Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1908 » January 1908 » Contents

Contents

| | PAGE. |
|———————————————————-|——-|
| “THE LORD IS MY SHEPHERD,” | 321 |
| A SERMON. By the Rev. Neil Cameron, St. Jude’s, Glasgow, | 325 |
| THE LATE MRS. H. MACKAY, LOCHCARRON, | 335 |
| “AND WHEN THEY HAD SUNG AN HYMN,” | 337 |
| INTERESTING DOCUMENT DISCOVERED IN EGYPT, | 341 |
| THE MEMOIRS OR SPIRITUAL EXERCISES OF ELISABETH WEST, | 344 |
| SEARMON. Leis an Urr. Mr. Eoin Broun, Wamphray, 1680, | 347 |
| SERMONS BY J. K. POPHAM, | 352 |
| THE LATE MRS. MACLEOD, LAIDE, | 354 |
| THE LATE MRS. MACKENZIE, DOCHNACLAIR, FODDERTY, | 355 |
| PROTESTANT NOTES, | 366 |
| NOTES AND COMMENTS, | 368 |
| CHURCH NOTES, | 360 |
| THE MAGAZINE, | 360 |

N. ADSHEAD & SON,

Printers and Bookbinders,

11 and 92 UNION STREET, GLASGOW.

PRICE TWOPENCE.

THE Free Presbyterian Magazine And MONTHLY RECORD.

VOL. XII.

JANUARY, 1908.

No. 9.

“The Lord is my Shepherd.”

PSALM xxiii. 1.

(To be Continued.)

Searmoin.

LEIS AN URR. MR. EOIN BROUN, WAMPHRAY, 1680.

“An sin thubhairt an Tighearn rium, Ged’ sheasamh Maois agus Samuel a’m’ lâthair, cha bhiodh m’anam leis an t-sluagh so; cuir a mach iad a m’fhianuis, agus siubhladh iad air falbh.”—IEREMIAH xv. I.

ANN an àm, do thaobh peacaidhean follaiseach a bhi ’meud-achadh, ’sam bheil an Tighearn a’ tabhairt air agbaidh trioblaidean follaiseach agus coitchionn, air doigh àraidh an leithid ’sa tha sguabadh air falbh am firean maille ris an aingidh, agus nach b’urrainn sin a bhi air a bhacadh no air a chumail air ais, le uile urnuighean agus asluchaidh a phobuill, ciod sam bith co dhùrachdach ’sa bhiodh iad a’ guidhe, cha mheasar e na mhìr ro bheag do dhoillbeachd, cionnas a choisneas creid’mhach gu beatha sam bith a bhi aige, no aithne a bhi aige ciod e sin beatha a bhi aige, ann an leithid sin do latha brònach. Feudaidh e uime sin bhi air son féum gu’n labhair sinn beagan uime so, gu sònruichte do bhrigh ’s gu’m bheil e gle chosmhail gu’r e so cor na ginealaich so.

Tha na briathran so, agus an leithid so do dh’earrainnean, a’ nochdadh dhuiinn, gu dearbh gu’m bheil àm ann, ’nuair a tha Dia mar so air a bhrosnachadh le peacaidhean an t-sluagh, an deigh mòr fhoighidinn agus fhad-fhulangais a mhìghnathachadh, naca éisd e ri athchuinge gus a bhuille a chumail air ais a tha e h’ rùnachadh a chuir, no a bhagair e do thaobh brosnachaidhean, ni mò a bhitheas a chuid is urramaich do a luchd fàbhair agus gleachd, a bhuaidhaich aig cuid do dh’amaibh mar phrionnsaibh maille ris, nach bi iad comasach air seasamh ’san rathad, agus a bhuille a chuir seachad, le’n uile urnuighean agus athchuinge’ dhùrachdach. Bha Dia a’ rùnachadh a thabbhairt air sluagh Iudah an fhàsalachd a bhagair e o chian-fhada, an ni a chuir e an céill le a sheirbhiseach Ieremiah, ag radh anns vii. caib. 14, 15. Gu’n deanadh e r’a thigh aig Ierusalem a dh’ainnicheadh air-san, agus anns na chuir iadsan an dòchas, mar a rinn e ri Siloh; agus gu’n tilgeadh e iad a mach as a shealladh, mar a thilg e mach am braithrean, an t-iomlan de shliochd Ephraim. Agus a chum ’s gu’n tuigeadh Ieremiah cinnteachas a bhagair so, tha e ’cuir ris, anns an 16, “Uime sin na dean thus urnuigh air son an t sluaigh so, ni mò a chuireas tu suas glaodh no athchuinge as an leth, ni mò a ni thu eadar-ghuidhe rium-sa, oir cha’n éisd mise riut.” Cha’n ’eil an Tighearn a’ ciallachadh cho mòr le so is gu’m b’ail leis gu’n sguireadh Ieremiah, agus nach deanadh e urnuigh tuille as an leth, mar air son cinnteachas a rùn agus a shuidheachadh gus a bhreith-eanas a thoirt air a h-aghaidh, air a leithid do dhoigh ’s nach buadhaicheadh uile luchd eadar-ghuidhe no eadar-mheadhoin. Agus tha so a ris air ath-nuadhachadh, anns a xi. 14. Uime sin na dean thus urnuigh air son an t-sluagh so, ni mò a thogas tu

Tha’n leithide sin againn air a radh ceithir uairean thairis, Esec. xiv. 14, 16, 18, 20. Ged’ bhiodh an triuir fhear so, Noah, Daniel, agus Iob, innte, cha saoradh iad ach an anama féin le’m fireant-achd, deir an Tighearn Dia. Agus a ris, ged’ bhiodh an triuir dhaoine so ann, mar is beò mise, tha’n Tighearn Dia ag radh, cha saoradh iad aon-chuid mic no nigheanna, shaoirteadh iad féin a mhain, ach bhiodh am fearann fàs. Tha chùis ma seadh, air am bheil sinne gu aire thabhairt follaiseach; ‘se sin, gu’m bheil àm ann, ‘nuair a thig peacaidhean sluaigh gu a leithid sin do dh’airde, ‘s nach caomhainn Dia air sgàth eadar-ghuidhe duine beò. Cha’n éisd e ri athchuinge sam bith. Bha sin na bhinn neo-chaochluid-each agus dosheachanta ann an aghaidh tigh Eli urramaich, 1 Sam. iii. 14. Agus uime sin mhionnaich mi do thig Eli, nach glanar as aingidheachd tighe Eli, le h-iobairt no le tabhairteas gu bràth. ‘Nuair a b’aill leis an Tighearn toiseachadh, b’aill leis criochnachadh mar an ceudna, mar a tha e air a radh, rann 12. Mar an ceudna, Isa. xx. 14. Agus dh’fhoillsicheadh le Tighearn na’n sluaigh ann mo chluasaibh, gu deimhin cha ghlunar an aingidheachd so air falbh uaibh gus am faigh sibh bàs. Tha àm ann, ‘nuair a tha chrioch air teachd, agus ‘nuair a bheir an Tighearn breith air sluagh do reir an slighibh, agus a dhiolas e orra an grainealachdan uile; agus nach caomhainn a shuil, ni mò a ghabhas e truas; mar ann an Esec. vii. 2-10. Agus nach gabh an Tighearn seachad orra nì’s mò, Amos vii. 8; viii. 2.

Cha’n urrainn a leithid do dh’àm agus do fhrithealadh ‘sa tha’n so gun bhi trioblaideach agus doilghiosach do gach neach a tha fo churam mu thimchioll na cuis, agus feudaidh beachd air na nithe sonraichte so bhi nochdadh cia dubhach ‘sa ta e, ‘nuair a tha’n Tighearn air a bhrosnachadh ann an aghaidh sluagh ann an leithid do dhoigh ‘s nach dean eadar-ghuidhe na dream is mo fabhair maile ris, muinntir aig cuid do amaibh, aig an athchuinge gu’n d’fhoillsich e co-aontachaidhean iongantach de e ghras, nach buadhaich iad gus a bhuelle a chumail air a h-aig; cha dean aon chuid Maois no Samuel so le cheile.

  1. Gu’n d’rinn an Tighearn moran air eadar-ghuidhe agus athchuinge an dithis so, air mhodh araidh Maois agus Samuel; air son Mhaois, faic Exod. xxxii. far an robh an Tighearn fo’ leithid do dh’fhearg is do dhiumadh ris an t-sluagh air son pilltinn cho grad as an t-slighe, agus deanamh an laoigh oir, is gu’n dubhairt e ri Maois, rann 9, 10, Chunnaic mi an sluagh so, agus feuch is sluagh rag-mhuinealach iad. ‘Nis, uime sin, leig leam, a chum’s gu’n las mo choruich ‘nan aghaidh, agus claoidhidh mi iad; agus fathast air eadar-ghuidhe Mhaois, ag radh, ann an rainn 11, 12, 13, C’ar son, a Tighearn, a ta do choruich a’ lasadh an aghaidh do shluaghaigh, a thug thu mach a talamh na h-Eiphit, le cumhachd mhòr, agus le laimb threin, &c. Tha e air a radh, rann 14, Gu’n do ghabh an Tighearn aithreachas d’an olc a bhagair e a dheanamh air a shluagh. Air an doigh cheudna mar air son Shamuel, chi sinn, 1 Sam. vii., ‘Nuair a bha clann Israel fo’ eagal mhòr mu na Philistich, thubhairt iad ri Samuel, rann 8, Na sguir do ghlaodhaich ris an Tighearn ar Dia, air ar son, a chum’s gu’n saor e sinn o laimb na Philistich. Agus air son so ghlaodh Samuel ris an Tighearn air son Israel, agus dh’eisd an Tighearn ris. Faic, mar an ceudna Salm xcix. 6. Nach brònach an ni, gu’m bheil an Tighearn, a rinn aig cuid do dh’amaibh cho mòr air eadar-ghuidhe na dream so, a nis co mòr air a bhrosnachadh’s nach gabhadh e suim d’an eadar-ghuidhe, ‘s nach caomhnadh e air an iarrais?

  2. Gu’n do chaomhainn an Tighearn gu minig, agus gu’n do chum e bhuilt air ais o a shluagh air sgath eadar-mheadhonair-eachd muinntir eile, mar Amos vii. 2, 3, 5, 6, ‘Nuair a rinn e urnuigh air son an t-sluaghaigh, agus a thubhairt e, O Tighearn’ Dhe, maith, guidheam ort; co thogas suas Iacob? oir tha re o bheag. Ghabh an Tighearn aithreachas dheth so: cha tachair so. Agus a ris rinn e urnuigh an dara h-uair, agus fhuair e am freagrachd ceudna. Air an doigh cheudna Nehemiah ix., agus Daniel ix., agus Asa, 2 Eachd. xiv. 11, agus Iehosaphat, 2 Eachd. xx., agus muinntir eile.

  3. Gu’n do chum an Tighearn aig cuid do amaibh air ais a bhuilt, eadhon ‘nuair a rinn muinntir gun ghras, aig nach robh maoidean araidh ann am fabhair Dhe, ‘nuair a rinn iad urnuigh agus a dh’rioslaich siad iad fein; mar a chaomhainn e Ninebhe, an deigh gn’n d’rinn an sluagh nàdurach sin iad fein iroslaichadh. Agus an duine aingidh sin, Ahab, a rinn olc ann an sealladh an Tighearn os-cionn na h-uile a bha roimhe, 1 Righre xvi. 30, 33, ‘nuair a reub e eudach, agus a chuir e saic-eudach air fheoil, agus a thraisg e’sa luidh e ann an eudach-saic, agus a dh’umhaidich se e fein, chuir an Tighearn dàil anns a bhuilt agus cha d’thugadh e an t-olc air a thigh na là, 1 Righre xvi. 27, 29. Cia dubhach a dh’fheumas e bhi ma ‘seadh, esan, aig cuid do amaibh a phill o ghaire a choruich, agus a chum air ais an t-olc a bhagair e, air son glaothaich muinntir gun ghràs, nach éisd e a nis ri guidhe na dream a’s mò na fhabhair?

  4. Taisbeanaidh am frithealadh so mar an ceudna ni’s ro

thrioblaidich’ agus dhubhaich’, ma bheir sinn fainear am meas mor a th’aig an Tighearn ann an urnuighean agus ann an eadar-ghuidhe a phobuill ainmeil. Leithid do chliu ‘sa tha aig orra, ‘s gu’m bheil aithris air gu dearbh gle ainneamh agus comhraichte. Leig dhomh, a deir e ri Maois, Exod. xxxii. 11, mar gu’m bu treise Maois na esan, agus gu’n do cheangail e suas a làmhan; no mār nach b’urrainn Dia a bheag sam bith a dheanamh as eugmhais ordugh no aont’ Mhaois. ‘S amhuil a thubhaint e ri Jacob, Gen. xxxii. 26, ‘nuair a bha e ‘gleachd ris le urnuighean agus athchuinge-an, Hosea xii. 4. Leig as mi; mar nach b’urrainn e falbh a dh’easbhuidh cead agus ordugh Iacoib; agus tha e air a radh mu Jacob gu’n d’thug e buaidh mar phrionns maillle ri Dia, agus uime sin gu’m bheil ainm air ath’rachadh gu Israel.

  1. Cuir ri so mar-an-ceudna na geallaidhean minig a rinn an Tighearn gu’n eisdeadh e ri’n leithide sin do thaobh muinntir eile, Gen. xx. 7. Thubhaint an Tighearn ri Abimelich, thoir air a h-ais do’n duine a bhean, oir is fàidh e, agus ni e urnuigh air do shon, agus bithidh tu beò. Mar an ceudna, Iob. xlii. 8. Sheòl an Tighearn cardean Iob gu a chuir air obair na h-urnuigh air an son, le gealladh gu’n soirbhicheadh e leis. Rachaibh a dh’ionnsuidh m’oglach Iob, agus iobraidh e iobairt loisgte air bhuir son féin, agus ni m’oglach Iob urnuigh air bhuir son, oir ris-san gabhaidh mi. Cia brònach ma ‘seadh a dh’fheumas e bhi, ‘nuair nach éisd an Tighearn ri’n leithide sin. Faic mar an ceudna, Seumas v. 14, 15, 16.

  2. ‘Seadh aig cuid dò amaibh tha sinn a’ leughadh, gu’n do shaor an Tighearn, ‘nuair nach robh eadar-mheadhonair ann, Isa. lix. 16, 17. Agus chunnaic e nach robh eadar-mheadhonair ann. Uime sin dh’oibrich a ghairdean féin slainte air a shon, agus ‘fhireantachd féin chum i suas e. ‘Nach e a choruich ma ‘seadh a dh’fheumas bhi mòr, ‘nuair nach caomhainn e, agus nach gabh e truas, eadhon ge d’ bhiodh a phobull a’s ro-aimeil, air am bheil e a’ cuir mòr urram, na’n seasamh ‘na lathair, agus a’ cuir suas an athchuinge air son sluagh peacach?

  3. Thubhaint e, Salm l. 15, Gairm orm ann an latha teanntachd, agus saoraidh mise thu. Nach brònach an ni ma ta, ‘nuair a tha aingidheadch air teachd gu leithid do dh’airde, ‘s nach e a mhain nach éisd an Tighearn ris an t-sluagh iad féin ‘nuair a ghlaodhas iad; ach mar an ceudna nach éisd e ri guidhe no ri aslachaidh na dream a’s mò a bhuadhaich maillle ris aig amaibh eile?

  4. Mar an ceudna ma bheir sinn fainear cia co neo-fhreagair-each ‘sa tha so a’ taisbeanadh a bhi do’n ainm agus do’n tiodal a fhuair e, agus thug beachdachadh air an ni cheudna, misneach do sheirbhisich gu gairm air-san: Mar Salm lxv. 2. “O thus a dh’eisdeas ri h-urnuigh, thugad-sa thig gach feòil.” Cha’n urrainn a leithid do fhrithealadh ‘sa tha so gun bhi dubhach agus craiteach.

Ma bhitheas e air fheorach c’uin a thugheas sinn an t-àm a bhi a leithid as nach éisd an Tighearn ri eadar-ghuidhe, no urnuighean,

no athchninge an dream a’s mò fabhair, air son sluagh peacach, an aghaidh am bheil an Tighearn a’ teachd ann an breitheanas? Freagram, ged’ nach feud sinn a bhi iomlan ann an so, a’ fiosrachadh gu’m bheil an Tighearn aig cuid do amaibh a’ gabhail tlachd ann a bhi gniomhrachadh do reir ard-uachdranachd a thròcair, air son gloir a shaor-ghràis agus a thruais; agus uime sin feumar rùm fhàgail do dh’uachdranachd saor-ghràs: gidheadh, ma bheir sinn fa’near staid an t-sluaigh so, mu’m bheil so air a radh, agus gu’m faic sinn ciod an aingidheachd d’an robh iad ciontach aig an àm so, feudaidh sinn a bheachdachadh gu’m feud suil a bhi ris an ni cheudna, far am bheil Dia anns an ni cheudna agus air an doigh cheudna air a bhrosnachadh, agus ‘nuair a tha e a’ teachd ann am breitheanas ann an aghaidh sluagh, aig am bheil na h-uile cheudna ri chuir as an leth, tha e na aobhar eagail nach dean urnuigh, no eadar-ghuidhe aon neach no neach eile an gnothach gus a bhuille no a bhreitheanas a chumail air a h-ais. Mu pheacaidhean an t-sluaigh so air son nach éisdeadh an Tighearn ri eadar-ghuidhe sam bith, ainmichidh sinn tearc dhiubh, a chum’s gur fhearr a thui geas sinn cainnt frithealaidh Dhé san àm air lathair; agus a chum rannsachadh agus fhaicinn co-dhiubh a tha aobhar eagail ann no nach ‘eil, air son an e breitheanas do-sheachanta is crannchuir do na ghinealach so.

Upcoming Events (DV)

Oct 27
27 Oct - 28 Oct

Theological Conference

Oct 29
29 Oct - 2 Nov

Communion: Dornoch

Nov 5
5 Nov - 9 Nov

Communion: Glasgow

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Paul’s desire to be found in Christ (2) 2 Aug 2026
  • Herod’s response to John the Baptist 2 Aug 2026
  • Paul’s desire to be found in Christ (1) 26 Jul 2026
  • The Judgement Day 26 Jul 2026
  • The blessing of the all-powerful God 19 Jul 2026
  • Justification and peace 19 Jul 2026
  • Why God Excludes Sinners from His Rest 12 Jul 2026
  • The Pharisee and the Publican 1 23 Sep 2010
  • The Pharisee and the Publican 2 24 Sep 2010
  • Found in fashion of a man, He humbled Himself 26 Sep 2010

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice