Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
    • Glossary of Common Errors and Controversies
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
    • Overview of Australian Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1915 » May 1915 » Beinn Shínaí

Beinn Shínaí

(Air a leantuin o t. d. 481.)

THA a chuid mu dheireadh so do’n chunntas gu bitheanta air amharc thairis, agus dochais air an altrom, a mhain o’-throcair Dhe, eas-urramach agus neo-chordail ri buaidhean eile an Ti nèamhaidh. O! cia amaideach, agus cia peacach’s a tha na beachdain so, nach urainn a bhi fior, ach aig cosdas bristeadh ceartais, a deanadh breugach fireanteachd, agus a’ truailleadh naomhachd an Ti’s airde. Nach fhaigh gach duine duais dhligheach a gniomharan, agus nach e duais a pheacaidh am bas? (Rom. vi. 23.) Nach d’ thubhairt Dia an t’ anam a chiontaicheas gheibh esan bas. (Eseciel xviii. 20.) Nach ‘eil suilean an Tighearn nis gloine na gu’n seal, e air olc? (Hab. i. 13.) An d’ thubhairt agus nach dean e, an do labhair e agus nach coimhlion e?

A rithist, tha moran a cuir tosd air an coguis, leis an smuaintean ged a tha a’ faileanain aca, nach ‘eil iad nis measa na muinntir eile, agus o’ na peacanna mor leis am bheil daoine eile air an agradh, gu bheil iadsan gu sona saor. ‘S fu e’n aire a thoirt da, gu bheil daoine gu cumanta a comharachadh a mach mar pheacainean mora, a chuid sin do nach ‘eil iad fein buailteach, agus airson an fheadhainn sin do’m bheil iad buailteach, tha iad am bitheantas a dealbh leithsgeul eigin.

Mar so tha fear diomhain nam mionn, a dh’ fhosglas a bheul an aghaidh na’n neamha, ‘g amharc thairis air briathran solaimte Dhe, “cha d’ thoirt thu ainm an Tighearn do Dhia an diomhanas, oir cha mheas an Tighearna esan neo-chiontach a bheir ainm an diomhanas”; agus a’ lughdachadh a chionta, le a bhi ‘g agradh, nach ‘eil e deanadh cron do neach sam bith—cha’n ‘eil e a ciallachadh ni sam bith leis—cha’n ‘eil ann a mhain ach cleachdadh air nach ‘eil e gu tric fiosrach—gu bheil doilgheas air air a shon—ach air dha a bhi’ fada cleachdte ris, cha’n urrainn e gu furasd a sheachnad; agus an uair, a thuilleadh air na leithsgeil shaoilteach so, ach fior antromachadh, a ni se e fein a choimeas ri cuid da choimhearsnaich, a labhras gu caoimhneil, gidheadh nach urrainntear an earbsa ann a’ focal a their iad, tha e, ga shaoilsinn fein mar na sheasamh air grund ar d’a rìreadh—tha fhailinnean aige, ach cha’n ‘eil e na bhreugaire.

Am breugaire air a laimh eile, di-chuimbneachail air an fhirinn, “gu bheil bilean breugach na’n grainealachd do’n Tighearn,” agradh e na leithsgeul, nach ‘eil a bheag, no coire sam bith, ann am breug, mar an dean i cron do bhuanachd, no do chliu shaoghalta duine.

Agus an droing a tha buailteach do’n olc fhuathach so, agradh iad mar an ceudna, an leithsgeul cumanta, gu’m bheil iad saor o chiont eigin eile, a tha iad a meas ni’s measa, agus theagamh gu’n criothnachaidh iad aig an smuaintean, gu’m biodh iad

air meas cho aineolach agus, gu ‘n ceadaicheadh iad ann am mionnachadh.

An duine a bheir an car as a choimhearsnach ann an reic agus an ceannachd, agraiddh e mar leithsgeul, gu ‘m bu choir do shuil duine a bhi’ dha na mharsanta, agus toilichidh se e fein leis an smuaintean, gu ‘m bheil e ‘g ullachadh airson a theaghlaich, am feadh ‘s a tha a choimhearsnach, le cleachdainn dh’fhaingnichte na misg, a bristeadh cridhe a mhnatha, agus a toirt a chloinne gu bochdain.

A bhi air a choimeas ri leithid so do dhuine, mheasadh an ceud neach mar mhasladh mor. Agus eadhon an poitear, a chum lughdachadh a chionta ghraineil, agraiddh e, nach ‘eil e air a theorachadh le gaol na dibhe, ach le gaol na cuideachd; nach ‘eil e a ciallachadh olc do neach sam bith, agus nach ‘eil e aon chuid na mhealtair seolta, no na chealgair le aodan fada.

A nis, tha mi ‘g radh gu bheil sealladh sgiobtairail do Bheinn Shinai, freagarach gu bhi a nochdadh mearachdan an leithidibh so do leithsgeil; tha na h’ uile do ‘n leithidibh so do chionta air an toirmeasg leis an daingneachadh eagallach, “s malluichte gach neach, nach buanaich ann an uile bhrathran an lagha so, a chum an deanamh.” Tha brigh an daingneachadh uamhasach so, air innseadh gu soilleir leis an abstol Seumas ii. 10. “Oir ge be neach a choimhideas an lagh uile agus a thuislicheas ann an aon aithne, tha e ciontach do ‘n iomlan.”

A rithist, tha beachd treibhdhireach air lagh Dhe, na spioradail-eachd agus na fharsuingeachd, freagarrach a chum treorachadh gu h’ iorrasaileachd mhor, agus spiorad aithreachail. Co a dh’amh-airceas gu ceart air iarrtais lagh naomha Dhe, agus nach gabh canain na fhaidhe, “Mo thruaighe mise oir chaidh as domh,” no ‘n t-Salmadair “na h’ inntrich ann am breitheamhnas le d’ sheir-bhiseach, oir ann d’fhianuis cha bhi feol sam bith air a firinneachadh.” Aig an am cheudna, cha ‘n fheudar a dhi-chuimbneachadh, gu bheil lagh nam modhanan, a chaidh a thoirt seachad air Beinn Shinai, na leithid do mhorachd uamhasach, a ghnath a deanadh a suas riaghailt beatha, airson a chinne-daona gu h-iomlan. Is diomhain aidmheil an duine sin a tha a’ caith-eadh a bheatha gu fiosrach agus gu toileach, ann am briseadh an lagha. ‘S co fhad a tha an creidmbeach gun fhuasgladh sam bith fhaoitinn o iarrtais an lagha, gu bheil e air a thoirt fuidh bharrachd comain, gu bhi a glorachadh Dhe, le chorpr agus le Spiorad is le Dia; agus is co fad a tha e gun a leithid so do fhuasgladh fhaoitinn, nach ‘eil deigh aig air. Tha fios aig leanabh Dhe, gu ‘m bheil a shonas anns an t’saoghal so, do reir umhlachd do thoil athair neamhuidh.—An neamh airson am bheil e ‘g amharc, is neamh e a tha comhliont, ann an gloinead, far a’ bheil gach smuain, agus faireachadh; gach iarrtas, agus gnionmh, gu h’iomlan a’ chom-chordadh ris an lagh a thugadh seachad air Beinn Shinai; do ‘m brigh gradh comhlionta do Dhia agus do dhuine. O iarrtais an lagha sin cha ‘n urrainn creutair reusonta sam bith a

bhi air a chuir fa-sgaoil, oir mar a tha teisteas Dhe a seasamh neo-chaochlaideach, ‘s eigin gu bheil comain esan a ghradhachadh leis an uile chridhe, agus anam, agus neart, agus intinn, a buan-achadh gu siorruidh, seadh, eadhon ceangailte air a mhuinntir dhoruinneach, ann an ifrinn, air dhoigh (smuaintean eagallach) agus mar a bhios an doruinn gu siorruidh am meudachadh, gu ‘m bi an cionta gu siorruidh a’ dol am meud mar an ceudna.

Ni ‘s faide, tha droing le bhi a’ beachdachadh air lagh nam modhanan, mar a rinneadh aithnichte e air Beinn Shinai, air ar treorachadh trid beannacheadh Dhe, gu bhi a faireachadh a’ feum air slanuighear, agus trid cumhachd ghrasmhor an spioraid naoimh, gu bhi a gabhail ri soisgeul grais De ann an gradh dha.

Tha iad mar so duinte suas anns an chreideamh—air an toirt gu sgar do ‘n oidhirp fhaoin, a bhi ‘g oibreachadh a mach firnteachd dhoibh fein, agus air an toirt gu bhi a’ cuir an earbsa ann an Iosa, mar chrioch an lagha chum firnteachd, do gach neach a chreideas, fiosrach, “gù ‘n d’ rinn Dia easan do nach b’ aithne peacadh, na pheacadh air an son, a chum ‘s gu ‘m biodh iad air an deanamh na firnteachd do Dhia annsan.” Ris an fhirinn so tha iad ag earbsa, oir cha ‘n fheudar teagamh a chuir far am bheil gealladh Iehobhah Dia na firinn, an uile airson siorruidheachd; agus o chos Beinn Shinai, ‘g amharc le lan dochas gu Sliabh Chalbhari, agus gu h’riosal, gidheadh gu daingean, a feorachd “Co e a dhiteas? ‘S e Criosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fos, a dh’ eirich a ris, a tha eadhon aig deas laimh Dhe, neach ata mar an-ceudna a deanamh eadar ghuidhe air ar son.” Tha anns an fhirinn so gach ni a dh’fheumas am peacach is ciontaiche, a chum sith a chuir fa chomhair agus slainte shiorruidh. Cha’n’eil feum aig air aon chuid a chionta àicheadh no a lughdachadh—feudaidh e a h’aideachadh, na h’uile fh’arsaineachd, agus le h’uile antromachadh, agus sin mar a tha i ‘n sealladh an Tighearna Dia naomha, neach is e briseadh a lagha peacadh, agus gidheadh a bhi a mealtuinn sith. An lagh sin da-rìeadh bhrist e gu h’ eagallach, ach thug fh’urrassan umhlachd chomhlionta dha. Mallachadh an lagha tha e a toilltinn, ach chaidh am mallachadh sin a ghiulan le neach eile na àitesan; chuir e ferg gu craiteach air an Dia ‘s Airde, ach ann an Iosa tha Dia lan thoilichte; dh’fhardaich e an lagh agus rinn e urramach e—rinneadh e na mhallachadh mar a ta e sgiobhta, “‘s mallaichte gach neach a chrochar air crann”—Rinn e dioladh airson peacachd—Thoilich e ceartas Dhe, agus thug e a steach firnteachd bhith-bhuan, air dhoigh ‘s gur a h’ann tridsan, a tha air a shearmonachadh do na h’uile dhaoine, maitheanas peacaidh, agus tridsan tha na h’uile a chreideas, air am firinneachadh o na h’uile nithibh, air mhodh agus gu ‘m bheil cliu an uile ghormhor Iehobbah, mar an Dia Ceart agus an Slanuighear, a bha air eìgheach air Beinn Shinai, air a nochdadh gu soilleir air sliabh Chalbhari. A leughdair—Creid agus mar beò—Feuchaibhse a luchd tarcuis agus gabhaibh iongatas agus rachadh as duibh.

A’ CHRIOCH.

Upcoming Events (DV)

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

Dec 17
17 Dec - 21 Dec

Communion: Bulawayo

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Near the kingdom of God – its advantages and dangers 13 Sep 2026
  • Who are in the kingdom of God? 13 Sep 2026
  • The Wise Men and the Star they Followed 8 Nov 2026
  • The Life and Death of a Wicked Man 8 Nov 2026
  • A powerful salvation 30 Aug 2026
  • A good foundation is neccessary 30 Aug 2026
  • Safety, in spite of a flood 23 Aug 2026
  • Hearing and doing Christ’s sayings 23 Aug 2026
  • God’s words show the safe way through life, and Job esteemed them greatly 16 Aug 2026
  • Job speaks of God’s words 16 Aug 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice