Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2026-27
    • Glossary of Common Errors and Controversies
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
    • Overview of Australian Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1923 » October 1923 » Searmoinean leis an Urramach Flongbas MacMhaolain

Searmoinean leis an Urramach Flongbas MacMhaolain

Searmoin V.

Gniomhara, iii. Caib., 19 Rann.

“Air an aobhar sin, deanaibhse aithreachas, agus bithibh
air bhur n-iompachadh, chum gum ’m bi bhur peac-
anna air an glanadh as an uair a thig àmanna fionn-
uaireachd o lathair an Tighearna.”

(Air a leantuinm o t.-d. 158).

  1. Tha gràs iompachaidh a tionndadh cridhe an duine
    gu h-iomlan o ghràdh a pheacaidh, agus ga tharruing gu
    toileach a dh’ ionnsuidh an Tighearna. Tha cridhe nuadh
    agus spiorad nuadh air an compartachadh ann an obair
    iompachaidh; agus uime sin, tha ’m fior iompachan, cha
    ’n e mhàin a pilleadh a dh’ ionnsuidh an Tighearna, ach a
    dlùth leantuinm ris le rùn cridhe. Cha ’n ’eil gràs iom-
    pachaidh a cruth-atharrachadh an duine o ’n leth a mach,
    agus ga fhàgail gun atharrachadh sam bith ’s an leth a
    steach; oir tha ’n gràs so a deanamh grèim air uile bhuaadh-
    ibh an amama, a soillseachadh na h-inntinn, a glanadh na
    coguis, ag ath-nuadhachadh na toil, agus ag aomadh a’
    chridhe gu h-iomlan a dh’ ionnsuidh Dhè. Tha ’m moth-
    achadh a th’ aig an iompachan air a steid chailte mar
    pheacach, ga bhrosnachadh gu bhi tréigisinn a pheacaidh;
    agus tha ’n sealladh a fhuair e air glòir Dhè, agus am
    blas taitneach a th’ aig air nithibh spioradail, ga threòr-
    acladh gu toileach a dh’ ionnsuidh Athair nan spiorad,
    Tha cridhe ’n duine gu nàdurrà cho ceangailte ri iodhol-
    aibh, as nach dean ni sam bith a sgaradh uatha, agus a
    philleadh a dh’ ionnsuidh Dhé, ach gràs iompachaidh.
    Cha dean comhairle caraid air bith feum, cha dean cuir-
    eadh, no rabhadh, no smachdachadh air bith an gnothach,
    cha ’n ’eil ni sam bith fo neamh a philleas droch chridhe
    mhi-chreidimh a dh’ ionnsuidh an Dè bheò, as eugmhais
    gràs iompachaidh. Ach ciod air bith cho cruaidh ’s a tha
    ’n cridhe gu nàdurrà, ciod air bith cho ceangailte ’s a tha
    e ris an t-saoghail, na cho diam ’s a tha e dol an deigh iodh-
    olaibh, no cho iomlan ’s a tha e fo uachdaranach a pheac-
    aidh agus an Droch-spioraid, tha gràs iompachaidh leòir-
    fhoghainteach chum a sgaradh o ghràdh a pheacaidh,
    chum a leaghadh ann am bròn diadhaidh,—seadh, chum
    an cridhe cloiche dheanamh na chridhe feola, ’na chridhe
    briste, ’na iobairt thaitnich ann am fianuis an Tighearna.
    Is tric a rinn gràs iompachaidh na cridhheachan a bu
    chruaidhe, ’mhaothachadh, na ceannaircich a bu mho, irios-

machadh, agus cinn-fheadhna nam peacach, deonach, toil-each, striochdadh do Chriosd, an cridheachan a thabhart da, agus a leantuinn tre urram, agus eas-urram, gu uair am báis. Ciod a tha do-dheanta do chumhachd a ghràis a lùb, a dh’irioslaich, agus a ghlan cridhe Mhanaseh, a sgar an t-àrd cheannairceach so o ghràdh a pheacaidh, agus a phill e o dhroch shlighibh uile, dh’ ionnsuidh Dhé le fior aithreachas?

  1. Tha ‘n t-atharrachadh gràsmhor a tha air a dheanamh air cridhe an duine ann a iompachadh, air fhoilleachadh o ‘n leth a mach ann a chaithe-beatha. Cha ‘n ‘eil fior iompachadh a co-sheasamh gu h-iomlan, ann an ath-leasadh sam bith o’n leth a mach; oir feudaidh daonu ath-leasachadh mòr a dheanamh as eugmhais a bhi air an iompachadh,—feudaidh iad cuid d’ an sean-chleachdain-nibh a thréigsinn, a bhi dol as o shalachraibh an t-saoghail, a bhi glanadh an taobh a muigh do ‘n mheis ‘s do ‘n chop-an, agus gidheadh a bhi as eugmhais cridhe glan, agus spiorad ceart. Cha ‘n ‘eil teagamh sam bith nach robh na h-oighean amaideach fo dheadh choslas o ‘n leth a mach, co maith ris na h-oighean glic, oir bhunaich iad an cuid-eachd nan òighean glic gus an d’ rinn glaoth a mheadhon-oidheche an sgaradh o chéile; gidheadh, tha e na nì cinnt-each gu robh iad gu uair am báis ‘nam coigrich do ghràs iompachaidh. Tha obair iompachaidh a tòiseachadh anns a chridhe, agus a tionndadh a chridhe o dhorchadas, agus o ghràdh a pheacaidh, a dh’ ionnsuidh Dhé; ach tha atharrachadh slàinteil a chridhe air fhoillseachadh o ‘n leth a mach ann an nuaidheachd beatha. Tha ‘n solus nuadh a ta soilleachadh an duine san leth a stigh, a dealradh a mach ann an caithe-beatha nuadh, a réir mar a dh’ àithn Chriosd d’ a dheiscioibluibh, ag ràdh, “Gu ma h-ann mar sin a dhealraicheas bhur solus an làthair dhaoine, chum gu’ m faic iad bhur deadh oibre, agus gu ‘n; toir iad glòir do bhur n-Àthair a ta air neamh.” Tha e ‘na nì faoin do dhaoibh a bhi ‘g aideachadh gu bheil iad ‘n an deiscioib-uil do Chriosd, mur ‘eil spiorad Chriosd aca, agus mur eil iad a leantuinn òisimpleir Chriosd, a glusad eadhon mar ghluais esan. Tha gràs iompachaidh gu nàdurrna teagasg do dhaoibh, gach mi-dhiadhachd, agus ana-mianna saoghalta àicheadh, agus am beatha chaitheadh gu stuama, gu cothromach, agus gu diadhaidh anns an t-saoghail so làthair.” Uime sin, tha ‘n dream a ta ‘g alt-trum ana-mianna na feòla, a tha beò ann an gràdh, ‘s ann an cleachdainn a pheacaidh, a dearbhadh gach là nach ‘eil an cridhe ceart ann am fianuis Dé, nach ‘eil iad na ‘n creutairean nuadh. “Ma tha neach sam bith ann an Chriosd,” deir an t-Abstol Pòl, “is creutair nuadh e, chaidh na seann nithean seachad feuch rinneadh na h-uile nithean nuadh.”

II. Rachamaid a nis air n-aghaidh gus an dara ceann teagasg, le bhi toirt fa ‘near, gu bheil iompachadh gu neo-fheilnichte feumail, chum ‘s gu ‘m biodh peacanna dhaoine air an glanadh as.

I. Anns a ceud àite, cha ‘n ‘eil e iomchuidh gu ‘m faigheadh daoine maitheanas peacaidh co fhad ‘s a tha iad a buanachadh ann an gràdh do ‘n pheacadh. Tha na h-uile dhaoine gu nàdurrà, cha ‘n e mhain ‘nam peacaich, ach a caitheadh am beatha gu toileach anns a pheacadh. Cha ‘n ‘eil am peacadh ‘na ni a tha ‘n aghaidh an toil, ‘na ni d’ am bheil iad a toirt fuath, na chuing a b’ àill leo a thilgeadh dhiubh, oir tha cuid a giùlan na cuing gu toileach; tha iad beò ann an gràdh ‘s ann an cleachdaimn a pheacaidh gach là. Tha daoine, thaobh nàduir, cha ‘n e mhain beò anns a pheacadh, ach mar an ceudna ‘meudachadh ann, a cuir peacadh ri peacadh, ag antromachadh an cionta, agus a “tasgaidh suas feirg fa chomhair là na feirg, agus foillseachadh ceart bhreitheanais Dé.” Cha ‘n eil iad idir a fàs sgith do ‘n pheacadh. Feudaidh daoine fàs sgith do iomad ni anns an t-saoghal so,—feudaidh iad fàs sgith do aon àite, agus dol a dh’ ionnsuidh àite eile, na feudaidh iad fàs sgith do aon obair, agus toiseachadh air obair eile,—ach ‘s ann a tha e nàdurrà do dhaoine dol air an aghaidh anns a pheacadh gun sgios, gun fhois. Cha ‘n fhàs iad idir sgith, cha sguir iad, agus cha phill iad uath am feasd le ‘ni uile chridhe dh’ ionnsuidh Dhé, as eugmhaas a bhi air am fiosrachadh le gràs iompachaidh. A nis cha ‘n ‘eil e iomchuidh gu ‘m faigheadh daoine maitheanas peacaidh, co fhad ‘s a tha iad a buanachadh air an doigh so anns a pheacadh; cha deanamh iad ach an tròcair so a mhi-bhuileachadh, ach an gràs so a thionndadh gu macnus, ach an ni naomha so shaltairt fo ‘n cosaibh, gus am bheil iad an toiseach air an deanamh tinn le mothachadh air olc a pheacadh, agus le duraichd cridhe ag iarraidh saorsa uath. Cha ‘n ‘eil cunntas againn ann an leabhar Dhé, o thoiseach gu deireadh a Bhiobuill, air aon neach a fhuair maitheanas ‘na pheacadh, a fhuair ‘e tròcair folach air a chionta is easaontas, ann an staid neo-iompaichte. Tha maitheanas peacaidh, ” ionnlad na h-atnghineamhuinn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh,” ‘nan sochairibh a ta ghnàth dol an cuideachd a chéile; agus uime sin, na mealladh daoine iad féin le dòchas faoin ri sonas an taobh thall do ‘n bhàs, as eugmhaas a bhi air an saoradh o chionta, agus o uachdaranachd a pheacaidh an taobh a bhios. ‘S e ‘n ti a dh’ aidichieas, a dh’ fhuathaicheas, agus a thréigeas a pheacanna, a gheibh tròcair.

  1. Co fhad ‘s a tha ‘n duine buanachadh ‘na staid neo-iompaichte, tha ‘m peacadh ‘na luidhe aig a dhorus; tha cionta pheacaidh a dlùth leantuin ris, agus tha e gach la buailteach do ‘n fheirg a ta ri teachd. Tha gach bris each lagha anns an robh e riabh ciontach, an diomhair agus am follais, làn shoilleir do ‘n Dia a ta uile-léirsinneach, agus tha iad uile air cuir sios ann an leabhar a chuimhne, tha iad uile air chunntas an aghaidh a pheacaich. Mar is fhaide tha ‘m peacach a buanachadh ‘na staid neo-iompaichte, tha ‘n cunntas a ta ‘na aghaidh a ghnàth a meudachadh, tha e dol am meud gach là is bliadhna, gus am bheil an duine air a thoirt gu còir shlàinteil anns an Tighearna Iosa Crìosd. Ach an uair a tha e air a ghairm gu h-éifeachdach, agus air a cheangal ri Crìosd tre chreidimh, tha pheacanna air an glanadh as, tha na fhiachan a bha ‘na aghaidh air an dubhadh a mach gu h-iomlan a leabhar cuimhne Dhé. Agus tha so air a dheanamh, cha ‘n ann air sgàth aon ni rinn am peacach e féin, no tha e comasach a dheanamh, ach air sgàth na rinn agus na dh’ fhuiling Crìosd air a shon. Tha e feumail domh a thoirt fa ‘near, gu bheil na nithe a rinn Crìosd air son nan daoinn taghta air chuimhne aig Dia, co maith ri peacanna a phobuill so. Tha ‘n umhlachd a thug e do ‘n lagh, an dioladh a fhuair ceartas, agus an t-saorsa cheannaich e air son a shluaigh, air chuimhne mhaith aig Dia, agus ro thaithneach ann a shealladh; agus an uair a tha e faicinn neach air bith do ‘n t-sluagh air son an do cheannaich Crìosd saorsa shiorruidh, air a thoirt gu fior aithreachas, tha e ‘g amharc, cha ‘n e mhain air a chunntas a tha ‘na aghaidh ann an leabhar a chuimhne, ach mar an ceudna, air a chunntas a ta air a thaobh, air an dioladh iomlan a thug Crìosd air a shon, agus air sgàth an diolaidh a thug an t-urras so air a shon, tha pheacanna uile air an glanadh as, tha fhiachan air an dubhadh a mach a leabhar Dhé, chor ‘s nach cuimhnichear iad ni ‘s mo, chor ‘s nach tog iad ceann am feasd anns a bhreitheanas an aghaidh a chiontaich. Aig là a bhreitheanas, “iarrar aingidheachd Israeil, agus cha bhì i ann, agus lochdan Iudah, ach cha bhì iad r’ am faicinn,” do bhrigh gu robh an t-iomlan diubh air an glanadh as, an uair a phill iad a dh’ ionnsuidh Dhé le fior aithreachas. Bha ‘n dream a bha ‘nan lobhair fo ‘n t-Sean-Tiommadh, fo neo-ghloin dheas-ghnàthach a bha gan druideadh a mach o ordugh-ean Dé, agus o chomh-chomunn maillle r’ a phobuill, gus an robh iad air an glanadh. Bha ‘n luibhre so ‘na samh-ladh air cionta, agus neo-ghloin a pheacaidh, a tha druideadh dhaoine mach o chomh-chomunn maillle ri Dia, gus am bheil iad air am fiosrachadh le ionnlaid na h-ath-ghin-
  1. Anns a cheart àm am bheil peacaich air an iompachadh, tha iad air an toirt a dh’ ionnsuidh Chriosd, agus air an aonadh ris trid beò chreidimh; agus co luath ‘s a tha iad air an ceangal ri Criosd, tha còir aca air maitheanas peacaich. ‘S e Criosd Fear-saoraichd dhaoine taghta Dhé; cheannaich e saorsa shiorruidh air an son an uair a leag e sios a bheatha air a chrann-chéusaichd; ach cha ‘n ‘eil buannachd spioradail na saorsa cheannaich Criosd aig neach sam bith, gus am bheil e air iompachadh. Tha e fior, gur ann air sgàth na nithe a rinn, agus a dh’ fhuiling Criosd a tha peacaich air an iompachadh; ach tha e fior mar an ceudna, nach ‘eil buannachd, na comh-fhurtachd nan nithe so aig duine air bith, co fhad ‘sa tha e deal-aichte o Chriosd, agus na choigreach do ghràs iompachaidh. Bha Pòl na shoitheach taghta; ghràdhaich Criosd Pòl; leag e sios a bheatha, agus cheannaich e saorsa shiorruidh air a shon; ach cha robh buannachd na saorsa so aig Pòl gus an robh e air a ghairm o dhorchadas gu solus. Tha uile bheannachdan na saorsa cheannaich Criosd air an tasgaidh suas anns an lànachd neo-chriochnach a tha gabhail comhnuidh ann féin, agus tha iad air an tasgaidh suas, cha ‘n ann air son a bhuanachd féin a mhain, ach buannachd a phobuill, chum a bhi air an roinn orra-san gu saobhir agus gu saor, ‘na dheadh àm féin. Ach tha àm iompachaidh ‘na àm graidh, ‘na àm anns am bheil Dia a nochdadh a dheadh-ghean do dhaoineibh, anns am bheil an Spiorad Naomha tòiseachadh air a bhi compartachadh na saorsa cheannaich Criosd ri anamaibh a phobuill. ‘S ann a nis a tha peacaich air an toirt a dh’ ionnsuidh Chriosd, air an dlùth cheangal ris, agus a faotainn còir air maitheanas peacaichd, air saorsa o chionta agus o thruaighe. ‘S ann a nis a tha iad air an ionnlaid, air an naomhachadh, agus air am fireanachadh ann an ainn an Tighearn Iosa, agus tre Spiorad ar Dé-ne. Tha pobull taghta Dhé fo chionta a phéacaichd, fo mhallachadh an lagha, agus ‘nan cloinn feirge eadhon mar chàch, gus am bheil iad air an gairm gu còir shlàinteil anns an Tighearn Iosa Criosd; ach an uair a tha iad air an gairm gu staid gràis, tha Criosd air a dheanamh dhoibh le Dia na ghliocas, ‘na fhreantachd, na naomhachd, agus ‘na shaorsa. Do bhrigh gur leò Criosd, is leò na h-uile nithe; air sgàth an daimh ri Criosd, tha còir aca air maitheanas peacaichd, air uchd-mhacachd na cloinne,—seadh air uile bheannachdaibh a choimhecheangail nuaidh.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Nov 12
12 Nov - 16 Nov

Communions: Chiedza, Singapore

Nov 19
19 Nov - 23 Nov

Communion: Santa Fe

Dec 17
17 Dec - 21 Dec

Communion: Bulawayo

View Calendar

Latest Articles

  • 2026 Theological Conference
  • September 2026 Magazines online
  • Mission Coordinator Needed
  • Defender of the Faith or Protector of All? Has the King broken his coronation oath?
  • Youth Conference in Australia

Recently Added Audio

  • Near the kingdom of God – its advantages and dangers 13 Sep 2026
  • Who are in the kingdom of God? 13 Sep 2026
  • The Wise Men and the Star they Followed 8 Nov 2026
  • The Life and Death of a Wicked Man 8 Nov 2026
  • A powerful salvation 30 Aug 2026
  • A good foundation is neccessary 30 Aug 2026
  • Safety, in spite of a flood 23 Aug 2026
  • Hearing and doing Christ’s sayings 23 Aug 2026
  • God’s words show the safe way through life, and Job esteemed them greatly 16 Aug 2026
  • Job speaks of God’s words 16 Aug 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice