An Leabhar=Ceasnachaidh Farsuinn.
(Air a leantainn.)
C. 181. C’ air son a tha sinn ri ùrnuigh a dhèanamh ann an ainm Chriosd? F. Air do pheacadh agus do chiont’ an duine, bhi co mòr, air dha bhi co fad as o Dhia d’ an taobh sin, ‘s nach feud sinn teachd ‘n a lâthair as eugmhais Eadar-mheadhonair, agus do bhrigh nach ‘eil neach air bith air nèamh, no air thalamh, air ‘òrduchadh chum na h-oibre glòrmaoir so, no comasach air a son, ach Criosd a mhàin, cha chòir dhuinn ùrnuigh a dhèanamh ann an ainm air bith eile, ach ‘n a ainm-san a mhàin.
C. 182. Cionnus a ta ‘n Spiorad a’ cuideachadh leinn a chum ùrnuigh a dhèanamh? F. Air dhuinne bhi gun fhios againn, ciod is còir dhuinn iarruidh ann an ùrnuigh, tha ‘n Spiorad a’ cuideachadh leinn, ‘n ar n-anmhuinneachd, le ar dèanamh comasach a thuiginn araon ciod air son is còir dhuinn ùrnuigh a dhèanamh, cia iad na nithe is còir iarruidh ann an ùrnuigh, agus cionnus is còir ùrnuigh a dhèanamh; agus le bhi ‘g oibreachadh, agus a’ beothachadh ‘n ar cridh bhi (ged nach ann, anns gach uile neach, no aig gach uil’ uair, annas an aon tomhas) na smaintidhean, na h-iarrtuis, agus na gràsan sin, a ta feumail, chum an deasdanas so a chur an gnomh gu ceart.
C. 183. Co iad air son an còir dhuinn ùrnuigh a dhèanamh? F. Is còir dhuinn ùrnuigh a dhèanamh air son eaglais Chriosd air thalamh gu h-uile, air son nan uachdaran, agus air son mhiniteirean, air ar son féin, air son ar bràithrean, seadh, agus air son ar naimhdean, agus air son gachuil’ inbhe dhaoinne tha beò, no bhios beò ‘n a dhéigh so, ach cha chòir ùrnuigh a dhèanamh air son nam marbh, no air an son-san mu ‘m bheil fios gu ‘n do pheacaich iad am peacadh a ta chum bàis.
C. 184. Ciod iad na nithe a ‘s còir dhuinn iarruidh ann an ùrnuigh? F. Is còir dhuinn ann an ùrnuigh bhi ‘g iarruidh nan uile nithe a tha chum glòire Dhé, leas na h-eaglais, ar math féin, agus math dhaoin’ eile; ach cha chòir dhuinn ni air bith a ta mi-laghail iarruidh.
C. 185. Cionnus is còir dhuinn ùrnuigh a dhèanamh? F. Is còir dhuinn ùrnuigh a dhèanamh le breithneachadh urramach mu mhòrachd Dhé, le geur-mhòthachadh air ar suarachas, air ar n-uireasbhuidhean, air ar peacadh féin, le cridheachaibh aithreachail, tangeil, agus farsuinn, le tuigse, creidimh, trèibhdhireachd, teas-chridheachd, gràdh, agus buan-mhaireachd, a’ feitheamh air, le striochdadh iriosal d’ a thoil.
C. 186. Ciod an riaghaitl a thug Dia dhuinn g’ ar seòladh ann an dleasdanas na h-ùrnuigh? F. Tha foical Dé uile, feumail g’ ar seòladh, ann an dleasdanas na h-ùrnuigh, ach is i an riaghaitl shònruchte g’ ar seòladh, an ùrnuigh àraid sin, a theagaisg ar Slàin-uighear d’ a dheiscioblaibh, d’ an goirear gu coitichonn ùrnuigh an Tighearna.
C. 187. Cionnus a tha ùrnuigh an Tighearna gu bhi air a gnàthachadh? F. Cha ‘n ‘eil ùrnuigh an Tighearna a mhàin a chum ar seòlaidh mar eisimpleir; is còir dhuinn ùrnuigh eile dhèanamh d’ a rèir, ach feudar fòs a gnàthachadh mar ùrnuigh, ma nithear sin le tuigse, creidimh, urram, agus gràsaibh eile a ta feumail chum dleasdanas na h-ùrnuigh a chur an gnìomh gu ceart.
C. 188. Cia lion earrann a tha ann an ùrnuigh an Tighearna? F. Tha ùrnuigh an Tighearna air a dèanamh suas do thri earrannaibh, roimh-ràdh, iarrtuis, agus co-dhùnadh.
C. 189. Ciod a tha roimh-ràdh ùrnuigh an Tighearn a’ teagasg dhuinn? F. Tha roimh-ràdh ùrnuigh an Tighearna (air a chur sios anns na briathraibh so, Ar n-Athair a ta air nèamh), a’ teagasg dhuinn, an uair a ni sinn ùrnuigh, teachd am fagus do Dhia le làn-bheachd mu a mhaith eas athaireil, agus mu ar còir air sin, le h-urram fòs, agus leis gach uile mhacantas eile, gach uile cheud-fath nèamhaidh, agus le breithneachadh iomchuidh mu a chumhachd ard-thighearnail, mu ‘mhòrachd, agus mu ‘aontachadh gràsmhor; agus ùrnuigh a dhèanamh maille ri daoinibh eile, agus air an son, mar an ceudna.
C. 190. Ciod a tha sinn a’ guidheadh ‘s a’ cheud iarrtus? F. Anns a’ cheud iarrtus, Eadhon (gu naomhaichear t’ainn), air dhuinn a bhi ‘g aideachadh ar n-uile neo-chomais, agus ar neo-iomchuidheadh féin, a ta annainn féin, agus anns na h-uile dhaoinibh chum Dia onorachadh gu ceart, tha sinn a’ guidheadh gu ‘n déanadh Dia sinne agus daoim’ eile neartachadh agus aomadh le a ghràs, chum aithne a ghabhail, agus aideachadh a dhèanamh; agus mòr-mheas a bhi againn air Dia, air ‘ainmibh, air a bhuadhaibh, air ‘òrduighibh, air ‘fhocal, air ‘oibríbh, agus air gach ni air bith, leis an toil leis e féin fhoilseachadh. Agus mar an ceudnà esan a ghlorachadh, an ar smuintibh, ar briathraibh, agus ar gnìomh; gu ‘m bacadh .agus gu ‘n ath-arrachadh e uainn, Dia-àicheadh, aineolas, iodnol-aoradh, mi-dhiadhadh, agus ciod air bith a ta eas-urrachadh dhasan, agus gu ‘n déanamh e le a fhrasdal ard-uachdaranach, na h-uile nithe a stiùradh agus a shuidheachadh chum a ghloire féin.
C. 191. Ciod a ta sinn a’ guidheadh ‘s an dara h-iarrtus? F. Anns an dara h-iarrtus, eadhon (thigeadh do rìoghachd), air dhuinn a bhi ‘g aideachadh, gu bheil sinn féin, agus an cinne-daoine uile, do thaobh nàduir, fuidh uach-dranachd a’ pheacaidh agus Shatain, tha sinn a’ guidheadh gu ‘m biodh rìoghachd a’ pheacaidh agus Shàtain air a sgrios, an Soisgeul air a chraobh-sgaolteadh air feadh an domhain, na h-Iudhaich air an gairm, iomlanachd nan cinneach air an tabhairt a stigh, an eaglais air a déanamh suas le a h-uile luchd-dreuchd, agus le òrduighibh an t-Soisgeil, air a glanadh o thruallidheadh; gu ‘m biodh deadh-gean an uachdaran shaochalta air a thaisbeanadh dhi, agus i air a seasamh leis; gu ‘m biodh òrduighean Chriosd air am frithealadh gu flor-ghlam, agus air an déanamh éifeachdach, chum iadsan iompachadh, a ta fathast ‘n am peacaidhibh, agus a chum iadsan a tha air an iompachadh a dhaighneachadh, comhfhuirtachd bhi aca, agus an togail suas; gu ‘m biodh Criosd a’ riaghladh ‘n ar eridhibh an so, agus gu ‘n luathaicheadh e féin àm a dhara teachd, agus ann am bi sinne a’ rìoghachadh maillte ris, gu bràth; agus gu ‘m bu toil leis rìoghachd a’ chumhachd a chur an gnìomh, air feadh an t-saoghail uile mar is fearr a bhios e chum na crìche sin.
C. 192. Ciod a tha sinn a’ guidheadh ‘s an treas iarrtus? F. Anns an treas iarrtus (Déanar do thoil air an talamh mar a nithear air nèamh), le bhi ‘g aideachadh gu bheil sinne agus na h-uile dhaoin do thaobh nàduir, cha ‘n e a mhàin neo-chomasach, agus neo-thoileach, gu tur, air eòlas a bhi againn air toil Dé a dhèanamh, ach ullamh air ceanairec a dhèanamh an aghaidh ‘fhocail, aineadas a bhi oirnn, agus gearan a dhèanamh an aghaidh a fhreasadail, agus sinn a bhi uile-thogarach gu toil na feola agus an Diabhuil a dhèanamh; tha sinn a’ guidheadh gu ‘n toireadh Dia le a Spiorad uainn féin agus o dhaoinibh eile, gach uile dhoille, amhuiinneachd, mi-ghleus, agus crosdachd cridhe; agus le a ghràs gu ‘n déanadh e comasach agus toileadh sinn a chum eòlas a ghabhail air a thoil, a’ déanamh, agus strìochdadh dhì anns na h-uile nithibh, leis a leithid cheudna do iroslachd, do shuillbhireachd, do thairiseachd, do dhìchioll gràdh-laiste, do thréibhdhireachd, agus do bhuann-mhaireachd uinn, ‘s a ni na h-ainglean air nèamh.
C. 193. Ciod a tha sinn a’ guidheadh ‘s a’ cheathramh iarrtus? F. ‘S a’ cheathramh iarrtus, Eadhon (Tabhair dhuinn an diugh ar n-aran làitheil). Air dhuinn a bhi ‘g aideachadh gu ‘n do chail sìr ann an Adhamh, agus le ‘r peacaidhibh féin, ar còir air gach uile bheannachadh o ‘n leth muigh anns a’ beatha so, agus gu ‘n do thoill sinn gu ‘n toireadh Dia uainn iad gu h-ìomlan, agus gu ‘m biodh iad air am mallachadh dhuinn ‘n an gnàthachadh, agus ag aideachadh mar an ceudna, nach ‘eil iadsan dhiubh féin comasach air ar cumail suas, no sinne air an toilltinn, no le ‘r dìchioll féin an cosnadh, ach gur ro ullamh leinn am miannachadh, am faghail, agus an gnàthachadh gu mìlghail: tha sinn a’ guidheadh air ar son féin, agus air son dhaoin’ eile, air dhoibh-san agus dhuinne araon, a bhi feitheamh air freasdal Dé, o là gu là, ann an gnàthachadh mheadhona laghail, gu mealadh sinn d’ a shaor thoirbh-earta-sa, agus mar is fearr a chithear d’ a ghliocas Athair-eil-sa, cuibhrionn chuimhseach dhiubh, agus gu ‘m biodh sin air a bhuannachadh, agus air a bheannachadh dhuinn, ann a bhi ‘g an gnàthachadh gu naomh, gu sòlasach agus sin a bhi toilichte leotha, agus gu ‘m biodh sinn air ar coimhead, o na h-uile nithibh a ta ‘n aghaidh ar cumail suas, agus ar comhfhurtachd ‘s a’ bheatha so.
C. 194. Ciod a tha sinn a’ guidheadh ‘s a’ chùigeamh iarrtus? F. ‘S a’ chùigeamh iarrtus, Eadhon (Maith dhuinn ar facha, amhuil mar a mhaith eas sinn d’ ar luchd-fach), air dhuinn a bhi ‘g aideachadh, gu bheil sinne, agus na h-uile dhaoin’ eile, ciontach do pheacadh gin agus gnìomha araon; agus d’ a thrid so, air ar gintinn ‘n ar luchd-facha do cheartas Dé, agus nach ‘eil e ‘n comas duinne no do chreut-air air bith eile, an dioladh a ‘s lugha a thabhairt air son nam facha so: tha sinn a’ guidheadh air ar son féin agus air son dhaoin’ eile, gu ðeanamh Dia le a shaor-ghràs, trid ùmhlachd agus ðioladh Chriosd, agus le esan air a ghabbail chugainn, agus air a chur ruinn le creidimh, ar saoradh, araon o chiont’ agus o dhloghaltas a’ pheacaiddh, agus gabhail ruinn gu taitneach ‘n a Mhac gràdhach féin, a dheagh- ghean agus a ghràs a bhuanachadh dhuinn, ar tuisleadh làitheil a mhaithheadh, agus ar lionadh le sith agus subh- achas, ann an tuilleadh agus tuilleadh dearbhachd a thoirt dhuinn gach là, air maithneas, ni is mó ar damachd ‘iarr- uidh, agus ar misneach ri sùil a bhi againn ris, an uair a tha ‘n teistean so againn annainn féin, gu bheil sinn o ‘r cridhe a’ tabhairt maithneanais do dhaoinibh eile, ‘n an lochdaibh-san.
C. 195. Ciod a tha sinn a’ guidheadh ‘s an t-sèathamh iarrtus? F. ‘S an t-sèathamh iarrtus, eadhon (agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o ole): air dhuinn a bhi ‘g aideachadh, gu feud an Dia ro ghlic, ro cheart, agus ro ghràsmhor, a chum iomadh crìoch naomh, agus cheart, nithe òrduchadh air chor ‘s gu feud buaireadh ionmsuidh a thabhairt oirnn, ar sàruchadh, agus rè seal ar tabhairt am braighdeanas, gu bheil Satan, an saoghal, agus an fheòil, ullamh air ar tarruing gu cumhachadh a thaoibh, agus air ar glacadh ann an ribe, agus cha ‘n e mhàin gu h-ullamh leinn, seadh fòs an déigh dhuinn maithneas ‘n ar peacaidhibh fhagail, a chionn ar truaillidheachd, ar n-annmuinmeachd, agus ar neo-flurachrais, bhi air ar buaireadh; agus gu bheil sinn ullamh air sinn féin a thigeadh ann an slighe bhuairidhean, achì mar an ceudna, gu bheil sinn, dhinn féin, neo-chomasach, agus neo-thoileach air cur ‘n an aghaidh, air sinn féin a theasaiginn asda, no buil mhaith a dhèanamh dhiubh, agus gur h-airidh sinn bhi air ar fàgail fuidh an cumhachd: tha sinn a’ guidheadh gu ‘n ðeanadh Dia, an saoghal, agus na h-uile nithe a tha ann, ‘n a àrd-riaghladh féin, an fheòil a cheannsachadh, Satan a chasg, na h-uile nithe a shuidheachadh agus an òrduchadh, uile mheadhona nan gràs a thabhairt seachad, agus a bheannachadh, agus sinne bheothachadh gu furachras ‘n an gnàthachadh sin; agus gu ‘m biodh sinne agus a phobull uile, air ar coimhead trid a fhreasdaill, o bhi air ar buaireadh a chum peacaidh, no ma bhuairear sinn gu ‘m bitheamaid, trid a Spiorad-san, gu cumhachdach air ar cumail suas, agus air ar ðeanamh comasach gu seasamh, an àm buairidh, no ‘n uair a thuiteas sinn, gu ‘m biodh sinn air ar togail suas a ris, agus air ar teasairginn; agus gu ‘n ðeanamaid fòghmadh agus buil naomh dheth, a chum gu ‘m biodh ar naomhachadh, agus ar slàinte air an ðeanamh ionlan; Satan air a shaltairt fo ‘r casaibh, agus sinn air ar lám-shaoradh o pheacadh, o bhuaireadh, agus o gach uil’ olo gu síorruidh.
C. 196. Ciod a tha co-dhùnadh ùrnuigh an Tighearn a’ teagaisg dhuinn? F. Tha co-dhùnadh ùrnuigh an Tighearn, eadhon (oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumbachd, agus a’ ghloir gu síorruidh, Amen), a’ teagasg dhuinn ar n-iarrtuis a dhaighneachadh le reusonaibh, a ta gu bhi air an tarruing, cha ‘n ann o luach air bith annainn féin, no ann an creutair sam bith eile, ach o Dhia; agus moladh a thoirt da le ‘r n-ùrnuighibh, a’ tabh-airt do Dhia a mhàin ard-tigearnas síorruidh, uile-chumhachd, agus òirdheirceas ghloimhor, agus mar a tha esan d’ a thaobh so, comasach agus toileach air ar cuideachadh, is amhluidh a tha sinne trid chreidimh, a’ faghail dànachd, gu bhi tagradh ris, gu ‘m b’ àill leis, agus gu sàmhach’ ag earbsadh as, gu ‘r h-àill leis, ar n-athchuingean a choimhlonadh: agus mar fhiannuis air ar miam, agus air an dearbh-bheachd a ta againn, a tha sinn ag ràdh, Amen.
A’ chrioich.