Rugadh Seumas Renuic ann an Sgireachd Ghlinnceirn, ann an Dailnibh air a 15 la de ceud mhios an Earraich, 1662. Bha a pharatan, ged nach robh iad saoibhir, comh-arrachte anns an diadhaidheachd. Bha Andera Renuic, athair, na fhigheadair: bha aig a mhathair, Ealasaid Cor-san, caochladh cloinne, a bhasaich ‘nan oige. Rainig so cridhe na mathair gu goirt, san uair a bhiodh i toirt cainnt da faireachdain bronach, bhiodh a fear-posda toirt solas di, le bhi ‘g radh, gu’n robh e ro thoilichte cloinn a bhi aige, co aca bhasaicheadh iad og na sean, na’m biodh iad nan oighreachan air gloir. Cha robh so a toirt toileachadh dhise: oir ann na h-uirnuighean ri Dia, ghuidh i airson leanabh, cha’n e amhain a bhiodh na oighre air gloir, ach a dheanadh seirbheis do’n Tighearn, na ghinealach; uime sin nuair a rugadh Seumas, ghabh i a chuis mar fhreagairt urnuigh, agus mheas si i fein fo’ iomadh ceangal chum a choisreagadh do’n Tighearna.
An deigh do Sheumas ionnsachadh am Biobull a leughadh, nuair a bha e tiomchioll do shea bliadhna a dh’aois, thug an Tighearn dha beagan chomharraidhean mu’n ghras a bha gu tighinn air, ga theagasg ann na shlighe, ‘s ga chleachdadh le teagamhan agus argumaidean oscionn breithneachaidh leanabachd, mu Chruithfhear nan uile nithibh, cia mar bha bheachdan iongantach mu cho lion do shaoghail neo-fhaicsinneach, fodh agus os a-chinn, leis an robh e air a chuir ann an leithid do staid smaoineachaidh, agus bhuanaiach e anns a chor so re uine da bhliadhna, gus an d’thainig e le urnuigh agus beachd smuaineachadh air eachdaraidh obair a chruthachaidh, gu lan chreideas gu’n d’rinn Dia na h-uile nithe, agus gu’n robh na h-uile ni a rinn e ro mhaith, agus gidheadh an deigh dha theachd gu tuille ionnhaichd, thuit e ris ann an troimh-cheile ni bu doimhne do dhorchas, mu na firinnibh steidheil so, agus bha leithid do ionnsuidhean air a thoirt air le buairidhean Dia-aicheadh, air dha bhi anns a mhachair air la’ araidh, gu’n thuirt e, is e sealltuinn ris na beanntaibh, “Ged a bhiodh iad sin uile nan amhuinean do phronnusg loisgeach, gu’m biodh e deonach a dhol trompa air fad, na’n deanadh sin dearbhte gu’n robh Dia ann.” Ach tre ghras fhuair e cuiteas na’m buairidhean sin, gu seimheachd mhilis air dearbhaichd gu’n robh leithid do bhith agus Dia ann, agus mu choir thearnaidh anns an Dia sin.
O laithean oige bha e comharrachte airson umhlachd do a pharantaibh, oir nan labhaireadh iad mu chuir ri ceaird air bith, dh’ aontaicheadh e gu suilibheir leo; ged a be gun teagamh, a roghainn fhein a dhol gu ard fhoghllum;
chunnaic an Tighearna na fhreasdal iomchuidh a dheon-achadh dha, oir thog e cairdean a bha air an togail cho mor ri a shuidheachadh dochasach, gealltanaich, ‘s gu ‘n d’ thug iad do Dhuneidin e; agus thug iad fhoghlum air aghart gu ro dhurachdach. Nuair a bha e ullamh airson an oilthigh, mhisnich iad e gu gabhail os laimh a bhi teagaig mic dhaoine uaisle, chum a bhi toirt a cheile air aghaidh na ‘m fhoghlum, gidheadh rinn a leithid sin do chuideachd, mar tha e tric a tachairt a mhealladh maillle ri dream eile gu bhi caitheamh tuille sa choir de uine ann aighear san cluich. Nuair a bha ‘n t-am a tarruing fagus ‘san robh e gu bhi ullamh san oil-thigh, thaisbean e leithid do fhuath ‘s do ghraim do ni sam bith a chuireadh diom air Dia, ‘s gu ‘n do dhiult e mionnan dilseachd a bhiodh an riaghladh a cuir air muinntir anns an am sin, do bhrigh ‘s gu’n do mheas e neo-fhreagarrach e, le bhi toirt ainn Dhia ann an diomh-anas le so chaill e choir de na duaisean a bha iad a toirt seachd san oilthigh, ach fhuair e a choir dhiu gu h-uaigneach ann an Duneidin. An deigh sin lean e fhoghlum, a frithealadh air na coinneamhan uaigneach a bha ‘n uair sin air an geur leanmhuin airson ordughean an t-soisgeul.
Bha e air a chradh gu mor le bhi faicinn mi-dhillseachd cuid de na ministearan aig an am sin, agus le bhi tuigsinn mar dh’ aidich an Tighearna saothair nan teachdairean dilis, agus mar chaidh iad chum a bhais le mor dhillseachd, creideamh, agus foighidinn, agus gu h-araidh an deigh bais an teachdair agus am mairtearach dilis sin, Mr Donull Carigill an 12 de mios deireannach an t-shamhraidh 1681, chuir e roimhe gu ‘n tilgeadh e chrannchur maillle ris na fianuisean sin anns an aobhar airson an d’ fhuiling iad, agus bha e ‘n deigh sin air a neartachadh agus air a dhain-gneachadh anns an am sin, agus a faotainn a leithid do theagasg ann, agus o ‘n fhocal, air a sheuladh air anam, ‘s nach robh e ‘n comas do na h-uile buaireadh, deuchain, agus trioblaid, o na h-uile laimh, a chreideamh atharrachadh gu la a bhais.
Air tus nuair a thainig e na ‘m measg, bha e mi-chomasach gu ‘n an aire a thoirt da; oir an uair a bha cuid a labhairt mu cuirp na ‘m mairtearach a chaidh chuir gu bas aig a Ghaololeidh a thoirt air falbh, bha Renuic air thoiseach anns a chuis. Ach cha b’ fhada an deigh sin nuair a b-eigin teicheadh do ‘n Olaind, agus an sin choin-nich e cairdean a bha air theicheadh mar bha e fein; le ‘n comhnadh-san bha e air orduchadh le aon de oilthighean na h-Olaidn gu bhi searmonachadh an t-soisgeul, agus air dha sin tachairt, chuir e roimhe pilltinn do Alba chum an t-shluaigh bhochd a bha a air an geur leanmhuinn; air dha
teisteasan laidir, lionmhor fhaotainn mu orduchadh agus fhoghllum, gu h-araidh anns na canainean Eabhra agus Ghreigis, o na oiltthighean. Fhuair e long ullamh gu cur ma sgaol do Albainn, chaidh e air bord; ach air dha feith-eamh beagan laithean airson gaoth, bha e fo lethid do mhi-mhisnich le luchd turuis aindiadhaidh a bhi sparradh doech slaine an righ, ‘s gu ‘m b-fheudar dha an soitheach sin fhagail, agus dol air bord soitheach eile a bha dol gu Eirinn. Thainig doinionn orra cho mor, ‘s gu ‘m b-eigin doibh dol a stigh gu Sasunn, a bha troimh cheile an uair sin le feall a bhatar a deanamh gu beatha an righ a ghabhail, ‘s gu ‘m robh e an cunnart; ach an deigh iomadh deuchainn air fairge, rainig e sabhailt Bail-o-clar far an robh aige iomadh connsachadh ris na ministearan ann an sin, air son an cul-sleamhnachadh, agus an neo-dhilseachd, agus gidheadh chleachd se e fein ann an leithid do dhoigh buanachaidh soisgeulach, ‘s gu ‘n d’ fhag e leithid do mhothachadh air an inntinn e bhi na oganach diadhaidh, eudmhor, ‘s gu ‘n d’ rinn iad cuideachachadh ris gu bhi faotainn aisig aithghearr gu Alba.
Ann a bhliaidhna 1683, thoisich e obair a mhinistreal-achd ann an Alba, le bhi togail fianuis air taobh bratach Chriosd far an robh i air suidheachadh, agus a bha nis air tuiteam le bas na ‘m mairtearach Mr Camshroin agus Car-gill; so a rinn e ann an neart a Mhaighstir, gu bhi cumail suas aobhar Chriosd a dh’ aindeoin foirneart a thigeadh o gach laimh.
Ann am meadhon nan deuchainibh so, ghabhadh ris le sluagh bochd a bha air an geur leanmhuinn, agus a chaill am maoin shaoghalta gu h-iomlan air sgath’ an t-soisgeul. Chum e a cheud choinneamh fhollaiseach air blar-moint-ich, ann an aird-an-iar na h-Alba, far an do mheas e iomehuidh chur fa chomhar a phobuill, mar ghairmeadh e chum dreuchd na ministrealachd; agus an taobh a bha e cur roimh’ a gabhail; mar an ceudna dh’ fhosgail e inntinn dhoibh mu na ceistean a bha cuir leithid do amaladh feadh na tier, agus a’ feuchainn co iad-san ris nach b-urrainn da e fein aonadh, aobharan airson sin; gu h-araidh cul-sleamhnachadh mhinistearan, o aobhar an Tighearna.
An deigh so thugadh iomadh ionnsuidh air a chliu a bhriseadh; cha b’ ann amhain le sluagh ain-diadhaidh, ach mar an ceudna le luchd aideachaidh, a thuirt nach b-ann do fhiar eaglais na h-Alba a bha e idir; gu ‘n d’ rinn e ministearan Alba iomasgarradh: nach robh ann ach fear saobhchrabhaidh, ‘s gu ‘r e a bha air aire a bhi deanamh buidheann dha fein. Bha e air a neartachadh seasamh fo na deuchainibh so; oir cha do sheas riamh Cleireanach ni
bù ghlaíne ‘s ni bu dillse da aobhar Chriosd an Alba, na Seumas Reunie.
Cha b-urrainn a dhillseachd, a bha nis air cinntinn ainmeil, gun theachd gu cluasan na h-ard-chomhairle; chuir e fo ‘n ghlán chuthach iad, e bhi searmonachadh anns na glinn agus anns na coilltibh; ni thug orra geur leanmhuinn a thogail as a dheigh ni bu deine ‘s ni b-ain-iodh-mhor na rinn iad air duine eile a bha roimhe anns an rioghachd. Chuir iad gu follaiseach an ceill e mar cheannaireach, ‘s mar fhear dobheart; ruaig iad a luchd leanmhuinn leis an deineachd sin a bha ‘n comas corruich agus naimhd-eas ifrinneach a dheilbh; ach gidheadh, mar bu mho, chaidh an saruchadh, ‘s ann a b’ fhearr a dh’ fhas agus a lionmhor-aich iad.
Sa bhliadhna 1684, thoisich a dheuchainibh a naimhdibh, agus a mhi-mhisneachadh le cairdean, air cinntinn ni bu mho ‘s ni bu mho; ach air a shon sin, cha leigeadh e dheth la, gun cothrom a ghabhail air an t-soisgeul a shearmonachadh; daondan saoithreach neo-sgathach. ‘na obair. Thug so air na ministearan meagh-bhlathach, a bhi cuir chasaid air, gu ‘n robb e streap a stigh air saothair dhaoine eile, oir nuair a bhiodh teachdair eile gu teachd gu searmonachadh, gu ‘n tigeadh esan don’ sgire cheudna; be so bu leith-sgeul an casaid; oir thuit air aig am araidh searmonachadh fagus do Phaislig; do bhrigh ‘s gun do chuireadh fios air le caochladh muintir anns an aite sin, ach cha robb fios sam bith aige-san gu robb minsteir eile gu bhi ‘n sin.
B’ ann air a bhliadhna so, chionn brath an-iodhdmhor a chaidh dheanamh air, chinn na saighdearean ni bu deine nan’ saothair gu ghlacadh; b’iomadh dol as comharrachta a bha aige uatha. Air la deireadh samhraidh is e dol gu coinneamh, thug duine caoimhneil de ‘n duthaich each dha airson beagan mhltean gu ghiulan; thaing ofigeach le buidhean each orra gu ‘n fhios, gu ‘n fhaireachadh. Chaidh an dithis dhaoine a bha leis a ghlacadh ‘sa leon gu trom. Chaidh esan as uatha, is dhirich e ri beinn chas a bha ‘san aite, an toir na dheigh, sa losgadh air co tric ‘sa bha ‘nan comas, air chor ‘s gu ‘m b-eigin dha an t-each fhagail, le sin chaill e chleochd, agus moran sgríobhaidh, a fhuair na naimhdhean. A’ faicinn nach robb aite didean sam bith fagus, chaidh e stigh, is e nan sealladh, ann am measg chlachan mora a bha sam aite, far an d’ fhuair e slochd chum do shnagail e stigh; far an d’ rinn se e fein a thiomnadadh an ann urnuigh aithghearr ri Dhia, a lan strioichdadh do bheath na bas; mar an ceudna a creidsinn, gu ‘m biodh e air a chaomhnadh chum a bhi deanamh obair ni bu mho, leis a phairt sin do na Sgriobtuir a tighinn gu inntinn,
“Imichibh uam sibhs’ uile luchd deanamh na h-eucorach”—Salm vi. 8. Agus na briathraibh so a ris, “Bheir e aithne da ainglibh mu d’ thiomchioll”—xei. 11. Shir is shir iad sios is suas am bruthach, ach cha d’ thug iad suil idir an taobh a bha esan. B’ iomadh oidche a bha e fein is iadsan a bhiodh maille ris, anns na creagan a b’ fhiadhaich a bha san tir.
Thainig litrichean amach na aghaidh, mios mheadhon-ach an fhoghair, sa bhliadhna cheudna, o n’ ard chomhairle le sparradh teann d’a gach neach, gu’n fhasgaidh, gu’n cheathranan, gun bhiadh, gun deoch, na sochair sam bith a bhuileachadh air, agus bha ordugh air a chuir chum na h-uile siorram ’san duthaich a phearsa ghlacadh, sa chuir am priosan, ciod air bith aite sam faigheadh iad greim air. Le so bha de’n t-shluagh dhilis, air am murt’s air am fogairt, ann am fuachd, ann an ocras, is anns na h-uile saruchadh a bha’n comas nan naimhdean fuitheach a dheanamh orra. Air dhoibh bhi mar so air am foireign-eadh, chuir iad fianuis amach an aghaidh, anns do chuir iad an ceill gu follaiseach gu’n seasadh iad dileas, duineil le teagasg ceudfaithean, agus riaghailt eaglais, mar bha e air thoir a nuas dhoibh le gaisgich an Athleasachaidh. Nuair a thainig an fhianuis so a mach air tus, bha Mr Renuic ear na h-aghaidh, ach nuair a thug e gu glan mar bha a chuis, thug e dhoibh aonta. Le sin chaidh an fhian-uis a chuir an airde, aig caochlaidh croisean margaidh, agus ri dorsan eaglaisean sgireachd.
An deigh na nithe so a bhi air an deanamh follaiseach ghabh an ard chomhairle an glan chuthach, agus cha b’ fhearr luchd maslaidh na’n sgainnealan an aghaidh an dream a chuir amach an fhianuis ud; chuir an ard chomhairlie mach cuir-an-ceill feadh na rioghachd, chum an dream a cuir a mach an fhianuis, a ghlacadh, agus duais ochd puimnd fhihead Shasunnach airson na h-uile neach a ghlachta dhiu. O so dh’ eirich gu’n deachaidh moran diu a thilg-eadh mar choin anns na machraichean; cuid eile nach toir-eadh mionnan araidh a bha air an cuir orra, rachadh am binn ditidh a thoird a mach, agus an crochadh gun dail mionaid; dh’ fheumadh luchd amhaire a bhiodh ag na bais so a’ radh, co aca a chaidh na daoine ud a chuir gu bas ciontach na neochiontach, nan abaradh neach, neochiont-ach, bha sin gu leor gus an neach sin a chrochadh. Thug an obair ifrinneil so leithid do chradh’s do bhriseadh eridhe da Mr Renuic’s gu’m b’ fhearr leis nach deachaidh an fhianuis ud riamh a dheanamh follaiseach.
Cha robh a bhliadhna 1685 dad na b’ fhearr. Oir’s ann a bha na naimhdean a strith anis co a neach bu mho a marbhadh dheth na daoine bochd seachranach so. Se theireadh an namhad, “mharbh mi fear de daoine nam
beann an diugh,” oir b’e sin an t-ainm a theireadh iad riu; ach a dh’aindeoin air Satan sa sheirbhiseich; san deigh dhoibh na bha aca do pheileirean a chaitheamh orra, cha d’fhuair iad riamh an ruin; oir mar bu mho a bha iad air an ruagadh is air an sealg mar fheidh air na beanntaibh ‘s ann bu lionmhor a chinnich iad. “Bha ‘m preas a’ losgadh, ach cha robh am preas air a chaitheamh, oir bha an Tighearn anns a phreas.”
Air do’n dara Righ Tearlach dol eug, thainig a bhrathair Diuc Uorc chum a chruin, glan phapanach, chaidh eubhachd na righ toiseach an earraich 1685. Cha do leig Mr Renuic seachad an cothrom, fianuis a thogail follaiseach an aghaidh crun Bhreatuinn a chur air ceann papanach, air an robh ruin shuidhechte obair an Athleaschaidh a thilg-eadh bun os cionn, agus an eaglais Phapanach a steidheachadh na h-aite; air an aobhar sin thainig Mr Renuic, agus mu dha cheud fear maile ris, gu baile Seanchar air an 23 de mios thoisich an t-shamhraidh 1685, far an d’rinn iad follaiseach fianuis sholeimte an aghaidh an ni sin, bha i ‘n sin air a gairm Fianuis Seanchar.