LEIS AN URRAMACH MICHAEL BRUCE.
“Agus ma bheir do lamh aobhar oibheum dhuit, gearr dhiot i: is fearr dhuit dol do’n bheatha air leth laimh, na dà lamh a bhi agad, agus dol gu h-ifrinn, do’n teine nach mûchar a choidhch.”—MARC ix. 43.
(Continued from page 274.)
THA’N cuigeamh cunnul ann an aghaidh gearradh dheth iodholan deas-lamh air son Chriosd, agus ‘se sin, tha sibhse ‘ga shaolaisinn na ghniomh an-iochdmhor. Agus tha’n creideamh Chriosduidh na’s roghnaichte ‘g iarraidh oirnne bhi truacanta. Am bi thus an-iochdmhor dhuit féin? Tha e na ghniomh an-iochd do duine a lamh dheas a ghearradh dheth féin. Cha’n ‘eil aige ach dà làmh gu a theachd-an-tir fhaotainn; agus ma ghearras e dheth a h-aon diubh, cia mar a bhitheas a chuis leis an deigh sin? Cha’n ‘eil aige ach dà chos gu dhol troimh an t-saoghail leo, agus ma dh’fheumas e a h-aon diubh a ghearradh dheth, cionnas ma’seadh is urrainn e imeachd? Tha mi fiosrach, a deir daoine glic an t-saoghail so, nach do cheadaich diadhachd riamh do dhuine sam bith a bhi an-iochdmhor dha féin. Ach tha fhios agam-sa nach do cheadaich an diadhachd do dhuine riamh truas a ghabhail dheth féin, ach an ni a tha comh-fhreagaireach ris an truas sin a tha e gu nochdadh da anam féin. Nach ‘eil thus’ an-iochdmhor dhuit féin? deir an duine glic: cha’n ‘eil agad ach corp bochd lag, nach urrainn cuir suas le leapaichean muinntir’ eile, agus ris nach gabh na h-uile seòrsa biadh, agus gidheadh tilgeadh tu thu féin a chum éigin agus trioblaid ann a bhi leantuin mirean do shearmoinean sios agus suas air feadh na tir’, agus a’ faotainn iomadh cos fliuch agus tumadh fuar, agus bithidh sin na dhearbh mheadhon bàis dhuit. Nach ‘eil thus’ ma’seadh an-iochdmhor dhuit féin? Oir is math a dh’fhaodadh tu a bhi ann do rùm féin, agus do leabaidh, do bhiadh, agus do thaobh teine féin a bhi agad; agus bhiadh sin na’s fearr air do shon gu mòr. ‘Nis feudaidh tu bàs fhaotainn ann am mòinteach eigin, no ann am fàsach, no ri taobh gàraidh, agus nach faic neach a bhuneas dhuit gu bràth thu. No feudaidh tu bàs fhaotainn ann am measg coigrich, agus nach faigh a h-aon de do chàirdean fios gu bràth mu do thimchioll; agus nach ‘eil thus’ an-iochdmhor dhuit féin ma’seadh? Cha’n ‘eil comas air, deir an duine bochd, feumaidh mise na ciochan a bhi agam. Bhithinn na bu ro an-iochdmhoir’ na’n leiginn do m’anam bàsachadh as-eugmhais na’n ciochan. Co-dhiubh a tha no nach ‘eil, sibh a saolaisinn àithn ‘ur maigstir mi-thròcaireach; oir ann an so tha e ag iarraidh an lamh-dheas a ghearradh dheth, agus an t-suil dheas a spionadh a mach. Theirinn dà fhocal riu-so.
(1) Cha’n ‘eil e cruaidh-chridheach air son duine umhlachd a thabhairt do dh’àithn Dhe, ciod sam bith a chosdas e dha. ‘Bheil mi cruaidh-chridheach air son gu’n d’thugainn umhlachd dha-san
a cheannaich crùn glòir air mo shon. Oir feumaidh sinn iodholan lamh-dheas a ghearradh dh’inn, air neo cha’n urrainn sinn dol a steach do rioghachd nèamh. Ach
(2) Am bheil sinn an-iodchmhor dhuiinn féin, ‘nuair a tha sinn an iochdmhor do dh’iodholan agus do ana-mhiannaibh, a tha am fagus agus ionmhuinn leinn a dh’aobhair-icheadh ar bàs, mur d’thugadh sinn am bàs dhoibh-san? ‘Nuair a tha chùis air teachd gu so, an sin feumaidh sinn màrbbhadh mus màrbhar sinn. Tha lagh nàduir, agus lagh na rioghachd, aig iarraidh oirbh iodholan deas-lamh a mharbbhadh, leis am b’ail sibhse a mharbbhadh gu siorruidh. An sin marbhaidh mi, mu’s marbhar mi féin.
IV.—’Nis air son feum. Ciod a tha sibh uile ‘deanamh? ‘Bheil sibh a’ ghearradh air falbh gach uile iodholan lamh-dheas? Am bheil sibh a’ ghearradh dh’ibh gach uile chomhradh riu? Am bheil sibh a’ ghearradh as gach uile lòn uatha? Ma tha, tha agam an diugh, a mhuinntir ionmhuinn, naigheachd gu h-innseadh dhuibh.
-
Cha bhi ghearradh dheth iodholan deas-lamh gu bràth na h-obair deadh-rùn ann bhur measg, gus an gearr sibh as le dioghaltas agus farg. Air an aobhar sin na’n rachadh sibh mu thimchioll an obair so gu cridheil, bu choir duibh an ghearradh as gun truas air bith. Agus
-
Tha na naigheachdan so agam gu innseadh dhuibh, co fhad sa bhitheas agaibh iodholan lamh dheas, tha sibhse agus an diabhol dlùth air lamhan a cheile. Tha aige-san do ghnà an t-ath-ghearr gu faotainn do’r ‘n-ionnsuidh. Cha’n ‘eil mòran iomairt aige r’a dheanamh chum buadhachadh; oir tha aige do ghnath fear-oibir an taobh a steach dhibh; caird anns a chridhe a ni an gnothach. Uime sin, fuasgailibh bhur greim de’n t-saoighal, bean, clann, agus maoinn; agus deanaibh greim air Dia ie cumhnant; agus dearbhaidh sin a bhi na’s buannachdail duibh, na na h-uile ni a tha agaibh no b’urrainn sibh a mhealtainn anns an t-saoighal a tha air làthair.
Ni eile, agus sin ann an rathad beachdaichidh o na briathra so. Is fearr a dhol a steach a chum na beatha air leth lamh no air leth chois, deir Criosd. Agus
(1) Bheachd ‘si so i, gu’m feud Criosduidhean a bhi air an cuir do neamh le call mothachail, mar air son na h-uile coslach o’n leth muigh, as eugmhais lamh; ‘se sin, gu mothachail feudaidh Criosduidh a mhaoin shaoghalta a chall, agus tha sin na lamh dheas dha; agus gun fhaotainn air a dheanamh suas da air an taobh so do thiom; ach feudaidh e a dhol gu neamh le call mothachail leis na h-uile coslach o’n leth muigh. Tha mi a’ dol a dh’ionnsuidh neamh air leth lamh agus air leth chois; tha mi a’ dol a chum beatha a dh’easbhuidh mo mhaoin, &c. Agus tha fhis aig an t-saoighal gu’m bheil mi am fhear calla gu mothachail.
(2) Beachd, Feumaidh Criosduidh a chuireas sos fhortan aig cosaibh Chriosd, a bhi air fhoghllum gu maith mar-aon ann am beachd smuaineachadh air neamh agus air ifrinn; agus an sin cha chaomhainn e na bheil aige chuir sos aig cosaibh Chriosd.
‘Se so am beachd mu dheireadh ann an so, Gur e nèamh deanamh suas na h-uile call ris an comhlaich Criosduidhean ann an so. Tha daoine an t-saoghail so ag radh, nach cailleadh iad féin na h-uiread air son diadhachd ‘sa rinn sinne, oir nach fhac iad riamh na h-uiread do luach ann. Tha e na ni iongantach, mo chairdean, gu’m bheil sibh a’ gabhail oilbheum ris an diadhachd. Tha fhios agam gu ro mhaith, nach d’rinn diadhachd fhior-ghlan mòr dhochuinn riamh dhuibh. Tha daoine an t-saoghail so ag radh, tha iad so na’n cuideachd do dh’amadanaibh bochd mi-nadurach, nach d’thoir aon-chuid feart air bean, no air clann. Tha so iongantach, a chairdean; oir tha fhios agam gu maith, gu’m bheil cuid againn a’ gràdhachadh ar mnathan, ‘sar clann, agus a’ gràdhachadh a bhi ‘g ullachadh air an son, co maith ‘sa tha muinntir eile a’ gràdhachadh a bhi ag ullachadh air son an cuideachd féin. Na’m b’e ‘s gu’m b’urrainn sinn a dheanamh le deagh choguis. Ach ‘nuair a thig aobhar agus cumhnant Chriosd gu comh-dheuchainn riu-so, gabhaidh sinn a chuid as fearr, agus fagaidh sinn a chuid as measa, aig àm sam bith do’n bhliadhna.
Ach gu focal na dhà a labhairt, ris a bheatha a bhios aig creidmhich air nèamh, a ni suas an uile chail. Tha mir do bheatha ochd-fillte a tha gu bhi air fhaotainn le uile luchd-leanamhuinn bochd Chriosd a tha fo’ dhimheas. ‘Nuair a gheibh creid’mhach long ceart dhiubh so air a spiorad, cha chuir e dàil ann a bhi gearrachd dheth iodholan deas-lamh air son Chriosd. Tha
-
Beatha no sìth ri Dia; sìth ri’r coguisibh féin; sìth ri ainglibh, agus sìth ris na naoimh gu léir. O beatha mhilis, beatha do shìth, sìth gu siorruidh, sìth gun bhacadh. Ann an so bheiream dùlan do’m uile fhailgidhean anns an àm a chaidh seachad mo shìth a mhlleadh; ‘seadh, ceartas fein, mo shìth a thrioblaideachadh. Ann an so tha beatha do shìth. O beatha ionmhuinn! An
-
Mir beatha a gheibh sinn ann an neamh, agus ‘se sin beatha do thaitneas, taitneas gu saoghal nan saoghal. Agus an ni a chuireas a chlach mhullaich air bhur n-uile ghairdeachas eile air neamh, is e toilnntinn aig a dheas-lamh gu siorruidh suthainn. Ach an
-
Mir beatha a tha gu bhi air fhaotainn air nèamh, is e, beatha na buaidh. Bithidh agaibh beatha bhuaadhach air neamh. An sin bithidh tu na’s mo na bhi ad’ mhaighstir ort féin; an sin bithidh tu na’s mo na bhi ad’ mhaighstir os-cionn d’ana-mhiannaibh agus d’iodholaibh; ad’ mhaighstir os-cionn a bhàis agus na h-uaighe; ad’ mhaighstir air an lagh; agus ad’ mhaighstir os-cionn buairidhean; ad’ mhaighstir air an duine o’n leth-muigh; ad’ mhaighstir air naimhde; agus ad’ mhaighstir air na h-uile nithe aig an robh maigstireachd ortsa roimhe. O beatha bhuaadhach na neamh! Bithidh ar n-òranan gu léir na’n òranan buaidh agus caithream, a’ moladh an Uain do ghnàth, a’ seinn Haleluia na buaidh. Agus
-
Mar a bhitheas againn beath na buaidh, bithidh againn
beatha urramach. O an urram gus am bi sinn air ar tabhairt le cruin air ar cinn, agus slatan rioghaill ann ar lamhaibh, agus air ar n-éideadh le ròbachan, mu’n cuala sinn a mhàin an t-iomradh, eadhon culaidhean na slainte. O mordhalach! An cuala sibh riamh air iomraidh mu a leithid do chulaidh? Air son a chrùin air bhur cinn, bithidh ‘se uile air a chuairtachadh le coimh-lionadh geallaidhean cùmhnant na’n gràs, agus deanamh suas uile théirmean coimhcheangal a phòsaidh, cosmhail ri dàimanaibh luachmhor. O beatha urramach! Bithidh sinn beò coslach ri righre agus sagairtibh, gach aon a’ caitheamh cruintean agus slatan rioghaill; agus bithidh sinn uile ‘nar righre agus ‘nar sagairtibh do Dhia agus do’n Uan gu saoghal nan saoghal.
- Mar a tha i na beatha urramach, mar sin tha i na beatha do sheilbhe òirdheirce a gheibh sinn. O na seilbhean mòrdhalach a bhitheas againn an sin! Seilbh air-san air son an robh sinn o chian fhada ‘g amharc, mealltuinn an tì sin air nach d’fhuair sinn ach leth-shealladh agus comuinn ‘san àm a chaidh seachad; mealltuinn shiorruidh air an tì sin mu’n do shaoil sinn, no mu’n robh eagal òirn nach faiceadh sinn e gu bràth. O mordhalach! Co nach racadh leth na slighe troimhe ifrinn air son mealltuinn na nithe so? Agus
(1) Mealltuinn Dhe gu h-iomlan, air a leithid do dhoigh ‘s gu’m bheil na h-uile ni a tha ann an Dia air son mo mhaith féin, mar nach biodh neach eile ann gu a sheilbheachadh ach mi féin am aonar. Seilbhichidh mi e gun eas-bhuidh agus gu h-iomlan, mar nach biodh neach eile ann gu a mhealtainn ach mi féin am aonar. Na h-uile as leis-san is leam-sa e; seilbhichidh mi e gu h-iomlan.
(2) Seilbhichidh mi e air ball, aghaidh ri aghaidh cha bhi feum fear-tagraidh orm, eadar-mheadhonair, no fear-latha eadar-inn. Agus
(3) Seilbhichidh mi e gu siorruidh. Beathaichidh mi air gu siorruidh, agus cha bhi crioich air. Air dhomh an t-seilbh so bhi agam, agus a bhi aon uair ann a ghàirdeanaibh, bithidh e na sheilbh dhomh tre’n uile-bhithbhuantachd. An saoil sibh nach bi agam beatha urramach dheth. O muinntir ionmhuinn, nach cuir sibh lamh dheas no sùil dheas ann an cunnart air son an nì a ni bhur paigheadh ‘san iomlan. Tha’n
- Seilbh na beath’ air neamh, na beatha do dh’fhoillsichidhean oirdheirce, nach fhac sinn riamh roimhe a leithid. Tha foillseachadh cuig-filte ann. Agus
(1) Gheibh sinn foillseachadh air aon Dia, agus tri pearsa’ anns an diadhachd, aon ann an triùir, agus triùir ann an aon, co fhad sa tha’n creutair comasach air a thugisinn. O mordhalach! Cha b’urrainn sinn riamh roimh sin a ghabhail a steach gu h-iomlan. O tha sin na dhiomhaireachd mhor! Bithidh againn ann an sin foillseachadh air triùir ann an aon, agus aon ann an triùir.
(2) Chi sinn an diomhaireachd mhor sin, Dia agus duine, ann an aon phearsa, agus mar-aon a comh-aontachadh cuideachd a chum àrdachadh agus glorachadh a Chriosduidh. Agus
(3) Bithidh againn foillseachadh air uile linceachan no tinn-
eachan an aonaidh sin eadar an t-Athair agus am Mac; eadar am Mac mar cheann, agus gach uile chreid’mhach fa’ leth mar bhuill ann-san; agus anns an Athair mar cheann a Mhic, agus am Mac anns an Athair; agus Criosd annainn, agus sinn ann-san; agus mar sin sinne ann an Criosd agus anns an Athair; agus an t-Athair anns a Mhac, agus am Mac anns an Athair; agus na h-uile chreidmhich anns an Athair agus anns a Mhac, agus an t-Athair ‘sam Mac anns gach uile chreidmhich. O diomhaireachd mhor agus ghlormhoh!
(4) Gheibh sinn foillseachadh air uile theirmean cùmhnant an t-saoraidh eadar an t-Athair agus am Mac air son slàinte a pheacach. O taitneach! Cha b’urrainn sinn riamh roimhe sin fhaicinn co iomlan. Chi sinn na nithe a dh’iarra an t-Athair air a Mhac, agus na nithe a ghabh am Mac o’s laimh do’n Athair, air son saoradh dhaoine caillte. Agus chi sinn an gràdh ann an uchd an Athair agus a Mhic, mar-aon ann an aon, a chum agus air son duine caillte; mar-aon an t-Athair agus am Mac a’ deanamh a mach, no coimhlionadh am focal féin, ann an comhdhunadh obair slainte dhaoine bochd caillte. Agus am b’ail leibh na’s mo a bhi agaibh?
(5) Chi sinn an cudthrom mòr agus siorruidh do ghloir, a bha ar crann-ceus ag oibreachadh a mach air n’ar son’ne; agus cha’n fhaca sinn so co iomlan riamh roimhe; ge’ do bha sinn do ghnà fiosrach gu’n robh e ag oibreachadh mach trom chudthrom siorruidh do ghloir air or son’ne. Ach cha’n fhaigh sinn gu bràth làn fhoillseachadh iomlan air a ghloir sin, gus an tig sinn a dh’ionnsuidh an àite sin. Ann an sin chi sinn e, air a leithid do dhoigh agus gu chaitheamh ‘s gu mhealtuinn gu siorruidh tuille. Bha againn do ghnath boisge dheth roimhe. Ach an sin seilbh-ichidh sinn e. O mhuiintir ionmhuinn, nach ‘eil so na beatha thaitneach ann an seilbh air co iomadh sealladh taitneach? Foillsichidhean oirdheirc agus seilbhean urramach! An saoil sibhse nach dealaich duine no bean bhochd ri maoin, agus ris na h-uile ni, aig am bheil a leithid do bheath’ as a tha’n so gu sealltainn air? An saoil slbhse nach feud sinne iodhal lamh-dheas a chuir ann an cunnart air a shon.
-
An seachdamh mìr do bheath’ a bhitheas againn ann an sin. Tha i na beatha ghloir-mhor agus bhuanachdail. Bithidh againn do ghnàth buannachd, agus cha bhi feum againn air òrdughean, no feum air a bhi sireadh deadh shearmoinean. Cha bhi feum againn air a bheag sam bith; oir bithidh againn Dia air son na h-uile: oir bithidh sinn, mar gu’m b’eadh, ann a dhearbh uchd. Agus cha’n ‘eil teampull ann an sin; oir bithidh Criosd againn ann an àite grian, gealach, biadh, deoch, agus an leithidibh sin. Bithidh sinn beò ann an sealladh gnùis ar maighstir Criosd. Beathaichidh sinn gu h-iomlan air ‘an sin. O mhuiintir ionmhuinn, nach ‘eil so na beatha gle ghloir-mhor agus bhuanachdail a bhitheas againn? Oir bithidh againn do ghnàth buannachd maill ris, agus tha i na beatha gle ghloir-mhor; oir bithidh againn do ghnath gloir ann an iomlanachd maill ruinn.
-
Bithidh againn beatha do phailteas agus uile chuibhrinnean na beatha, eadhon na h-uile a dh’ainmich mi. Cha bhi againn gainne sam bith; gainne, no eus-bhuidh, mar is cleachdach leinne a radh. Dheth na nithe so bithidh pailteas againn, pailteas do shith agus do thoilnntin, pailteas do bhuaidh, pailteas do mhealtuinn, pailteas do dh’fhoillsichidhean, pailteas do ghloir, agus do bhuannachd, agus pailteas do na h-uile nithe maith, agus cha bhi eas-bhuidh no gáinne ann an sin.
Air son feum, ‘seadh ma ta, a mhuinntir ionmhuinn, beachd-aichibh gu mór air neamh agus air a bheatha a tha’n sin; agus faicibh an gluais sin sibh gu iodholan lamh-dheas a ghearradh dhibh air son Chriosd; ach mur gluais sin sibh gu a dheanamh, an sin thugaibh fainear piantan na h-ifrinn’, agus faicibh an gluais iad so sibh gu’n gearradh dhibh. Beachdaichibh gu mór air ifrinn, far nach b’asaich a chnuimh, agus nach d’theid an teine as. Nach dean uamhas na’n nithe so bhur gluasad gu iodholan lamh-dheas a ghearradh dhibh air son Chriosd? Nach ‘eil e na’s fhearr a bhi dol mu thimchioll dleasdanasaibh piantail, na bhi air bhur pianadh ann an ifrinn gu saoghal na’n saoghail? Nach ‘eil e na’s fhearr seirbheis a thabhairt do Chriosd air teirmeachan sam bith, na seirbhis a thabhairt do’n diabhol, agus a dhua-is-san fhaotainn mu dheireadh! O mhuinntir ionmhuinn, ‘smuainichibh gu mór air na beachdan so, a chum ‘s gu’m bi iompaidh air a chuir oirbh gu iodholan lamh-dheas a ghearradh air falbh. Na cuiribh dàil anns na nithe so a dheanamh air son Chriosd, oir cha’n ‘eil esan a’ cuir teagamh ann an nithe na’s mo a dheanamh air bhur sonsa. Foghlumaibh so, agus bithidh agaibh beatha urramach dheth. Agus gu’n deonaiheadh esan a tha comasach air a shon, iompaidh a chuir oirbh gu dheanamh.—Amen.