BY THE REV. JAMES A. TALLACH.
Preached at Winnipeg, Canada, 24th April 1927.
“The Lord will perfect that which concerneth me” (Psalm cxxviii. 8.
An Leabhar-Ceasnachaidh Farsuinn.
(Air a leantainn).
C. 85. Air do ‘n bhàs, bhi ‘n a luigheachd do ‘n pheacadh, c’ar son nach ‘eil na fireanaich air an teasairginn o ‘n bhàs, do bhrìgh gu bheil am peacaidhean-sa uile air am maitheadh dhoibh ann an Criosd?
C. 86. Ciod an co-chomunn glòire ri Criosd, a tha buill na h-eaglais neo-fhaicsinneich, a’ mealtuinn air ball an déigh bàis?
F. ‘S còir dhuinn a chreidsinn gu ‘m bi anns an là dheireannach aiseirigh choitichonn nam marbh, araon do na fireanaibh agus na neo-fhireanaibh, an uair a bhios iadsan a gheibhear beò aig an àm sin air an caochladh ann am mionaid, agus am sin air do chuirp cheudna nam marbh a chuireadh ‘s an uaigh, bhi air an cur a ris ri ‘n anamaibh gu bràth, bithidh iad air an dùsgadh as an uaighibh le cumhachd Chriosd, bithidh cuirp nam firean, le cumhachd Chriosd, agus trid éifeachd ‘aiseirigh-san mar an ceudna air an dùsgadh, ann an cumhachd, agus bithidh iad ‘n an cuirp spioradail neo-thruaillidh, agus air an déanamh cosmhuil r’ a chorpr glòrmhorsan, agus bithidh cuirp nan aingidh air an dùsgadh ann an eas-onoir, leis-san mar Bhreitheamh air an do chuireadh corruich.
F. Air ball an déigh na h-aiseirigh, tàrlaidh breith-eanas coitchionn agus deireannach ainglean agus dhaoiné, nì nach fiosrach duine air bith, air an là, no air an uair; a chum gu déanadh na h-uile dhaoiné faire agus ùrnuigh, agus gu ‘m biodh iad ullamh do ghnàth, fa choinneamh teachd an Tighearna.
C. 89. Ciod a nithear ris na h-aingidh aig là a’ bhreith-eanais?
F. Aig là a’ bhreith-eanais, cuirear na h-aingidh air làimh chli Chrìosd, agus an long air dearbhadh soilleir, agus làn-mhothaichadh an coguiseam féin, bithidh breith uamhasach, ach gidheadh breith cheart an d’tidh, air a tabhairt a mach ‘n an aghaidh, agus ‘n a long sin, bithidh iad air an tilgeadh a mach o làthair fhàbhorach Dhé, agus o’ n cho-chomunn ghòr’mhor sin ri Crìosd, r’ a naomhaibh, agus r’ a ainglibh naomha uile, gu h-ifinn, chum gu bi dioghaltas air a dhèanamh orra, le piantaibh cuirp agus anama nach feudar a chur an cèill, maille ris an Diabhl agus ‘ainglibh gu siorruidh.
C. 90. Ciod a nithear ris na fireanaibh aig là a’ bhreith-eanais?
F. Aig là a’ bhreith-eanais, air do na fireanaibh bhi air an glacadh suas, a dh’ ionnsuidh Chrìosd anns na neulaibh, suidhichear iad air a làimh dheis, agus air dhoibh an sin bhi air an aithneachadh, agus air an làn-shaoradh gu folluiseach, bithidh iad a’ tabhairt breith maille ris, air na h-ainglibh, agus air na daoinibh ris an do chuireadh cùl, agus air an gabhail a steach gu nèamh, far am bi iad saor gu h-ìomlan, agus am feasd, o gach uile pheacadh agus truaghe, air an lìonadh le h-aobhneas, nach feudar a smuaineachadh, air an dèanamh iomlan, naomh, agus sona, ‘n an corpaibh ‘s ‘n an anamaibh araon, ann an co-chomunn nan naomh, agus nan naomh-aigneal, nach feudar ‘aireamh, ach gu h-àraid a bhi gu neo-mheadhonach, a’ faicinn agus a mealtuinn Dhé an Athar, agus ar Tighearn Iosa Crìosd, agus an Spioraid Naomh, gu siorruidh suthain, agus is e so an co-chomunn, farsuinn agus iomlan, a mhealas buill na h-eaglais neo-fhaicsinneich, maille ri Crìosd ann an glòir anns an aiseirigh, aig là a’ bhreith-eanais.
Air dhuinn faicinn ciod a tha ‘n Sgriobtuir, gu h-àraid a’ teagasg dhuinn a chreidsinn mu Dhia, tha nis aguinn r’ a thabhairt fainear, ciod a tha iad ag iarruidh mar dheasdanas air an duine.
C. 92. Ciod an riaghaitl ùmhlachd a thug Dia do ‘n duine air tús?
F. B’ e lagh nam modhanna an riaghaitl ùmhlachd a dh’ fhoillsich Dia do Adhamh ann an staid na neo-chiontachd, agus do ‘n chinne dhaoiné uile ann-san, agus a tnuill-eadh air sin àithne shònruchte, gun ni itheadh do mheas na craoibh eòlais mhaith agus uile.
C. 93. Ciod e lagh nam modhanna?
F. ‘S e lagh nam modhanna taisbeanadh toil Dhé do ‘n chinne-dhaoiné, gu bhi a’ stiùradh agus a’ ceangal gach aon neach ri co-choslas agus ùmhlachd iomlan agus shiorbhan, ‘n a phearsa féin air leth dha-sa, ann an gleus agus gnè an duine gu h-omlan, eadar amam agus chorp, agus ann an coimhlonadh uile dhléasdanasa na naomhachd sin, agus na fireantachd, a dhlighear do Dhia agus do dhuine, Dia a’ gealltuinn beatha, an lorg a choimhlonaidh, agus a’ bagradh a’ bhàis an lorg a bhrisidh.
F. Ged nach feud duine air bith, o thuiteam ar ceud sinn-sear, ruigsinn air fireantachd agus beatha, trid lagh nam modhanna, gidheadh is mòr ‘fheum, do na h-uile dhaoinibh gu coitchionn, agus mar an ceudna gu sonruchte, araon do na daoinibh nach ‘eil air an athghineamhuinn agus do na daoinibh a ta air an ath-gineamhuinn.
F. Tha feum ann an lagh nam modhanna do na h-uile dhaoinibh, a chum fios a thoirt dhoibh air nàdur agus toil naomha Dhé, air an dleasdanas féin, a’ cur ceangail orra, gluasad d’ a réir, a chum am fàgail ris, amta féin, mu thimchioll am michomas féin air an lagh a choimhead, agus mu thraillidheachd pheacach an nàdur féin ‘n an cridhe agus ‘n an caithe-beatha; chum an irioslachadh trid mothachaidh am peacaidhean, agus an truaighe, agus d’ a thaobh so, chum an cuideachadh gu sealladh ni ‘s soilleire air an fheum a ta aca air Crìosd, agus air iomlanachd na h-ùmhlachd a thug esan ‘n an ait.
C. 96. Ciod am feum sònruchte a ta ann an lagh nam modhanna do na daoinibh nach ‘eil air an athghineamhuinn?
F. Tha feum ann an lagh nam modhanna, do na daoinibh nach ‘eil air an athghineamhuinn, chum an cogusean a dhùsgadh, gu teicheadh o ‘n fheirg ri teachd, agus a chum an iomain gu Críosd, no, ma bhuanáicheas iad ann an staid agus ann an slighe pheacaich, am fágail gun lethsgeul, agus fuidh mhallachadh.
C. 97. Ciod am feum sónruichte a tha ann an lagh nam modhanna, do na daoibh a tha air an athghin eamhuinn?
F. Ged tha na daoine tha air an ath ghineamhuinn agus a tha creidsinn ann an Críosd, air an saoradh o lagh nam modhanna, mar is co-cheangal nam oibre e, air chor ‘s d’ a thaobh-sa nach ‘eil iad air an fireanachadh no air am fágail fuidh bhinn dítidh, gidheadh a thuilleadh air gach feum coitehionn a ta ann, a bhúineas dhoibh-sa, mar do dhaoinibh eile, tha feum sónruichte ann, gu bhi a’ taisbeanadh dhoibh meud nan comain a chuir Críosd orra, air son a choimhlonaidh féin air an lagh, agus a mhallachd fhulang ‘n an áite-sa, agus a chum am maith-sa; agus d’ a thrid so, gu ‘m brosnuchadh gu tuilleadh buidheachais, agus gu sin a cur an céill, le ‘n tuilleadh cùram mu iad féin a chumadh ris an lagh mar riaghailt an ùmhlachd.
C. 98. C’ ait am bheil lagh nam modhanna air a chur sios gu h-aithghearr, iomlan?
F. Tha lagh nam modhanna air a chur sios gu h-aithghearr, iomlan, anns na deich àitheantaibh, a thugadh seachad le guth Dhé air Sliabh Shímai, agus a sgríobhadh leis, air dà chlár chloiche; agus tha iad air an cur sios anns an fhicheadamh Caibideil do leabhar Ecosodus. Tha ar dleasdanas do Dhia air a chur sios anns a’ cheud cheithir do na h-aithentaibh ar dleasdanas do dhaoinibh, anns na sè àitheantaibh mu dheireadh.
Ri leantuinn.