LEIS AN URR. LACHLAINN M’COINNICH, CHA ‘N AN LOCHCARRON.
“Oir doirtidh mi mach uisge air an tartmhor, agus tuiteadh air an fhearann chruaidh; doirtidh mi mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghinealach: Agus fasaidh iad suas mar anns an fheur; mar gheugaibh seilich ri taobh nan sruth-chlaisean. Their am fear-so, Is leis an Tighearna mise; agus ainmichear fear eile air ainm Iacoib; agus sgrìobhaidh fear eile le làimh do’n Tighearna, agus sloinnidh se e fèin air ainm Israeil.—ISAIAH xliv. 3-5.
THA fìor phobull an Tighearna nam pobull meath-chridheach; ‘se sin, tha iad buailteach do laigse creidimh, a dh’aindeoin na tha Dia gach là a’ deanamh air an son. Ach ged tha iad gealtach agus meath-chridheach ‘nuair nach faic iad cuideachadh am fagus, tha iad treun mar an leomhann fuidh cheannard na Slàinte! ‘Se ‘s aobhar d’an smuaintibh anacreidimh am mothachadh a tha aca air cruas agus feòlmhorachd an cridhe—cha’n ‘eil iad a’ faotainn nì maith air bith annta fèin. Is ann, uime sin, a chum cridheachan a phobuill a neartachadh a sgap Dia a gheallaidhean sios agus suas feadh ‘Fhocail. Tha’n earainn luachmhor a chaidh an ceart-uair a leughadh làn do shòlas agus do aoibhneas dhoibhsan a ta ri bròn ann an Sìon,—dhoibhsan a ta gluasad an dorchadas agus nach eil a’ faicinn soluis,—dhoibhsan a ta ‘faicinn am feum air an neamhnuid luachmhoir sin ris an abrar gràs. Ann an so tha geallaidhean da-rìreadh luachmhor agus sòlasach. Cha’n eil iad, tha e fìor, airson muinntir a ta air an seideadh suas le a leithid so ‘san leithid sud do bhuaidhean nàdurrach—air an leithid so do mhuinntir bhiodh iad air an tilgeadh air falbh—cha’n ‘eil iad a’ faicinn feum ac’ orra: ach do’n dream air am bheil iotadh—dhoibhsan a ta air an coimeas ri fearann tartmhor, agus a ta air an aobhar sin a’ faicinn am feum air Criosd—dhoibhsan tha iad luachmhor.
Ann bhi labhairt nis faide o’n cheann-teagaig so, bheir mi, le comhnadh Dhè, fainear—
I.—Cò iad da’m buin na geallaidhean so?
II.—Mìnichidh mi na geallaidhean fèin, mar chaidh an leughadh.
III.—Nochdaidh mi an toradh a ta sruthadh uatha anns an dream aig am bheil còir orra: agus.
‘San àite ma dheireadh, Nì mi co-dhùnadh aithgearr.
I.—Nochdaidh mi cò iad d’am buin na geallaidhean.
Tha na geallaidhean uile a’ coinneachadh a chèile ann an Criosd. “Oir geallanna Dhè uile annsan is seadh iad, agus ann-san is Amen iad, chum glòire Dhè.”—2 Cor. i. 20.
Tha geallaidhean ann a chaidh a thoirt do Criosd a mhàin, geallaidhean eile do Criosd agus do’n eaglais, agus cuid do’n
eaglais a mhàin: agus gun eòlas slàinteil—gun solus spioradail cha’n ‘eil e furasda eadar-dhealachadh a chuir eatorra. Ach thugamaid fainear, ged a bhuineas na geallaidhean a ta air an toirt do Criosd a mhàin dha fèin anns an t-seadh is àirde, gu’m buin iad ann an seadh eile d’a eaglais agus d’a phobull.
Ged tha Criosd, mar thug mi cheana fainear, air a ghabhail a steach anns gach gealladh, labhraidh mi umpa anns an àite so mar bhuineas iad do’n eaglais: Dh’ise tha’n Tighearn’ a’ taigsinn comh-fhurtachd ann am briathraibh ar teagaig fuidh ‘n ainm Iacob agus Israeil. Tha’n t-ainm Iacob a’ ciallachadh anmhuinneachd, ach an t-ainm Israeil cumhachd, no aon a fhuair buaidh. Thuirt Esau mu Iacob gur maith a bhaisteadh e, do bhrìgh gu’n tug e’n car dà uair as, an t-aon mu thiomchioll a chòir-bhreith, agus a rìs mu thiomchioll a bheannachaidh. ‘S ann ‘nuair bha’n gleachd aig ris an aingeal, agus a thug e buaidh, a fhuair e’n t-ainm Israeil.
Air a faghail dhi fèin cha’n ‘eil an eaglais ach lag agus anmhuinn, gun chomas air bith; ach ‘nuair, tre chreidimh ‘na Fear Saoraidh Glòirmhor, a nì i greim air Dia, bheir i daonnan buaidh, cha’n e a mhàin sin, ach—”bheir sinn tuilleadh is buaidh trid-san a ghràdhaich sinn.”
Ma thuigeas sinn na geallanna so, mar air an toirt do Chriosd, tha iad a’ feuchainn dhuinn staid a ghealachdaidh agus fhulangais, agus mar an ceudna a bhuaidh a thug e mach air a naimhdibh fèin agus ar n-aimhdibhne; agus air a shon sin gu’n d’fhuair e ainm os cionn na h-uile ainm, araon air neamh agus air talamh.
II.—’Se’n dara nì ‘rùnaich mi na geallaidhean luachmhor a chaidh a leughadh a mhìneachadh dhuibh.
‘Se’n ceud aon diubh so, “Doirtidh mi mach uisge air an tartmhor.”—Leis an “uisge” tha sinn r’a thuigsinn anns an àite so feartan buadhach an Spioraid Naoimh, a dhoirteas e ‘mach air an anam a tha’n teinn—a tha mothachadh ‘fheum air Criosd mar Shlànuighear. Mar bheir uisge fionnarachadh do’n fhear-thuruis a ta sgìth agus fann leis an teas, sa chridhe ‘ploscartaich le iotaidh; mar sin tha soisgeul na slàinte do anam a pheacaich. Tha gràs na nì ro luachmhor, agus ‘nuair bhios a mhiann air an Tighearn’ a bhuileachadh, cuiridh e anns an anam iarrtas làidir, air a shon.
Is meur do ghràs eadhon an dian-iarrtas so fhèin, agus gach neach a dh’iarras ann an treibhdhireas a chridhe, gu cinnteach gheibh e. ‘Se tart no iotaidh is treise agus is mì-fhoighidinniche d’ar miannaibh uile. Tha e gun nàire gun fhoighidinn, mar gum b’e; feumaidh e bhi air a shàsuchadh. Tha e cosmhuil ri Rachel mu sliochd-sa, “Thoir dhomh clann air neo gheibh mi bàs.” Their an tart spioradail an nì ceudna mu Chriosd, “Thoir dhomh Criosd air neo cha bheò dhomh.” Cha tug Dia togadh air bith dhuinn an dìomhain. Cha’n ‘eil a h-aon dhiubh nach do chruthaich e lòn d’a rèir: chruthaich e leinn togadh airson bidh is dibhe, agus mar h-ullaicheadh e biadh is deoch d’an rèir cha bhiodh e ach a’ fochaid air a chreutairean. Feudaidh ar miannaibh nàdurra air
uairibh a bhi fuidh dhroch stiùradh, agus is minic a tha; ‘nuair tha chùis mar so cha’n ‘eil e mar fhiachaibh air Dia an sàsuchadh: ach do thaobh ar n’iarrtasan spioradail cha’n ‘eil iad air an toirt an dìomhain uair air bith ‘s eigin gu’n sàsuichear iadsan. Cluinneamaid ciod e tha ar Tighearna e fèin ag ràdh mu’n tart spioradail so. “Ma tha tart air neach air bith thigeadh e do m’ ionnsuidh-sa agus òladh e.”—Eoin vii. 37. “Agus a rìs, Agus a deir an Spiorad agus a bhean-nuadh-phòsda, Thig. Agus abradh an tì a chluinneas, Thig. Agus thigeadh an neach air am bheil tart. Agus ge b’e neach leis an àill gabhadh e uisge na beatha gu saor.”—Tais. xxii. 17.
‘Se’n dara cuid de’n ghealladh—Agus tuiteadh air an fhearann thartmhor. Feudaidh an t-anam cha’n e mhàin a bhi tartmhor, ach eadhon mar mhìr do fhearann air a losgadh leis an teas; Feudaidh, cha’n e mhàin mothachadh agus mòr mhothachadh bhi aig air fheum air gràs, ach mar an ceudna faireachadh air mòr-thruaighe. Bha staid Righ Daibhidh ann am fàsach Iùdah an càileigin mar so. Tha e ‘coimeas staid ‘anama ri cor an àite anns an robh e. “Tha tart air m’anam a d’ dhèigh, tha m’ fheòil a’ tograidh a t-ionnsuidh ann an tìr thioraim, agus thartmhor, as eugmhais uisge.—Salm lxiii. 1. Bha Righ Daibhidh anns an àm so air a dhruideadh suas o mheadhonnan nan gràs; ach feudadh e bhith gu bheil an Criosdaidh a’ mealtainn nam meadhonnan, agus gidheadh, gu bheil e mar fhearann cruaidh agus tartmhor fodhpa. Ma’s e so do staid a Chriosdaidh, co-chuir riut fèin an gealladh; ge cruaidh da-rìreadh do staid, bha muinntir eile na leithid romhad-sa, agus fhuair iad furtachd o’n ghealladh so. Ciod i cànain an anama a ta an leithid so do staid? O! ars’ esan, cha’n ‘eil sràth do ghràs agam! Ma’s ann mar so a tha thig a dh’ionnsuidh Chriosd. “Ach,” arsa an t-anam, “tha mo chridhe cruaidh—cha’n ‘urrainn mi urnuigh a dhèanamh—nam faighinn saorsa chum urnuigh a dhèanamh—nam b’urrainn mi deur a shileadh—nam b’urrainn mi mo chridhe fhosgladh do’m Dhia, bhithinn sona! An i so da-rìreadh do staid? Anaim bhochd! ‘S tu an ceart duine airson an d’rinneadh an gealladh, agus ris am bheil briathraibh mo chinn-teagaig a’ labhairt. Tha do chridhe ‘na fhàsach tartmhor gun fhaireachadh. Eisd ris a’ ghealladh a chaidh a thoirt do mhuinntir ann ad’ staid-sa: “Oir anns an fhàsach brisidh uisgeachan a mach, agus sruthan anns an dithreabh: Fasaidh am fearann tioram ‘na linne, agus am fearann tartmhor ‘na thobraichibh uisge.”—Isa. xxxv. 6, 7. Ni-eadh, tha dòchas do thaobh neach a’s miosa cor na thusa; “‘Nuair a bhitheas am bochd agus an t-aonaran ag iarruidh uisge agus nach bi e ann; agus a bhitheas an teanga air tiormachadh le tart, mise Iehobhah freagram iad; Dia Israeil is mì nach trèig iad. Fosglaidh mi aimhnichean anns na h-ionadaibh àrda, agus tobraichean ann am meadhon nan gleann; ni mi’m fàsach ‘na linne uisge, agus am fearann tioram ‘na shruthaibh uisge.”—Isa. xli. 17, 18. Theagamh nach urrainn duit urnuigh a dhèanamh—tha thu mothachadh
gu bheil do chridhe cruaidh, agus cha’n ‘eil fhios agad ciod a their thu. ‘S tu an ceart duine a tha aig mo cheann-teagaig ‘san amharc. Bu mhiann leat urnuigh a dhèanamh, ach cha’n urrainn thu. Bheir esan dhuit, cha’n e ‘mhàin deoch a chasg d’iotaidh, ach doirtidh e tuiltean ort. Cha’n aon fhras a dh’fhoghnas dhuit —bha do thiormachd ro fhada: Frasaidh e ‘nuas gu pailt—doirtidh e ‘mach tuil ort. ‘Nuair thig furtachd, ciod air bith an t-àm, cha bhi do shòlas gann—cha bhi do shìth dìomhain. ‘Nuair bhios oighreachd an Tighearn’ sgìth silidh e ‘nuas uisge gu pailt. Rì linn na tiormachd so, theagamh gu’n do ghlac peacadh neart san anam—theagamh gu bheil smuaintibh uamhasach ag èiridh suas anns a’ chridhe. Tha’n Tighearna, uime sin, ‘gealltainn gu’n leighis e so mar an ceudna; oir ars’ esan, “doirtidh mi mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghinealach.” Tha’n Comh-fhurtair, an Spiorad Naomh, air a ghealltainn do uile phobull Dhè. ‘Se a dhreuchd-san, cha’n e a mhàin geur-mhothachadh a thoirt dhuinn air ar peacaidhean, ach mar an ceudna an t-anam a neartachadh. ‘Se maitheanas peacaidh am mòr-bheannachadh a cheannaich am Fear-saoraidh airson a phobuill; agus tha’n Spiorad a’ cur an cèill na beannachd so gu h-uaignidheach ann an cluais na coguis, trid an Fhocal. Tha’m focal a’ labhairt sìth ris gach neach a threigeas peacadh, agus a philleas ri Dia. Ach feudaidh sinn a bhi ann an staid rèite ri Dia, agus feudaidh am focal sìth a labhairt gun an t-sìth sin bhi air a cuinntinn ‘sa’ choguis. Bithidh eagal air an fhìor Chriosdaidh roimh shìth bhreige, agus cha’n fhois dha gus am faigh e ‘bharrantas ann am focal Dhè. Dealraidh an Spiorad, air a ghealladh, agus bheir e air cuspair a ghràis gu’m faic e gum buin e dha. Brisidh e sìos cumhachd an ana-chreidimh, agus le dearbhadh a thoirt do’n choguis air fìrinn a gheallaidh, mar thug e roimhe air fìrinn a bhagraidh. Their an lagh ris a’ choguis, Is tusa am peacach. Their an Spiorad Naomh, trid an Fhocail, Thàinig Iosa Criosd a chum an t-saoghail a shàbhaladh pheacach a bha caillte. ‘S ann air a leithid so do dhòigh a tha an Spiorad beannaichte labhairt sìth ris an anam.
Thigeadh do’n pheacach gun meadhonnan nan gràs a mhi-bhuileachadh, no dearmad a dhèanamh air fèin-cheasnachadh: mar ‘eil a chridhe mar bu mhath leis cha’n urrainn e aicheadh, co dhiù, nach ‘eil an Slànuighear comasach air a chumhachd a dhearbhadh air. Ma’s e, an àite naomhachd nach eil e ‘faotainn ann fèin ach luibhre pheacaidh, feudaidh e dol a chum an t-Slànuighear le briathraibh an lobhair roimhe. A Thighearna, ma’s àill leat ‘s comasach thu air mise a ghlanadh. Ma tha e ‘faotainn a chridhe cruaidh agus neo-aithreachail feudaidh e innse d’a Shlànuighear gu’n cual e uime, gu’n robh e air àrduchadh mar Phrionns’ agus mar Shlànuighear, a thoirt aithreachais do chloinn Israeil agus maitheanas peacaidh. Ma tha e faireachadh ana-chreidimh ag oibreachadh, feudaidh e ràdh, A Thighearna, bu mhiann leam creidsinn, cuidich an thusa mo mhìchreidimh. Ciod
sam bith truaillidheachd a tha ‘g oibreachadh anns an leth stigh, dhèanadh beantainn ri cumhachd Chriosd a leigheas.
Uime sin, Thugamaid a mhàin oidhearp air creidsinn, oir dhoibhsan a chreideas tha na h-uile nì comasach.
III.—’S e’n treas nì chuir sinn romhainn an toradh a ta sruthadh o na geallaidhean so anns an dream aig am bheil còir orra ‘nochdadh. Fàsaidh iad suas mar anns an fheur, mar gheúgaibh seilich ri taobh nan sruth-chlaisean. Cha’n ‘eil nì anns a’s luaithe dh’fhàsas na’m feur ri àm uisge agus drùchd, agus cha’n ‘eil craobh no preas sa’ choille a’s luaithe dh’fhàsas na’n seileach ri taobh nan sruth-chlaisean. Is amhuil a bhios fàs an fhìor Chriosdaidh ‘nuair a thèid ‘anam a bheòthachadh le drùchd agus frasaibh nan gràs. “Mar an t-arbhar bidh e air ath-bheòthachadh; agus fàsaidh e mar an fhìonain, agus bithidh a bholadh mar fhìon Lebainoin.” Tha e nàdurra do ghràs a bhi fàs, ach cosmhuil ris gach pòr eile, iarraidh e uisgeachadh o’n àirde; agus mar faigh e so seargaidh e agus cumaichidh e ‘cheann; ach ‘nuair thuirlingeas an dealta nèamhaidh, “brisidh e mach, agus thig e fo’ bhlàth mar an ròs.” Agus mar ann an Nàdur ‘s amhuil mar an ceudna ann an gràs; tuitidh an drùchd air uairibh agus beòthaichidh e gach feur agus luibh, gidheadh cha chluinn a chluas a’s fearr clàisteachd e—cha’n fhaic an t-sùil a’s geire sealladh e. Air uairibh eile thig an t-uisge nuas na bhoinnean tlà, air uairibh ‘na fhrasaibh trom, agus air uairibh eile le stoirm agus le buaireas gàilbheach: ach ciod air bith mòd air an tuit an t-uisge ‘s ann a chum math na talmhainn. Air a’ mhodh cheudna tha cuid do dhaoine air an toirt o dhorchadas gu solus, uidh air uidh, air mhodh nach urrainn neach a chomharachadh—theagamh, trid beannachadh Dhè air oilean diadhaidh; tha cuid air an tionndadh o pheacadh gu fìreantachd ‘nan òige, gun mòr dheuchainn inntinn; tha cuid eile ris air an toirt gu sliabh Shìnai—tha tairneanach agus dealanaich an lagha air an leigeadh fuasgailt air an coguis, mu’n dlùthaich iad ri Criosd anns a’ ghealladh. Ach ciod air bith mar thig iad, is sona iadsan a ta ann an Criosd: fasaidh iad suas mar am feur—mar an seileach ri taobh nan sruth-chlaisean—fasaidh iad ann an gràs, agus thèid iad air an aghaidh o neart gu neart, gus an nochdar iad coimhlionta an làthair an Dhè ann an Sìon. An sin dearbhaidh iad mar dh’fhàs iad ann an gràs.
Their am fear so is leis an Tighearna mise. ‘Se sin, tagraidh e ‘chòir air Criosd. Thig e chum an Fhir-shaoraidh, agus dlùthaichidh e ris trid creidimh an t-soisgeil. Thig e gu Criosd agus cha tilgear a mach e. Mar urrainn e ‘ràdh gur leis Criosd, bheir e air a char a’s lugha oidhearp air a ràdh gur le Criosd esan. Ged nach urrainn e ràdh le muinghinn gu bheil gràdh aig Criosd dha, ‘s urrainn e ràdh le Peadar gu bheil gràdh aige-san do Chriosd—mar urrainn e ràdh gu’n do tharruing Criosd e, ‘s urrainn e, le irioslachd, a ràdh, tarruing mi agus ruithidh mi ‘nad dhèigh. Bithidh e tagradh ris an Tighearna gur Dia trocaireach e, ‘s ged dhiùltas se e gidheadh leanaidh se e cosmhuil ris a’
mhnaoi a’ Chanaan. Cha b’urrainn do’n mhnaoi bheannaichte sin a ràdh san àm, Is leamsa Criosd; gidheadh thagair i a cùis; rinn i, mar gu’m b’e, deasbad ris, agus le buanachadh mar so fhuair i a miann. Feumaidh an t-anam an nì ceudna a dhèanamh—feumaidh e bhi do ghnà ag amharc ris an t-Slànuighear—do ghnà ga thilgeadh fhèin aig a chosaibh—do ghnà a’ gleachd an aghaidh ana-chreidimh, agus gun sgrùd gus am faigh e buaidh. Bheir an Tighearna beannachadh d’a leanabh fhèin; ach feumaidh an leanabh a spionadh, mar gu’m b’e, làmhaibh Athar. Tha’n Tighearna gu dearbh a’ gealltainn gu’n crath e uisge glan air a phobull—gu’n toir e dhoibh cridhe nuadh, agus gu’n toir e air falbh an cridhe cloiche, ach ‘s àill leis gu’m fiosraichear e do thaobh an nì so, le tigh Israeil. Is furasta an nì briathraibh stèidh mo theagaig aithris. Is leis an Tighearna mise; ach creid thusa mise, cha’n ‘eil e cho furasta an creidsinn, agus, an aithris tre chreidimh. Tha cuid de dhaoine am barail nach ‘eil ann an creidimh ach nì furasta. Air mo shon-sa dheth, tha mi, le Pòl, de dh’atharrachadh sin do bharail. Thèirear cogadh ris, agus ‘s math a thoilleas e’n t-ainm. Cha ghnìomh furasta greim fhaotainn air Criosd, agus an greim so a chumail le fèin-fhiosrachadh. ‘S i so cainnt an Sgriobtuir agus mothachadh pobull Dhè mu’n chùis.
Agus ainmichear fear eile air ainm Iacoib.—Ceanglaidh se e fèin ri eaglais agus ri sluagh Dhè. ‘S ann tha mòr shonas fìor Israeleach gu’m feud e aoradh a dhèanamh do Dhia maille r’a phobull, ann an spiorad agus ann am fìrinn. Cha’n eil anns an ainm Israeleach agus neach a bhi ‘na bhall de’n fhìor-eaglais ach an t-aon nì. Is i an eaglais corp dìomhair Chriosd, agus ‘s e creidimh a mhàin a ni neach ‘na fhìor bhall dhith.
Agus sgrìobhaidh fear eile le làimh do’n Tighearna, agus sloinnidh se e fèin air ainm Israeil.—’Nuair a dh’aontaicheas neach le cùmhnant no le còrdadh cuiridh e a làmh-sgrìobhaidh ris. Tha neach a sgrìobhadh le ‘làimh do’n Tighearna a’ ciallachadh gu’n aontaich e leis a’ chùmhnant shìorruidh. ‘Nuair a phòsas boireannach gabhaidh i dhith fèin sloinneadh a fir-phòsda. Air an dòigh cheudna ‘nuair bheir an t-anam e fhèin do Chriosd sloinnear e air ainm. Far am bheil an tomhas is lugha do ghràs tha e ag aontachadh leis a “Chùmhnant a ta air a shuidheachadh ann an gach nì, agus a choimhdear.”—2 Sam. xxiii. 5.
Feumaidh sinn ar toil a thoirt suas do Dhia, agus leigeadh leis-san a thoil fhèin a dhèanamh ruinn. ‘S ann do bhriathraibh a’ chùmhnant ris am feum sinn ar làmh a chur ma thèid sinn air seachran, gu smachdaich Esan sinn leis an t-slat. Feumaidh sinn an t-slat a phògadh,—sinn fhèin irioslachadh, agus sgrìobhadh le’r làimh do’n Tighearna: ‘s e sin, feumaidh sinn a bhi naomha mar tha Esan naomha; oir as eugmhais so cha’n eil e comasach dhuinn a mhealtuinn aon chuid sa’ bheatha so, no sa’ bheatha ri teachd. Is aithne do’n Tighearna iadsan a’s leis fhèin, agus ‘se comhara cho soilleir ‘sa tha ‘nan riochdas gu’n do thrèig iad aingidheachd. Tha sinn do thaobh nàduir a’ deasbhuidh
naomhachd, agus uime sin neo-chomasach aon dleasdanas a dhèanamh air mhodh taitneach dha-san. Le sgrìobhadh le’r làimh do’n Tighearna, tha sinn ga’r toirt fhèin thairis dh’a a chum ‘s gu naomhaich e sinn. Feumaidh sinn dol a mach asainn fhèin gu tur, agus gabhail ri gràs anns an staid inntinn is irioslaich. Ach an dèigh gach nì as urrainn sinn fhèin a dhèanamh gheibh sinn mach nach eil ar naomhachd ach fada o bhi coimhlionta.
Tha na h-uile fìor Chriosdaidh coimhlionta ‘na mhiann—’na rùn—’na oidheirp. A dh’aon fhocal—bhiodh e coimhlionta nam b’urrainn e.
A nis, do bhrìgh nach urrainn sinn an lagh a riarachadh airson ‘na tha seachad d’ar beatha, a thaobh gu bheil ar cridhe truaillidh, agus gu bheil peacadh air a mheasgadh le’r dleasanais is fearr, tha aobhar againn Dia a bheannachadh gu bheil ann an cùmhnant nan gràs fìreantachd air a h-ullachadh. Ris an fìreantachd so feumaidh sinn ar làmh-sgrìobhaidh a chur, agus sinn fhèin a nochdadh an làthair ar Dhè ann an èideadh dealrach ùmhlachd an Fhir-shaoraidh. Nam bu mhian leinn am beannachadh fhaotainn feumaidh sinn trusgan ar bràthar is sine a chuir oirnn. ‘S e naomhachd a mhàin a ni neach iomchuidh airson nèimhe; ach ‘s i ùmhlachd Chriosd a mhàin tha toirt còir dhuinn oirre. A ràdh gu foghainn ùmhlachd Chriosd gun naomhachd caithe-beatha cha’n eil an so ach amaideachd. Cha’n eil neach a ta cur luach air fìreantachd Chriosd da-rìreadh nach eil le uile anam an dèigh air naomhachd beatha. Cha’n fhan mi’n tràth-sa ri dhearbhadh co aca tha trusgan na bainnse a ciallachadh gràs anns an anam, no fìreantachd Chriosd air a cur air an anam: feudaidh, do rèir mo bheachd-sa, an dà chuid a bhi air a chiallachadh; air mo shon-sa dheth cha’n urrainn mi’n sgaradh ‘na m’ inntinn. ‘S e ar dleasdanas creidimh—aithreachas—irioslachd—gràdh agus gràsan eile an Spioraid a bhi againn; agus ged bhiodh iad so uile againn cha b’urrainn dhuinn an tagradh mar am bonn air an gabhadh Dia ruinn. Feudaidh, air uairibh, neul èiridh air an inntinn:—feudaidh dorchadas agus marbh-alachd—caoin-shuaraicheas agus cruas seilbh a ghabhail air a’ chridhe. ‘Na leithid so do staid thugamaid aire nach tuit sinn ann an eu-earbsa—amhairceamaid ri fìreantachd Chriosd. Ged a chailleas fear-fearainn a phàipeirean ma tha a chòraichean ann an leabhraichibh an righ tha a staid tèaruinte. Leanamaid naomhachd le’r n-uile chridhe, ach na cailleamaid gu bràth sealladh air ùmhlachd an t-Slànuighear. ‘S esan carragh nan linntean—’Se ùmhlachd a choisinn an Spiorad Naomh dhuinn—’S e’n Spiorad Naomh ùghdar ar naomhachd, agus is e naomhachd an tobar anns am bheil ar sonas a’ co-sheasamh.
“An nì a cheangail Dia, na sgaradh duine:” gun sùil a chumail air fìreantachd Chriosd tha e eu-comasach do neach a bhi naomha; agus ciod am feum a tha air Criosd, ma tha ar n-ùmhlachd fhèin iomlan—mar biodh ar fìreantachd fhèin mar bhroinneagaibh salach. Na’m faiceamaid sinn fhèin dìreach mar tha sinn, agus mar tha Dia ga’r faicinn, bhiodh ar cridheachan a’
ploscartaich an dèigh naomhachd mar shlàinte spioradail ar n-anamna—agus an dèigh fìreantachd Chriosd mar stèidh ar dòchais agus ar sonais.
Ma thuigeas sinn gu cubhaidh na fìrinnibh luachmhor so, chithear gu soilleir an toradh ‘nar giùlan. ‘Se Criosd ar Lèigh, ‘s i naomhachd ar slàinte; An abair sinn gur h-ì ar slàinte choisinn ar n-oighreachd dhuinn? A dh’aon fhocal, feumaidh sinn teachd gu Criosd mar pheacaich, agus sgrìobhadh le’r làimh do’n Tighearna—feumaidh sinn a leigeadh fhaicinn gu’n d’rinn sinn so ann an treibhdhireas ar cridhe, le caithe-beatha stuama, cothromach, agus diadhaidh—a’ deanamh deadh-sgeul ar soisgeul an Iosa a shaor sinn.
IV.—Nì mi nis, anns an àite ma dheireadh, tilleadh ris na chaidh a ràdh, a chum gu’n dèanamaid co-chùnadh.
Chuala sinn gu’m feud pobull an Tighearna a bhi gearan air cruas cridhe, agus sin eadhon fuidh mheadhonnan nan gràs: ceasnaicheamaid sinn fhèin chum an t-aobhar fhaotainn a mach: theagamh gu bheil sinn a’ toirt fasgaidh do pheacadh èigin ged tha ar coguis ag innse gur peacadh e. Bheir so cruas-cridhe ‘na lorg—fuadaichidh e’n Spiorad air falbh. Bitheamaid air ar faicill roimhe so agus eisdeamaid ri caogair na coguis a chuir Dia ‘na taobh stigh.
Ach, theagamh gu’n do cheadaich Dia ‘na àrd-uachdaranachd cruas-cridhe a leagadh oirnn, a chum ar creidimh agus ar faighidinn fheuchainn, mar rinn e air Iob naomha roimhe. Cha’n eil ar coguis ag innse dhuinn gu bheil sinn a’ toirt fasgaidh do pheacadh air bith, ni’s mò na bha a choguis-san. Ma’s ann mar so tha, feitheamaid air Dia, agus rachamaid le’r cridhe cloiche dh’ionnsuidh Chriosd. Ni esan a thaiseachadh, agus bheir e air gach nì oibreachadh a chum ar math.
Theagamh gu bheil thu gad fhaireachadh fhèin falamh. Anaim bhochd! tha thu cruaidh agus tioram—tha thu salach agus neo-ghlan—tha t’anam air a thruilleadh le luibhre a pheacaidh! Thig-sa, ma ta, gu sruthanan an ionaid naomha a dh’fhionnaraicheas! Thig gu uisge na beatha! Thig gu Criosd anns a’ chùmhnant, ceart mar tha thu! Gabh ris na gheibh thu agus bi taingeil.
Cia mar tha thu gad mhothachadh fhèin? Peacach? Abair gu bheil thu peacach, tha Slànuighear an so agad. Theagamh nach eil thu cho maoth-chridheach ‘s bu mhath leat, thig a chum an uisge so, taisichidh agus naomhaichidh e thu. Tha Dia a’ gealltainn aithreachas a thoirt—bi cinnteach gu’n coimhlion e fhocal. Am bheil thu salach agus truailidh? ‘Se do bheatha teachd gu Criosd—glanaidh fhuil-san thu: Tha e sìneadh a làimhe is àille dhuit: sin thusa mach do làmh a ta dubh—salach—truailidh, agus cha diùlt e breith oirre. Am bheil eagal ort nach eil so fìor? ‘S tu nach ruig a leas. Tha e air fhocal—tha e air a mhionn gabhail riut. Ciod air bith is galar dhuit tha leigheas aige-san dhuit; ciod air bith do leòn, tha aige-san pailteas. Thig
air t’aghaidh, thig mar tha thu—thig gu Criosd agus ‘s e do bheatha. Ge b’e thig air an dòigh cheart cha tèid a thilgeadh a mach; gabhadh e de uisge na beatha gu saor. Tha gach nì ullamh, thigibh a chum a’ phòsaidh. Thigibh, arsa Gliocas Dhè, ithibh do m’ aran-sa, agus òlaibh de’n fhìon a mheasg mi.
The late Mr. George Hay,
TARBERT, LOCH FYNE.
WE regret to record this month the death of Mr. George Hay, steamer agent, Tarbert, Loch Fyne, who passed away at his house there on the 20th June. Mr. Hay, who was sixty-six years of age, was brought up under the much-favoured ministry of the Rev. John Campbell, the worthy Disruption minister of Tarbert, and at a comparatively early age began to take a deep interest in divine things. At the time when a separate testimony was raised on behalf of the truth and sound Free Church principles by the Free Presbyterians in 1893, Mr. Hay heartily identified himself with them, and continued to the end a loyal and steadfast upholder of the Free Presbyterian Church. He had been for a number of years previous to this period a respected elder in the Free Church, where he also discharged, with much efficiency, the offices of treasurer and precentor. His services in these various capacities were found highly useful in the Free Presbyterian congregation, and he rendered them faithfully and ungrudgingly to the end. As a singer, Mr. Hay was one of the most powerful and animated that ever we have had the privilege of listening to. His whole mind and heart seemed engaged in the exercise, and there was nothing, as he himself bore testimony, that he had more delight in than in singing the praises of the Lord. Thus a great breach has been made upon the small congregation of Tarbert, a breach that is deeply felt by the people. Within the short period of six or seven months, three men who took an active interest in the cause have been removed—John Johnston, James Bruce, and George Hay. May the Lord in His abundant mercy fill the breaches, and enable those who remain to maintain a firm testimony for the truth!
As to his personal character, Mr. Hay was of a quiet, humble disposition, sincere and upright in all his dealings, both in the Church and in the world. A man of good intelligence and understanding, he was far from being self-assertive—often willing to defer to the opinion of others, but not prepared to compromise any principle. His last illness began with influenza but developed serious complications. He seems to have anticipated death from the beginning of the trouble, and was remarkably willing to depart and to be with Christ, which is far better. The writer visited him during his illness. He was not able to say much, but spoke of the preciousness of Christ as a Saviour and the indispensable
need of having His Word to rest upon for eternity. A common remark of his in the days of his health was, “We ought to examine ourselves; if we are Christians, we are very poor ones.” On his death-bed he said that he felt Christ very near to him, and longed for the moment when the Lord should take him away to be with Him for ever. The end of the upright man is peace.
Mr. Hay was married twice. His first wife died a number of years since. To Mrs. Hay and the surviving members of both his families, our deepest sympathy is extended. May the Lord be a husband to the widow and a father to the fatherless! J. S. S.