(Air a leantainn).
C. 139. Ciod iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an t-seachdamh aithne?
F. ‘S iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an t-seachdamh aithne, a thuilleadh air na dleasdanais a tha air an iarruidh, a leigeadh tharuinn; adhaltrannas, striòp-achas, éigneachadh collaidh, sodomach, agus gach uile mhiann mi-nàdurrà, gach ni e bhrèithneachadh, smuaintean rùn, agus mhianna neo-ghlan; gach uile chòmhradh truail-lidh no salah, no éisdeachd riutha, braiseanachd nan sùl, giùlan mi-nàrach, no eutrom, sgeadachadh mi-stuama, bhi toirmeasg pòsaidh laghail, a’ ceadachadh pòsaidh mhi-lagh-ail, a’ suidheachadh, a’ fulang, no a’ cumail suas thighean striopachais, agus a bhi ‘g an tathaich; bòidean mu bheatha neo-phòsda, dàil neo-iomchuidh air pòsadh, tuilleadh mnàì pòsda, no fir phòsda, thar a h-aon, bhi aig neach an aon uair, dealachadh, no diobradh eucorach, dlomhanas, craos, misg, comunn neo-gheamnuidh; òrain, leabhraichean, dealbhan, dannsa, agus cleasachd fhollaiseach mhaen-us-ach, agus gach brosnueachd eile gu gnìomharaibh neo-ghloine, annainn féin, no ann an daoinibh eile.
C. 140. Ciod i an ochdamh aithne?
F. ‘S i ‘n ochdamh aithne, Na dèan gadachd.
C. 141. Ciod iad na dleasdanais a tha air an iarruidh ‘s an ochdamh aithne?
F. ‘S iad na dleasdanais a tha air an iarruidh ‘s an ochdamh aithne, firinn, dilseachd, agus ceartas ann an co-cheanglaibh, agus co-mhalairt eadar duin’ agus duine; a dhlighe féin a thoirt do gach neach, ath-dhioladh a dhean-amh air ni a chumadh air ais gu mi-laghail o ‘thior shealbhad-airibh; a bhi tabhairt, agus ag iasachd gu saor, do réir ar comais féin, agus feumalachd dhaoin’ eile, cuims’ air ar tuigse, air ar toil, agus air ar miannaibh mu mhaoin shaogh-alta; cùram agus dìchioll freasdalach, a sholar, a choimh-ead, a ghnàthachadh, agus a dh’ òrduchadh nan nithe sin a ta feumail agus iomchuidh, a chumail suas ar cuirp, agus a tha cuimeach air ar staid; gairm laghail a bhi againn, agus dìchioll imnte, deadh-òrduchadh: agartas lagha, no dol an urras, an uair a ta iad neo-fheumail a sheachnad, no ‘n leithide sin do cheanglaichean eile, agus dìchioll mar an ceudna, leis gach, uile mheadhonaibh ceart agus laghail, chum saoibhreas agus maoin shaoghalta dhaoin’ eile a ghléidheadh agus a chur air aghaidh, co mhaith ri ar saoibhreas agus ar maoin shaoghalta féin.
C. 142. Ciod na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an ochdamh àithne?
F. A thuilleadh air na dleasdanais a tha air an iarruidh, a leigeadh dhinn; ‘s iad na peacaidhean tha air an toirm-easg ‘s an ochdamh àithne, Gadachd, reubainn, goid-dhaoin, ni bradach air bith a gabhail, mealtaireachd ann an gnothuichibh, tomhaisean agus cudthromaichean meallt-ach, criocha fearainn atharrachadh, eucoir agus neo-dhlis-eachd ann an co-cheanglaibh, eadar duin’ agus duine, no ann an cuisibh a ta air ar n-earbsadh, fóirneart, foir-eign-eadh, ocar, duais-bhrath, agartas-lagha doilghiosach, fasl-achadh agus pàirceadh eucorach air fonm, ceannachd air àirneis roimh-làimh, a mheudachadh an luach, dreuchda neo-laghail, agus aon mhodh air bith eile, eucorach, no peacach, air na bhuneas d’ ar coimhearsnach, a thabhairt no chumail uaithe, no air sinn féin a dhèanamh saoibhir; sannt, bhi a’ meas agus a’ miannachadh maoin shaoghailta gu neo-chuimseach, cùram agus d’chioll an earbsach agus buaireasach, ‘n an cruinneachadh sin ‘n an coimhead, agus ‘n an gnàthachadh; farmad ri soirbheachadh dhaoin’ eile, agus mar an ceudna d’iomhanas, ana-caitheamh, iom-sirt struidheasach, agus gach aon mhodh eile, leis am bheil sinn gu neo-dhligheach, a’ dèanamh cron, air ar maoin shaoghailta féin, agus a’ cumail gu h-eucorach uainn féin fòghnadh agus sòlas dligheach na maoine sin a thug Dia dhun.
C. 143. Ciod i an naothamh àithne?
F. ‘S i an naothamh àithne, Na tabhair fianuis bhréige an aghaidh do choimhearsnaich.
C. 144. Ciod iad na dleasdanais a tha air an iarruidh ‘s an naothamh àithne?
F. ‘S iad na dleasdanais a tha air an iarruidh ‘s an naothamh àithne, an fhirinn a choimhead ‘s a chur air a h-aghaidh eadar duin’ is duine; agus deadh ainn ar coimhearsnaich, co maith ‘s ar deadh ainn féin; a bhi ‘g ar taisbeanadh féin, agus a’ seasamh air son na firinn, agus o ‘r cridhe gu tréibbdhireach, toileach, soilleir, agus gu h-iomlan; an fhirinn a labhairt, agus an fhirinn a mhàin, ann an cuisibh breitheanais agus ceartais, agus anns gach ni air bith eile: meas seirceil air ar coimhearsnaich, a bhi gràdhachadh, ag iarruidh, agus a dèanamh aoibhneis ‘n an deadh ainn, a’ foluch an anmhuineachd, agus a bhi fuidh dhoilghios air a son; ag aideachadh gu toileach an tiodhlaican, agus an gràsan, a’ seasamh an neo-chiontais, a bhi gu h-ullamh a’ gabhail ri deadh iomradh, agus gu mi-thoileadh ri droch iomradh m’ an timchioll, a’ cur mi-mhisneich air luchd-tuaileis, luchd-miodail, agus luchd-sgainneil; gràdh agus cùram d’ ar deadh ainn féin, agus a sheasamh an uair
a ta e feumail a’ coimhlonadh gheallana laghail, a’ fòghlum agus a’ cur an gnìomh gach ni a ta fior; a bhi còir, ionmhuinneach, agus fo dheadh iomr-adh.
C. 145. Ciod iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an naothamh àithne?
F. ‘S iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an naothamh àithne, gach leth-trom air an fhirinn, agus air deadh ainn ar coimhearsnaich, ionann ‘s air ar deadh ainn féin, gu h-àraid ann am breitheanas follaiseach, còmhdaichadh meallta thabhairt seachad, fianaisean breug-ach fhaistadh, no ghnàthachadh, a bhi le r’ fios, ‘g ar taibseanadh féin, agus a’ tagradh as leth dreach chuis, a bhi gu h-an-dàna a’ spreigeadh agus a cumail sios na firinn, breth eucorach a thoirt a mach, maith a ràdh ris an olc, agus olc ris a’ mhaith, luigheadh a thoirt do ‘n aingidh, do reir obair an fhrein, agus do ‘n fhrein do réir obair an aingidh; feall-sgrìobhadh, a’ cleith na firinn, tosdachd neo-iomchuidh ann an cuis cheart, a bhi ‘n ar tosd, an uair is còir achmhasan a thabhairt do ‘n aingidh, no casaid ri daoinibh eile; an fhirinn a labhairt an àm neo-iomchuidh, no gu mi-runach a chum droch criche, no a’ faradh na firinn a chum seadh mearachdach, no le briath-raibh timchiollach, as an togar iomadh seadh, a chum leth-trom air an fhirinn agus air ceartas; an neo-fhirinn a labhairt, breug, sgainnealachadh, cuil-chàineadh, toibheum, tuaileas cogarsaich, sgeig, càineadh; a bhi tabhairt breth gu h-obann, gu fiata, agus gu leth-chothromach, rùn, briathra, agus gnìomhara dhaoin’ eile a thogail am mearachd, miodal, raiteachas; meas no iomradh anabarrach, no ro shuarach oirnn féin, no air daoinibh eile tiodhlaca agus gràsa Dhé àicheadh, an-tromachadh nan lochda a ‘s lugha; a bhi foluch, a’ gabhail lethsgeil, no lughdachadh peacaidh, an uair a tha sinn air ar gairm gu saor aideachadh, foillseachadh neo-fheumail air amhuinneachdaibh, iomradh mealltach a thogail, droch iomradh a ghabhail, no misneach a thoirt dhoibh, agus ar cluas a dhruideadh an aghaidh cuis a sheasamh gu ceart; droch amharas, farnad no doilghios ris a’ chliù a thoilleas aon neach; dìchioll no miann air sin a lughdachadh, aoibhneas ann an eas-onoir, agus mi-chliù, dì-meas fanoideach, ioghnaidh amaideach, briseadh air geallanaibh laghail; na nithe sin air am bheil deadh iomradh a leigeadh dhinn, agus sinn féin a’ cur an gnìomh, no gun sinn a’ seachnad, nan nithe sin a choisinn mi-chliù, no gun sinn ‘g am bacadh an daoinibh eile, mheud ‘s a dh’ fheudas sinn.
C. 146. Ciod i an deicheamh àithne?
F. ‘S i an deicheamh àithne, Na sanntaich tigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich; no ‘oglach, no ‘bhan-oglach, no ‘dhamh, no ‘asal, no aon ni a ‘s le d’ choimhearsnach.
C. 147. Ciod iad na dleasdanais a tha air an iarruidh s’ an deicheamh àithne?
F. ‘S iad na dleasdanais a tha air an iarruidh ‘s an deicheamh àithne, bhi làn-thoilichte le ar staid féin, agus fonn co seirceil, ‘n ar n-uile anam, a bhi againn d’ ar coimhearsnach, ‘s gu ‘m bi ar n-uile gluasad agus thogradh, an taobh stigh dhinn d’ a thaobh-san a’ ruith air a’ mhaith sin uile is leis, agus ‘g a chur sin air aghaidh.
C. 148. Ciod iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an deicheamh àithne?
F. ‘S iad na peacaidhean a tha air an toirmeasg ‘s an deicheamh àithne, a bhi mi-thoilichte le ‘r staid fein; farmad agus doilghios ri maith ar coimhearsnaich, maille ri gach uile thogradh, no gluasad, mi-righailteach ‘n ar n-intinnibh, a chum aon ni a ‘s leis.
C. 149. Am bheil duine air bith comasach air aith-eantaibh Dhé a choimhead gu foirfe?
F. Cha ‘n ‘eil duine air bith comasach dheth féin, no thaobh gràs air bith a tha e faghail anns a’ bheatha so, air àitheantaibh Dhé a choimhead gu foirfe, ach tha e ‘g am briseadh gach là, ann an smuaintibh, ann am focal, agus ann an gniomh.
C. 150. Am bheil gach uile bhriseadh air lagh Dhé co uamharra r’ a chéile, annta féin, agus am fianuis Dé?
C. 151. Ciod iad na nithe sin, a tha ‘g an-tromachadh a’ pheacaidh, air chor ‘s gu bheil cuid do pheacaidhean, ni ‘s uamharra na peacaidhean eile?
F. [Tha peacaidhean air an an-tromachadh–I. A thaobh an ti a tha dèanamh an lochd; ma thàinig iad gu tuilleadh aois, tuilleadh dearbhaidh, no gràis, no ma tha iad ainmeil do thaobh aideachaidh, thiodhlaca, inbhe, no dreuchda, ‘n an luchd-iùil do dhaoin’ eile, agus gur cosmhuil gu ‘n lean daoin’ eile an eisimpleir.
II. Do thaobh na muinntir air an déanar lochd, ma’ s ann gu neo-mheadhonach an aghaidh Dhé, an aghaidh a bhuadhaibh, agus ‘aoraidh, an aghaidh Chriosd agus a ghràis, an aghaidh an Spioraid Naoimh, a theisteis, agus ‘oibreachaidh; an aghaidh ‘uachdaran, dhaoiné mòr-inbheach, agus iadsan ris am bheil gu h-àraid dàimh againn, agus ceangal oirnn, an aghaidh aon neach do na naoimh, gu h-àraid bràithr’bh anmhunn, an aghaidh an
anama-san, no anam neach air bith eile, agus maith coitch-ionn nan uile, no mhòran dhaoine.
III. Do thaobh nàduir agus gne an lochd; ma tha e gu dreach an aghaidh litir an lagha, ma tha e a’ briseadh iomadh àithne, ma tha iomadh peacadh ann, ma tha e cha ‘n e mháin air a ghineamhuinn ‘s a’ chridhe, ach a’ briseadh a mach ann am briathraibh agus gniomharaibh, a’ toirt oibhhein do dhaoibh eile, agus ma ‘s ni nach feudar leasachadh a thoirt ann; ma tha e ‘n aghaidh mheadhona, thiodhlacan, bhreitheanas, an aghaidh solus nàduir, mothachadh ar coguis féin, earail fhollaiseach no dhiomhair, smachdachadh Eaglais, peanas o Uachdaraibh saoghalta, agus an aghaidh ar n-urnuighean féin, ar rùn, ar geallana, ar boid-ean, ar co-cheangail, ri Dhia, no ri dhaoibh eile; ma tha e air a dhèanamh gu suidhichte, gu toileil, gu dàna, gu mi-nàrach, gu bòsdail, gu mi-runach, gu tric gu ceann-laidir, le tlachd, le buannachd ann, le ath-thuiteam an déigh aithreachais.
IV. Tha peacaidhean air an an-tromachadh a thaobh an ama, agus an àit, anns an dèanar an lochd, ma ‘s ann air là an Tighearna, no air amannaibh eile ‘s a’ bheil Dia air aoradh, no air ball rompa sin, no n’ an déigh, no comhnadh eile chum a leithid so do dhroch-ghiulan a bhacadh, no a leigheas, ma ‘s ann gu follaiseach, no am fianuis dhaoin’ eile, air am bheil e cosmhuil gu ‘m bi iad air am brosnuchadh, no air an truailleadh leis.
C. 152. Ciod a tha gach aon pheacadh a’ toilltinn air làimh Dhé?
F. Air do gach uile pheacadh, seadh fòs an peacach a ‘s lugha, bhi an aghaidh àrd-Thighearnais, maitheis, agus naomhachd Dhé, agus an aghaidh a lagha chothromaich-sa, tha e a’ toilltinn ‘fheirge-sa agus a mhallachd, araon ‘s a’ bheatha so, agus ‘s a bheatha tha ri teachd; agus cha ‘n fheudar dìolach air a shon ach le fuil Chriosd.
C. 153. Ciod a tha Dia ag iarruidh oirnn, chum gu ‘n rachadh sinn as o ‘fheirg agus o ‘mhallachd, a thoill sin do thaobh brisidh an lagha?
F. A chum gu ‘n rachadh sinn as o fheirg agus o mhallachd Dhè, a thoill sinn do thaobh brisidh an lagha, tha e ‘g iarruidh aithreachais do thaobh Dhé, agus creidimh do thaobh ar Tighearn Iosa Criosd; agus gnath-achadh dichiollach air na meadhonaidh o ‘n leith muigh, leis am bheil Criosd a’ co-pàirteachadh ruinn shochairean ‘eadar-mheadhonaireachd féin.
C. 154. Ciod iad na meadhona gnàthaichte o ‘n leth muigh leis am bheil Criosd a’ co-pàirteachadh ruinn shochairean ‘eadar-mheadhonaireachd féin?
F. ‘S iad na meadhona gnàthaichte o ‘n leth muigh, leis am bheil Criosd a’ co-pàirteachadh r’ a Eaglais shoch-airean ‘eadar-mheadhonaireachd féin, ‘òrduighean féin uile, gu h-àraid am focal, sàcramainte, agus ùrnuigh, a ta gu h-uile air an dèanamh eifeachdach chum slàinte do na daoinibh taghta.
C. 155. Cionnus a tha ‘m focal air a dhèanamh eif-eachdach chum slàinte?
F. Tha Spiorad Dhé a’ tabhairt air leughadh ar fhocail, ach gu h-àraid air searmonachadh an fhocail, a bhi ‘n a mheadhon eifeachdach, a chum peacaich a shoillseachadh, am fàgail ris, agus an irioslachadh, an iomain asda féin, agus a chum an tarruing gu Criosd, a chum mar an ceudn’ an dèanamh cosmhuil r’ a lomhaigh-sa, agus an ceannsachadh d’ a thoil, an neartachadh an aghaidh bhuairidhean, agus truaillidheachdan, an cur suas ann an gràs, agus an cridhe dhaighmeachadh ann an naomhachd, agus ann an comhfhurthachd trid creidimh a chum slàinte.
C. 156. An còir do na h-uile dhaoinibh am focal a leughadh,
F. Ged nach còir a cheadachadh do na h-uile dhaoinibh am focal a leughadh gu follaiseach do ‘n choimhthional, gidheadh tha e mar fhiachaibh air gach uile neach air leth, a leughadh, air leth leo féin, agus le ‘n teaghlachibh, agus a chum na eriche so, is còir na sgrìobtuire naomh a tharuing, as na ceud chànainibh gu cainnt choitchionn gach dùthcha.
C. 157. Cionnus is còir focal Dé a leughadh?
F. ‘S còir na Sgriobtuire naomh a leughadh, le meas mòr, urramach orra, le làn dearbhachd gur iad focal Dé iad agus gur esan a mhàin, a dh’ fheudas ar dèanamh com-asach air an tuigsinn, le togradh fòs a chum toil Dhé, a ta air a foillseachadh annta, aithneachadh, a chreidsinn, agus a fhreagradh; le dèchioll mar an ceudna, agus le aire do ‘n chùis mu ‘m bheil iad, agus do ‘n chrìch chum am bheil iad, le beachd-smuaineachadh orra, le ‘n cur ruinn, le féin-àicheadh, agus le h-ùrnuigh.
C. 158. Cò leis is còir focal Dé, bhi air a shearmonachadh?
F. Is còir do fhocal Dé bhi air a shearmonachadh leosan a mhàin aig am bheil tiodhlaca diongmholta, agus a tha mar an ceudna gu h-iomchuidh air an dearbhadh agus air an gairm chum na dreuchd sin.