(Air a leantainn).
C. 85. Air do ‘n bhàs, bhi ‘n a luigheachd do ‘n pheac-adh, c’ar son nach ‘eil na fireanaich air an teasainginn o ‘n bhàs, do bhrigh gu bheil am peacaidhean-sa uile air am maitheadh dhoibh ann an Criosd?
F. Bithidh na fireanaich air an teasainginn o ‘n bhàs féin ‘s an là dheireannach; agus eadhon anns a’ bhàs, tha iad air an teasainginn o a ghath, agus o a mhallachadh; air chor ‘s ged tha iad a’ faghail a’ bhàis, gidheadh, ‘s ann o ghràdh Dhé a tha sin, a chum an saoradh gu h-iomlan, o pheacadh, agus o thruaighe, agus gu an déanamh comasach air tuilleadh co-chomuinn bhi aca ri Criosd ann an glòir, air am bheil iad an sin a’ tòiseachadh.
C. 86. Ciod an co-chomuinn glòire ri Criosd, a tha buill na h-eaglais neo-fhaicsinneich, a’ mealtuinn air ball an déigh bàis?
F. ‘Se ‘n co-chomuinn glòire maille ri Criosd a tha buill na h-eaglais neo-fhaicsinneich a’ mealtuinn air ball an déigh am bàis, gu bheil an anama, an sin, air an déanamh foirfe ann an naomhachd, agus air an gabhail a steach do na nèamhaibh a ‘s àirde, far am bheil iad a’ faicinn gnùis Dhé ann an solus agus ann an glòir, a’ feitheamh ri làn-shaoradh an cuirp, a ta ‘s a’ bhàs féin gnàth-cheangailte ri Criosd, agus a’ gabhail tàimh ‘n an uaighibh, mar ann an leapaichibh, gus am bi iad anns an là dheireannach air an cur a ris ri ‘n anamaibh; ach ‘s ann a bhios anama nan aingidh ‘n am bàs, air an tilgeadh do ifrinn, anns am fan iad ann am piantaibh agus ann an dorchadas iomallach, mar ann am priosanaibh, gu aiseirigh agus breitheanas an là mhòir.
C. 87. Ciod is còir dhuinn a chreidsinn mu ‘n aiseirigh?
F. ‘S còir dhuinn a chreidsinn gu ‘m bi anns an là dheireannach aiseirigh choitchionn nam marbh, arao’n do na fireanaibh agus na neo-fhireanaibh, an uair a bhios iadsan a gheibhear beò aig an àm sin air an caochladh ann am mionaid, agus an sin air do chuirp cheudna nam marbh a chuireadh ‘s an uaigh, bhi air an cur a ris ri ‘n anamaibh gu bràth, bithidh iad air an dùsgadh as an uaighibh le cumhachd Chriosd, bithidh cuirp nam firean, le cumhachd Chriosd, agus trid éifeachd ‘aiseirigh-san mar an ceudna air an dùsgadh, ann an cumhachd, agus bithidh iad ‘n an cuirp spioradail neo-thruailidh, agus air an déanamh cosmhuil r’ a chorp glòrmhorsan, agus bithidh
cuirp nan aingidh air an dùsgadh ann an eas-onoir, leis-san mar Bhreitheamh air an do chuireadh corruich.
C. 88. Ciod a thàrlas air ball an déigh na h-aiseirigh?
F. Air ball an déigh na h-aiseirigh, tàrlaidh breitheanas coitchionn agus deireannach ainglean agus dhaoine, nì nach fiosrach duine air bith, air an là, no air an uair; a chum gu déanadh na h-uile dhaoine faire agus ùrnuigh, agus gu ‘m biodh iad ullamh do ghnàth, fa choinneamh teachd an Tighearna.
C. 89. Ciod a nithear ris na h-aingidh aig là a’ bhreitheanais?
F. Aig là a’ bhreitheanais, cuirear na h-aingidh air làimh chli Chriosd, agus an long air dearbhadh soilleir, agus làn-mhothachadh an coguisean féin, bithidh breth uamhasach, ach gidheadh breth cheart an ditidh, air a tabhairt a mach ‘n an aghaidh, agus ‘n a long sin, bithidh iad air an tilgeadh a mach o làthair fàbhorach Dhé, agus o’ n cho-chomunn ghòrnmhor sin ri Criosd, r’ a naomhaibh, agus r’ a ainglibh naomha uile, gu h-ifrinn, chum gu bi dioghaltas air a dhèanamh orra, le piantaibh cuirp agus anama nach feudar a chur an ceill, maile ris an Diabhul agus ‘ainglibh gu siorruidh.
C. 90. Ciod a nithear ris na fireanaibh aig là a’ bhreitheanais?
F. Aig là a’ bhreitheanais, air do na fireanaibh bhi air an glacadh suas, a dh’ ionnsuidh Chriosd anns na neulaibh, suidhichear iad air a làimh dheis, agus air dhoibh an sin bhi air an aithneachadh, agus air an làn-shaoradh gu folluseach, bithidh iad a’ tabhairt breith maile ris, air na h-ainglibh, agus air na daoinibh ris an do chuireadh eul, agus air an gabhail a steach gu nèamh, far am bi iad saor gu h-iomlan, agus am feasd, o gach uile pheacadh agus truaighe, air an lìonadh le h-aobhneas, nach fheudar a smuaineachadh, air an dèanamh iomlan, naomh, agus sona, ‘n an corpaibh ‘s ‘n an anamaibh araon, ann an co-chomunn nan naomh, agus nan naomh-aingéal, nach feudar ‘aireamh, ach gu h-àraid a bhi gu neo-mheadhonach, a’ faicinn agus a mealtuinn Dhé an Athar, agus ar Tighearn Iosa Criosd, agus an Spioraid Naomh, gu siorruidh suthain, agus is e so an co-chomunn, farsuinn agus iomlan, a mhealas buill na h-eaglais neo-fhaicsinneich, maile ri Criosd ann an glòir anns an aiseirigh, aig là a’ bhreitheanais.
Air dhuinn fhaicinn ciod a tha ‘n Sgriobtuir, gu h-àrau a’ teagasg dhuinn a chreidsinn mu Dhia, tha nis agunn r’ a thabbhairt fainear, ciod a tha iad ag iarruidh mar dhleasdanas air an duine.
C. 91. Ciod an dleasdanas a tha Dia iarruidh air an duine?
F. ‘S e ‘n dleasdanas a tha Dia ag iarruidh air an duine, ùmhlachd d’ a thoil fhoillsichte.
C. 92. Ciod an riaghailt ùmhlachd a thug Dia do ‘n duine air tìs?
F. B’ e lagh nam modhanna an riaghailt ùmhlachd a dh’ fhoillsich Dia do Adhamh ann an staid na neo-chiontachd, agus do ‘n chinne dhaoine uile ann-san, agus a tnuilleadh air sin àithne shònruichte, gun ni itheadh do mheas na craoibh eòlais mhaith agus uile.
C. 93. Ciod e lagh nam modhanna?
F. ‘S e lagh nam modhanna taisbeanadh toil Dhé do ‘n chinne-dhaoine, gu bhi a’ stiùradh agus a’ ceangal gach aon neach ri co-choslas agus ùmhlachd iomlan agus shiorbhuan, ‘n a phearsa féin air leth dha-sa, ann an gleus agus gnè an duine gu h-iomlan, eadar anam agus chorp, agus ann an coimhliionadh uile dhleasdanasa na naomhachd sin, agus na fireantachd, a dhlighear do Dhia agus do dhuine, Dia a’ gealltuinn beatha, an long a choimhliionaidh, agus a’ bagradh a’ bhàis an long a bhrisidh.
C. 94. Am bheil feum ‘s am bith ann an lagh nam modhanna, do ‘n duine, o thuiteam ar ceud sinnsear?
F. Ged nach feud duine air bith, o thuiteam ar ceud sinnsear, ruigsinn air fireantachd agus beatha, trid lagh nam modhanna, gidheadh is mòr ‘fheum, do na h-uile dhaoinibh gu coitchionn, agus mar an ceudna gu sonruichte, araoi do na daoinibh nach ‘eil air an athghineamhuinn agus do na daoinibh a ta air an ath-gineamhuinn.
C. 95. Ciod am feum a ta ann an lagh nam modhanna do na h-uile dhaoinibh?
F. Tha feum ann an lagh nam modhanna do na h-uile dhaoinibh, a chum fios a thoirt dhoibh air nàdur agus toil naomha Dhé, air an dleasdanas féin, a’ cur ceangail orra, gluasad d’ a réir, a chum am fàgail ris, annta féin, mu thimchioll am michomas féin air an lagh a choimhead, agus mu thruailldheachd pheacach an nàduir féin ‘n an cridhe agus ‘n an caithe-beatha; chum an irioslachadh trid mothachaidh am peacaidhean, agus an truaighe, agus d’ a thaobh so, chum an cuideachadh gu sealladh ni ‘s soilleire air an fheum a ta aca air Criosd, agus air iomlanachd na h-ùmhlachd a thug esan ‘n an ait.
C. 96. Ciod am feum sònruichte a ta ann an lagh nam modhanna do na daoinibh nach ‘eil air an ath-ghineamhuinn?
F. Tha feum ann an lagh nam modhanna, do na daoinibh nach ‘eil air an ath-ghineamhuinn, chum an cogusean a dhùsgadh, gu teicheadh o ‘n fheirg ri teachd, agus a chum
an iomain gu Criosd, no, ma bhuanaicheas iad ann an staid agus ann an slighe pheacaich, am fágail gun lethsgéul, agus fuidh mhallachadh.
C. 97. Ciod am feum sònruichte a tha ann an lagh nam modhanna, do na daoinibh a tha air an athghin eamhuinn?
F. Ged tha na daoinn tha air an ath ghineamhuinn agus a tha creidsinn ann an Criosd, air an saoradh o lagh nam modhanna, mar is co-cheangal nan oibre e, air chor ‘s d’ a thaobh-sa nach ‘eil iad air an fireanachadh no air am fágail fuidh bhinn dìtidh, gidheadh a thuilleadh air gach feum coitchionn a ta ann, a bhuneas dhoibh-san, mar do dhaoinibh eile, tha feum sònruichte ann, gu bhi a’ taisbeanadh dhoibh meud nan comain an chuir Criosd orra, air son a choimhlonaidh féin air an lagh, agus a mhallaechd fhulang ‘n an àite-sa, agus a chum am maith-sa; agus d’ a thrid so, gu ‘m brosnuchadh gu tuilleadh buidheachais, agus gu sin a cur an céill, le ‘n tuilleadh cùraim mu iad féin a chumadh ris an lagh mar riaghailt an ùmhlachd.
C. 98. C’ àit am bheil lagh nam modhanna air a chur sios gu h-aithghearr, iomlan?
F. Tha lagh nam modhanna air a chur sios gu h-aithghearr, iomlan, anns na deich àitheantaibh, a thugadh seachad le Guth Dhé air Sliabh Shinai, agus a sgrìobhadh leis, air dà chlár chloiche; agus tha iad air an cur sios anns an fhiheadamh Caibideil do leabhar Ecsodus. Tha ar dleasdanas do Dhia air a chur sios anns a’ cheud cheithir do na h-àitheantaibh ar dleasdanas do dhaoinibh, anns na sè aitheantaibh mu dheireadh.
Rì leantuin.