Agus cho nis nach fheud a thuigsinn cionnus a’s urrainn daoine tha co glic, co curamach ann am moran do nithibh, imeachd air aghaidh co foiseil, co neo-churamach, eadhon co aighireach, mar gu’m bitheadh na h-uile ni tearuinte air son na siorruidheadh, am feadh ‘s a tha ribeachan agus sluic fholuichte mu’n cuairt dhoibh air gach taobh, agus feudaidd e bhi am bàs fein aig laimh, agus gu’n tilg an ath cheum iad do’n t-slochd gun grunn. Mo thruaighe! tha sinn a faicinn an aobhair gu soilleir—tha iad dall.
Tha e soilleir, mar an ceudna, ciod uime nach ‘eil iad a’ faicinn luachmhoireachd anns na geallaidhean, no gloir ann an Criosd, no moralachd ann an obair an t-saoraidh, ciod uime tha iad a’ deanamh fanoid do pheacadh, a deanamh tair air bagraidhean Dhe, gu h-an-dàna dol an coinn-eamh fheirge, a meas mar ni suarach fuil Criosd, a labh-
airt gu h-eutrom mu’n bhas, agus a dian-ruith a dh’ionns-uidh sgrios cimteach.
Tha iad dall. Tha na Sgriobtuirean ‘cur sin an ceill. Tha daoiné dalla ann, aig am bheil suilean (Isa. xliii. 8); aig am bheil an tuigse air a’ dorchachadh, nan coimhich do bheatha Dhe thaobh an aineolas a tha annta tre dhoille an cridhe. Tha mar sin ma ta doille cridhe ann, co cimt-each agus a dh’fheudas suilean a chuirp bhi dall. Bithidh daoiné neo-iompaichte ag radh gu tric, “Ma tha na nith-ibh sin mar sin, mu tha iad co soilleir, agus co mor, ciod uime nach urrainn dhuinne am faicinn?” Agus chan ‘eil freagrath eile ri thoirt dha so ach—Tha sibh dall.
“Ach” their cuid “tha sinn ag iarruidh am faicinn ma tha gnothuch againne riu mar tha agaibh fein. Nach truagh nach d’thigeadh searmonaiche aig am bitheadh comas sinne thabhairt chum am faicinn.”
Anamaibh bochda, cha’n eil a leithid sin do shearmon- uiche ann, agus cha ruig sibh a leas bhi, feitheamh ris. Tionaileadh e ri cheile solus Dhe mar is aill leis, ‘s e tha mhain an comas an t-searmonaiche an solus sin a dhortadh a mach air suilean dalla. Tha gloineachan ann a thion- alas gathanna na greine a dh’ ionnsuidh aon aite coinneach- aidh, agus am bitheadh suil dhall air a cur ann an sin gus am bitheadh i air a losgadh, cha bu leir dhi ni sam bith. Atharraichidh solus dorchadas, ach cha’n atharr- aich e doille.
Agus cha leoir dhuit comasan laidir tuigse bhi agad. Chaidh an duine ainmeil sin Iarla Chatham maille ri caraíd diadhaidh a dh’ eisdeachd Maighstir Cecil, ministeir urram- ach a bha ann an Lunnuinn. Bha an t-searmoin mu obair an Spioraid ann an cridheachaibh nan creidmheach. Dh’ aidich am fear-riaghlaidh mor so, agus iad a pilleadh bho’n eaglais, nach do thuig e idir an teagasg ris an robh e ag eisdeachd, agus dh’fhiosraich e dhe a charaid an robh e smuaineachadh an robh aon neach bha lathair comasach air a thuigsinn. Fhreagair esan, Bha iomadh bean bhochd gun fhoghhlum, agus cuid do chloinn san eisdeachd a thuig na h-uile focal dhe’n teagasg, agus a dh’eisd ris le aoibhneas.
Ah! anamaibh bochda, tha sibh a gearan an aghaidh an t-soisgeil gum bheil e foluichte uaibh, mar gum b’e sin a choire-san. Agus feumaidh mi ns earrann eaglach dh’ fhoical Dé ainmeachadh a tha mineachadh aobhair ‘ur neo- chomais air a thuigsinn. Och! is focal eagalach e dh’am bu choir gaoir a chur ‘n ar cluasan, agus a thoirt air ‘ur eridheachan bhi lan uamhuiinn le chluintinn. “Ach ma
Na bitheadh iongantas ni’s mo air sluagh Dhé ri monmhor luchd Dia-aicheadhaidh an aghaidh nan Sgriobt-uirean. An d’thugadh tu eisdeachd do dhuine dall a’ faotainn coire do dhealbhan maiseach, no air a chuthach, a dimoladh speurran an t-samhraidh. Ma dh’aicheadheas e gu’m bheil soilleireachd ‘s a ghrein, no airde ‘s na beanntaibh, an creid thu e? Agus nan abradh ceud duine dall, le aon ghuth, nach arrainn dhoibh na rionnagan fhaicinn, agus gu’n reusonaicheadh iad le samhladh gliocais nach ‘eil rionnagan idir ann agus gu’n toisicheadh iad air fanoid a dheanadh oirbh mar speuradairibh, am bitheadh, air an aobhar sin gloir neamhan a mheadhoin oidheche, ni’s lugha ‘n ar beachd. ‘N uair thug na daoine iad dearbhadh cho soilleir air an doille fein, nach gabhadh tusa gidheadh tlachd ann a bhi ‘beachdachadh air oibrbh cumhachdach Dhé? Nach taisbeanadh oibrbh-san dhuit a ghloir, agus nach nochdadh iad gniomh a lamh? (Ps. xix. 1).
Agus an cuirear tuilleadh earbsa annta-san tha dall gu spioradail? An gabhar iadsan ‘n an luchd-iuil spioradail? Cha ghabhar, feudaidh an creidmheach a’s annmhuinne a bhlais gu’m bheil an Tighearna grasmhor (Ps. xxxiv. 8), a chunnaic luachmhoireachd sam bith ‘s na geallaidhean, maise sam bith ann an Criosd, gloir sam bith ‘s na Sgriobtuirean, dluth-leanntann ri dhochas a dh’aindeoin fianuis agus reusonachaidhean faoin dheich mile do luchd Dia-aicheadh. Dh’fhosgaileadh ‘ur suilean-sa. Dhall an Satan an suilean-san. Tha ‘ur fianuis-sa timchioll air ni is aithne dhuibh. Tha am fianuis-san mu ni nach aithne dhoibh, agus air an aobhar sin gun luach. Ma leanar a mhuinntir so, gheibbhear iad nan luchd-iul dhall nan dall, agus tuitidh iad araon anns an t-slochd (Matt. xv. 14).
II.—A BHOCHDUINN.
Faic a nis toradh bronach a dhoille—fior bhochduinn. Ann an so mar an ceudna tha Bartimeus na iomhaigh air na h-uile anam neo-iompaichte. Tha iad le cheile bochd. C’uin a dh’fheudar ag radh gu’m bheil duine bochd? An e’n corp a mhain a tha ‘cur feum air saoibhreas? Nach ‘eil saoibhreas do’n chridhe ann? Nach feud an intinn bhi bochd, an t-anam bhi fuidh fhiachaibh nach urrainn dha phaigheadh. Tha saoibreas ann bharr air aigiod, beartas ris nach ‘eil or no clachan luachmhor ri bhi air an coimeas (Seum ii. 5; Gnath viii. 10, 11; Iob xxviii. 12-19).
Tha duine bochd ‘n uair nach ‘eil fheumaibh air an riarachadh. Mar is airde na nithibh air am bheil e feum-ach, ‘s ann is doimhne nadur a bhochduinn, mar is lionmhoire fheumaibh, ‘s ann is doimhne tomhas a bhochduinn. An duine tha dh’easbhuidh biadh agus fasgadh tha e ni’s bochda na esan tha dh’easbhuidh fasgadh a mhain. Agus nach ‘eil an duine aig nach ‘eil gradh no dochas ni’s bochda na esan air am bheil a mhain aran agus teine a dh’uireasbhuidh? Co a their nach ‘eil an duine sin bochd, aig am bheil anam tur falamh? Ciod e am moll do’n chruithneachd (Ier. xxiii. 28), an corp do’n anam? Nach ‘eil iarrtasan an anama ni’s farsuinge, agus ni’s dorr’ a riarachadh na feumaibh a chuirp? Nach ‘eil ocras cridhe ann? Nach ‘eil à leithid do ni ann agus gorta firinn agus graidh? Nach ‘eil spioradaibh dhaoine air an treigsinn aig àm sam bith a crubadh, agus a crith, agus a reodhadh, mar truaghain gun dachaidh ann an oidhchibh gaillionnach a gheamhraidh? Nach ‘eil oidhche agus geamhradh agus stoirm ann do’n anam? Agus ‘n uair tha e gun dachaidh na aonaranachd, gun ionad-foluich bho a naimhdean, gun fhasgadh bho’n doinn, gun bhiadh d’a ocras, gun chomhfhurtachd ‘n a dhoilgheasan, nach ‘eil e bochd? bochd ann sa bhochduinn is mò, ni a mhain tha airidh air bochduinn ag radh ris? Thubhairt Tòmas, a’ Kempis, “gu’m bheil an duine sin a mhain bochd anns an t-saoghail a ta beo gun losa; agus gu’m bheil an duine sin a mhain saoibhir leis am bheil losa a gabhail tlaichd comhnuidh a ghabhail.”
Nach mor, ma ta, tha do dh’fhior bhochduinn ann an luchairtibh phrionnsaibh, air a sgeadachadh ann am purpur agus anart grinn, agus a teachd beo gu saoghail gach là! Nach tric tha i ag imeachd ann an cuideachd righribh, a boillsgeadh le clachaibh luachmhor, agus a laimhseachadh òr nach fheudar a chunntadh! Nach mor dhith tha’m measg an t-sluaigh mhor-chuisich shaoibhir tha leantainn
gnathan, an t-saoghail so leis am bheil anamaibh lag air am mealladh, agus air son am bheil ocas air cridheachaibh gun ghliocas. Beatha muinntir mhor-chuiseach an t-saoghail so, le an amhurasan, agus am farmad, agus am breugan; le am miodhoireachd shuairich, agus le’n greadhnachas mheallta, le’n leiregrios mhor, agus le’n truaighean riomhach! sin bochduinn ann am firinn.
Ach na dichuimhnicheam. Feudar a bhochduinn so thaicinn am measg muinntir tha stuama, dichiolach, nach ‘eil a leantainn fasain an t-saoghail, agus tha suidheadh guriaghailteach fuidh theagasgan an t-soisgeil. Tha mi ga faicinn fa’m chomhair; chithear a samhladh ann am Bartimeus, ach tha an ni uamhasach fein ri bhi air fhaicinn annadsa, O a pheacaich.
Chunnaic mi duine ‘toiseachadh turus fada. Bha an turus cunnartach troimh gharbh-chriochan anns nach robh comhfhurtachdan do luchd-siubhail. Cha robh suil aig an toiseach gur ann mar so a bhitheadh; bha cladhan uaine lan fhluraichean, a’ treorachadh bho a thigh. Bha an t-slighe reidh, an latha soilleir, cairdean am fagus, a dhochas mór. Dh’fhalbh e gu h-aobhneach ann an carbad socraich: seirbheisich churamach a frithealadh dha, agus feumaibh air an luchdachadh le nithibh do gach seorsa ulluichte air son a thoilintinn, no fheumaibh dha leantainn. Tha orain agus faile cubhraidh a lionadh àileadh na maidne, agus ged a theich iad sin air falbh, mar a dh’imich toiseach an latha seachad, bha gidheadh a dhochas ‘fantuinn laidir, agus ghluais rothan a charbaid gu fuaimneach thairis air an rathad chomhnard. Bha cairdean gu h-aidheil, agus le furan cairdeil, a’cur failte air ‘san dol seachad, agus bha farmad aig eud dheth. Mheas se e fein sona; agus a’ deanamh aoibhneas na sheilbhean riarachail, thug se fein thairis do thoil-inntinn. Tha feasgar a cheud latha air teachd, agus feuch! tha an carbada ‘dol sios sliabh cas. Nach cas tha e fás! Ni’s luaithe agus ni’s luaithe tha an carbad a’ dol. Tha an t-athar a’ dorachachadh, tha an duibhre a’ fás, tha e ni’s fuar; ni’s luaithe agus ni’s luaithe tha an carbad a greasad sios. Cha’n ‘eil ni ann is urrainn stad a chur air. Tha e fein ag oidhearpachadh air so a dheanamh, tha na seirbheisich ga chuideachadh. Tha e ag eigheach air son cuideachaidh, ach ‘s ann an diomhain. Gu luath tha na h-eich a ruith sios. Agus faic aig iochdar an t-sleibh tha amhainn dhorchá gun drochaid. Tha an rathad a’ treorachadh ga h-ionnsuidh. A steach innte chaidh na h-eich, agus a gleachd ris na h-uigseachan, a rànail agus ann an cruaidh-spairn amhghair, chaidh iad uile as an t-sealladh.