F. Air do pheacadh agus do chiont’ an duine, bhi co mòr, air dha bhi co fad as o Dhia d’ an taobh sin, ‘s nach feud sinn teachd ‘n a lathair as eugmhais Eadar-mheadhonair, agus do bhrigh nach ‘eil neach air bith air nèamh, no air thalamh, air ‘orduchadh chum na h-oibre glòrmhoir so, no comasach air a son, ach Criosd a mhàin, cha chòir dhuinn ùrnuigh a dhèanamh ann an ainm air bith eile, ach ‘n a ainm-san a mhàin.
F. Air dhuinne bhi gun fhios againn, ciod is còir dhuinn iarruidh ann an ùrnuigh, tha ‘n Spiorad a’ cuideachadh leinn, ‘n ar n-anmhuinneachd, le ar dèanamh comasach a thuigsinn araon ciod air son is còir dhuinn ùrnuigh a dhèanamh, cia iad na nithe is còir iarruidh ann an ùrnuigh, agus cionnus is còir ùrnuigh a dhèanamh; agus le bhi ‘g oibreachadh, agus a’ beothachadh ‘n ar cridhibh (ged nach ann, anns gach uile neach, no aig gach uil’ uair, annas an aon tomhas) na smuaintidhean, na h-iarrtuis, agus na gràsan sin, a ta feumail, chum an dleasdanas so a chur an gniomh gu ceart.
F. Is còir dhuinn ùrnuigh a dhèanamh air son eaglais Chriosd air thalamh gu h-uile, air son nan uachdaran, agus air son mhinisteirean, air ar son féin, air son ar bràithrean, seadh, agus air son ar naimhdhean, agus air son gach uil’
inbhe dhaoine tha beò, no bhios beò ‘n a dhéigh so, ach cha chóir ùrnugh a dhèanamh air son nam marbh, no air an son-san mu ‘m bheil fios gu ‘n do pheacaich iad am peacadh a ta chum bàis.
F. Is còir dhuinn ann an ùrnugh bhi ‘g iarruidh nan uile nithe a tha chum glòire Dhé, leas na heaglais, ar maith féin, agus maith dhaoin’ eile; ach cha chóir dhuinn ni air bith a ta mi-laghail iarruidh.
C. 185. Cionnus is còir dhuinn ùrnugh a dhèanamh?
F. Is còir dhuinn ùrnugh a dhèanamh le breithneachadh urramach mu mhòrachd Dhé, le geur-mhòthachadh air ar suarachas, air ar n-uireasbhuidhean, air ar peacaidh féin, le cridheachaibh aithreachail, taingeil, agus farsuinn, le tuigse, creidimh, trèibhdhireachd, teas-chridheachd, gràdh, agus buan-mhaireachduinn, a’ feitheamh air, le striochdadh iriosal d’ a thoil.
C. 186. Ciod an riaghailt a thug Dia dhuinn g’ ar seòladh ann an dleasdanas na h-ùrnugh?
F. Tha foéal Dé uile, feumail g’ ar seòladh, ann an dleasdanas na h-ùrnugh, ach is i an riaghailt shònruichte g’ ar seòladh, an ùrnugh àraid sin, a theagaig ar Slàn-uighear d’ a dheiscioblaibh, d’ an goirear gu coitchionn ùrnugh an Tighearna.
C. 187. Cionnus a tha ùrnugh an Tighearna gu bhi air a gnàthachadh?
F. Cha ‘n ‘eil ùrnugh an Tighearna a mhàin a chum ar seòlaidh mar eisimpleir; is còir dhuinn ùrnugh eile dhèanamh d’ a rèir, ach feudar fòs a gnàthachadh mar ùrnugh, ma nithear sin le tuigse, creidimh, urram, agus gràsaibh eile a ta feumail chum dleasdanas na h-ùrnugh a chur an gnloimh gu ceart.
C. 188. Cia lion earrann a tha ann an ùrnugh an Tighearna?
F. Tha ùrnugh an Tighearna air a dèanamh suas do thri earrannaibh, roimh-ràdh, iarrituis, agus co-dhùnadh.
C. 189. Ciod a tha roimh-ràdh ùrnugh an Tighearn a’ teagasg dhuinn?
F. Tha roimh-ràdh ùrnugh an Tighearna (air a chur sios anns na briathraibh so, Ar n-Athair a ta air nèamh), a’ teagasg dhuinn, an uair a ni sinn ùrnugh, teachd am fagus do Dhia le làn-bheachd mu a mhaitheas athaireil, agus mu ar còir air sin, le h-urram fòs, agus leis gach uile mhacantas eile, gach uile cheud-fath nèamhaidh, agus le breithneachadh iomchuidh mu a chumhachd ard-thighearnail, mu ‘mhòrachd, agus mu ‘aontachadh gràsmhor; agus ùrnugh a dhèanamh maillle ri daoinibh eile, agus air an son, mar an ceudna.
F. Anns a’ cheud iarritus, Eadhon (gu naomhaichear t’ainm), air dhuinn a bhi ‘g aideachadh ar n-uile neo-chomasach, agus ar neo-iomchuidheadh féin, a ta annainn féin, agus anns na h-uile dhaoinibh chum Dia onorachadh gu ceart, tha sinn a’ guidheadh gu ‘n déanadh Dia sinne agus daoin’ eile neartachadh agus aomadh le a ghràs, chum aithne a ghabhail, agus aideachadh a dhèanamh; agus mòr-mheas a bhi againn air Dia, air ainmibh, air a bhuadhaibh, air òrduighibh, air fhoical, air oibríbh, agus air gach ni air bith, leis an toil leis e féin fhoillseachadh. Agus mar an ceudna esan a ghlorachadh, an ar smuaintibh, ar briath-raibh, agus ar gniomh; gu ‘m bacadh agus gu ‘n ath-arracheadh e uainn, Dia-aicheadh, aineolas, iodhol-aoradh, mi-dhiadhachd, agus ciod air bith a ta eas-urramach dha-san, agus gu ‘n déanamh e le a fhreasdal ard-uachdaran-ach, na h-uile nitne a stiuradh agus a shuidheachadh chum a ghloire féin.
F. Anns an dara h-iarritus, eadhon (thigeadh do rioghachd), air dhuinn a bhi ‘g aideachadh, gu bheil sinn féin, agus an cinne-daoine uile, do thaobh nàduir, fuidh uach-dranachd a’ pheacaidh agus Shatain, tha sinn a’ guidheadh gu ‘m biodh rioghachd a’ pheacaidh agus Shàtain air a sgrios, an Soisgeul air a chraobh-sgaoileadh air feadh an domhain, na h-Iudhaich air an gairm, iomlanachd nan cinneachd air an tabhairt a stigh, an eaglais air a déanamh suas le a h-uile luchd-dreuchd, agus le òrduighibh an t-Soisgeil, air a glanadh o thruaillidheadh; gu ‘m biodh deadh-ghean an uachdarain shaoghalta air a thaisbeanadh dhi, agus i air a seasamh leis; gu ‘m biodh òrduighean Chriosd air am frithealadh gu flor-ghlan, agus air an déanamh éifeachdach, chum iadsan iompachadh, a ta fathast ‘n am peacaidhibh, agus a chum iadsan a tha air an iompachadh a dhaigneachadh, comhfhuirtachd bhi aca, agus an togail suas; gu ‘m biodh Criosd a’ riaghladh ‘n ar eridhibh an so, agus gu ‘n luathaicheadh e féin àm a dhara teachd, agus ann am bi sinne a’ rioghachadh maille ris, gu bràth; agus gu ‘m bu toil leis rioghachd a’ chumhachd a chur an gniomh, air feadh an t-saoghail uile mar is fearr a bhios e chum na eriche sin.
F. Anns an treas iarritus (Déanar do thoil air an talamh mar a nithear air néamh), le bhi ‘g aideachadh gu bheil sinne agus na h-uile dhaoine do thaobh nàduir, cha ‘n e a mhàin neo-chomasach, agus neo-thoileach, gu tur, air eòlas
a bhi againn air toil Dé a dhèanamh, ach ullamh air ceanaire a dhèanamh an aghaidh ‘fhocail, aineadas a bhi oirnn, agus gearan a dhèanamh an aghaidh a fhreasdail, agus sinn a bhi uile-thogarach gu toil na feòla agus an Diabhuil a dhèanamh; tha sinn a’ guidheadh gu ‘n toireadh Dia le a Spiorad uainn féin agus o dhaoinibh eile, gach uile dhoille, anmhuinneachd, mi-ghleus, agus crosdachd cridhe; agus le a ghràs gu ‘n déanadh e comasach agus toileach sinn a chum eòlas a ghabhail air a thoil, a’ dèanamh, agus stroichdadh dhi anns na h-uile nithibh, leis a leithid cheudna do irioslachd, do shuillbhireachd, do thairisneachd, do dhichioll gràdh-laiste, do thréibhdhireachd, agus do bhuan-mhaireachduinn, ‘s a ni na h-ainglean air nèamh.
F. ‘S a’ chùigeamh iarrtus, Eadhon (Maith dhuinn ar facha, amhuil mar a mhaithneas sinn d’ ar luchd-fach), air dhuinn a bhi ‘g aideachadh, gu bheil sinne, agus na h-uile dhaoin’ eile, ciontaich do pheacadh gin agus gnòmha araon; agus d’ a thrid so, air ar gintinn ‘n ar luchd-facha do cheartas Dé, agus nach ‘eil e ‘n comas duinne no do chreut-air air bith eile, an dioladh a ‘s lugha a thabhairt air son nam facha so: tha sinn a’ guidheadh air ar son féin agus
air son dhaoin’ eile, gu dèanamh Dia le a shaor-ghràs, trid ùmhlachd agus dìoladh Chriosd, agus le esan air a ghabhail chugainn, agus air a chur ruinn le creidimh, ar saoradh, araon o chiont’ agus o dhloghaltas a’ pheacaidh, agus gabhail ruinn gu taitneach ‘n a Mhac gràdhach féin, a dheagh-ghhean agus a ghràs a bhuanachadh dhuinn, ar tuisleadh làitheil a mhaitheadh, agus ar lionadh le sith agus subh-achas, ann an tuilleadh agus tuilleadh dearbhachd a thoirt dhuinn gach là, air maitheanas, ni is mò ar danachd ‘iarr-uidh, agus ar misneach ri sùil a bhi againn ris, an uair a tha ‘n teistea so againn annainn féin, gu bheil sinn o ‘r cridhe a’ tabhairt maitheanais do dhaoibh eile, ‘n an lochdaibh-san.
F. ‘S an t-sèathamh iarrrtus, eadhon (agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o ole): air dhuinn a bhi ‘g aideachadh, gu feud an Dia ro ghlic, ro cheart, agus ro ghràsmhor, a chum iomadh crìoch naomh, agus cheart, nithe òrduchadh air chor ‘s gu feud buaireadh ionnsuidh a thabhairt oirnn, ar sàruchadh, agus rè seal ar tabhairt am braighdeanas, gu bheil Satan, an saoghal, agus an fheòil, ullamh air ar tarruing gu cumhachadh a thaobh, agus air ar glacadh ann an ribe, agus cha ‘n e mhàin gu h-ullamh leinn, seadh fòs an déigh dhuinn maitheanas ‘n ar peacaidhibh fhagail, a chionn ar truaillidheachd, ar namhùinneachd, agus ar neo-flurachrais, bhi air ar buaireadh; agus gu bheil sinn ullamh air sinn féin a thilgeadh ann an slighe bhuaireidhean, achi mar an ceudna, gu bheil sinn, dhinn féin, neo-chomasach, agus neo-thoileach air cur ‘n an aghaidh, air sinn féin a theasaiginn asda, no buil mhaith a dhèanamh dhiubh, agus gur h-airidh sinn bhi air ar fàgail fuidh an cumhachd: tha sinn a’ guidheadh gu ‘n dèanadh Dia, an saoghal, agus na h-uile nithe a tha ann, ‘n a àrd-rìaghladh féin, an fheòil a cheannsachadh, Sàtan a chasg, na h-uile nithe a shuidheachadh agus an òrduchadh, uile mheadhona nan gràs a thabhairt seachad, agus a bheannachadh, agus sinne bheothachadh gu furachras ‘n an gnàthachadh sin; agus gu ‘m biodh sinne agus a phobull uile, air ar coimhead trid a fhrèasail, o bhi air ar buaireadh a chum peacaidh, no ma bhuairear sinn gu ‘m bith-eamaid, trid a Spiorad-san, gu cumhachdadh air ar cumail suas, agus air ar dèanamh comasach gu seasamh, an àm buairidh, no ‘n uair a thuiteas sinn, gu ‘m biodh sinn air ar togail suas a ris, agus air ar teasaiginn; agus gu ‘n dèanamaid fòghnadh agus buil naomh dheth, a chum gu ‘m biodh ar naomhachadh, agus ar slàinte air an dèanamh ionlan; Sàtan air a shaltairt fo ‘r casaibh, agus sinn air ar
làn-shaoradh o pheacadh, o bhuaireadh, agus o gach uil’ ole gu slorruidh.
C. 196. Ciod a tha co-dhùnadh ùrnuigh an Tighearn a’ teagaig’ dhuinn?
F. Tha co-dhùnadh ùrnuigh an Tighearn, eadhon (oir is leatsa an rioghachd, agus an cumbachd, agus a’ ghloir gu slorruidh, Amen), a’ teagasg dhuinn ar n-iarrtuis a dhaignheachadh le reusonaibh, a ta gu bhi air an tarruing, cha ‘n ann o luach air bith annainn féin, no ann an creutair sam bith eile, ach o Dhia; agus moladh a thoirt da le ‘r n-ùrnuighibh, a’ tabh-airt do Dhia a mhàin ard-tighearnas slorruidh, uile-chumh-achd, agus òirdheiceas ghloirmhor, agus mar a tha esan d’ a thaobh so, comasach agus toileach air ar cuideachadh, is amhluidh a tha sinne trid chreidimh, a’ faghail dànachd, gu bhi tagradh ris, gu ‘m b’ àill leis, agus gu samhach’ ag earbsadh as, gu ‘r h-àill leis, ar n-athchuingean a choimhlionadh: agus mar fhianuis air ar miann, agus air an dearbh-bheachd a ta againn, a tha sinn ag ràdh, Amen.
A’ chrioch.