J. S. S.
Air Tomadh Dhiadhaciiiiid.
LE MR. EON UELSH.
“Gu’n d’thugadh e dhuinn, air bhi dhuinn air ar saoradh o làmh ar naimhde, gu’n deanamaid seirbhís da as eugmhais eagail, ann an naomhachd agus ’am fireantachd ’na làthair fhèin, uile làithean ar beatha.”—LUCAS i. 74, 75.
BHA dá ni a d’fhag sinn gun chriochnachadh aig an ám mu dheireadh, b’è a h-aon diubh, gu’m bu chòir do uile làithibh ar beatha a bhi na seirbhís dha-san, a rinn bhur saoradh a mach a ifrinn, agus a shaor sibh á làmh bhur naimhde.
B’è an aon eile, ciod an dòigh anns am bu chòir do uile làithean bhur beatha a bhi air an caitheamh (co fad ’sa tha e sudhèanta) agus air an cuir seachad, a chum’s gu’m bi sìth air a gleidheadh eadar Dia agus bhur n-anama’. A chum na crìche so leughaidh mi cuid do earrannibh do’n Sgriobtur a chum bhur daighneachadh, agus a thabhairt dhuibh ni-eiginn do sholus ann an so. An t-àite sin do’n Sgriobtur, ann an Lucas, i. 74. Chuala sibh e anns a mhaduinn, agus ann an fosgladh suas, chuala sibh gu’m feum saoradh a bhi ann, mu’n urrainn sibh seirbhís air bith a dhèanamh do Dhia; oir thusa nach ’eil air d’fhoghlam agus air do theagasg ann an dìomhaireachd do shaoraidh, agus thusa nach ’eil ann an tomhas-èiginn, a’ faotainn do chridhe air fhuasgladh, agus fuil Chriosd a’ glanadh do chridhe, cha’n urrainn thu gu bràth seirbhís a thabhairt do Dhia as eugmhais eagail mar bu chòir dhuit a dhèanamh; uime sin sibhse leis am b’àill bhur cridheachan a bhi air an daighneachadh ann an seirbhís Dhè, feumaidh sibh smuaineachadh gu tric air a so, gu’n do shaor fuil a Mhic ’ur n-anama o ifrinn, bho na bàs, agus bho cheartas Dhè; oir co fhad ’sa bhios tu cur an teagamh, co fhad ’sa tha thu a’ seasamh eadar an dà ni so, co-dhiubh is e Criosd do Shlànuighear no nach e, cha’n urrainn thu soirbheachadh ’san diadhachd, agus mar sin cha mhair do shòlas na’s faide na mhaireas do bheachd agus do mhothachadh; uime sin tha cuimhne agam gu’m bheil e air a ràdh, “uime sin seasaibh gu daingeann anns an t-saorsa leis an d’ rinn Criosd saor sibh, bi’se bunáiteach anns a chreidimh.”
Mar so na’n oidhirpeachadh tu seirbhís a thoirt do Dhia as eugmhais eagail, ghleidheadh tu do ghnàth creidimh anns an Tighearn Iosa; agus dòchas na slàinte ann a fhuil-san; oir co luath ’sa leigeas tu bunait do chreidimh a dhol air falbh, ann an sin cha’n ’eil agad misneach gu seirbhís a thabhairt do’n Tighearn do Dhia. Chuala sibh so a cheana, agus tha nis a’ leantuinn, cia fhaide bu chòir do’n t-seirbhís so a bhi? Fad uile làithean bhur beatha, agus gidheadh cha’n ’eil iad lionmhor; agus ge’ do bhiodh iad lionmhor, fathast, ciod e iad ann an luigheadachd air son beatha shìorruidh? Cha do ghairm Iacob a sheann aois fada ach na’n teirce do làithean, agus olc. Dh’innis mi dhuibh anns a’ mhaduinn, nach bu chòir dhuibh dàil a chuir ann an seirbhís Dhè gu crìch bhur làithean ; ach gu’m bu chòir dhuibh a ràdh maille ri Daibhidh, “Thighearn teagaisg dhomh mo làithean àireamh, a chum ’s gu’n suidhich mi mo chridhe air gliocas;” agus ’se so an t-aon ghliocas, rè uile làithean do bheatha gu’n suidhich thu do chridhe a chum seirbhís a thabhairt do’n Tighearn do Dhia. Na’m biodh neach sam bith agaibh gu dol air turus air gnothach cudthromach a bha agaibh ’san làimh, cha saoileadh sibh e na chùis bheag aon là a chailleadh air an t-slighe ; eadhon mar sin tha chùis ann an so ; ann an so tha bhur turus air gnothach co cudthromach ri sàbhaladh agus dìteadh ; uime sin bu chòir dhuibh a mheas na chùis mhòir aon là a chailleadh air an turus so. Tha mòran an dàil gu’m faigh iad àm na’s cothromaiche an dèigh so gu seirbhís a thabhairt do Dhia, uime sin feudaidh mi an là so a chuir seachad mar is àill leam fhèin ; ach tha iad air am mealladh, oir is leòir do gach là a ghnothaichean fhèin ; uime sin c’ar son a chuireadh sibh dàil gus am màireach anns an ni bu chòir a bhi dèanta an diugh, air dhuibh fhaicinn gu’m bheil na’s leòir aig an là màireach ri dhèanamh air a shon fhèin? Gu dearbh tha mi ’faicinn gu’m bheil clann an t-saoghail so ’na’n ginealach fhèin na’s glice na clann an t-soluis ; do bhrìgh ’s gu’m bheil iad a’ gabhail cunntais de’n obair gach là, agus a’ sealltuinn ciod e a rinn iad, agus ciod a tha aca ri dhèanamh ; ach cha’n ’eil sinn co glic a tha leigeil le aon là a theachd agus le là eile a dhol air falbh. Mar sin, tha mi ag ràdh, cha bu chòir dhuibh aoradh Dhè a thilgeadh seachad gu là na Sàbaid, no làithean sòlaimte, ach bu chòir duibh aoradh a thabhairt do Dhia na h-uile là, ach bu chòir duibh cunntas a ghabhail de’n obair gach là, agus gun na h-uile a thilgeadh ann an aon dùn cuideachd.
’Nis, tha sinn uile-fhad air deireadh ann an so, uime sin tha mi guidhe oirbh gu’n daingnich sibh bhur cridheachan na’s mò agus ’s na mò anns an fhìrinn so, gu’m bheil sibh fuidh cheangal seirbhís a thabhairt do Dhia uile làithean bhur beatha, ann an naomhachd agus ann am fìreantachd; cha bu chòir dhuibh a bhi mì-naomh na’m fianuis ann an uair sa’m bith do’n là no do’n oidhche; ’se sin, bu chòir dhuit do chridhe agus do bheatha a thoirt air làthair na h-uile là agus na h-uile h-oidhche, agus anns gach uair de’n là, oir cha bhi chùis gu bràth gu maith maille riut gus am bi e mar sin.
Agus ciod is aobhar gu’m bheil thu co mì-chùramach a chum seirbhís a thabhairt do Dhia, agus gu glòir a thabhairt da ionnsuidh, agus sòlas do d’anam fhèin gach aon là? Ciod e? Ach do bhrìgh ’s nach ’eil thu cuimhneachadh gu’m bheil thu ann am fianuis Dhè na h-uile là, agus anns gach uair do’n là. Ciod a dhèanadh sibh, na’m biodh sibh na h-uile là am fianuis daoine cumhachdach? Agus ge do bhiodh sibh ann am fianuis a’ phrionnsa na h-uile là, nach faiceadh am prionns’ na nithe a bha sibh a’ dèanamh ’na fhianuis na h-uile là? ’Nis, smuainichidh sibh so cruaidh r’a dhèanamh, a chuimhneachadh gu’m bheil Dia do ghnàth fa’r coinneamh, agus gu’m bheil e do ghnàth ag amharc air bhur smuaintean, bhur briathran, agus bhur gniomharan; ach nach cuir sibh a’ chùis gu dearbhadh, agus gheibh sibh a’ chuing sin socrach, agus an t-uallach sin eutrom; oir aon là air a chaitheadh fuidh chuing Chriosd, ’se sin, ’nuair a ni thu do dhìchioll rè an là uile gu Dia a thoileachadh ’sna h-uile nithean, agus cogais mhaith a choimhead a thaobh Dhia agus dhaoinne, ge nach d’rinn thu an ni fuidh ’n robh thu ceangailte a dhèanamh; gidheadh air do’n là so a bhi air a chaitheadh do Dhia, bithidh e milis agus taitneach dhuit. ’Nis, Leughaidh mi earrann eile de’n Sgriobtur, Eabh. iii. 11, “Ionnas gu’n d’thug mi mo mhionnan a’m fheirg, nach tèid iad a steach do mo shuaimhneas”; anns an t-seathamh earrann tha e ag iarraidh, “dànachd, agus gàirdeachas an dòchais a chumail gu daingeann gus a’ chrìoch.” Agus a chum impidh a chuir orra so a dhèanamh, tha e tabhairt a steach earail an Spioraid Naoimh, ag ràdh, “An diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruaidhichibh bhur cridhe.” Agus an dèigh sin tha e tabhairt a stigh eiseimpleir nan athraichean anns an fhàsach, a chaill am muinghinn, agus gàirdeachas an dòchais, ’nuair a bhuaire iad Dia, agus a dhearbh iad e, ge do chunnaic iad oibre rè dà fhichead bliadhna; agus ris tha e ag innseadh ciod a thàinig dheth na sin, sin r’a ràdh, “Gu’n robh dìomb aig an Tighearn ris a’ ghinealach sin, agus thubhairt e, tha iad a ghnàth air seachran ’nan cridhe; agus cha do ghabh iad eòlas air mo shlighibh-sa, uime sin mhionnaich mi a’m fhearg, nach tèid iad a steach do m’ shuaimhneas”; ’se sin, cha tèid iad gu bràth a steach a dh’ionnsuidh m’fhois; an sin tha e a’ cuir earail fhèin ris, anns an 12 rann, ag ràdh, “Thugaibh an aire, a bhràithrean (oir na’m faiceadh neach sam bith agaibh long air an fhairge dol am mugha air carraig fa’ chomhar bhur sùilean, nach d’thoireadh sibhse an aire nach rachadh sibh am mugha mar an ceudna): eadhon mar sin ann an so, d’eagal aig àm air bith, cha’n e mhàin gach là, ach air àm sam bith air an là; tha fios agam gu’m bi e cruaidh air neach sam bith agaibh, a bha ’nar coigrich do Dhia o chian fhada, aire thabhairt duibh fhèin gach aon là, agus anns gach uair ’san là, do bhrìgh ’s nach robh agaibh riamh eòlas air a so; ach fathast nach gabh sibh eòlas air, agus na bithidh na’s mò ’nur coigrich do bheatha Dhè, agus cha shaoil sibh doilbh e, mur bi ann an aon neach agaibh droch chridhe; beachdaichidh sibh a’ ni ’sa mar so, Thighearn, nach feud mi aig àm air bith droch chridhe a bhi agam, ’seadh, cha’n fhaod: fathast, tha so na chuing shocrach agus furas r’a giùlan: agus ciod am buannachd no’n taitneas a bhios agad ’sa pheacadh, ’nuair a mhothaicheas tu breitheanas Dhia ort fhèin? Agus ’nuair a tha do chridhe gu h-olc, ciod a’s urrainn dhuit a dhèanamh ach peacadh, oir thèid teangan, agus làmhan, agus gach ni de’n seòl. Ma bhios droch chridhe ann an neach sam bith agaibh, deir esan, feudaidh e mìle a phuinnseanachadh, ’nuair a tha iad air an cuir ann an cuideachd no ann an companas maille ri mì-threubhghaireasa, oir an sin tha’n droch chridhe a’ teachd, ge b’e uair a leigeas tu as do ghreim do Chriosd, agus do’n ghealladh, tha’n sin an diabhul a’ teachd ’nan àite. ’Nis, tha mi a’ ceadachadh nach fhaigh thu Criosd do ghnàth, ach gidheadh feudaidh tu an gealladh a bhi agad do ghnàth ann do chridhe, gun dealachadh ris an Dia bheò. C’ar son, cha’n urrainn a bheag sam bith do chridhe a chumail air Dia ach creidimh, agus ’nuair a chailleas tu creidimh, ’an sin tha thu aig imeachd air falbh o’n Dia bheò, agus ’an sin falbhaidh do bheatha agus do mhothachadh. Nach faic sibhse a’ nis ciod e is creidimh crìosduidh ann, eadhon aire a thabhairt do’r beatha anns gach uile àm, nach imich sibh air falbh o Dhia. An saoil thusa, an e an creidimh crìosduidh a bhi cumail uairean agus amaibh sònraichte ann an aoradh Dhia? Cha’n e, thusa a tha air do cheannach le fuil Iosa, tha thu ceangailte aire thabhairt do d’chridhe rè uile làithean do bheatha.
(Ri leantuininn.)