A NN an Gaeltachd agus an Eileanaibh na h-Alba cha neil aran na beatha ach ro ghann air a sholar don t’sluagh anns na cearnaibh iomlach. O nadur na ducha, agus tainead an luchd aitiche tha iomad teaghlach còrr is astar latha o mheadhonaibh na’n gràs. Dhaindeoin na ni Ministirean, tha earrann mhòr air an cumail air an ais o’ bhi feitheamh gu riaghailteachd air searmonachadh an t’soisgeul; agus cha nion duil bhi gu’m bi ‘n toradh trùm nuair tha ‘n siol air a chur cho gann. Gidheadh nuair tha cothrom air eisdeachd an t’ soisgeil air a dheonachadh, tha e mar is bitheanta air a ghabhail le dian thogradh, agus tha e bhi co ro ainmig air a mhealtain, ga fhagail, ann an caochladh dhoighibh, mis mò meas, agus tha e air a chur gus a bhuil as fearr. Ni ‘n sgeul beag a leanas, ann an tomhas, an ni so shoillireachadh; agus aig an am chèudna bheir e dhuinn eisimpleir thaitneach air gràs Dhè ann am balachan bochd, neach bu toigh leis an Tighearn a dhtsgadh, ann an earrach a’ laithean, gu mothachadh fhaotainn air co cudthromach ‘s a tha nithe diadhaidh: agus nochdaidh e dhuinn cionnas a ni gràs, an dream anns a bheil e riaghladh comasach lamh-an-uachdar fhaotain air gach cruaidhchàs, agus ana-cothrom ge be air bith co mor, agus co lionmhor, ann an toireachd an deigh an neamh-nuid luachmhoir ud air am bheil iad a nis comasach mor phris a chur.
Rugadh Aindreas Lindsai ann am baile Chromba, dlù air Inbherneis, air taobh tuath Alba, o’ phàrantaibh ro bhochd; agus gus ‘m bu toil le Dia n’an uile ghràs anam a dhusgadh gu mothachadh air peacadh, agus fheum air Crìosd, fo’ shearmonachadh an urrummaich, Maighstir Gordon, Ministreir Chromba, bha e anabarrach neo-churamach m’ a leabhar a leùghadh, agus na’ cheann-iuil anns gach gnè aingidheachd a’ measg a chompanaich; ach ‘nuair dhatharraich cumhachd an Spioraid Naoimh a chridhe, dh’fhas e co comthharruicht, airson umblachd do Dhia, agus a dhleasnais d’a mhathair aosda, sa bha e roimhe sin còrr airson aingidheachd. Bha e mu thiomchioll deiradh na bliadhna 1731, no toiseach na bliadhna 1732 (ars’ Maighstir Davidson nach maireann, o Dhenam a’n Essecs, neach a’ thug an cunntas so m ‘a thimchioll), ‘nuair a thainig mi air tùs gu eolas fhaotain air a ghiulan bhochd so, air do aon a chomtharrachadh a’ mach dhomh air an t’slighe gu Eaglais a bha anns a choimhearsachd anns an robh sàcramait shòlainte suipeir an Tighearna gu bhi air a frithealadh. Bha mi aig an am sinn a’ dol thar caoil mara, agus ghabh am ballachan aite-suidhe an toiseach a bhàta, agus ged nach robh cottrom agam’ air comhradh ris cha burra’ mi gun a thabhairt fainear le taignealachd do leanabh bochd, air madainn fhuair, ‘se ceann-ruisgte, cas-ruisgte, dol thar mara a dheiseachd an Fhocail. Dhfheoraich mi ‘m be sud am balachan m’ an cuala
mi o chionn beagan mhiosan, agus nuair chaidh innseadh dhomh gu’m be ‘heart aon, dhamhairc mi air le ro aire, chum ‘s gun aithnean a ris e. Nuair a chunnaic mi e ‘n tigh aoraidh Dhe chum an do choisich e, dhamhairc e cosmhuil ri neach a’ bha ‘g eisdeachd le mòr churam agus toil-intinn—a shuil gu suidhichte air a mhiniteir, mar gun slugeadh e gach focal d’a shearmoin. Thug so misneach dhomh guth a dheanamh air m’ ath-philleadh do Chromba, agus na ceistean a leanas a’ chur ris.
C.—Ciod an taobhar airson an deachaidh tu co fad o’n tigh air an t’seachdain so chaidh, a dheisdeachd searmoin, ri sid co fuar, agus thu gun-bhròg gun stocainn?
F.—Tha e air aithris gu bheil Criosd ri fhaotainn ann an searmonaibh, agus b’ aill leam fios a bhi agam an sgeul fior e.
C.—Tha fios agam gu bheil thu feitheamh air an Seol-follaiseach san aite so: tha fios agam mar an ceudna gu bheil e na chleachdadh aig scolairean leisgeil a dhealbh gu bhi air falbh o’ n leabhrachibh, agus ma s’ ann mar so tha chuis maille riutsa tha thu deanamh aidmheil creidimh na sgà chum do dhion, a chionn gu bheil fuath agad do ‘n leabhar, ni tha gu cinnteach na pheacadh mor dhuil. Innis an fhirinn, agus bi cinnteach nach dean thu breug. An robh a chuis mar tha thu ‘g radh? (Ghnathach mi ‘n doigh cheasnaichidh so cha n’e gu’n robh agam riasan bhi amharasach mu threibhdhreas a ghiullain, ach a chum staid anama fhoghlum na bu mhiona’diche.)
F.—Fhad s a’s eol domh mu’m thimchioll fein s e so mo staid. Tha mi cinnteach gu bheil mi ann an staid nàduir, ach cha’n’eil mothachadh ceart agam air, agus ‘s ann chum beo-mhoothachadh fhaotain air truaighe mo staide ‘thaobh nàduir tha mi dol do ‘n Eaglais; oir chuala mi a’ ministeir again fein aig ràdh mar faiceadh neach agus mar biodh mothachadh aige mar an ceudna air truaighe a staide thaobh nàduir nach robh e comasach dha luach a chur air Criosd.
C.—Ciod ma tha ‘n Tighearn a gealtainn an geur mhothachadh sin air peacadh oibreachadh?
F.—B’aill leam fhoghlum ma tha leithid do mhisnich air a tabhairt anns a Bhiobull. Sheol mi sin e gu Eoin xvi. 7-11, agus mhinish mi dha na bhriathran tha gabhail a steach annsa gearr-fhoirm na h-oibre ghràsmhor tha Spiorad Naomh a’ g oibreachadh ann’ an cridheachaibh na ‘n daoin taghta. Ghlac e ‘m Biobull as mo laimh, agus leugh e na briathran le mòr dhùrachd; gu sonraichte nuair a dh’innis mi dha gu’n robh an gràs so uile air a ghiulan air aghaidh ann an geallanaibh saor bha toirt misnich do aon na chorsan.
C.—Am bheil thu cleachdadh, ùrnuigh?
F.—Cha’n’eil.
C.—Am bheil thu dol co fad o’n tigh a dheitheamh air searmonaibh aig amaibh comanaiche agus gun a bhi cleachdadh ùrnuigh?
F.—Tha mi lubadh mo ghlùn: ach ge do is se so mo ghnà, cuig
uairean, agus aig amaibh sè na seachd uairean san là gidheadh cha chan mi urnuigh ris; oir tha mi mach a Criosd, agus air an aobhar sin a dheasbhuidh spiorad na h-urnuigh.
C.—An robh e na chleachdadh agad anns na bliadhnaibh a chaidh seachd bhi feitheamh air searmoinibh, mar anns na laithibh so.
F.—Gu ruig an leth-bhliadhna so ma dheireadh do’m bheatha, b’e mo ghna’ chleachdadh, searmoin eisdeachd, theagamh aon uair no da uair sa bhliadhna; agus ‘nuair a dheisd mi, bhithinn co sgith mun croichnaicheadh an searmon ‘s gur minic dh-fhag mi ‘n Eaglais ‘sa chaidh mi chluiche.
C.—Cionnas tha e’ tachairt gu bheil thu feitheamh air searmoinibh air laithibh seachduinn a nis co math ‘s air là an Tighearna?
C.—Cha neil e comasach dhomh reusan thoirt seachd, ach amhain nach robh toil agam aig am sam bith roimhe so tighinn a dheisdeachd; a nis cha neil do dhanadas agam fuireach air m’ ais.
C.—An robh thu aig am sam bith a comhradh ri d’ Mhiniteir?
F.—Cha robh; ciod a bharail a bheireadh e, na’n gabhadh balachan bochd mar mise a dhanadas dol da ionnsuidh? Cha mhò thiginn d’ar n-ionnsaidhsa mar cuireadh sibh fios orm. Dh’ fheorach mi, gu dearbh, aon uair do A. W. fear eolas dhuibh fein, cionnas a ghloirachinn Dia, agus dhinnis e dhomh “gu’m ‘be Dia ghloirachadh, aitheanta a choimhead.” An sin, an deigh do Andreas smaointeach ann fein, thubhairt e. Tha mi n’ duil gu bheil mi comasach freagairt a thoirt do’m cheist fein a nis; oir ged tha na thubhairt esan rium fior, gidheadh “tha mi smaointeachadh gu bheil an duine o’ thuiteam Adhaimh neochomasach Dia a ghloirachadh ach trid creidimh ann an Criosd agus umhlachd da aitheantaibh, na neartsan.” Thug am freagrath so ma dheireadh, co tuigseach do fhear aoise, orm fheorach dheth. Cionnas a thaing e chum a leithid sud do eolas? ffreagairt e gu modhail “Tha mi ‘geisdeachd searmonachadh Maighstir Gordon”; mar gun abradh e, “Cha’n’eil m’ eolas idir a reir na’n còthromaibh a tha mi sealbhachadh.” Mar so bha e soilleir, an aite bhi air at suas le uabhar, gur ann bha nàir air bhi co aineolach. Air so chomhairlich mi dha bhi ‘g Urnuigh an’ uaigneas a ghnà, bhi feitheamh gun sgur air orduighibh follaiseach an t-soisgel; bhi umhail da mhàthair, chum mar so nach faigheadh a chreidimh bèum; agus ro aire thabhairt da leughadh, chum gu faiceadh, a cho-scoileirean gu’m bu taitneach a bha urnuigh agus ionnsachadh a co-fhreagrath; seadh, gu’m b’e an t-slighe chinnteach gu fior shoirbheachadh bhi diadhaidh. An deigh moran chomhairlean thabhairt da chum na criche so, ghabh mi mo chead.
Air m’ ath-philleadh do Chromba an deigh bhi air falbh sed miosan, dh’ fheorach mo do Mhaighstir Gordon a bharail air a ghiullan bhochd so, agus ged is neach e co faicilleach aidmheillean creidimh a mholadh ri neach air an do chuir mi riamh eolas, gidheadh, dhaidich e; “Tha ‘eolas air nithibh spioradail a cur
ioghnaidh orm, tha e tighinn do’m sheòmar uair san t’seachduin, agus aig innseadh dhomh ciod a thubhairt Criosd ris, agus ciod a thubhairt Satan ris, agus cionnas a bha e air a ghnàthachadh do ‘n taobh le cheile, co riochdail sa chuireadh fear turuis sios na tighean-osd aig na stad e.”
Air dhomh a leithid do theisteas a chluinntinn o’ neach co creideasach ri Mr. Gordon, bha mhiam orm an gille fhaicinn an treas uair; agus an tra chunnaic mi e thug mi fainear atharrachadh soilleir na ghnuis, agus air dha innseadh dhomh gu’n robh e nis ann an Criosd, thubhairt mi ris. “Ro mhaith, mo ghiullan, is saorsa sin gu deimhin: saorsa tha moran a gabhail orra bhi aca, ach beagan a fein-fhaireachdain: Gidheadh, ma ‘s urra thu freagradh taitneach a thabhairt do bheagan cheistean, a chuireas mi riut, tha mi smaointeachadh gu ‘feud mi deadh bharail altrum umad: toisichidh mi, air an aobhar sin, thar ‘n do sguir mi dhiot, nuair ma dheireadh choinnich sinn.”
C.—Thubhairt thu gu’n robh thu cinnteach bhi ann an staid nàduir, ach nach robh a’ mothachadh ceart agad air; nis, ciod an sealladh agus a’ mothachadh a’ fhuair thu air do staid nàdurra?
F.—Chunnaic mi, Air tìs, gun robh fior aomadh mo chridhe an aghaidh Dhè, agus gu sonruichte an aghaidh rathad innleachd na slainte trid Chriosd: San dara h-aite, Gu’n robh e co neochomasach dhomh mi fein a shaoradh o’n staid thruaigh sin, sa bha e dhomh a ghrian e spionadh as an iarmailt; San treas aite, Nach e mhain gu’n robh mo bheatha san aimsir chaidh seachad na h-aon chùrsa peacaidh, ach mar an ceudna, gun robh eadhon m’ urnuigh, mo leughadh, m’ eisdeachd, maille ri m’ uile dbleas-nais cràbhach, gu tur air an truailleadh le peacadh. Agus, anns a cheathramh aite, Dhaindeoin na nithe so gu leir, mhothaich mi ann am chridhe claonadh co laidir gu’m’ fhireantachd fein a chur air chois ‘s gu’n robh e saothrachail do’n Tighearna thilgeadh sios; gidheadh dh-oirpich mi a chur air chois a ris. Tuilleadh fos, mhothaich mi mo chridhe ri striopchas spioradail gach là, air mo ghiulan air falbh le diomhanas, agus mar so a ghna teicheadh air falbh o’ Dhia:—agus rinn sealladh air na nithe so drùghadh co domhain orm ‘s nach robh fois la’ no oidhich’ agam, gus an robh mi air mo shaoradh le Criosd.
C.—’Nuair tha Criosd ag’oibreachadh a leithid sin do shaorsa, tha e labhirt gu cumhachdach ris a chridhe; an do bhuin e mar so riutsa?
F.—Bhuin; Oir bha na scriobhtuirean a leanas air an càramh, gu cumhachdach, ri m’ anam leis an Spioraid naomh:—”Le gràdh siorruidh ghràdhaich mi thu: uime sin le caoimheas gràdhaich tharruing mi thu” (Jer. xxxi. 3).—”Ni mi ribh coimh-cheangal siorruidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh” (Isa. lv. 3).—”Thug mi dhuibh oigreachd na muintir sin air am bheil eagal m’ainne” (Psalm lxi. 5).—”Cha’n ftag agus cha tréig mi ‘m feasd thu” (Heb. xiii. 5).
C.—Cionnas tha fios agad gu’n do chàraich an Tighearna na
geallana so riutsa, agus nach do mheall aon chuid Satan no do chridhe fein thu?
F.—Air uairibh tha Satan ga bhrath fein, mar an uair a b’aill leis, leis an fhoical fhiaradh, mo tharruing gu péacach, no mo chlaonadh o dhléasnas; agus anns a chuid as mò, tha mi mothachadh gu bheil oidhirpean gus am focal fhiaradh, an dara cuid, ga m’at suas le uabhar, no ga m’ leagadh sios ann a mi-mhismich: ‘nuair, air an laimh eile, a tha an Tighearna labhairt, tha mi mothachaidh fhoicil freagarrach. Tha mi air uairibh ann an teanntachd, agus an sin labhraidh e; tha mi ga mhothachadh freagarrachd da m’ fhior staid, agus a beothachadh na beatha spioradail a tha mi faireachdain ann am’ anam.
C.—Ciod a tha thu tuigsinn leis a bheatha spioradail ann a’ d’ anam?
F.—Fèumaidh mi aidicheadh nuair mu dheireadh a chunnaic mi sibh, nach robh mo smaointean air beatha spioradail fhaotain o’ Chriosd; ‘se na bha mi g’iarraidh cuibhrionn ann; agus ‘s eagal leam gur lionnfhior iad tha feitheamh air orduidhean follais each air nach eil chram mu’n ni so; seadh feumaidh mise aideachadh gur ann mar so a bha chuis maillle rium fein. Ach nuair a thug Criosd mi gu gloir a phearsa fhaicinn, mar a nis air neamh, fhuair mi so na bheatha, agus chunnaic mi gloir Chriosd co maiseach ‘s nach eil agam cainnt gu chur an ceill; an ni so amhain tha dearbhte, gun d’ambhairc mi air m’uile shonas fein air fhilleadh co mor ann an Criosd ‘s gun do mheas mi ‘n saoghal mar neoni; agus, ged nach eil mi comasach oibreachadh m’anama fein mar ata mi ga mhothachadh, a chur an ceill, gidheadh, tha mi comasach caileigin dheth fhoghlum o’ na tobritchinn tha air an t-slighe o’n tigh gu Cromba’: oir mar tha uisge anns na tobritchibh so, ge beag iad, tha dochas agam gu bheil e mar sin maillle ri m’anam. Tha n-tuisge ann an cuid do na fuarain so air a chomhdach le feur agus luibheannaich, mar sin tha aig uairibh, sealladh air a bheatha so, air fholach uamsa le truailleachd mo chridhe fein: ach mar tha ‘n tuisge ri fhaicinn, air do neach na luibhean a charuchadh le lamhaibh, mar sin tha bheatha so le foillseachadh tìr:—agus mar tha uisge fantuinn anns na tobritchibh so a nis, ann an ceud mhios an fhogharaidh, nuair tha lochain mhòra air tiormachadh suas, mar sin tha dochas agam gu mair beatha Dhè ann a’ manamsa, do bhri’ gu bheil gràdh Chriosd neo-chaochaideach.
C.—Ciod nam faigheadh tu bàs a’ nochd?
F.—O! b’ fhear leam gum faigheadh! O nach b’ e’maireach là bhretheanais! ‘s mise bhiadh cinnteach a bhi gu bràth maillle ris an Tighearna.
An deigh so, bha oibreachadh gràis Dhe cho soilleir r’a fhaicinn ann, ‘s gun d’ innis Maighstir Gordon dhomh; Ars’ esan, Dh’ fhuirich mi fad bliadhna fiach c’amar a rachadh do dh’ obair an Tighearna ann an anam a bhallachain, ach on chunnaic mi a threibhdhreas, agus gun robh gràs Dhe gu soilleir aige, cha
b’ urrainn mi’n comanachadh a dhiultadh dha. Thug mi, uime-sin, cead dha, agus shuidh e aig bord an Tighearna na chuig-bliadh’n-deug: agus ma shuidh b’ àrd-fheil d’a anam e.
Beagan uine ‘n deigh na coinneamh so (ars Maighstir Davidson) chunnaic mi ris e, agus dh’ fheoraich mi dheth cionnas a bha obair Dhe dol air aghaidh na anam: “Tha dochas agam, ars esan, gu bheil i dol air a h-aghaidh; oir o chionn ghoirid tha mi air mo theagasg tuilie do dhiomhraeachd peacaidh fhaicinn, ann am chridhe fein gu sonruichte. Tha mi mothachadh annam claonadh uabhasach gu earbsa dheanamh asam fein, agus gu m’ thaic a leagadh air m’ oibribh cràbhach, agus air a ghràs a fhuair mi, nis mo na air an lànachd a tha ann an Criosd.” Dhinnis e dhomh mar an ‘ceudna a chionn nach robh e air fhiorsrachadh le trioblaidibh mar a bha na naoimh, gu’n robh Sàtan a cur am fiachabh air gu m bu mhac diolain e ‘s nach bu mhac dligheach:
“Ach ceann beagan uine, ars’ esan, thug an Tighearna freagrath dhomh don chunghaill so. Air uairibh tha ‘n Tighearn a folach a ghuis uam car leth là; agus tha fios aige gu’n cuir so tuille trioblaid orm na uile thruighean na beatha ta làthair; tha so a dearbhadh dhomh gur leanabh le Dia, agus nach mac diolain mi, do bhrigh gu bheil mi meas dì lathaireachd Dhe, mar an smachdachadh as geire.”
Air da luchd aidmheil creidimh a thabhairt fainear aon la ga chomharachadh a mach do chàch a cheile, thubhairt e, “Na ‘m biodh eolas aca air mo chridhe, biiodh ioghnadh aca dhiom air caochladh doigh, eadhon airson mo ghràinealachd uabhasaich.” Bha e mu thimchioll toiseach na bliadhna 1749, nuair chunnaic mi mu dheireadh e: choisich e leam tri no ceithir do mhilltean, agus dhinnis e dhomh, gun robh e car iomad mios, fuidh iomadh buaireadh geur, ach gu n do shaor an Tigharna gu gràsmhor e chum solus a ghuis fhaicinn, agus gu gairdeachas a dheanamh na fhireantachd. ‘S fior an ràdh e “Gu bheil slighe an fhirean mar an solus dealrach a dhealruicheas nis mo agus nis mo gu ruig an là iomlan” (Gnath. iv. 18).
A MAN may be certainly the possessor of a property, yet be dubious as to its title, and yet have a good title too. You, with the fear of God in your breast, are as certain of being in heaven as that Christ is there now; but you may not have the certainty in your own breast. You may have, as most of the people of God have, thousands of doubts and fears which may seem to rack you to the very centre, and yet there is a certainty in the things themselves, though your doubting soul may be at an uncertainty about them. Still, it is not good to be ever fluctuating upon a sea of uncertainty; it is good to find the ground solid under our feet, and to have a rock, the Rock of Ages, on which to firmly stand.
—Philpot.