-aingidh polish a bhi air; tha cuid modhail, ach fhad ‘sa tha iad gun ghras tha iad ‘nan cloinn feirge fa chomhair Dhe. Nis nam faiceamaid mar sin iad am biodh mor-thlachd againn ‘nan comunn? B’ fhearr leam bhi ri dorsaireachd an tigh mo Dhe na bhi ‘m chomhnuidh ann am pailliunaibh aingidheachd.
Tha an t-anam gun ghras aingidh fa chomhair Dhe, ciod air bith polish a dh’ fheudas a bhi air tha e lan de aineolas spioradail air Dia. Cha-n aithne dha ni’s mo na tha e a’ leughadh no a’ cluinntinn mu ‘thimchioll agus mar sin tha e a dh’ easbhuidh an eagail naoimh agus an urraim dhiadhaidh ann an tighinn dluth do Dhia. Bu mhaith do mhoran nam biodh annta iriosal de urram a’ tighinn dluth do Dhia’s a tha annta a’ tighinn an lathair dhaoine. Tha iad a reir nan sgriobtur ‘nan coimhich do bheatha Dhe thaobh an aineolais a ta annta. Feudaidh aon a fhradharc a chail, gidheadh bi fios aige ciod a chaill e. Ach cha-n ann ‘tha an t-anam. Thainig e gus an t-saoghal dall, cha-n aithne dha solus. Tha e lan aineolais spioradail air Dia. ‘Sann anns na lasraichean siorruidh a gheibh cuid aithne air gu bheil Dia ann agus gu bheil E naomh. Nis nach uamhasach an staid sin? Ach tha na h-aindiadhaich toilichte anns a’ staid sin, tha iad reidh ris an aineolas sin air Dia. ‘S iongantach sin aon ‘fhaicinn a’ gul airson easbhuidh comais, agus aineolas air Dia ‘na eallach trom air. Ach tha na h-aingidh toilichte anns an aineolas, ‘s e cainnt an anam, sith, sith, ‘nuair a ta sgrios obann a’ tighinn orra. Feudaidh creutair bhi ‘labhairt mu nithibh na siorruidheachd gidheadh nach robh e riamh air a lot le ‘aineolas air Dia. Tha iomadh a’ dol a dh’ionnsuidh na h-uaighe anns a’ staid sin.
Tha thu fein ann an sin, cha-n ‘eil uair is mi-shona a tha thu na ‘n uair a tha thu ‘g an cluinninn a’ labhairt mu staid an anama agus mu’n t-siorruidheadchd. Cha robh thu riamh sgith de chomunn diomhain an t-saoghail, ach gu’n tigeadh smuaintean air siorruidheadchd a stigh, mhilleadh sin do chomhfurtachd agus chuireadh e as ordugh thu. O! an teaghlach anns nach ‘eil ni ach an saoghal, cha-n iongantach ged is e teaghlach rapach a tha ‘n sin. B’ fhearr leam bhi dorsaireachd ann an tigh Dhe na bhi ‘m’ chomhnuidh ann am pailliunaibh aingidheadchd.
Feudaidh an creutair mor-eolas a ghabhail a stigh. Tha an inn-tinn comasach air fas ann an eolas, ach cha-n ‘eil ann an naomhachd, ged nach biodh againn ach na briathran sin, “Nam bu chomasach e mhealladh iad na daoine taghta.” ‘S e la a’ bhreitheanais a dh’ fhoillsicheas cia fhad ‘s a dh’ fheudas creutair dol gidheadh tighinn gearr. “Cha-n ‘eil thu fada o’n rioghachd.” Ach cha-n ‘eil sinn a’ leughadh gu’n d’ thainig e leud roime ni b’ fhaigse. Tha an solus so a’ deanamh an doille spioradail air Dia ni’s ro uamhasaich. “Nam biodh sibh dall cha bhiodh peacadh agaibh; ach a nis a ta sibh ag radh, is leir dhunnn uime sin tha bhur peacadh a’ fantuinn.” Tha an dall so comasach air aoradh teaghlach a chumail agus e cho aineolach air Dia ri bonn a choise. Tha mi tric a’ toirt an aire mar a tha cuid a’ toiseachadh aoradh teaghlach agus gun fhios aca fo’n ghrein ciod a’ chuir ‘nan ceann e. Thog iad seann fhoirm, is gu la am bais cha-n ‘eil aca ach an t-seann fhoirm. Is beannaichte an t-anam d’ an aithne ciod e a thug air bhi ‘cumail aoradh teaghlach, ‘se sin gu bheil anam aige agus gu bheil e neo-bhasmhor agus cunntail. Ach anns a h-uile mi de ‘n t-seann chumnant tha nadur muchaidh. Feumaidh tu fein ann an sin aideachadh an aite d’ iarrtus an deigh Dhia bhi ni’s mo ‘nuair a tha thu deis de’n aoradh gur ann a tha d’ iarrtus ni’s lugha. Sin cuid de na nithibh a tha ann am pailliunaibh nan aingidh. B’ fhearr leam bhi ri dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi ‘m’ chomhnuidh annta. Tha nithean salach ann am beatha nan aingidh a tha ‘muchadh a h-uile maith. Nis am bu chomasach anam grasmhor bhi toilichte ‘nan comunn?
Ann am palliunaibh nan aingidh tha feolmhorachd inntinn. ‘Nis c’aithe am bheil an t-anam grasmhor a bhiodh rairachte far nach bi ni ach an saoghal a’ riaghladh? ‘Nuair a chruthaicheadh an duine bha a thugse lan soluis leis an robh e comasach air a bhi a’ beachdsmuaineachadh air Dia agus ‘ga ghradhachadh a reir ‘eolias. Nis tha na h-aon bhuaodhan anns an duine ach tha iad truaillte. ‘Nuair a chaill e an iomhaigh agus aithne air Dia shuidhich e ‘aigne air a’ chreutair agus ged a bhiodh gloir na siorruidheadchd air a fosgladh dha cha ghradhaicheadh e sin gus an dean an Spiorad Naomh cruthachadh nuadh anns an anam. Nach eagalach sin, creutair bhi beo da fhichead bliadhna gun smuain-eachadh air Dia no siorruidheadchd? ‘Sann mar sin a tha an Spiorad Naomh a’ samhlaichadh a’ chreutair ris na bruidean aig nach ‘eil ach iarrtuis thalmhaidh. Nis ‘nuair a tha Spiorad
Naomh nan gras a’ fosgladh sin agus a’ glanadh cail an anama, c’aité am bheil an t-anam grasmhor leis nach b’fhearr bhi ‘dorsaireachd an tigh Dhe na bhi ‘na chomhnuidh far nach bi ni ach an saoghal.
Tha iomadh miann salach ann am paillunaibh nan aingidh ‘Nuair a bheir an Tighearn gu soilleireachd nithe folaichte an dorchadais ‘s iomadh iad leis am b’fhearr bhi air an adhlacadh ann an doimhneachd na h-ifrinn na sin. Nis co air bith da ‘m bheil Spiorad nan gras a’cur soluis air ciod a tha ‘na bhrollach, an iongantach ged a b’fhearr leis bhi dorsaireachd ann an tigh a Dhe na an sin? Cha-n ‘eil ach Dia a lìonas an t-anam. ‘Nuair a chaill an duine eolas air Dia tha e ag iarraidh riarachaidh ann an nithibh eile, cuid ann am misg, cuid ann an geocaireachd, cuid le spiorad sannt, is e iodhol-aoradh. (Sanntaichidh iad fearann an nàbaidh agus ged a chitheadh iad gul nan creutairean a tha iad a’ cur a mach as an aitean comhnuidh cha bhean e riu ni’s mo na leaghas an t-uigse clachan). Cuid eile ann an reic agus ceannach, ni iad breug gun ni ‘nan suil ach gu’m biodh iad neo-eisimealach air Dia agus daoine. B’fhearr leam bhi ri dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi a’m’ chomhnuidh ann am paillunaibh nan aingidh. Bi thusa ann am paillunaibh nan aingidh air an t-Sàbaid agus feuch an luinn thu gu bheil anam no peacadh no siorrudheachd ann. Cha chluinn ni ach an saoghal agus bidh iad tric a’reubadh a cheile mu’n t-saoghal—sin cuid de na nithibh a tha ann am paillunaibh nan aingidh. B’fhearr leam bhi ri dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi a’m’ chomhnuidh an sin. Tha nithe eile ann am paillunaibh nan aingidh, ach tha eagal orm dol a stigh annta. Tha spiorad uamharra saoghalta annta.
Fhuair iad sin o namhaid an anam. ‘Nuair a chaidh Satan a thilgeadh a mach a flaithneas bha e lan de bhith-naimhdeas an aghaidh Dhe agus ‘s ann an goid an duine o Dhia a rainig an naimhdeas sin air Dia. Lion e an t-anam le’ naimhdeas. Mo chairdean, mur biodh gleidheadh diomhair Dhe bhiodh lamhan muinntir dearg ann am fuil a cheile. Tha iomadh aindiadhach ann agus cha dan leis an anam ghrasmhor a chronachadh air eagal dioghaltais. Faic Cain mar a dh’ fheuch e gu’n robh beatha dhiadhaidh Abeil ‘ga phianadh, agus am bith sin fada ‘na bhrollach gus mu dheireadh an do cheadaicheadh cothrom dha criochnachadh ann am mortadh. Cronaich thusa aindiadhach agus ma tha do chronachadh o na flaithneas ‘s iongantach mur feith e airson dioghaltais. Nach cuala tu e ag radh, cha mhaith mi gu brath dha e’? Agus ma choinnicheas freasdal cruaidh riut tha e iongantach mur toir sin aoibhneas dha. O! b’fhearr leam bhi ri dorsaireachd ann an tigh mo Dhe na bhi a’m’ chomhnuidh ann am paillunaibh nan aingidh. Anam bhochd, an deach’ thu ri amh a stigh do phailliuon nan aingidh nach d’ fhairich thu an spiorad aca a’ tighinn ort? ‘Nuair a chaidh na daoine glice stigh do luchairt Heroid dh’fhàg an reul iad. Siubhal thusa do phaillunaibh nan aingidh, ged a bhiodh toradh na naomhachd air do spiorad a’dol a
stigh feuch am bi sin agad a’ tighinn a mach. ‘Se a gheibh thu an spiorad saoghalta agus gheibh thu cridhe cruaidh nach bi cho furasda a chaitheamh a mach, is math dh’fheudta gur e an cainnt dhiomhain a’cheud ni a choinnicheas thu aig an urnuigh. “Uime sin thigibh a mach as am meadhon agus dealaichibh riu, tha an Tighearn ag radh;” “chum nach bi comhpairt agaibh d’a peacaibh agus nach fhaigh sibh d’a plaighibh”—plaigh gaol an t-saoghal, plaigh na sannt, plaigh cruas cridhe. Thigibh a mach as am meadhon, “Cha-n urrainn sibh seirbhis a dheanamh do Dhia agus do Mhamon.” Agus thusa, d’an comunn iad tilg dhiot cleoc an aideachaidh. Ruisdidh am bas thu. Mo chairdean, tha e cunnartach eadhan do’n chloinn bhi ‘nan comunn, “Mheasg iad leis na fineachan is dh’fhoghlum iad an doigh.” Anam bhochd, b’fheart leis an Tighearn thu bhi aige ann an cuil a’ gal air bruachan na h-ain-earbsa na bhi ‘nam measg. Cha-n iongantach ged a tha an Tighea:n tosdach riutsa d’an comunn na h-aingidh air an t-Sabaid is air an t-seachduin. Ach tha so ‘gar treorachadh dh’ ionnsuidh an dara cinn, ‘se sin, cuid de nithibh a tha milis do’n anam agus ag aobhrachadh gu’m b’fheart leis bhi ‘dorsair-eachd ann an tigh a Dhe na bhi chomhnuidh ann am pailliunaibh nan aingidh.
(Ri leantuin.)