(Air a leantainn).
Agus ‘n uair tha tional fhir iarraidh na deirce air a chunntadh air an oidhche ciod e a shuim? Beagan do mhírean copair salach le meirg, agus aig àm ainnic miribh beaga airgid, feudaidh e bhi ni’s leòir airson tràth gann bidhe agus ionad tàmh bochd fhaotainn, agus am màireach tha an obair cheudna ri thoiseachadh. Agus ‘s ann mar so tha an saoghal a tabhairt, solasan gann, solasan suarach, agus solasan nach mair fada. Tha iad a coinneachadh ocras an anama air uine bhig, ach cha riaraich iad a chaoidh e, air a leithid do dhoigh agus gu’m feum sinn gun dàil dol a ris a dh’iarraidh. Cha do thog an saoghal anam duine riamh os cionn iarraidh na deirce. Tha e araon tuilleadh is feineil, agus tuilleadh is bochd. Cha d’thoir e ach beagan dheth na bheil aige, agus ged a bheireadh e na bheil aige uile, eadhon e fein cha lìonadh sin, agus cha d’thugadh e sonas do’n anam neo-bhàsmhor.
Tha na nithibh so toirt dhomh smuaineachadh cia brònach tha an iarraidh so air an t-saoghal a chrìochnachadh. Tha an uair a teachd anns nach urrainn an saoghal an còr a dheanamh dhuinn. Tha i ‘na h-uair searbh, ‘na h-uair pein agus amhghair, laigse agus eu-dòchais—uair a bhàis. Tha an saoghal ag éigheach mar a bha e riamh, a leantainn a ghnothuichean agus a thoil-inntinnean, gun a bhi smuaineachadh gu’m bheil an duine bochd a ghràdhaich agus a rinn aoradh dha faotainn a bhàis. Tha a sheòmraichean cuirme far am b’abhaist do’n t-saoghal bhi ri ruidhtearachd nis air an dùnadh. Thainig neach nach b’aithne dhoibh agus nach robh iad ag iarraidh air aoidheachd, agus cha robh ach beagan le’m b’àill fantuinn maill ris. Sguir an ruidhteireachd, chaidh an greadhnachas a dhorchachadh. Ghabh e fear-an-tighe air làimh, air a lìonadh le iongantas agus gun chainnt, threòraich se e gu a sheòmar, chuir e ‘na luighe air a leabaidh e, agus co aca bha muinntir eile ‘nan còdal no ‘nan dùisg, bha esan gun tàmh ri faire—le a shùilean fuar neo-chodalach. Cha’n fheud ach àireamh bheag a nis dol tarsuinn air stairsneach a sheòmair, tha saltairt an làir gu fòil, gun a bhi labhairt os ceann an anail. Cha’n ‘eil air eadhon a ceadachadh do sholus beannaichte an latha a thighinn a stigh gu saor. Tha duibhre, agus aonranachd, agus samhchair eagalach na h-uaimh mar tha, a dùnadh timchioll air. A chluasag bhi a rìs air a rèiteachadh, boinne eile do’n uisge, agus fuar-
dhealt na h-oidhche shiorruidh aon uair eile air a thiorrnachadh bho chlár eudainn—agus is e so na’s urrainn an duine bochd iarraidh o’n t-saoghal. Is e so na’s urrainn do’n t-saoghal a thabhairt dha.
Ach, o nach faic thu nis an iarraidh bho Dhia tha toiseachadh aig an anam! Tha éigheach shearbh ann ris-san aig an robh a chridhe gràsmhor feitheamh gu beannachd a dheònaich rè iomadh bliadhna (Mata xxiii. 37) a feitheamh gu dìomhain air-son aon osnadh aithreachail, aon ùrnuigh chreidmheach ri a ghràs tha thar tomhas mòr! Tha campar air a chur fadheòidh air a Spiorad foighidneach, air an d’rinn e tàir (Eph. iv. 30), agus tha e air imeachd bhuaithe. Tha e, ann an corruich, air a thròcairean caomh a dhùnadh suas. Cha bhi e gràsmhor ni’s mò. Tha a chaoimhneas air sgur am feasd (Salm lxxvii. 7-9). Cha’n ‘eil e tabhairt freagairt, agus tha an t-anam a nis ann am bochduinn shiorruidh dol a dh’ionnsuidh dorchadas iomallach (Mata xxv. 30), agus a toiseachadh fhaontradh neo-chrìochnaichte ann an tìr an duibhre agus na falamhachd.
II.
“Agus air cluinninn, an t-sluagh a’ dol seachad, dh’fhiosraich e ciod e so.”
Doille, bochduinn, deirc-iarraidh! Nach mòr na truaighean iad gu bhi air am measgachadh ann an aon chupan. Co a’s urrainn truaighe an duine a chothromachadh tha gun sgur ag òl suas seirbhe nach gabhar a thraoghadh. Biodh truas againn do Bartimeus. Ach na dì-chuimhnich na h-amhgharan is doimhne air an robh a thrioblaid-san a mhàin ‘na shamhladh.
Tha mi faicinn anamaibh is truaighe fa’m chomhair. Is urrainn dhomh gul os cionn Bartimeus, ach ‘nuair a dh’amhairceas mi air mòran dhibhse tha mòr iongantas orm gur urrainn dhomh sgur do ghul. Ciod an cruas a rinn greim air mo chridhe gur urrainn dhomh smuaineachadh oirbh gun deòir, no coinneachadh ribh gun chaoidh. Tha iongantas air na nèamhan ri ‘ur truaighe agus ‘ur crìoch, agus ciod uime nach’eil uamhas a glacadh m’anamsa? (Ier. ii. 12, 13—Salm cxix. 53). Och! nach b’uisge mo cheann, agus tobar dheòir mo shùilean chum agus gun guilinn a latha, agus a dh’oidhche air ‘ur son (Ier. ix. 1). O sibhse a dhoill is doille na Bartimeus, agus a bhochdaibh is bochda na esan!
Ah! nam b’e a mhàin sùil a chuirp bha dìth oirbh! nam b’e an fheòil a mhàin bha air a sgeadachadh le luideagaibh! Bhiodh eadhon sin, duilich a ghiùlan. Bha e uamhasach ann an seallaidhean na h-oidhche ‘nuair a thuiteas cadal trom air daoine (Iob iv. 13). An sin bhruidair mi gu’n robh maduinn na Sabaid air teachd, gu’n do sheas mi gu searmonachadh
‘nam chubaid; agus gu h-obann gu’m faca mi uamhann a tional air gach gnùis, oir bha Dia ‘gar pasgadh ‘na neul-san, agus ann an tiugh dhorchadas, agus sheas mi ‘nam aonar ‘measg coimhthional nan dall. Thainig an sin atharrachadh air ‘ur sgeadachadh soilleir, agus fhuaradh e ‘na luideagan, mì-mhaiseach luchd iarraidh na deirce. Theich ruthadh as gach gruaidh, agus bha pearsa gach neach air crìpadh agus air cromadh. Thainig sean aois oillteil air aghaidhean eadhon clann bheaga. Ah! nach bu chianail an sealladh e! Bha cuid agaibh a smeòrachadh air son ‘ur slighe eagalaich ‘san dorcha. Bha cuid a rànail ann an cutach. Bha cuid dhibh a sineadh ‘ur làmhan ann nach robh ach an cnàimh, agus a tionndadh ‘ur n-aghaidhean air an robh fìamh an acras, ris na nèamhan, agus le sùilean a bha gul an doille féin, ag éigheach ann an amhghar air son soluis am feadh bha cuid eile a suidhe gu stòlda, mar gu’m biodh an cridhe air a thionndadh gu cloich le eagal. Gidheadh bha mi ag aithneachadh gach neach agaibh ‘san t-suidheachadh so. Dh’amhairc mi sìos air na h-aghaidhean ceudna gràdhaichte, bha nis truagh, agus làmh uamhann; na sùilean seimhe ceudna troimh an d’amhairc cridheachan làn gràidh co tric orm ann an caoimhneas, a bha nis air an tionndadh air falbh, agus gu dìomhain ag oidhirpeachadh air solus an latha fhaicinn.
‘Nuair a cheadaich bròn agus uamhann dhomh, dh’oidhirpich mi air labhairt ach cha’n èisdeadh aon neach rium. Dh’éigh mi gu h-àrd, ach rinn sgreadail, agus caoineadh, agus osnaidhean domhain agus mallachadh air a labhairt trid fhiacaibh bha ri giosgan, mo ghuth a bhathadh. ‘Nuair feuch! am meadhon searbhadas mòr, agus èiginn m’anama chuala mi guth Dhé ag ràdh rium: “Na guil, agus na bi fuidh amhluadh air son so; ach guil air son anamaibh nach’eil a faicinn, agus cridheachan a tha dall. Guil air son fàsalachdaibh a pheacaidh mu’n do nochd mi dhuit nis beagan, eagal is gu’m fiosraich mi an sluagh ‘nam chorruch, agus nach bi teasairginn ann; eagal is gu’m buail mi iad ‘nam fheirg, agus gu’m bi an doille siorruidh. Guil air an son-san.
Bha an guth uamhasach rè ùine ‘na thosd, agus nis a rìs labhair e agus thubhairt e ribh le aoibh chaoimhneil a rinn ‘ur cridheachan a leaghadh, agus a dhòirt mar gu’m b’e gàthan gréine air ‘ur dorchas.” O sibhse tha dòruinneach agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd; Comhairlicheam dhuibh òr a cheannach uamsa tha air a dhearbhadh ‘san teine chum gu’m bi sibh saoibhir; agus eudach geal chum gu’n còmdaichear sibh, agus nach bi nàire ‘ur lomnochduidh follaiseach; agus ungaibh ‘ur sùilean le sàbh-shùil, chum gur lèir dhuibh (Taisbean iii. 18).
Nach guil sibh air ‘ur son féin, anamaibh dalla? Nach creid sibh teisteas Dhé a cur bhur truaighe fa’r comhair agus a cur an cèill saorsa dhuibh? Nach blais agus nach faic sibh gu’m bheil an Tighearna gràsmhor (Salm xxxiv. 8)? Nach buannaich sibh a ghabhail eòlais air an Tighearna—(Hos. vi. 3)—mar a tha e a foillseachadh a chaoimhneis-ghràidh anns an eachdaraidh so anns am bheil truaighe an duine agus anns am bheil tròcair a buadhachadh ann an rathad cho beannaichte. Aontaich toiseachadh ‘san doimhne le Bartimeus, agus thig latha ‘san seas thu air ionadaibh àrda maille ris, a moladh a Dhia-san agus do Dhia-sa, le gàirdeachas nach gabhar a chumail foidhe.
Ach feuch an duine bochd ud! cha do thòisich òran-san fathast. Tha e fathast ‘na shuidhe ri taobh an rathaid, cho beag dùil ris a bheannachd tha teachd am fagus, ris na mairbh, ged gu h-aithghearr a dhòirteas e timchioll air agus troimhe a shruthan do sholus talmhaidh agus nèamhaidh. ‘S ud e ‘na shuidhe ‘na dhorchadas cianail, am feadh tha sùil truais ag amharc a nuas air an rìgh-chathair, agus “àireamh mhòr do” dh’ainglibh làn do ghràdh a teachd a mach air geataibh nam flaitheas — (Eabh. i. 14) — a dh’amharc air buaidh as ùr air a thabhairt le cumhachd agus gràs an Tighearna—(Peadar i. 12)—agus a thabhairt dì-bheatha do chompanach nuadh chum comh-pàirt fhaotainn do dh’aoibhneas siorruidh—(Lucas xv. 10)—agus an Tighearna e féin a sìor-theachd am fagus le a chridhe air a theannachadh airson dòrtadh a mach saoibhreas a ghràis. Bha an cumhachd Diadhaidh sin a ghabh còmhnuidh ann an tomhas neo-chrìochnach ann-san, a sruthadh bhuaithe cho pailt, agus nan deanadh meur a chreidimh eadhon beantainn ri iomall eudaich bha saoibhreas a ghràis a lìonadh ‘fheum an anama—bha eadhon an cumhachd sin a bruchdadh a mach bho thobraichean domhain a Dhiadhachd, agus a lìonadh cridhe a dhaonnachd le aoibhneas uaigneach. Agus nach ‘eil e gnàth mar so? Nach e Dia tha gnàth a toiseachadh ris an duine? Ciod an t-aon ni, ach a mhàin a thruaighe tha aig an duine a dheanadh Dia a tharruing d’a ionnsuidh. Agus ciod ann an Dia a dh’amhlaireas ri truaighean ach a mhàin gràs—gràs saor a teachd ann an àite na corruich a thoill iad. Agus eadhon ‘nuair a thig so, cha’n fhaigh e dachaidh chaoimhneil ghnàthail. Thubhairt an duine urramach Leighton gu’m bheil gràs Dhia ann an cridhe an duine mar luibh mhaoth ann am fearann fuar, coimheach. Feumaidh, uime sin, an sìol, agus teas na gréine teachd bho na nèamhan. Bheirear gun teagamh dhasan aig am bheil, ach ciod e tha aige, nach d’fhuair e—(1 Cor. iv. 7). Tha gach uile tiodhlac maith bho shuas—(Seumas i. 17). Am bheil aithreachas againn? An dh’àrdaich Dia ‘na Phrionnsa agus ‘na Shlànuighear chum aithreachas a thabhairt do Israel agus maitheanas nam peacaibh—(Gnìomh v. 31). Cha’n ‘eil e ni’s cinntiche gu’m bheil maitheanas ‘na thiodhlac bho Chriosd na an t-aithreachas tha treòrachadh d’a ionnsuidh. Am bheil creidimh againn? ‘Se sin tiodhlac Dhé—(Eph. ii. 8). Is e Iosa ùghdair a chreidimh, mar is e fhear-crìochnachaidh e—(Eabh. xii. 2). Am bheil gràdh againn? Tha sinn ga ghràdhachadh-san do bhrigh gu’n do ghràdhaich esan sinne air tùs—(1 Eòin. iv. 19). Tha gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creidimh, macantas, stuaim, uile ‘nan toradh an Spioraid—(Gal. v. 19-21)—am feadh ma’s àill leat an toradh a dh’fhàsas dheth féin air fìonain nàduir fhaicinn feudaidh tu sealltainn beagan roimhe sud—(Gal. v. 22, 23)—far am bheil Pòl ag àireamh seachd-deug d’ò bhacaidhean searbha, marbhtach, agus an sin mar a gabhail sgìos do’n chunntas eagalach, a crìochnachadh le ràdh—“ agus an leithidibh sin.” ‘Nuair tha Dia a toiseachadh air buntuinn ruinn gu gràsmhor, a gabhail seachad dlùth oirnn an truas, agus ag amharc oirnn ann an gràdh, chum ‘ur n-aonadh ris féin ann an ceangal pòsaidh siorruidh, is e an samhladh tha air a chleachdadh oirnn naoidhean truagh air a bhreith ann an tìr mhallaichte, agus o phàrantaibh mallaichte agus air a thilgeil a mach gun dàil “chum ‘na” h-achadh fhosgailte, gun sùil ann a ghabhadh truas dheth, agus e gun chòmhdach, gun neart, ‘na laighe ‘na fhuil, neo-ghlan is ri uchd bàis—(Ezec. xvi.) Agus ann an iomadh sgriobtur eile tha e air a ràdh umainn gu’m bheil sinn a thaobh nàduir marbh ann an euceartan agus ann am peacaibh, ‘nar laighe ‘san olc, ‘nar cloinn na feirge, aig am bheil inntinnibh tha ‘nan naimhdeas an aghaidh Dhé, o ‘ur n-athair an diabhal—(1 Eòin. v. 19). Agus mar’eil iomhaigh agus truaillidheachd, agus mallachd na h-ifrinn a leantainn ruinne gu siorruidh, tha an t-eadar-dhealachadh o thoiseach gu deireadh o Dhia. ‘Nuair a chi daoine ni maiseach, tha iad ga ghràdhachadh, ach ‘san tìr Dhia bhi gràdhachadh ni tha e ga dheanamh maiseach.
Anns a chùis so, bha e air orduchadh gu’n d’thigeadh an ceud fhocal o Bhartimeus. Ach rinn Criosd ann an riaghladh a Fhrasdail, a shuidheachadh agus e féin teachd am fagus chum a bheannachadh, gu’m bitheadh Bartimeus ‘na shuidhe ann an sud ‘na dhol-san seachad, gu’m bitheadh ni-eigin a dh’aithne aige roimh-làimh air Iosa o Nasaret agus air a chumhachd chum leigheas, gu’m bitheadh iarrtasan agus ionndrainnean air an dùsgadh ann, trid a ghràis-san a mhàin gu’m bitheadh creidimh aige chum a Thighearna a ghairm dheth, agus chum a leigheas earbsa ri a chumhachd agus ri a thròcair.
Faic an sin e ‘na shuidhe, le sùil a mhàin ri buannachd shaoghalta. Cha d’thainig e a choinneachadh Chriosd. Cha
robh an dùil bu lugha aige air gu’m bitheadh a shùilean air am fosgladh.
Nach iomadh iad cosmhail ris tha ‘nan fhianuis—peacaich bhàsmhor air am bheil mallachd Dhia a gabhail còmhnuidh, ach nach d’thainig a dh’iarraidh na slàinte tha mòr. Tha sibh air tional a stigh chum àite na tròcair, ach cha’n ann mar fògarraich a teicheadh bho’n fheirg tha’n tòir oirbh. Bha fhios agaibh gu’n robh Criosd air a shearmonachadh ‘san ionad so, ach cha d’thainig sibh chum esan a choinneachadh. Nach lìonmhor iad dhe an àireamh mhòr shluaigh so tha dol a dhìth nach d’thainig air son aobhar is àirde ach gu’n robh muinntir eile a tighinn, no cha robh fios agaibh ni eile a dhèanadh sibh an tràths, no smuainich sibh gu’n robh e measail dhuibh tighinn, no feudaidh gu’m bheil seòrsa tlachd agaibh ann a bhi ag èisdeachd searmoinean. Air an son sin no an leithidibh sin do dh’aobharaibh, ghabh sibh oirbh àite-suidhe ghabhail ann an tigh Dhé, agus a thighinn fuidh chud-throm a bhi cunntasach air son sochair an t-soisgeil. Nach eagalach do mhuinntir imeachd troimh ionadaibh naomha ‘nan luchd-amhairc mì-chùramach air ceusadh Chriosd neo-mhothachail ‘nuair tha Dia a teachd a nuas ann an doineann agus ann an dorchadas air beinn Shinaí chum a lagh uamhasach a thabhairt.
Gu’n deònaicheadh Dia gu’n tachair e dhuitsa mar a thachair e dhasan, chum agus gu’m faigheadh tu ni nach d’thainig thu a dh’iarraidh eadhon coinneamh shòluimte, agus dùnadh anama slàinteil ri Iosa Criosd.
Tha an duine dall ‘na shuidhe an sin ‘nuair feuch tha a chluas gheur a glacadh fuaim fad as. Tha e ag èisdeachd, agus a mothachadh fuaim chos mòran sluaigh, mòr-bhruidhinn na cuideachd nach urrainn dha fathast a thuigsinn thaobh an astair air falbh. Tha iad a teachd ni’s faisge, agus tha dòchas ag èiridh àrd ‘na uchd. Bithidh so ‘na latha fogharaidh dhasan. Is àinniche sluaigh cho mòr seachad aig aon àm, agus tha e bhuaithe-san bhi dìchiollach. Tha iad a teachd ni’s dlùithe agus tha fuaim an cos is torman an guthan a fàs ni’s àirde. Tha iongantas a measgachadh le dòchas, e smuaineachadh ciod is ciall da so uile, oir a nis tha iad am fagus, agus tha e soilleir gu’m bheil àireamh mhòr sluaigh ann—cuideachd mhòr maille ri Iosa—cuideachd mhòr do luchd-leanmhuinn. Cionnus ma tha is urrainn dha gearan, Shaothraich mi an dìomhain chaith mi mo neart air son neo-ni (Isaiah xlix. 4)? Is urrainn do bhrigh gun robh mòran luchd-leanmhuinn aige, ach cha robh aige ach beagan charaidean, bha mòran ga leantainn a riarachadh an iongantais, mòran air son nam buannachdan, mòran air sgàth fasain, ach àireamh bheag o chreidimh, agus o ghràdh. Agus ‘sann mar so a tha riamh bho’n àm ud.