Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1909 » March 1909 » Uilleam Ames air an aon Salm deug thar da fhichead

Uilleam Ames air an aon Salm deug thar da fhichead

(Continued from page 397.)

AN t-ochdamh Leasan: Aig an neach ‘tha ag aideachadh a pheacaidhean ann an rathad aon fhillte, agus firinneach, bithidh mar an ceudna a pheacaidhean ann a’ fhianns an comh-nuidh, r. 3, Tha mo pheacadh a’ m’ lathair a ghnath.

Aobhar. 1.—Do bhrigh agus gu’r h-iad na nithean leis an toirear gu h-raidh buaidh oirne, na nithean is docha dluth leantuin ri ar cuimhne, mar a their muinntir gu coitchionn: Bheir mise faineair gu’m bi cuimhne agad an comh-nuidh air an la an duigh. ‘Nis d’a thaobhsan a ta ri aithreachas, ‘sann gu h-raidh le a pheacaidhean a bhuaidhaicheadh air.

Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu bheil coguis an neach ‘tha ri aithreachas a ghnath ag iarraidh reite agus sith ri Dia, agus air an aobhar sin tha e iomaguineach gun sgrur mu thimchioll a’ pheacaidh, do bhrigh agus gu’r h-e sin ‘n a aonar ‘tha seasamh ann an rathad a shith. Salm xxxviii. 3.

Aobhar. 3.—Do bhrigh agus eadhon an deigh do reite agus do shith a bhi air am faotainn, tha e feumail agus iomchuidh gu’m bitheadh cuimhne bhuan againn air ar peacaidhean. (1) Airson irioslachaidh. Deut. ix. 6, 7. (2) Airson taignealachd a thaobh Dhe. 1 Tim. i. 12, 13. (3) Airson rabhaidh, gus na peacaidhean ceudna a sheachnad ‘san am ri tighinn. 1 Cor. vi. 11. (4) Airson gu’n coimheadeamaid seimbeachd a thaobh peacaidh cosmhuil rinn fein. Tit. iii. 3.

Feum.—Airson ditidh, ‘nan aghaidhsan a leigeas dhuibh, cho furasda, cuimhne air am peacaidhean, agus ‘tha g’an sitheachadh fein le coguis bhruideal.

An naodhamh Leasan.—Airson aideachadh aon fhillte a bhi ann, tha e air iarraidh gu’n tugamaid an aire an toiseach do na peacaidhean sin ‘tha ‘an aghaidh Dhe a mhain, r. 4, A’ d’ aghaidh, a’ d’ aghaidh fein a mhain pheacaidh mi. Tha na brialhran so air an gabhail le luchd-mineachaidh mar gu’m bitheadh iad a’ cur an ceill an dara cuid gu’r h-e Dia a mhain a bha fiosrach air peacaidh Daibhidh ann an gnothuich Uriah, air neo gu’r h-e Dia a mhain a bha comasach air peanas a’ dheanamh air, air neo gu’r h-e Dia a mhain aig an robh comas a mhaitheadh dha, air neo, fadheoidh, gu’n robh an t-olc ann an aghaidh Dhe ann am peacaidh Daibhidh ‘toirt barrachd air na h-uile eucoir ‘bh’ann a thaobh dhaoine, air aon mar a bha a’ chuis ann fein, agus mar a bha e air a mhoth-achadh ann an coguis Dhaibhidh, ionnus agus gu’r h-e so a mhain a bha gu ‘bhi air a chumail air chuimhne leis. Ach tha a’ cheud da mhineachadh, a dh’ ainmich sinn ann an so, fallsa, agus cha-n urrainear aon de an da mhineachadh mu dheireadh a tharruing
o bhrithran Dhaibhidh, mar gnathaich sinn ainneart d ‘an taobh, agus cha mo tha iad ag amharc mar gu’m bitheadh iad a’ tarruing a mach ciall nam briathran gu h-iomlan. Tha e ag amharc uime sin, mar gu’m b-i intinn Dhaibhidh anns na briathran so, a bhi ag aideachadh a’ mhi-churam, an t-suaimhneas, an t-an-danadas sin leis an do bhrosnuich e Dia ionnus agus gu’n do leig E dha a bhi air a tharruing a stigh ann am buairidhean adhaltrannais agus marbhaidh. 2 Sam. xii. 9.

Aobhar. 1.—Do bhrigh agus gu bheil aideachadh de’ nghne so a’ dol a mach e choguis peacaidh a ta sealltuinn direach ri Dia ‘na aonar, agus mar sin ‘tha e gu h-araidh ag aomadh agus a’ cosnadh a’ chreutair gu a bhi ag iarraidh reite ri Dia.

Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu’r h-ann ann am peacaidhean a tha gu h-araidh ann an aghaidh Dhe tha tobar nam peacaidhean eile uile. (1) Gu buadhach, mar a ta iad a’ toirt air faibh sin a bha seasamh ann an aghaidh pheacaidhean eile, agus mar sin ‘fosgladh doruis dhoibh. (2) Ann an rathadh cosnaidh, mar le a bhi a’ treigsinn Dhe tha sinn ‘ga gluasad-san gu bhi ‘ga air treigsinnean, agus ‘air toirt a stigh ann am buaireadh. Tha, uime sin, aideachadh aon fhilte air na peacaidhean so, ‘gabhail a stigh ann aldeachadh diomhair air na peacaidhean eile uile.

Aobhar. 3.—Do bhrigh agus gu bheil aideachadh dhe’n t-seorsa so ag oibreachadh gu mor chum peacaidhean a sheachnadh anns an am ri tighinn, do bhrigh agus gu bheil e a’ bualadh direach air an aobhairean agus am freumhaichean.

Feum.—Airson seolaidh, chum agus ann an ordachadh ar beatha, agus ann an rannsachadh air coguis gu’n gabhamaid beachd shonruichte air na peacaidhean ‘tha folaichte o dhaoine, agus ‘tha aithneichte do Dhia a mhain.

An deicheamh Leasan.—Tha air t-aideachadh so, ma tha e firinneach, dhe’n t-seorsa so, gu bheil breitheanais air bith Dhe air am meas leis a’ chreutair soar o gach coslas aingidheachd, r. 4. Air chor as gu’m fireanaichear thusa ‘nuair a labhras tu, gu’m bi thu glan ‘nuair a bheir thu breth.

Aobhar. 1.—Do bhrigh agus gu bheil an creutair a’ faicinn aobhar cothromach a thaobh nam peacaidhean ‘tha air an aideachadh, cha-n e a mhain air son na breitheanais sin a tha air an cur an gniomh nan aghaidh, ach eadhon airson breitheanais fathast ni is ro thruime. Salm cxix. 75, 137; Neh. ix. 33; Dan. ix. 7; Tuir. iii. 32.

Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu bheil a’ gabhail e a stigh ann fein striochdadh iriosal fo laimh chumhachdaich Dhe. 1 Peter v. 6; 1 Sam. iii. 18; Is. xxxix. 8; 2 Sam. xv. 26.

Aobhar. 3.—Do bhrigh agus air an doigh so gu bheil sinn a’ toirt a’ ghloir uile do Dhia, airson a Cheartais ma ‘se a thoil peanas a’ dheanamh, agus airson a throcair ma ‘se a thoil maitheanas a’ thabhairt.

Feum.—Airson seolaidh, chum agus gu’n iarramaid ar n-aideichidhean a bhi a reir an riaghailt so.

An t-aon Leasan deug.—Chum air ‘n irioslachadh, bhitheas e cuideachail ma ‘se agus gu’n d’ theid sinn sios cho domhain ri ar peacadh gin leis an d’ thainig sinn chum an t-saoghall so, r. 5. Rom. vii. 14.

Aobhar. 1.—Do bhrigh agus mar is làine, agus mar is doimhne a bhitheas ar n-aideachadh ‘sann is coimhlionta agus is eifeach-daich a shruthas ar n-aithreachas a mach.

Aobhar. 2.—Do bhrigh agus g’ur h-e air truaillidheadhd gin sin is aobhar do na h-uile peacadh gniomh. ‘Nis chan’eil toradh a’ bith air a thug-sinn gu ceart ‘na nadur, mar bi e air fhaicinn ‘na aobhairean. Dealaithe ri aideachadh air an truaillidheadhd so, cha-n’eil e comasach dhuinn nadur ar peacaidhean gniomh ‘aith-neachadh, gun a radh a’ thuisinn gu ceart.

Aobhar. 3.—Do bhrigh agus gu bheil aideachadh air an truaillidheadhd so ag oibreachadh gu mor chum ar fein-aicheadh, chum a bhi a’ tagradh gras Dhe, chum a bhi a’ ceusadh an-t-seann duine, chum faire ni’s fithealtaiche air ar cridheachan fein, agus chum a bhi a’ seachnad phaecaidhean anns an am ri tighinn.

Feum. 1.—Gu ‘cur ‘an aghaidh nam muinntir ‘tha gu tur ag aicheadh, air neo co dhiubh a ta a’ feuchainn na’s uirre dhoibh chum an truaillidheadhd gin so a nochdadh mar ni beag.

Feum. 2.—Chum ditidh na dream sin dha’n gnath a bhi a’ lughdachadh am peacaidhean eile fein, a chionn agus gu bheil nadur truaillte aca, ged ‘sann a dh’ aobharaich so do Dhaibhidh a bhi a’ faicinn a’ phaecaidh fein air a mheudachadh, ‘se sin o bhi a’ faicinn an aomaidh a bha ann o bhreth chum peacaidh.

Feum. 3.—Air son seolaidh. (1) Chum gu’n cleachdamaid sinn fein ann an irioslachadh domhain a bhitheas ag eiridh o bhreith-neachadh eifeachdach air an truaillidheadhd a bhuneadh dhuinn o ar gin. (2) Chum agus nach bitheadh sinn riarachte le a bhi a’ gearradh sios geugan ar peacaidhean gniomh, ach gu’n iarramaid, ann an ath-ghineamhuinn fior, gu’m bitheadh freumh an uile air a’ spionadh as.

An dara Leasan deug.—Cuidichidh e gu ro mhor chum ar cridheachan irioslachadh ma ‘se agus gu’n eirich sinn ann ar n-aidlachadh chum naduir agus toil ro naomh Dhe, r. 6.

Aobhar. 1.—Do bhrigh agus troimh a bhi a’ coimeas nadur Dhe agus ar naduir-ne gu’m bi e, ‘san uair sin, soilleir ciod e cho mor agus a dh’ fhalbh sinn o choslas agus iomhaidh sin Dhe anns an do chruthaicheadh sinn, agus a chum am bheil sinn a nis as ùr air ar gairm. 1 Peter i. 15, 16.

Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu’r h-e toil ro dhireach Dhe a bu choir a bhi ‘na riaghailt d’ar toil-ne ionnus agus gu’n tugamaid fuath do nithean d’am bheil Esan a’ tabhairt fuath, a gus gu’n gabhamaid tlachd anns na nithean sin anns am bheil Esan a’ gab-hail tlachd. Tais. ii. 6. ‘Se, mar an ceudna, an toil ro dhireach so am fear-breith is fearr air ar cai me, agus d’ur a bhitheas an t-iomlanachd so air a’ chur fa chomhair ar truaillidheadhd, bithidh an truaillidheadh air ‘fhaicinn ni’s soilleire.

Feum.—Air son seolaidh, chum agus gu’n cleachdamaid sinn fein ann a bhi ‘togail aithne cheart oirrne fein, o a bhi a’ gabhail aithne cheart air Dia.

An treas Leasan deug.—Is taitneach agus ro phriseil ann an sealladh Dhe ionracas agus aon-fhillteachd cridhe, a reir nam briathra ceudna. Faic Gnath xi. 20. Tha Daibhidh anns an aite so a’ deanamh ainmeachadh air leth air an treibhdhireas so, do bhrigh agus ann a bhi a’ rannsachadh agus a’ glanadh a mach a choguis nach b’urrainn dha gun aideachadh gu’n bhudhaich cealg ro mhor comladh ris arao’n mu’n do thuit e ann am peacadh adhaltrannais, d’ur bha e a’ peacachadh ann an sealladh Dhe a mhain, agus mar an ceudna an deigh sin d’ur bha e a’ feuchainn ri cuibhrigeadh a’ chur air an droch-bheart so le droch—bheartan eile, chum agus gu’m faodadh e ‘fholach.

Aobhar. 1.—Do bhrigh agus gu bheil treibhdhireas a’ tabhairt do Dhia gloir uile-lathaireachd, gloir uile-fhiosrachaidh, gloir a mhorachd uamhaisich. Tha iadsan ‘tha anns an t-seadh so a’ deanamh gnothaich ris gu treibhdhireach, air an labhairt uimpe gu ceart mar mhuinntir a ta gluasad maille ri Dia. Is. xxxviii. 3.

Aobhar. 2.—Do bhrigh agus gu’r h-e so foirfeachd na h-umhlachd mhi-fhoirfidh a dh’ fhaodas sinn a’ thabbairt seachad anns a’ bheatha so, mar a ta i o’n chridhe uile, agus mar sin o’n duine uile.

Feum.—Airson earail, chum agus gu’n iarramaid gu treibhdhir-each an deigh an treibhdhireis so.

Upcoming Events (DV)

Oct 1
1 Oct - 5 Oct

Communions: Grafton, North Tolsta

Oct 6
6 Oct - 7 Oct

Synod Committee Meetings

Oct 8
8 Oct - 12 Oct

Communion: Gairloch

Oct 15
15 Oct - 19 Oct

Communions: London, Odessa

Oct 22
22 Oct - 26 Oct

Communions: Edinburgh, Gisborne, Mbuma

View Calendar

Latest Articles

  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • 2026 Theological Conference
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • The nail in the sure place 4 Jul 2026
  • Why smitest thou me? 3 Jul 2026
  • Confession of sin 3 Jul 2026
  • “Hew thee two tables of stone…” 2 Jul 2026
  • Scripture was fulfilled- And He was numbered with the transgressors 13 Sep 2026
  • Died Abner as a fool dieth? 13 Sep 2026
  • The Lord’s care of His Vineyard 12 Sep 2026
  • Where is boasting then? 10 Sep 2026
  • A Table Prepared 11 Sep 2026
  • God’s revelation, so that the people would turn 12 Jul 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice