Cha’ n’eil taitneasan a pheacaidh ach re seal, ach tha pianntan nan aingidh siorruidh. Tha cuirm na’m peacach goirid, ach tha’n cunntas fada. Bu mhearchd mhòr do Origen a smuaineachadh, gum biodh a mhuinntir dhamainnte air an leigeadh as, an deigh mile bliadhna do dh’fhulang: ‘Sann tha chnuimh, an teine, am priosan siorruidh. “Agus bithidh deatach am péinesan ag éiridh suas gu saoghal nan saoghal” (Taisb. xiv. 11). ‘Se th’anns an t-siorruidheachd cuan gun ghrunnid gun bhruaich. An déigh muilleanan do bhiadhnaibh cha bhi aon mhionaoid dhe’n t-siorruidheachd air a dhol seachad—agus feumaidh a mhuinntir dhamainnte a bhi a chaoidh a losgadh, ach gun a chaoidh air an caitheamh—a ghnàth a bâsachadh, ach gun a chaoidh a bhi marbh. “Iarraidh daoinne am bàs, ach cha’n fhaigh iad e; agus bithidh déidh aca air bàsachadh, ach teichidh am bàs uatha” (Taisb. ix. 6). Tha teine na h-ifrinn dhe’n nàdar sin nach bâth sruthaibh do dheoir e —cha chuir fad ùine crioch air—bithidh soitheadh feirge Dhé a sir shileadh air a pheacach. Oh, a Shiorruidheachd! a Shiorruidheachd! co as urrainn do thomas? Tha an luaidhe is an sreang aig maraichean gu doimhne a chuain a thomas, ach ciod an luaidhe is an t-sreang a ghabhas sinn gu doimhne Siorruidheachd a thomas. Tha anail an Tighearna a lasadh an teine ann sa chuan iochdaraich, agus ciod an uidheam leis am bâth sinn an teine ud. Oh, a Shiorruidheachd! Na’m bitheadh an talamh agus an cuan agus an fhàile gu àirde nan speur air an tionndadh gu gainmheach, agus gu’n d’thigeadh eun beag aon uair ‘sa mhile bliadhna, agus gu’n tugadh e leis an deicheamh cuid do ghràine, ciod àireamh do-airimhte do bhiadhnaibh a ghabhadh e a toirt a mheill uile leis. Gidheadh, aig ceann na h’ùine, na’n d’thigeadh am peacach a mach a ifrinn bhiodh dòchas éigin ann, ach th’ a’m focal sin “gu saoghal nan saoghal” a bristeadh a chridhe. “Agus bithidh deatach am péine-san ag éiridh suas gu saoghal nan saoghal.” Ciod an t-uamhas a th’ann an so do’n aingidh, gu leoir gu fallas fuar a tharruinn air gach mìr dhe, a smuaineachadh fhad sa tha Dia siorruidh gu bheil e beò gu dioghaltas a ghabhail air na peacaich.—Watson.
Oh, PHEACAICH! an ruidh thu steach do’n t-siorruidheachd gun mhaithneasas gun slàinte! gu meagachadh maille ris a mhuinntir dhamainnte agus gu bhí a d’ bhall-magaidh aig Diabhuil?
Tog do chridhe nis ri Dia air son tròcair—”FEUCH UAN DE A TA TOIRT AIR FALBH PEACAI DH AN T-SAOGHAIL.”—Eoin i. 29.
WHAT are all the stained glories, the fading beauties, of this world?—of all that the devil showed our Saviour from the mount? What are they in comparison of one view of the glory of God represented in Christ, and of the glory of Christ as His great Representative?—John Owen.