Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1908 » October 1908 » Cunntas Eithghearr

Cunntas Eithghearr

MU BHEATHA ‘N URR. RAIBEART FIUNLASON,

Bha na Mhiniteir do’n Eaglais Shaoir ann ‘n Eilein Leoghais,
agus ann ‘am Bunfhilidh.

LEIS AN URR. I. MACPHERSAIN, BHA ANN ‘N LOCHAI’SE, 1870.

(Continued from page 195.)

An claidheamh da-fhaobhair.—Chaidh Peadair a mach aon latha leis a chlaidheamh, agus thug e tri mile a mach a campa an t-Satain, ach arsa Satan ris. A Pheadair bha duil agum an làtha thug mi ort Criosd àicheadh gu’m biodh tu agam ‘n ad chlùd chasan gu brath. Cha n’eil teagamh agum nach robh, arsa Peaeair, ach faic a Shatain, gu’m bheil nise mile anam air an toirt a mach as do rioghachd, airson na h-uile uair a thug thusa ormsa mo mhaighstir, ‘s mo shlanuighear àicheadh, agus cho fhada is beo mise air thalamh, cha tied an claidheamh so as mo laimh, ach bithidh mi gach là ga iomairt, gu bhi toirt a mach as do rioghachdsa, gach anam a thàras mi, a reir ma a bheir an Tighearna comas dhomh.

Na Phairisich.—Tha moran a faighinn coire do na Pharisich, ach gu dearbh ged bha iad olc dhaibh fein cha robh iad gu h-olc dhuinne. Oir is iomadh focal agus teagasg luachmhor, a thug iad air Criosd a labhairt ‘s a tha nis sgrìobhte, agus nach biodh againn, mar a biodh iad air labhairt ris, ‘s air ceistean, a chuir air.

Freasdal Dhé.—’Nuair a tha obair ag Dia ri dheanamh ann an àit air bith, le h-aon da sheirbhisich, bheir e air na freasdail frithealadh dha gu thoirt air aghart. Faic thusa mar a thachair do Ionah, ‘nuair a dh’aithn an Tighearna dha dhòl ball-direach do bhaile Ninebheh. ‘S ann a “chaidh e sios gu Iopa agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis agus phàigh e’n luach-aisig agus chaidh e sios innte, gu dol gu Tarsis o lathair an Tighearna.” Bha esan a dol far nach robh ni ri dheanamh ‘s an àm. Ach faic a ghaoth a cogadh na aghaidh, tonnan na fairge ‘g eiridh na aghaidh, gus am b’eigin do na seòladairean a thilgeadh a mach as an luing. Agas faic a Mhuc-mhara air a h-ullachadh airson a ghiùlan dh’ionnsuidh an ait ‘s ann robh obair aig an Tighearna ri dheanamh leis. Mach a thug i, agus bha leithid a chabhaig oirre, is nam biodh comas cainn’t aig na mucan eile, gu’n abradh iad, c’ait am bheil thu dol leis an ruith so? nach dean thu air do shocair. Cha dean, cha dean arsa ise, cha robh mise riamh mar a tha mi’n diugh, tha duine ‘g urnuigh an taobh stigh dhìom, agus cha ‘n fhaigh mi tàmh no fois, gus an tilg mi mach beo e air an traigh is fhaigse air Ninebheh.

A Mac Stròghail.—Chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus cha b’fhada bha e ga sgapadh; ach ‘nuair a thainig e d’a ionnsuidh fein, dh’eirich e agus chaidh e dh’ionnsuidh ‘athar, ged

a bha’n t-slighe fada ri coiseachd, cha do rinn e maille gus an d’thainig e ‘m fradharc tigh ‘athairc. ‘S ged a bha na seirbhisich a muigh, cha d’thug iad an aire do’n mhac a b’oige fad as. Ach “chunnaic ‘athair e agus ghabh e truas mòr dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mbuineil, agus phòg se e.” Agus arsa ‘n t-athair ri aon do na seirbhisich a sheas laimh ris, ged a tha thusa ga fhaicinn cho ribeagach ‘s tha e, gidheadh ‘s e mo mhacsa fhathast e, uime sin rach do Sheomar-an-Eudaich, agus thoir a mach an deise a gheobh thu ‘n crochadh an sin, agus cuir uime i, chum ‘s gu’n teid e stigh maille ris na h-aoidhean. Dh’fhalbh an seirbhiseach agus thug e mach culaidh, a fhuair e a stigh. Ach ‘nuair a sheall an t-athair oirre thubhairt e ‘de ‘n deise tha so? Tha arsa ‘n t-oglach, an deise bh’air Adhamh mu’n do thuit e. Air falbh leatha, air falbh leatha arsa ‘n t-athair, cha dean i chuis, cha teid e steach idir leatha, cha’n fhaod e dhol a’ measg nan aiodhean leis an deise sin. Thoir a mach deise eile. Thainig an t-oglach leis an dàrna falluing riomhach, dh’fheòraich an t-athair dheth, ciod a chulaidh tha’n so? Tha arsa an seirbhiseach, a chulaidh a bha aig Gabriel. Steach leatha air ball, cha dean i so chuis nis mò, thoir a mach culaidh eile, chaidh e stigh, agus thug e mach an treas deise. Ciod a chulaidh tha so arsa ‘n t-athair? Tha arsa ‘n t-oglach an fhireantachd a dh’oibrich Criisd air thalamh anns an fheoil, le a bheatha, agus le a bhàs. Mata, sin an aon chulaidh a tha freagarrach dha, cuir uime i, agus rachadh e steach maille ris na h-aoidhean innte, agus cha ne mhain gu faod e suidhe maille ri Abraham, ri Isaac, agus ri Iacob, ach faodaidh e suidhe sios ann a’m chuir ann a flathanas. Tha ‘n deise so toirt barrachd do-labhairt air an eudach bh’air cloinn Israël, nach do chaith, agus nach do d’fhas sean fad da fhiheadh bliadhna ‘s an fhàsach mairuidh i so ùr tre uile linntinn na bi-bhuantachd.

Agus O! Chairdean nach bu mhaith dhuinne mar pheacaich bhochda, a tha lomnachd, agus sin, fo fhearg Dhé, gu’n ni eadar sin agus an fhearg ach luideagan salach, gu’n deanamaid greim air an fhireantachd sin, a ta tre chreidimh Chriosd, an fhireantachd a tha o Dhia tre chreidimh. Dheanadh an deise so maiseach agus sona sinn gu siorruidh.

“Oir bunait eile cha’n urrainn duine sam bith a leagadh, ach am bunait a leagadh a cheana, eadhon Iosa Criisd,” ‘s mar sin sios.—I CORINTH. iii. 11-15.

‘S a’ cheud ait.—A Bhunait. Iosa Criisd, na Phearsa, na Dhreuchdan, mar Eadar-mheadhonair, na Fhireantachd, Le a Reite, agus le a Ghnàth Eadar-ghuidhe. Se sin an aon bhunait.

‘S an dàramh ait.—An Togail. Umhlachd shoiseulach do’n lagh, do’n da chlar, ar dleasnas do Dhia, agus do dhuine. “Toradh an Spioraid, gràdh, aoibhneas, sith, fad-fhulangas,” ‘s mar sin sios.

Ach cha ne sud a mhain a tha cuid a togail air a bhunait. Bha mi dol seachad là araidh agus chunnaic me clachairean a togail tigh, bha iad a cur streath chlach, agus streath fiodha ma seach anns a bhalla. O! cha robh fios agum ciod a theirinn! Ach ghabh mi air m’adhart, timchioll an oisinn, agus ciod a chunnaic mi, ach fear a cur streath do mhuilleinean connlaich, air muin cùrsa do chlachan ‘s a bhalla! agus ‘n uair a fhuair e sin air a chomhdach thairis. ‘S ann a chunnaic mi e suidheachadh streath do mhuilleanan feoir ‘s an togail, agus chomhdaich e thairis obair cho maith ‘s a b’urrainn e le crè gun oibreachadh. Thubhairt mi ris, ciod ‘s am bith togail a sheasas, cha seas t-obairse ri dearbhadh an teine. Is i mo bharail ma thig maighstir an h-obre ‘n rathad gur e gle bheag a gheibh thusa airson do shaothair, ‘s gu dearbh mar a cuir e ‘s a phriosan thu ‘s ann o dheadh-ghean a mhaighstir a thig e, agus cha ‘nan o do dheagh thoillteanas-sa.

‘S e ‘m fiodh, feur, agns a chonnlaich, teagasg mearachdach, eucoir, “gach uile mhiruinn, agus gach uile mhealtaireachd, agus chealg, agus fpharmada, agus gach uile ana-cainnt.” I Phead ii. i. Agus uile oibre na feola mar a tha “mortadh misg” agus an leithid sin.

‘S an treasamh ait.—An teine. “Dearbhaidh an teine obair gach aoin.” Dearbhaidh là bhreitheanais gach togail leis an fhocal. “Am focal a labhair mi, bheir sin breth air, san là dheireannach.” Tha ioma ni nach faic sinn an diugh, ach cha’n eil ni sam bith nach bi air a dhearbhadh air an là mhòr, eadhon smuaintibh, agus rùnaibh a chridhe. Thugamaid breth oirnn fein a réir an fhocal, chum nach bi sinn air ar diteadh maille ris an t-saoghal. Biodh ar cogaisean air an glanadh le gras, agus thugamaid saorsa do na chogais, breth thort gu tric. Loisgear oibre nach ‘eil o chreidimh, ach seasaiddh an creidimh, agus a chuid oibre an teine.

‘S a’ cheathramh ait.—An Call. “Fuilgidh e call.”

(1) Saorar e fein, cia mor an trocair sin! Tearnaidh an fhireantachd e ris am bheil e ag earbsa, tha e air fhireanachadh tre chreidimh, agus cha’n atharraich Dia binn an fhirinneachaidh.

(2) Loisgear obair. Fiodh, feur, agus connlaich, cha ‘n fhan iad sin, loisgear iad uile. Spionar e fein mar aithne as an losgadh. Theid e fein troimh an teine, a loisgeas oibre. Fuilgidh e call, caillidh e an duals ghlormhòr sin a bhuinneas, do na oibre sin a sheasas an dearbhadh.

Foghlumaibh o’n teagasg so.

(1) Faighidin, agus fad-fhulangas a chleachdadh a thaobh cach a cheile. Oir faodaiddh cuid a bhi nan creidmhich ann an Criosd, ged nach urrainn duinn an oibre uile a mholladh.

(2) Thoiribh fa’near gu’m bi an dà chuid na daoin, agus an cuid oibre uile, nach eil air a bhunait so air an losgadh gu tur.

(3) Tha’n steidh air a leagadh cheana, uime sin, gach neach a th’ airson togail airson siorruidheachd air Criosd, toisicheadh e, le bhi creidsin ann.

(4) Faic gliocas na muintir a thog air an fhiar bhunait eadhoin Iosa Criost.

(5) Seall amaideachd an dream a tha togail air a ghaineamh gu’n bhunait, mar a tha tioldhaicean, eolas, comasan, agus beachdan math na h-Eaglais.

(6) Tha’n steidh so air a leagadh cheana, tha cuireadh aig na h-ulle tighinn agus togail air a bhunait. Amen.

IOMPACHADH PHOIL.

“Agus air do Shaul bhi fathast a seideadh,” s mar sin sios.
—GNIOMHARA ix.

‘S a cheud ait.—An naimhdeas bh’aig Saul do Phobull Dhé. Is naimhdeas an intinn fheolmhor an aghaidh Dhe, tha i fuath-achdadh sluagh, ‘us latha, ‘us focal an Tighearna. Tha toiseach na caibideil ag aithris, cho olc’s a bha Saul fhad’s a bha e na phariseach, bha e “seideadh bagraidh agus àir an aghaidh dheiscobul an Tighearn.” Agus bha chogais cho aineolach’s gu’n robh e do’n a bheachd gu’n robh e deanamh ceart’n uair a bha e geurleanmhuin naoimh Dhé—bha anail plàigheil, agus nimheil, mar anail creutair air am bheil plaigh mharbhtach. ‘S e prionnsa’n dorchadais bha riaghladh’s an taobh stigh—bha siol na nathrach na chridhe, agus tha’n siol so a ghnath a geurleanmhuin sliochd na mnà. Bha Saul aig an àm so ‘seideadh a ni, bha nàdura dha, ghluais an geurleanmhuneach eudmhor so intinn nan sagart an aghaidh na h-eaglais, bha e aig an àm nas ciontaiche na iadsan, oir “dh’iarr e litrichean uatha gu Damascus chum nan sionagog, chum na faigheadh e aon neach do’n t-slighe so, co aca b’fhir no mnài iad, gu’n tugadh e leis ceaugailte gu Jerusalem iad.” Dh’imich e air aghaidh le gairdeachas, gu’n eagal namhaid air, a cur roimhe aobhar Chriosd, eadar bhun ‘us bharr fhogradh a mach as an t-saoghal. ‘S a ’nuair a bha e tarruing dlù do Dhamscus, air an teachdaireachd so, a rinn an Spiorad Naomh an t-tharrachadh mòr air. ‘S e iompachadh Shauil h-aon do na nithean is iongantaiche th’againn sgiobhte’s a Bhiobull.

‘S an daramh ait.—A ghairm a thug Iosa calg-dhìreach dha. “A Shauil, a Shauil, c’ar son a ta thu ’gam gheur-leanmhuinn-sa?” Tha gairm shònruichte ann so. Tha’n Tighearna labhairt ris a pheacach mar a labhairt Nàtan ri Daibhidh, “S tusa an duine.” Tha’n t-ainm air a dhùblachadh mar a bha e aig amannan roimhe sin air a radh. “Shamueil, a Shamueil!” “A Martha, a Martha!” Bha saighead anns gach aon fhocal dhuibh so a chaidh direach gu chridhe. Tha luireach air a pheacach a rinn an t-ascreidimh, ach’n uair a thig na saighdean o neamh cha’n eil luireach a chumas a mach iad. ’N uair a thig a ghairm éifeachdach, tha daingnichean, agus reusonachaidh air an leagadh sios. Bh’ a cho-luchdturais fo’n aon chionta ris-an, ach cha do thuit iad air an talamh, a chionn nach do chuala iad an ainmeannan fein. ‘Se’m peacach a chluinneas ainm fein’s an fhocal aig am

bi mothachadh ceart d’ a pheacadh. Faic ann so ‘n truas, ‘s an gràdh th’ aig Criosd do phobul, “oir an ti bheanas ruibhse, beanaidh e ri cloich a shùlasan.” “A mheud ‘s gu’n do rinn sibh e do aon do da bràithribh a’s lugha agam-sa, rinn sibh dhomh-sa e.” Nach fhaodadh Paul freagairt air ais, agus a radh a Tighearna cha ne Thusa bha mise geurleanmhuin, ach buidheann do bhaogh-airean bochda lageanchainneach, a tha cur Israeil fo bhuaireas, agus a chuir an soaghal bun os ceann. Dh’ fhaodadh Criosd a ràdh air ais. ‘S ann air mo sgathsa rinn thu geurleanmhuinn orra, ‘s a mheud ‘s gu’n do chiùrr thu iadsan, ghoirtich thu mise. Cha n-urrainn droch dhaoine, na deamhain Criosd a chiùrradh mar a tha e air àrdachadh ann an neamh, ach faodaidh iad a shàil a bhruthadh air an talamh. Ma bhruthas neach do shail fairichidh do cheann sin ann an tiota. Mar sin, ma bhruthas neach corp diomhair Chriosd air an talamh fairichidh an Ceann sin ann an neamh. “Cò thu, a Thighearn?” arsa Pol. Faic uaith so, aineolas Phoil air Criosd, ach mhios e o ‘n t-solas a chuairtich e, gu ‘n robh a ni a dh’ aobharaich sin, neo-ghnàthaichte, oir bha ‘n solas ni bu shoilleire na solas na greine, a dealrachadh mu’n cuairt air, agus chreid e gu ‘m b-ann a neamh a thainig an solas, ‘s an guth. Tha na h-uile ann an staid nadair, aineolas air Criosd, ‘s air an aon ni fheumail ciod sam bith foghlum, na eolas a tha aca. “Is mise Iosa,” arsa ‘n guth, an t-ainm mu ‘n cuala thu mòran, agus a mhi-naomhaich thusa, cho mòr; ‘s mise an Galiléach air an do rinn thusa tàir, shaltair thu air mo lagh agus ged is tò mo namhaid, bithidh mise beo, ‘s richichidh mi gus an cuir mi mo naimhdean uile nan stòl fo m’ chosaibh. ‘S mise chruthaich na saoghail, cionnas a tha thusa smuaineachadh a chnuimhag bhasmor gu ‘n cuir thu ‘n a’ m’ aghaidhsa? ‘M bheil thu comasach gleachd ri mo ghairdean-sa? ‘S e peacadh air a chur an gniomh an aghaidh Chriosd, agus sìn air a mhothachadh, a dhuisgeas ‘s a dh’ islicheas an t-anam. ‘Se so an t-saighead shearbh a chaidh an sàs ann an cridhe mhic stròdhail. “Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus a’ d’ lathair-sa, agus cha ‘n airidh mi tuille gu’n goirte do mhac-sa dhiom,” Luc. xv. 18, 19. ‘S e dhruigh air cridhe Phoil, gu’n robh e fad a bheatha cogadh an aghaidh Mac Dhe, a thais-bean gradh cho mòr do shaoghal caillte.

‘S an treasamh ait.—Umhlaichd Phòil do na Ghairm. “A Thighearn, ciod is àill leat mise a dheanamh?” Tha làtha cumhachd air toiseachadh a’ so. Tha ‘n ceannairceach a striochdadh do Chriosd m’dheireadh. Cha ne a thoil fein a riaghailt a nis. Tha e geilleadh do thoil Dhé. Cha n’eil e cuir na ceist ris an Ardshagart, “Ciod is àill leat mise a dheanamh?” Bha e fad gu leòr air a stiuradh leis an diabhul, ‘s le chridhe fein. Tha ‘n t-amadan, coltach ris a mhac stròdhail, air tighinn d’a ionnsuidh féin; agus tha ath-chuimhneachadh a chuid aimideachd ‘san làth’ a dhalbh, ga ghnadh gu chridhe. Tha ‘m peacach a mion-rannsachadh a nis a thaobh slighe na slainte. ‘S e so a cheud

fhocal ciallach a labhair a riamb, “Thighearn ciod is aill leat mise a dheanamh?” Ciod a ni a thigeadh do na pheacach a bhi ‘g iarraidh os ceann gach ni? Tha maitheanas peacaidh, gràs, agus glòir, tha e deonach an toirt seachad. Cha n’eil ni is deonachie an t-Athair a thoirt seachad na ‘Mhac, agus cha n’eil ni bu choir dhuitsa bhi cho dèidheil air iarraidh, ri tioclach ro luachmhor agus do-labhairt Dhe a tha e cho deonach a thoirt. Tha mòran ann, a dh’iarraidh gu durachdach nithean is neo-luachmhoire o Dhia, mar a tha saibhreas, slainte, agus goireasan eile, nach iarr idir Criosd air. Nach mi-choltach urnuigh nis, ri urnuigh roimhe so? Bha e ‘g urnuigh roimh, coltach ri Phairiseach, ach nis, coltach ris a Chis-mhaor. ‘N robh e nis dol a dh-urnuigh gu oisinnean na stràidean? Cha robh? Ach na sheomar uaigneach, cha nan chum ‘s gu’n cluinneadh daoine, ach airson gu’n eisdeadh Dia ri ghlaodh. Roimhe so cha robh sùil aig ri freagairt, ach nis bha e mi-fhaighidheach, agus cha b-urrainn da itheadh na òl gus a faigheadh e freagairt. ‘Se àm Dhe bhi freagairt, ‘nuair a tha a shluagh sior-bhuanachadh gu durachdach. Tha e nàdura do’n anam air ùr-bhreith bhi ‘g-urnuigh.

“Ciod is aill leat mise dheanamh?” An sguir mi do’n obair ris an robh mi? An till mi do Jerusalem? Ciod air bith a dh’àithneas tu dhomh a dheanamh, ni mi e. Mar gu’n abradh Criosd, “Is aill leam, thu chreidsinn annamsa, agus sguir dha do sheann chleachdaidhean, loisg na litrichean a fhuair thu o na sagairt, ‘s gabh muinntearas agam-sa. Bithidh tu sgriobhadh litrichean air mo shon-sa, Deachdaidh mis ann an neamh, na sgriobhas tusa air an talamh, agus bithidh do litrichean air an leughadh anns an t-saoghal gu làtha bhreitheanais.”

‘Nuair a tha’n Tighearn a dearbhadh peacaidh air a chreutair, ni e dall e do na nithean sin a bha roimhe maiseach dha, mar a tha cliù o dhaoine, fein-speis, urram o ‘n t-saoghal, agus an leithid sin. O ‘n làtha ud, bha nimh peacaidh gin, agus gniomh air a mhothachadh, agus dh’fhairich e’n sin, air dha bhí cuimhneachadh aingidheachdan, mar gu’m bitheadh e air a threigsin le Dia, an talamh ag osnaich fodha, neamh ga dhiultadh, agus ifrinn a fosgladh gu esan a shlugadh. Thoir fainear a pheacaich, ma bha thu riamb ‘s an staid so, is cinnteach gu’n robh an Slanuighear luachmhor dhuit.

Fhuair Ananias ùghdarras o’n Tighearna dhòl gu Saul. “Ananias, b-aithne dhomh-sa Pol, mum b-aithne dhuitse e, is soitheach taghta dhomh-sa e, agus bha e sin o shiorruidheachd. Mas do chuir e’n gniomh na peacaidhean sin, shuidhich mi m’innntinn air, mar sheirbheiseach air son m’obair. Tha e gus a bhi air a lionadh le luchd grais—is soitheach e a tha gu bhi dol o acairseid, gu acarseid, luchdaichte “le saoibhreas Chriosd, nach feudar a rannsachadh”—’giulan gu iomallan na talamhinn ionmhasan luachmhor an t-soisgeul. Bh’ a chridhe aon uair lan do thoibheum, ach a nis tha e na theampull aig an Spiorad Naomh.

(Ri leantuininn.)

Upcoming Events (DV)

Oct 1
1 Oct - 5 Oct

Communions: Grafton, North Tolsta

Oct 6
6 Oct - 7 Oct

Synod Committee Meetings

Oct 8
8 Oct - 12 Oct

Communion: Gairloch

Oct 15
15 Oct - 19 Oct

Communions: London, Odessa

Oct 22
22 Oct - 26 Oct

Communions: Edinburgh, Gisborne, Mbuma

View Calendar

Latest Articles

  • August 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • 2026 Theological Conference
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • The nail in the sure place 4 Jul 2026
  • Why smitest thou me? 3 Jul 2026
  • Confession of sin 3 Jul 2026
  • “Hew thee two tables of stone…” 2 Jul 2026
  • Scripture was fulfilled- And He was numbered with the transgressors 13 Sep 2026
  • Died Abner as a fool dieth? 13 Sep 2026
  • The Lord’s care of His Vineyard 12 Sep 2026
  • Where is boasting then? 10 Sep 2026
  • A Table Prepared 11 Sep 2026
  • God’s revelation, so that the people would turn 12 Jul 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice